Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e a aon-ghin Mhic fhèin, a‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige.
Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d’fhuiling Crìosd bàs air ar son.
Tha mi air mo cheusadh maille ri Crìosd: gidheadh tha mi beò; ach cha mhise, ach Crìosd a tha beò annam: agus a’ bheatha a tha mi a‑nis a’ caitheamh anns an fheòil, tha mi ga caitheamh tre chreideamh Mac Dhè, a ghràdhaich mi, agus a thug e fhèin air mo shon.
Agus gluaisibh ann an gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus a thug e e fhèin air ar son, na thabhartas agus na ìobairt deagh-fhàile do Dhia.
Gràdh as mò na seo chan eil aig neach air bith, gun leigeadh duine a anam sìos airson a chàirdean.
Le seo is aithne dhuinn gràdh Dhè, do bhrìgh gun do leig esan sìos a anam fhèin air ar son-ne: agus is còir dhuinne ar n‑anaman fhèin a leigeadh sìos airson nam bràithrean.
Ionnas gun gabh Crìosd còmhnaidh nur cridhe tre chreideamh; a‑chum air dhuibh a bhith air ur freumhachadh, agus air ur stèidheachadh, ann an gràdh, Gum bi sibh comasach, maille ris na naoimh uile, air a thuigsinn ciod e leud, agus fad, agus doimhne, agus àirde; Agus air gràdh Chrìosd aithneachadh, a chaidh thar gach uile eòlas, a‑chum gum bi sibh air ur lìonadh le uile lànachd Dhè.
Oir tha dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdaranachdan, no cumhachdan, no nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri teachd, No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna.
Oir tha gràdh Chrìosd gar co‑èigneachadh, air dhuinn breithneachadh mar seo, ma fhuair a h‑aon bàs airson nan uile, gu robh na h‑uile marbh: Agus gun d’fhuair e bàs airson nan uile, a‑chum iadsan a tha beò nach biodh iad à seo suas beò dhaibh fhèin, ach dhàsan a dh’fhuiling am bàs air an son, agus a dh’èirich a‑rìs.
Aithne nuadh tha mi a’ toirt dhuibh, gun gràdhaich sibh a chèile; mar a ghràdhaich mise sibhse, gun gràdhaich sibh fhèin a chèile mar an ceudna. Le seo aithnichidh na h‑uile dhaoine gur sibh mo dheisciobail-sa, ma bhios gràdh agaibh fhèin da chèile.
An tì aig a bheil m’àitheantan-sa, agus a tha gan coimhead, is esan aig a bheil gràdh dhòmhsa: agus an tì aig a bheil gràdh dhòmhsa, gràdhaichear lem Athair e, agus gràdhaichidh mise e, agus foillsichidh mi mi fhèin dha.
A mhuinntir ionmhainn, gràdhaicheamaid a chèile: oir is ann o Dhia a tha an gràdh; agus gach neach a ghràdhaicheas, ghineadh o Dhia e, agus is aithne dha Dia. An tì nach gràdhaich, chan aithne dha Dia; oir is gràdh Dia.
Gu deimhinn ar n‑anfhainneachd ghiùlain e, agus ar doilgheasan dh’iomchair e; ach shaoil sinne gu robh e air a bhualadh, air a smachdachadh le Dia, agus air a chlaoidh. Ach lotadh e airson ar peacadh-ne, bhruthadh e airson ar n‑aingidheachdan; leagadh airsan smachdachadh ar sìth, agus le a chreuchdan-san shlànaicheadh sinne.
An tì nach do chaomhain a Mhac fhèin, ach a thug thairis e air ar son-ne uile, cionnas maille ris-san nach toir e mar an ceudna dhuinn gu saor na h‑uile nithean?
Uime sin biodh an inntinn cheudna annaibhse, a bha ann an Iosa Crìosd: Neach air a bhith dha ann an cruth Dhè, nach do mheas e na reubainn e fhèin a bhith co‑ionann ri Dia: Ach chuir e e fhèin ann an dìmeas, a’ gabhail air fhèin cruth seirbhisich, air a dhèanamh ann an coslas dhaoine: Agus air dha a bhith air fhaghail ann an cruth mar dhuine, dh’irioslaich e e fhèin, agus bha e umhail gu bàs, eadhon bàs a’ chroinn-cheusaidh.
Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman. Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile? Oir tha mo chuing-sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom.
An sin labhair Iosa riu a‑rìs, ag ràdh, Is mise solas an t‑saoghail: an tì a leanas mise, cha siubhail e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige.
Ach Dia, a tha saoibhir ann an tròcair, airson a mhòr-ghràidh leis an do ghràdhaich e sinn, Eadhon air dhuinn a bhith marbh ann am peacaidhean, cho-bheothaich e sinn maille ri Crìosd; (le gràs tha sibh air ur tèarnadh;)
Ach nuair a dh’fhoillsicheadh coibhneas agus gràdh Dhè ar Slànaighear do dhaoine, Chan ann o obraichean fìreantachd a rinn sinne, ach a rèir a thròcair fhèin shaor e sinn, tre ionnlad na h‑ath-ghineamhainn, agus ath-nuadhachadh an Spioraid Naoimh;
Oir mar a tha na nèamhan àrd os cionn na talmhainn, mar sin tha a thròcair mòr don taobh-san don eagal e.
O chèin dh’fhoillsicheadh Iehòbhah dhòmhsa, ag ràdh, Seadh, le gràdh sìorraidh ghràdhaich mi thu; uime sin tharraing mi thu le coibhneas gràdhach.
Agus thubhairt Iosa riu, Is mise aran na beatha: an tì a thig am ionnsaigh-sa, cha bhi acras gu bràth air; agus an tì a chreideas annamsa, cha bhi tart gu bràth air.
Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.
Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.
Air dhaibh a bhith air am fìreanachadh gu saor le a ghràs, tre an t‑saorsa a tha ann an Iosa Crìosd;
Biodh ur caitheamh-beatha gun sannt; agus bithibh toilichte leis na nithean a tha an làthair agaibh: oir thubhairt e, Chan fhàg, agus cha trèig mi am feasd thu.
Cia luachmhor do choibhneas gràdhach, a Dhè! Uime sin, earbaidh clann nan daoine à sgàil do sgiathan.
Ach nuair a chunnaic e an sluagh, ghabh e truas dhiubh, airson gu robh iad air fannachadh, agus air an sgapadh o chèile, mar chaoraich aig nach eil buachaille.
Agus rinneadh am Facal na fheòil, agus ghabh e còmhnaidh nar measg-ne (agus chunnaic sinn a ghlòir, mar ghlòir aon-ghin Mhic an Athar), làn gràis agus fìrinn.
Ach tha thusa, a Thighearna, ad Dhia iochdmhor agus gràsmhor, mall a‑chum feirge agus pailt ann an tròcair agus ann am fìrinn.
A chionn gu robh thu luachmhor ann am shealladh, fhuair thu urram, agus thug mise gràdh dhut; uime sin bheir mi daoine air do shon, agus slòigh an èirig d’anama.
Oir is e tuarasdal a’ pheacaidh am bàs: ach is e saor-thìodhlac Dhè a’ bheatha mhaireannach, tre Iosa Crìosd ar Tighearna.
Agus gun seòladh an Tighearna ur cridheachan a‑chum gràdh Dhè, agus a‑chum foighidinn Chrìosd.
Mise anntasan, agus thusa annamsa, a‑chum gun dèanar coileanta iad ann an aon; agus a‑chum gum bi fhios aig an t‑saoghal gun do chuir thusa uat mi, agus gun do ghràdhaich thu iadsan, mar a ghràdhaich thu mise.
A rèir mar a thagh e sinn annsan, mun do leagadh bunait an domhain, a‑chum gum bitheamaid naomh, agus neo-choireach, na làthair-san ann an gràdh: A ro‑òrdaich sinn a‑chum uchd-mhacachd na cloinne tre Iosa Crìosd dha fhèin, a rèir deagh-ghean a thoile,
A shaor sinne, agus a ghairm sinn le gairm naoimh, chan ann a rèir ar n‑obraichean, ach a rèir a rùin fhèin, agus a ghràis a thugadh dhuinn ann an Iosa Crìosd, ro thoiseach an t‑saoghail;
Oir dealaichidh na slèibhtean rim bunait, agus atharraichear na beanntan as an àite; ach cha dealaich mo choibhneas riutsa, agus chan atharraichear coicheangal mo shìth, deir an Tighearna aig a bheil truas dhìot.
Agus is esan an ìobairt-rèitich airson ar peacaidhean, agus chan ann airson ar peacaidhean-ne a‑mhàin, ach mar an ceudna airson peacaidhean an t‑saoghail uile.
Agus cha nàraich an dòchas, do bhrìgh gu bheil gràdh Dhè air a dhòrtadh a‑mach nar cridheachan, tre an Spiorad Naomh a thugadh dhuinn.
Is gràsmhor agus truacanta an Tighearna, mall a‑chum feirge agus pailt ann an tròcair. Is math an Tighearna do na h‑uile, agus tha a chaomh-thròcairean os cionn a obrach uile.
Agus bheir mi a’ bheatha mhaireannach dhaibh; agus cha sgriosar iad am feasd, cha mhò a spìonas neach air bith as mo làimh iad.
Neach a ghiùlain ar peacaidhean e fhèin na chorp fhèin air a’ chrann, a‑chum air dhuinn a bhith marbh don pheacadh, gum bitheamaid beò do fhìreantachd: neach le a bhuillean a tha sibh air ur tèarnadh.
Mar a ghràdhaich an t‑Athair mise, mar sin ghràdhaich mise sibhse: fanaibh ann am ghràdh-sa.
Uime sin cuiribh-se umaibh (mar dhaoine taghte Dhè, naomh agus ionmhainn), innidh thròcairean, caomhalachd, irioslachd inntinn, macantas, fad-fhulangas; A’ giùlan le chèile, agus a’ maitheadh da chèile, ma tha cùis-ghearain aig neach an aghaidh neach: mar a thug Crìosd maitheanas dhuibhse, mar sin dèanaibh-se mar an ceudna. Agus thar na nithean seo uile, cuiribh umaibh gràdh, nì as e coicheangal na foirfeachd.
Tha an gràdh fad-fhulangach, agus coibhneil; cha ghabh an gràdh farmad; cha dèan an gràdh ràiteachas, chan eil e air a shèideadh suas. Cha ghiùlan e e fhèin gu mì‑chiatach, chan iarr e na nithean sin a bhuineas dha fhèin, chan eil e so‑bhrosnachaidh a‑chum feirge, cha smaoinich e olc sam bith, Cha dèan e gàirdeachas anns an eucoir, ach nì e gàirdeachas anns an fhìrinn; Fuilingidh e na h‑uile nithean, creididh e na h‑uile nithean, bidh sùil aige ris na h‑uile nithean, giùlainidh e na h‑uile nithean.
Is e an Tighearna mo bhuachaille; cha bhi mi ann an dìth. Ann an cluainean glasa bheir e orm laighe sìos; làimh ri uisgeachan ciùine treòraichidh e mi. Aisigidh e m’anam; treòraichidh e mi air slighean na fìreantachd air sgàth a ainme fhèin. Seadh, ged shiubhail mi tro ghleann sgàil a’ bhàis, cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh. Deasaichidh tu bòrd fam chomhair ann am fianais mo naimhdean; dh’ung thu le ola mo cheann; tha mo chupan a’ cur thairis. Gu cinnteach leanaidh math agus tròcair mi uile làithean mo bheatha; agus còmhnaichidh mi ann an taigh an Tighearna fad mo làithean.
Mar bhuachaille beathaichidh e a threud; le a ghàirdean cuartaichidh e na h‑uain, agus giùlainidh e iad na uchd; iomainidh e gu sèimh an sprèidh a tha trom le àl.
Oir is toigh leis an Athair fhèin sibh, airson gun tug sibh gràdh dhòmhsa, agus gun do chreid sibh gur ann o Dhia a thàinig mi.
Oir is ann le gràs a tha sibh air ur tèarnadh, tre chreideamh: agus sin chan ann uaibh fhèin; is e tìodhlac Dhè e: Chan ann o obraichean, a‑chum nach dèanadh neach air bith uaill:
Air an adhbhar sin chan eil a‑nis dìteadh sam bith don dream sin a tha ann an Iosa Crìosd, a tha a’ gluasad chan ann a rèir na feòla, ach a rèir an Spioraid.
Agus air dol a‑mach do Iosa, chunnaic e coitheanal mòr, agus ghabh e truas mòr dhiubh, agus shlànaich e an dream aca a bha easlan.
Ach tha tròcair an Tighearna o shìorraidheachd orrasan don eagal e, agus a fhìreantachd do chloinn an cloinne, Dhaibhsan a chumas a choicheangal, agus a chuimhnicheas a àitheantan a‑chum an dèanamh.
Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?
Thubhairt Iosa rithe, Is mise an aiseirigh, agus a’ bheatha: an tì a chreideas annamsa, ged gheibheadh e bàs, bidh e beò: Agus ge bè neach a tha beò, agus a’ creidsinn annamsa, chan fhaigh e bàs am feasd. A bheil thu a’ creidsinn seo?
A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.
Oir is aithne dhomh na smuaintean a smaoinich mi dur taobh, deir an Tighearna, smuaintean sìthe, agus chan e aimhleas, a thoirt dhuibh sliochd agus dòchais.
Tha e air a dhìmeas, agus air a chur air chùl le daoine; na dhuine dhoilgheasan, agus eòlach air bròn; agus mar neach a dh’fhalaicheas a aghaidh uainn, tha e air a dhìmeas, agus chan eil suim againn dheth. Gu deimhinn ar n‑anfhainneachd ghiùlain e, agus ar doilgheasan dh’iomchair e; ach shaoil sinne gu robh e air a bhualadh, air a smachdachadh le Dia, agus air a chlaoidh.
Agus is i seo an fhianais, gun tug Dia dhuinn a’ bheatha mhaireannach: agus tha a’ bheatha seo na Mhac.
Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair nan tròcair, agus Dia na h‑uile chomhfhurtachd; A tha a’ toirt comhfhurtachd dhuinne nar n‑uile àmhghar, a‑chum sinn a bhith comasach air comhfhurtachd a thoirt dhaibhsan a tha ann an àmhghar sam bith, leis a’ chomhfhurtachd leis a bheil sinn fhèin a’ faotainn comhfhurtachd o Dhia.
A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.
Fheara, gràdhaichibh ur mnathan fhèin, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd an eaglais, agus a thug e e fhèin air a son; A‑chum gun naomhaicheadh agus gun glanadh e i le ionnlad an uisge tre an fhacal;
Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte; Nì mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna; bidh m’anam aoibhneach ann am Dhia; oir chuir e orm èideadh na slàinte, chòmhdaich e mi le trusgan na fìreantachd; mar a sgeadaicheas fear-bainnse e fhèin le crùn sgiamhach, agus mar a dh’uidheamaicheas bean-bainnse i fhèin le a seudan. Oir mar a chuireas an talamh a‑mach a chinneas, agus mar a bheir an lios air an t‑sìol fàs a‑nìos; mar sin bheir an Tighearna Iehòbhah air fìreantachd agus moladh fàs suas an làthair nan uile chinneach. A dh’èigheach bliadhna thaitneach an Tighearna, agus là dìoghaltas ar Dè‑ne; a thoirt comhfhurtachd dhaibhsan uile a tha ri bròn; A dh’òrdachadh do luchd-caoineadh Shioin, a thoirt dhaibh maise an àite luaithre, ola aoibhneis an àite bròin, èideadh molaidh an àite spiorad airtneil; a‑chum gun goirte dhiubh craobhan fìreantachd, a shuidhich an Tighearna air sgàth a ghlòire.
Tha Dia fìrinneach, leis an do ghairmeadh sibh a‑chum co‑chomann a mhic, Iosa Crìosd ar Tighearna.
Thàinig mi am sholas a‑chum an t‑saoghail, a‑chum ge bè a chreideas annam, nach fanadh e ann an dorchadas.
Oir ghabh thu sealbh air m’àirnean; dh’fhalaich thu mi ann am broinn mo mhàthar. Molaidh mi thu, oir is uamhasach, iongantach a dhealbhadh mi; is iongantach d’obraichean-sa, agus is ro‑fhiosrach m’anam air sin.
Agus thubhairt e rium, Is leòr mo ghràs-sa dhut: oir tha mo chumhachd air a dhèanamh foirfe ann an anfhainneachd. Uime sinn is ro‑thoilichte a nì mi uaill am anfhainneachdan, a‑chum gun gabh cumhachd Chrìosd còmhnaidh orm.
Ach is e toradh an Spioraid gràdh, aoibhneas, sìth, fad-fhulangas, caomhalachd, maitheas, creideamh, Macantas, stuaim: an aghaidh an samhail sin chan eil lagh.
Oir rugadh dhuinne duine-cloinne, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t‑Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe.
Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh-chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma.
Gach nì a bheir an t‑Athair dhòmhsa, thig e am ionnsaigh; agus an tì a thig am ionnsaigh, cha tilg mi air chor sam bith a‑mach.
Ciod as barail dhuibhse? Ma bhios aig duine ceud caora, agus gun tèid aon dhiubh air seachran, nach fàg e na naoi-caoraich-dheug agus ceithir-fichead air na beanntan, agus nach tèid e a dh’iarraidh na caorach a chaidh air seachran? Agus ma thàrlas dha gum faigh e i, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun dèan e tuilleadh gàirdeachais airson na caorach sin na airson nan naoi-caorach-dheug agus ceithir-fichead, nach deachaidh air seachran. Mar seo chan i toil ur n‑Athar-se a tha air nèamh gun rachadh aon neach den mhuinntir bhig seo a chall.
Cumamaid gu daingeann aidmheil ar dòchais gun chlaonadh (oir is fìrinneach an tì a gheall):
Guma beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, neach a rèir a mhòr-thròcair a dh’ath-ghin sinne gu beò-dhòchas, tre aiseirigh Iosa Crìosd o na mairbh.
Amhail mar nach tàinig Mac an Duine a‑chum gun dèante frithealadh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus a thabhairt a anama fhèin mar èirig airson mhòran.
Is e an Tighearna mo sholas agus mo shlàinte; cò a chuireas eagal orm? Is e an Tighearna neart mo bheatha; cò a chuireas geilt orm?
A‑nis gun tugadh Dia na foighidinn agus na comhfhurtachd dhuibhse a bhith a dh’aon inntinn a‑thaobh a chèile, a rèir Iosa Crìosd: A‑chum gun tugadh sibh a dh’aon inntinn, agus le aon bheul, glòir do Dhia, eadhon Athair an Tighearna Iosa Crìosd.
Air an là dheireannach, là mòr sin na fèille, sheas Iosa agus ghlaodh e, ag ràdh, Ma tha tart air neach sam bith, thigeadh e am ionnsaigh-sa, agus òladh e.
Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd-san, agus cuirear na nithean seo uile ribh.
Togaidh mi mo shùilean a‑chum nam beann, on tig mo chobhair. Thig mo chobhair on Tighearna, a rinn nèamh agus talamh.
Agus is ann o Dhia a tha na h‑uile nithean, neach a rinn sinne rèidh ris fhèin tre Iosa Crìosd, agus a thug dhuinn ministrealachd na rèite; Eadhon, gu robh Dia ann an Crìosd, a’ dèanamh an t‑saoghail rèidh ris fhèin, gun a bhith a’ meas an cionta dhaibh; agus dh’earb e rinne facal na rèite.
Agus gun tugadh an Tighearna oirbh fàs, agus a bhith ro‑phailt ann an gràdh da chèile, agus do na h‑uile dhaoine, mar a tha sinne dhuibhse;
Air an adhbhar sin, tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ionnsaigh Dhè trìdsan a thèarnadh gu h‑iomlan, do bhrìgh gu bheil e beò gu sìorraidh gu eadar-ghuidhe a dhèanamh air an son.
Ach air amharc do Iosa orra, thubhairt e riu, Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach do Dhia tha na h‑uile nithean comasach.
Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearna Iosa Crìosd: Oir mas e air dhuinn a bhith nar naimhdean, gun do rinneadh rèidh ri Dia sinn tre bhàs a Mhic, is mò gu mòr, air dhuinn a bhith air ar dèanamh rèidh, a shaorar tre a bheatha sinn. Agus chan e a‑mhàin sin, ach tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia, tre ar Tighearna Iosa Crìosd, tre an d’fhuair sinn a‑nis an rèite. Uime sin mar a thàinig peacadh a‑steach don t‑saoghal tre aon duine, agus bàs tre an pheacadh; mar sin mar an ceudna thàinig bàs air na h‑uile dhaoine, do bhrìgh gun do pheacaich iad uile. Oir gus an lagh, bha peacadh anns an t‑saoghal: ach cha chuirear peacadh as leth dhaoine far nach eil lagh. Gidheadh, rìoghaich am bàs o Adhamh gu Maois, eadhon thar an dream nach do pheacaich a rèir coslas eas-ùmhlachd Adhaimh, neach as e samhladh an tì ud a bha ri teachd: Ach chan ann mar an cionta a tha an saor-thìodhlac. Oir ma fhuair mòran bàs tre chionta aoin, is mò gu mòr na sin a tha gràs Dhè, agus an tìodhlac tro ghràs a tha tre aon duine, Iosa Crìosd, pailt do mhòran. Agus chan ann mar tre aon duine a pheacaich, mar sin a tha an tabhartas: oir bha am breitheanas tre aon chionta, a‑chum dìtidh: ach tha an saor-thabhartas o mhòran euceartan a‑chum fìreanachaidh. Oir mas e is tre chionta aon duine, gun do rìoghaich am bàs tre aon, is mò gu mòr na sin a rìoghaicheas iadsan, a gheibh pailteas gràis, agus tabhartas na fìreantachd, ann am beatha tre aon, eadhon Iosa Crìosd. Uime sin mar tre chionta aon duine a thàinig breitheanas air na h‑uile dhaoine a‑chum dìtidh, is amhail sin mar an ceudna tre fhìreantachd aoin a thàinig an saor-thìodhlac air na h‑uile dhaoine a‑chum fìreanachadh na beatha. Oir mar tre eas-ùmhlachd aon duine a rinneadh mòran nam peacaich, is amhail sin tre ùmhlachd aon duine a nìthear mòran nam fìreanan. Tre a bheil againn mar an ceudna slighe gu dol a‑steach tre chreideamh a‑chum a’ ghràis seo anns a bheil sinn nar seasamh, agus tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas glòir Dhè.
Agus dh’èirich e, agus chaidh e a dh’ionnsaigh a athar. Ach air dha a bhith fhathast fada uaithe, chunnaic a athair e, agus ghabh e truas mòr dheth, agus ruith e, agus thuit e air a mhuineal, agus phòg e e. Agus thubhairt am mac ris, Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlaitheanais, agus ann ad làthair-sa, agus chan airidh mi tuilleadh gun goirte do mhac dhìom. Ach thubhairt an t‑athair ra sheirbhisich, Thugaibh a‑mach a’ chulaidh as fheàrr, agus cuiribh uime i; agus cuiribh fàinne air a làimh, agus brògan air a chasan: Agus thugaibh an seo an laogh biadhte, agus marbhaibh e; agus itheamaid agus bitheamaid subhach: Oir bha mo mhac seo marbh, agus tha e beò a‑rìs; bha e caillte, agus fhuaireadh e. Agus thòisich iad air a bhith subhach.
Agus saoraidh an Tighearna mi o gach uile dhroch obair, agus gleidhidh e mi a‑chum a rìoghachd nèamhaidh fhèin: dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.
Iarraibh an Tighearna, am feadh a tha e ra fhaotainn; gairmibh air, am feadh a tha e am fagas. Trèigeadh an t‑aingidh a shlighe, agus an duine eucorach a smuaintean, agus tilleadh e ris an Tighearna, agus nochdaidh e tròcair dha; agus ri ar Dia-ne, oir bheir e maitheanas gu pailt.
A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; àrdaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm. Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha. Le fad làithean sàsaichidh mi e, agus nochdaidh mi dha mo shlàinte.
Uime sin, ma tha comhfhurtachd air bith ann an Crìosd, ma tha sòlas air bith gràidh, ma tha co‑chomann air bith an Spioraid, ma tha truas air bith agus tròcair; A‑chum do ainm Iosa gun lùbadh gach glùin, de nithean a tha air nèamh, agus de nithean a tha air thalamh, agus de nithean a tha fon talamh; Agus gun aidicheadh gach teanga gur e Iosa Crìosd an Tighearna, a‑chum glòir Dhè an t‑Athair. Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, mar a bha sibh umhail a‑ghnàth, chan ann a‑mhàin am làthair-sa, ach nas ro‑mhò as mo làthair, làn-obraichibh ur slàinte fhèin le eagal agus ball-chrith: Oir is e Dia a dh’obraicheas annaibh, araon an toil agus an gnìomh, a rèir a dheagh-ghean fhèin. Dèanaibh na h‑uile nithean gun ghearan, agus gun deasbaireachd: A‑chum gum bi sibh neo-choireach, agus neo-chronail, nur cloinn do Dhia, neo-lochdach, am meadhon ginealaich fhiair agus chrosda, am measg a bheil sibhse a’ dealrachadh mar lòchrain-sholais an t‑saoghail; A’ cumail a‑mach facal na beatha; a‑chum gun dèan mise uaill ann an là Chrìosd, do bhrìgh nach do ruith mi gu dìomhain, agus nach do shaothraich mi gu dìomhain. Seadh agus ma dh’ìobrar mi air ìobairt agus seirbhis fhollaiseach ur creidimh-se, tha aoibhneas orm, agus tha mi a’ dèanamh gàirdeachais maille ribhse uile. Air an dòigh cheudna biodh aoibhneas oirbhse, agus dèanaibh gàirdeachas maille riumsa. Ach tha dòchas agam anns an Tighearna Iosa, Timòteus a chur gu goirid dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum bi mise mar an ceudna ann an deagh mhisnich, air dhomh fios fhaotainn ciod as cor dhuibhse. Coileanaibh mo ghàirdeachas, gum bi sibh a dh’aon inntinn, a dh’aon ghràdh, a dh’aon toil, a dh’aon bhreithneachadh.
Ach a‑nis mar seo deir an Tighearna a chruthaich thu, O Iàcoib, agus a dhealbh thu, O Israeil; Na biodh eagal ort, oir shaor mise thu; ghairm mi thu air d’ainm; is leamsa thu. Is sibhse m’fhianaisean-sa, deir an Tighearna, eadhon m’òglach a roghnaich mi; a‑chum gun aithnich agus gun creid sibh mi; agus gun tuig sibh gur mi Esan; romhamsa cha robh dia sam bith air a dhealbhadh, cha mhò a bhios aon am dhèidh. Is mise, eadhon mise, an Tighearna; agus a‑mach uamsa chan eil slànaighear ann. Dh’fhoillsich mise, agus theasairg mi, agus chuir mi an cèill, nuair nach robh dia eile nur measg; uime sin is fianaisean sibh dhòmhsa, deir Iehòbhah, gur mi Dia. Eadhon mun robh là ann, is mi E; agus chan eil neach ann a theasairgeas as mo làimh; obraichidh mise, agus cò a bhacas e? Mar seo deir an Tighearna, ur fear-saoraidh, Tì naomh Israeil, Air ur son-se chuir mi fios gu Bàbilon, agus thug mi a‑nuas a croinn-dhruididh uile, agus na Caldèanaich a nì uaill nan longan. Is mise an Tighearna, ur Tì naomh, Cruithear Israeil, ur rìgh. Mar seo deir an Tighearna, esan a nì slighe anns an fhairge, agus rathad anns na h‑uisgeachan làidir; A bheir a‑mach an carbad agus an t‑each, an armailt agus am feachd; le chèile laighidh iad sìos, agus chan èirich iad; chuireadh as iad, mhùchadh iad mar asgart. Na cuimhnichibh na nithean a bha ann roimhe; agus na nithean a bha o shean na tugaibh fa‑near. Feuch nì mi nì nuadh; a‑nis brisidh e a‑mach; nach toir sibh aire dha? Seadh, nì mi anns an fhàsach slighe, agus aibhnichean anns an dìthreabh. Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.
Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil-san, maitheanas nam peacadh, a rèir saoibhreas a ghràis;
O blaisibh agus faicibh gur math an Tighearna; is beannaichte an duine sin a dh’earbas as.
A‑nis ro fhèill na càisge, air do Iosa fios a bhith aige gu robh a uair air teachd, anns an rachadh e as an t‑saoghal seo a‑chum an Athar, air dha a mhuinntir fhèin a bha anns an t‑saoghal a ghràdhachadh, ghràdhaich e gu crìch iad.
Thubhairt Iosa ris, Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile inntinn. Is i seo a’ chiad àithne agus an àithne mhòr. Agus is cosmhail an dara rithe seo, Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.
A mhuinntir ionmhainn, ma ghràdhaich Dia sinne mar sin, tha e mar fhiachan oirnne a chèile a ghràdhachadh mar an ceudna.
Coimheadaidh an Tighearna thu o gach olc; coimheadaidh e d’anam. Coimheadaidh an Tighearna do dhol a‑mach agus do theachd a‑steach, on àm seo eadhon gu bràth.
Oir is i seo m’fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh, a dhòirtear airson mhòran a‑chum maitheanas pheacaidhean.
Gun deònaicheadh e dhuibh a rèir saoibhreas a ghlòire, a bhith air ur neartachadh gu treun, tre a Spiorad-san anns an duine an leth a‑staigh; Ionnas gun gabh Crìosd còmhnaidh nur cridhe tre chreideamh; a‑chum air dhuibh a bhith air ur freumhachadh, agus air ur stèidheachadh, ann an gràdh, Gum bi sibh comasach, maille ris na naoimh uile, air a thuigsinn ciod e leud, agus fad, agus doimhne, agus àirde; Agus air gràdh Chrìosd aithneachadh, a chaidh thar gach uile eòlas, a‑chum gum bi sibh air ur lìonadh le uile lànachd Dhè.
A Dhia, is tu mo Dhia-sa; gu moch iarraidh mi thu; tha tart air m’anam ad dhèidh, tha m’fheòil a’ togradh ad ionnsaigh ann an tìr thioraim agus thartmhoir, as eugmhais uisge; Tuitidh iad le faobhar a’ chlaidheimh; mar chuibhreann do na sionnaich bidh iad. Ach bidh an rìgh aoibhneach ann an Dia; nì gach neach a mhionnaicheas airsan uaill, nuair a dhruidear beul na dream a labhras breug. A‑chum, mar a chunnaic mi thu ann ad ionad naomh, gum faicinn do chumhachd agus do ghlòir. A chionn gur fheàrr do choibhneas gràidh na beatha, bheir mo bhilean cliù dhut. Mar sin beannaichidh mi thu, an cian as beò mi; ann ad ainm togaidh mi mo làmhan.
Na biodh fiachan sam bith aig aon neach oirbh, ach a‑mhàin a chèile a ghràdhachadh: oir an tì aig a bheil gràdh do neach eile, choilean e an lagh.
Agus ro na h‑uile nithean biodh agaibh teas-ghràdh da chèile; oir cuiridh gràdh falach air mòran pheacaidhean.
Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman. Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile? Oir tha mo chuing-sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom.
Air dhomh a bhith dearbhte as an nì seo fhèin, eadhon an tì a thòisich air deagh obair annaibh, gun coilean e i gu là Iosa Crìosd:
Ach chan eil sibhse anns an fheòil, ach anns an Spiorad, ma tha Spiorad Dhè a’ gabhail còmhnaidh annaibh. A‑nis mura eil Spiorad Chrìosd aig neach, cha bhuin e dha.
A‑thaobh Dhè tha a shlighe iomlan; tha facal an Tighearna air a dhearbhadh; is sgiath e dhaibhsan uile a chuireas an dòchas ann.
Anns an do chuir sibhse mar an ceudna dòchas, air dhuibh facal na fìrinn a chluinntinn, eadhon soisgeul ur slàinte: neach an dèidh dhuibh creidsinn ann, chuireadh seula oirbh le Spiorad Naomh sin a’ gheallaidh: Neach as e geall-daingnich ar n‑oighreachd-ne, gu teachd saorsa na seilbhe a cheannaicheadh a‑chum cliù a ghlòire.
Na biodh ur cridhe fo thrioblaid: tha sibh a’ creidsinn ann an Dia, creidibh annamsa mar an ceudna.
Agus air an adhbhar seo feithidh an Tighearna, a‑chum gun nochd e deagh-ghean dhuibh; agus air an adhbhar seo àrdaichear e, a‑chum gun nochd e tròcair dhuibh; oir is Dia ceart-bhreitheach an Tighearna; is beannaichte iadsan uile a tha a’ feitheamh ris-san.
Iadsan aig a bheil gràdh dhomh gràdhaichidh mi; agus iadsan a dh’iarras mi gu moch gheibh iad mi.
Aomaibh ur cluas, agus thigibh am ionnsaigh-sa; èisdibh, agus mairidh ur n‑anam beò; agus nì mi ribh coicheangal sìorraidh, eadhon tròcairean cinnteach Dhaibhidh.
Agus a‑nis fanaidh creideamh, dòchas, gràdh, na trì nithean seo; ach is e an gràdh as mò dhiubh seo.
Agus is i seo toil an tì a chuir uaithe mi, gum biodh a’ bheatha mhaireannach aig gach neach a chì am Mac, agus a chreideas ann: agus togaidh mise suas e air an là dheireannach.
Agus thugamaid an aire da chèile a‑chum ar brosnachadh gu gràdh, agus gu deagh obraichean: Gun a bhith a’ leigeadh dhinn sinn fhèin a chruinneachadh an ceann a chèile, mar as gnàth le dream àraidh; ach a’ comhairleachadh a chèile: agus gum bu mhò a nì sinn seo, gu bheil sibh a’ faicinn an là a’ tarraing am fagas.
Agus a’ freagairt dhàsan, thubhairt e, Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile neart, agus led uile inntinn; agus do choimhearsnach mar thu fhèin.
Cò a sgaras sinn o ghràdh Chrìosd? An dèan trioblaid, no àmhghar, no geur-leanmhainn, no gorta, no lomnochdaidh, no cunnart, no claidheamh? (A rèir mar a tha e sgrìobhte, Air do shon-sa mharbhadh sinn rè an là; mheasadh sinn mar chaoraich a‑chum marbhaidh.) Chan eadh, ach anns na nithean sin uile tha sinn a’ toirt tuilleadh agus buaidh, trìdsan a ghràdhaich sinn.
Tròcairean an Tighearna aithrisidh mi, agus cliù an Tighearna; a rèir gach nì a bhuilich an Tighearna oirnn, agus meud a mhaitheis do thaigh Israeil, a dheònaich e dhaibh a rèir a choibhneis, agus a rèir lìonmhorachd a thròcairean.
Ach ge bè neach a dh’òlas den uisge a bheir mise dha, cha bhi tart gu bràth air: ach an t‑uisge a bheir mise dha, bidh e na thobar uisge ann, a’ sruthadh suas a‑chum na beatha maireannaich.
Feuchaibh, ciod a’ ghnè ghràidh a thug an t‑Athair dhuinne, gun goirte clann Dhè dhinn! Uime sin chan aithne don t‑saoghal sinn, do bhrìgh nach b’aithne dha esan.
Oir cha d’fhuair sibh spiorad na daorsa a‑rìs a‑chum eagail; ach fhuair sibh Spiorad na h‑uchd-mhacachd, tre an glaodh sinn, Abba, Athair. Tha an Spiorad fhèin a’ dèanamh fianais maille ri ar spiorad-ne gur sinn clann Dhè:
Agus ghlac e aran, agus an dèidh buidheachas a thabhairt, bhris e, agus thug e dhaibhsan e, ag ràdh, Is e seo mo chorp-sa a tha air a thoirt air ur son-se: dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa. Agus bha na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean ag iarraidh cionnas a dh’fhaodadh iad esan a chur gu bàs; oir bha eagal an t‑sluaigh orra. Agus mar an ceudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an tiomnadh nuadh ann am fhuil-sa, a dhòirteadh air ur son-se.
Mar sin thugadh Crìosd suas aon uair a thoirt air falbh peacaidhean mhòran; ach an dara uair as eugmhais peacaidh foillsichear e dhaibh-san aig a bheil sùil ris, a‑chum slàinte.
Is tròcair agus fìrinn uile shlighean an Tighearna, dhaibhsan a ghleidheas a choicheangal agus a theisteis.
A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas; foighidinneach ann an trioblaid; maireannach ann an ùrnaigh:
Tha gach uile dheagh thabhartas agus gach uile thìodhlac iomlan on àirde, a’ teachd a‑nuas o Athair na soillse, maille ris nach eil atharrachadh, no sgàil tionndaidh.
Is mise, mise fhèin, esan a dhubhas d’euceartan as, air mo sgàth fhèin; agus do lochdan cha chùm mi air chuimhne.
Is mise an fhìonain, sibhse na geugan: an tì a dh’fhanas annamsa agus mise annsan, bheir esan mòr-thoradh uaithe; oir as m’eugmhais-sa chan urrainn sibh aon nì a dhèanamh.
Oir chan eil Dia mì‑chothromach, gun dìochuimhnicheadh e obair agus saothair ur gràidh, a nochd sibh a‑thaobh a ainme-san, am feadh is gun do rinn sibh frithealadh do na naoimh, agus gu bheil sibh a’ frithealadh.
Oir rinn e esan do nach b’aithne peacadh na ìobairt-pheacaidh air ar son-se; a‑chum gum bitheamaid-ne air ar dèanamh nar fìreantachd Dhè annsan.
Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Ma ghràdhaicheas neach mise, coimheadaidh e m’fhacal: agus gràdhaichidh m’Athair esan, agus thig sinn da ionnsaigh, agus nì sinn còmhnaidh maille ris.
Leis gach uile irioslachd inntinn agus mhacantas, le fad-fhulangas, a’ giùlan le chèile ann an gràdh; Ach cha d’fhòghlaim sibhse Crìosd mar seo; O chuala sibh e, agus o theagaisgeadh leis sibh, mar a tha an fhìrinn ann an Iosa: Gun cuir sibh dhibh, a‑thaobh a’ chiad chaitheamh-beatha, an seann duine, a tha truaillidh a rèir nan ana-miann cealgach; Agus gum bi sibh air ur n‑ath-nuadhachadh ann an spiorad ur n‑inntinn; Agus gun cuir sibh umaibh an nuadh-dhuine, a tha air a chruthachadh a rèir Dhè ann am fìreantachd agus am fìor-naomhachd. Uime sin, air dhuibh a’ bhreug a chur uaibh, labhraibh an fhìrinn, gach neach ra choimhearsnach: oir is buill sinn de a chèile. Biodh fearg oirbh, agus na peacaichibh: na laigheadh a’ ghrian air ur corraich: Agus na tugaibh àite don diabhal. An tì a ghoid, na goideadh e nas mò: ach gum b’fheàrr leis saothair a dhèanamh, ag obrachadh an nì a tha math le a làmhan, a‑chum gum bi aige nì ri phàirteachadh ris an neach air a bheil uireasbhaidh. Na tigeadh cainnt thruaillidh air bith a‑mach as ur beul, ach an nì sin a tha math a‑chum deagh-fhòghlaim, ionnas gun toir e gràs don luchd-èisdeachd. A’ dèanamh dìchill air aonachd an Spioraid a choimhead ann an ceangal na sìthe.
Agus dh’fhoillsich mise d’ainm dhaibh, agus foillsichidh mi e, a‑chum gum bi an gràdh, leis an do ghràdhaich thu mise, anntasan, agus mise annta.