Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Isaiah 43 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Ach a‑nis mar seo deir an Tighearna a chruthaich thu, O Iàcoib, agus a dhealbh thu, O Israeil; Na biodh eagal ort, oir shaor mise thu; ghairm mi thu air d’ainm; is leamsa thu.

2 Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.

3 Oir is mise an Tighearna do Dhia, Tì naomh Israeil, d’fhear-saoraidh: thug mi an Eiphit ann ad èirig; Etiopia agus Sèba air do shon.

4 A chionn gu robh thu luachmhor ann am shealladh, fhuair thu urram, agus thug mise gràdh dhut; uime sin bheir mi daoine air do shon, agus slòigh an èirig d’anama.

5 Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; on ear bheir mi do shliochd, agus on iar cruinnichidh mi thu:

6 Their mi ris an àird a tuath, Thoir seachad, agus ris an àird a deas, Na cùm air ais; thoir mo mhic o chèin, agus mo nigheanan o chrìochan na talmhainn;

7 Eadhon gach neach a tha air a ghairm air m’ainm-sa; oir a‑chum mo ghlòire chruthaich mi e, dhealbh mi e; seadh, rinn mi e.

8 Thugaibh a‑mach iadsan a tha dall, agus sùilean aca; agus a tha bodhar, agus cluasan aca.

9 Cruinnichear na cinnich uile ri chèile, agus tionailear na slòigh; cò nam measg a dh’fhoillsicheas seo, agus a dh’innseas dhuinn na nithean air thoiseach? Thugadh iad an làthair am fianaisean, a‑chum gum bi iad air am fìreanachadh; no èisdeadh iad, agus aidicheadh iad, Tha sin fìor.

10 Is sibhse m’fhianaisean-sa, deir an Tighearna, eadhon m’òglach a roghnaich mi; a‑chum gun aithnich agus gun creid sibh mi; agus gun tuig sibh gur mi Esan; romhamsa cha robh dia sam bith air a dhealbhadh, cha mhò a bhios aon am dhèidh.

11 Is mise, eadhon mise, an Tighearna; agus a‑mach uamsa chan eil slànaighear ann.

12 Dh’fhoillsich mise, agus theasairg mi, agus chuir mi an cèill, nuair nach robh dia eile nur measg; uime sin is fianaisean sibh dhòmhsa, deir Iehòbhah, gur mi Dia.

13 Eadhon mun robh là ann, is mi E; agus chan eil neach ann a theasairgeas as mo làimh; obraichidh mise, agus cò a bhacas e?

14 Mar seo deir an Tighearna, ur fear-saoraidh, Tì naomh Israeil, Air ur son-se chuir mi fios gu Bàbilon, agus thug mi a‑nuas a croinn-dhruididh uile, agus na Caldèanaich a nì uaill nan longan.

15 Is mise an Tighearna, ur Tì naomh, Cruithear Israeil, ur rìgh.

16 Mar seo deir an Tighearna, esan a nì slighe anns an fhairge, agus rathad anns na h‑uisgeachan làidir;

17 A bheir a‑mach an carbad agus an t‑each, an armailt agus am feachd; le chèile laighidh iad sìos, agus chan èirich iad; chuireadh as iad, mhùchadh iad mar asgart.

18 Na cuimhnichibh na nithean a bha ann roimhe; agus na nithean a bha o shean na tugaibh fa‑near.

19 Feuch nì mi nì nuadh; a‑nis brisidh e a‑mach; nach toir sibh aire dha? Seadh, nì mi anns an fhàsach slighe, agus aibhnichean anns an dìthreabh.

20 Bheir fiadh-bheathach na machrach glòir dhomh; na dràgonan agus na cailleachan-oidhche; a chionn gun tug mi uisgeachan anns an fhàsach, aibhnichean anns an dìthreabh, a‑chum deoch a thabhairt dom shluagh, dom mhuinntir thaghte.

21 An sluagh seo dhealbh mi air mo shon fhèin; cuiridh iad an cèill mo chliù.

22 Gidheadh cha do ghairm thu orm, O Iàcoib; ach ghabh thu seirbhe dhìom, O Israeil.

23 Cha tug thu am ionnsaigh meanbh-chrodh do thabhartas-loisgte; cha mhò a thug thu urram dhomh led ìobairtean; cha do shàraich mi thu le tabhartas, cha mhò a sgìthich mi thu le tùis.

24 Cha do cheannaich thu dhòmhsa le airgead a’ chuilc chùbhraidh, cha mhò a lìon thu mi le saill d’ìobairtean; ach shàraich thu mi led lochdan: sgìthich thu mi led euceartan.

25 Is mise, mise fhèin, esan a dhubhas d’euceartan as, air mo sgàth fhèin; agus do lochdan cha chùm mi air chuimhne.

26 Cuir am chuimhne, tagramaid ri chèile; cuir an cèill do chùis, a dh’fheuchainn an glan thu thu fhèin.

27 Pheacaich do chiad athair, agus chiontaich do luchd-teagaisg am aghaidh:

28 Uime sin sgar mi a‑mach uachdarain an ionaid naoimh; agus thug mi thairis Iàcob a‑chum mallachaidh, agus Israel a‑chum maslaidh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan