Biblia Todo Logo
Earrannan Bìoball

- Sanasan -



Rannan Mu Idolatraidh

Rannan Mu Idolatraidh


Isaiah 41:24

Feuch, is neoni sibh, agus is nì gun bhrìgh ur n‑obair: is gràinealachd esan a roghnaicheas sibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eseciel 6:9

Agus cuimhnichidh a mheud dhibh is a thèid as mise, am measg nan cinneach gus an toirear iad nam braighdean, an tràth a chìosnaicheas mise an cridhe strìopachail a dhealaich rium, agus an sùilean a tha a’ dol air strìopachas an dèidh an iodhalan; agus bidh gràin aca dhiubh fhèin airson nan olc a chuir iad an gnìomh nan uile ghràinealachdan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 10:19

Ciod a their mi uime sin? Gu bheil brìgh air bith anns an iodhal, no gu bheil brìgh air bith anns an nì a dh’ìobradh do iodhalan?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Rìgh 18:21

Agus thàinig Eliah a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh uile, agus thubhairt e, Cia fhada a bhios sibh anns an ioma-chomhairle eadar dhà bharail? Mas e an Tighearna as Dia ann, leanaibh e; ach mas e Bàal, leanaibh esan. Ach cha do fhreagair an sluagh e aon fhacal.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 16:20

An dèan duine dha fhèin diathan, agus nach eil iad nan diathan?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 48:5

Uime sin dh’fhoillsich mi dhut iad on tùs; mun tàinig iad gu crìch, dh’innis mi dhut iad; a‑chum nach abradh tu, Is e m’iodhal a thug mun cuairt iad; is iad mo dhealbh snaidhte, agus mo dhealbh leaghte, a dh’òrdaich iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 5:21

A chlann bheag, coimheadaibh sibh fhèin o iodhalan. Amen.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 10:3-5

Oir tha gnàthachadh nan slògh na fhìor-dhìomhanas: oir tha iad a’ gearradh craoibhe as a’ choille, obair-làmh an fhir a dh’obraicheas le inneal geur. Le airgead agus le òr tha iad ga dèanamh maiseach, le tàirngean agus le ùird tha iad ga dèanamh daingeann, air chor is nach gluais i. Mar chrann-pailme tha iad seo rag, agus cha labhair iad: is èiginn an giùlan, a chionn nach urrainn iad imeachd: na biodh eagal oirbhse romhpa, oir chan urrainn iad cron a dhèanamh: agus fòs math a dhèanamh chan eil nan comas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 23:13

Agus a‑thaobh nan uile nithean a labhair mi ribh, bithibh faiceallach; agus air ainm dhiathan eile na luaidhibh: na cluinnear as ur beul e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 45:20

Cruinnichibh sibh fhèin, agus thigibh; dlùthaichibh ri chèile, sibhse a tha air dol as o mheasg nan cinneach; chan eil eòlas acasan a tha a’ cur suas fiodh an deilbh shnaidhte, agus a’ dèanamh ùrnaigh ri dia nach urrainn tèarnadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 29:13

Uime sin thubhairt an Tighearna, Do bhrìgh gu bheil an sluagh seo a’ teachd dlùth dhòmhsa lem beul, agus a’ toirt onair dhomh lem bilean, ach nan cridhe gun do theich iad fada uam; agus gu bheil an eagal romhamsa air a theagasg le àitheantan dhaoine;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 32:17

Dh’ìobair iad do dheamhain, chan ann do Dhia; do dhiathan nach b’aithne dhaibh, do dhiathan nuadha a dh’ùr‑èirich suas, ro nach robh eagal air ur n‑athraichean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Eachdraidh 14:3

Oir chuir e air falbh altairean nan diathan coimheach, agus na h‑àitean àrda, agus bhris e sìos na dealbhan, agus gheàrr e sìos na doireachan;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 51:17

Dh’fhàs gach duine mar bhrùid na eòlas; nàraicheadh gach òr‑cheàrd le ìomhaigh leaghte: oir is nì breugach an dealbhan leaghte, agus chan eil anail annta.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Nahum 1:14

Agus thug an Tighearna àithne mud thimcheall, nach froisear a‑mach d’ainm nas mò. A‑mach à taigh do dhiathan gearraidh mise an ìomhaigh shnaidhte, agus an ìomhaigh leaghte; òrdaichidh mi d’uaigh, oir dh’fhàs thu gràineil.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Rìgh 23:24

Os bàrr, luchd nan leannan-sìth, agus an luchd-fiosachd, agus na dealbhan, agus na h‑iodhalan, agus gach uile ghràinealachd a chunnacas ann an tìr Iùdah, agus ann an Ierusalem, chuir Iosiah air falbh, a‑chum gun coileanadh e briathran an lagha a bha sgrìobhte anns an leabhar a fhuair Hilciah an sagart ann an taigh an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 1:29

Oir gabhaidh iad nàire de na daragan a mhiannaich sibh; agus bidh rudhadh gruaidh oirbh airson nan liosan a roghnaich sibh:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 6:16-17

Agus ciod a’ cho-rèite a tha aig teampall Dhè ri iodhalan? Oir is sibhse teampall an Dè bheò; a rèir mar a thubhairt Dia, Gabhaidh mise còmhnaidh annta, agus gluaisidh mi nam measg; agus bidh mise am Dhia acasan, agus bidh iadsan nan sluagh agamsa. Uime sin thigibh a‑mach as am meadhon, agus dealaichibh riu, tha an Tighearna ag ràdh, agus na beanaibh ris an nì neòghlan; agus gabhaidh mise am ionnsaigh sibh,

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 3:5

Uime sin claoidhibh ur buill a tha air an talamh, strìopachas, neòghlaine, fonn-collaidh, ana-miannan, agus sannt, nì as iodhal-adhradh;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 78:58

Agus bhrosnaich iad e len ionadan àrda, agus len dealbhan geàrrte dhùisg iad e gu eud.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 42:17

Tillear air an ais, nàraichear gu tur, iadsan a tha a’ cur an dòchais ann an dealbh snaidhte; a tha ag ràdh ris na dealbhan leaghte, Is sibhse ar diathan-ne.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 96:5

Oir is iodhalan uile dhiathan nan cinneach, ach is e an Tighearna a rinn na nèamhan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 44:8

Agus gu bheil sibh gam bhrosnachadh-sa gu corraich le obraichean ur làmh, a’ losgadh tùise do dhiathan coimheach ann an tìr na h‑Eiphit, a‑chum a bheil sibh air dol a ghabhail còmhnaidh; a‑chum gum biodh sibh air ur gearradh as, agus gum biodh sibh nur mallachadh, agus nur masladh am measg uile chinnich na talmhainn?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 12:2

Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 115:4-7

Is airgead agus òr an iodhalan-san, obair làmhan dhaoine! Tha beòil aca, ach cha labhair iad; sùilean aca, ach chan fhaic iad. Tha cluasan aca, ach cha chluinn iad; srònan aca, ach cha ghabh iad fàile. Tha làmhan aca, ach cha làimhsich iad; casan aca, ach chan imich iad; agus cha labhair iad tro an sgòrnan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 50:2

Cuiribh an cèill am measg nan cinneach, agus foillsichibh, agus cuiribh suas a’ bhratach; foillsichibh, na ceilibh: abraibh, Ghlacadh Bàbilon, mhaslaicheadh Bel, bhriseadh Merodach na bloighdean, chlaoidheadh a h‑iodhalan, bhriseadh nam bloighdean a dealbhan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 46:7

Giùlainidh iad e air an guaillean, iomchairidh iad e, agus cuiridh iad e na àit, agus seasaidh e; as a ionad cha ghluais e: seadh, glaodhaidh neach ris, ach cha fhreagair e, agus cha teasairg e e o a theinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 44:3

Airson an aingidheachd a chuir iad an gnìomh, a‑chum mise a bhrosnachadh gu feirg, le iad a dhol a losgadh tùise, gu seirbhis a thoirt do dhiathan eile nach b’aithne dhaibh: dhaibhsan, dhuibhse, no dur n‑athraichean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 57:13

Nuair a ghlaodhas tu, dèanadh do chuideachdan do thèarnadh; ach togaidh a’ ghaoth air falbh iad uile, bheir an ceò as iad; ach an neach a chuireas a dhòchas annamsa, sealbhaichidh e am fearann, agus gheibh e mar oighreachd mo shliabh naomh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 20:5

Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 66:3

Tha esan a mharbhas damh, mar gum mortadh e duine; esan a dh’ìobras uan, mar gun cuireadh e an ceann de mhadadh; esan a bheir seachad tabhartas, mar gun tugadh e seachad fuil mhuc; esan a loisgeas tùis, mar gum beannaicheadh e iodhal; seadh, roghnaich iad an slighean fhèin, agus nan gràinealachdan fhèin tha an anam a’ gabhail tlachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Rìgh 17:15

Agus rinn iad tàir air a reachdan, agus air a choicheangal a rinn e rin athraichean, agus air a theisteis leis an tug e fianais nan aghaidh; agus lean iad dìomhanas, agus dh’fhàs iad dìomhain, agus chaidh iad an dèidh nan cinneach a bha mun cuairt orra, mun tug an Tighearna sparradh dhaibh, nach dèanadh iad cosmhail riu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 44:10

Cò a dhealbh dia, no a thilg dealbh leaghte, anns nach eil tairbhe sam bith?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 20:4

Na dèan dhut fhèin dealbh snaidhte no coslas sam bith a dh’aon nì, a tha anns na nèamhan shuas, no air an talamh shìos, no anns na h‑uisgeachan fon talamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 2:5

Mar seo deir an Tighearna, Ciod an t‑euceart a fhuair ur n‑athraichean annamsa, gun d’imich iad fada uam, agus gun do ghluais iad an dèidh dìomhanais, agus gun d’fhàs iad dìomhain?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Eachdraidh 15:8

Agus nuair a chuala Asa na briathran sin, agus fàidheadaireachd Asariah mhic Odeid am fàidh, ghabh e misneach, agus chuir e air falbh na h‑iodhalan gràineil à tìr Iùdah agus Bheniàmin uile, agus as na bailtean a ghlac e de shliabh Ephraim, agus dh’athnuadhaich e altair an Tighearna, a bha air beulaibh sgàth-thaigh an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Eachdraidh 34:7

Agus nuair a bhris e sìos na h‑altairean agus na doireachan, agus a phronn e na dealbhan snaidhte gu luaithre, agus a gheàrr e sìos na dealbhan grèine uile air feadh tìr Israeil uile, thill e gu Ierusalem.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eseciel 20:7

An sin thubhairt mi riu, Tilgibh uaibh, gach aon neach, gràinealachdan a shùl, agus na truaillibh sibh fhèin le iodhalan na h‑Eiphit; is mise Iehòbhah ur Dia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 106:36

Agus rinn iad seirbhis dan iodhalan, a bha mar ribe dhaibh;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Taisbeanadh 13:4

Agus rinn iad adhradh don dràgon, a thug a chumhachd don fhiadh-bheathach: agus rinn iad adhradh don fhiadh-bheathach, ag ràdh, Cò a tha cosmhail ris an fhiadh-bheathach? Cò a tha comasach air cogadh a dhèanamh na aghaidh?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 2:8

Tha an tìr fòs air a lìonadh le iodhalan; tha iad a’ sleuchdadh do obair an làmh fhèin, don nì sin a rinn am meòir fhèin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 2:18

Na mealladh aon neach ur duais uaibh le irioslachd thoileil, agus adhradh do ainglean, a’ fòirneadh a‑steach gu dàna a‑chum nan nithean nach faca e, gu dìomhain air a shèideadh suas le a inntinn fheòlmhoir fhèin;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Samuel 7:3

Agus labhair Samuel ri uile thaigh Israeil, ag ràdh, Ma thilleas sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna le ur n‑uile chridhe, an sin cuiribh air falbh na diathan coimheach as ur measg, Bàalim agus Astarot: agus ullaichibh ur cridhe a‑chum an Tighearna, agus dèanaibh seirbhis dhàsan a‑mhàin, agus saoraidh e sibh à làimh nam Philisteach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 32:35

Agus thog iad ionadan àrda Bhàail, a tha ann an gleann mac Hinoim, a thoirt air am mic agus air an nigheanan dol tron teine do Mholoch; nì nach d’àithn mise dhaibh, agus nach tàinig idir ann am aire; a’ cur an gnìomh na gràinealachd seo, gu cionta a thoirt air Iùdah.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 34:13

Ach sgriosaidh sibh an altairean, agus brisidh sibh an dealbhan, agus gearraidh sibh sìos an doireachan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Hosèa 4:17

Tha Ephraim air a dhlùth-cheangal ri iodhalan, leig leis:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 12:2-3

Lèirsgriosaidh sibh na h‑àiteachan uile anns an do rinn na cinnich, a shealbhaicheas sibh, seirbhis dan diathan, air na beanntan àrda, agus air na cnuic, agus fo gach craoibh ghlais. Nuair a leudaicheas an Tighearna do Dhia do chrìoch, mar a gheall e dhut, agus a their thu, Ithidh mi feòil (a chionn gu bheil d’anam a’ miannachadh feòil ithe), a rèir uile mhiann d’anama faodaidh tu feòil ithe. Ma bhios an t‑àit a thagh an Tighearna do Dhia a chur a ainme an sin, ro‑fhada uat, an sin marbhaidh tu ded bhuar, agus ded threud, a thug an Tighearna dhut, mar a dh’àithn mise dhut, agus ithidh tu an taobh a‑staigh ded gheatachan gach nì as miannach led anam. Eadhon mar a dh’ithear an ruadh-bhoc, agus am fiadh, mar sin ithidh tu e; ithidh an neòghlan agus an glan dheth air an aon dòigh: A‑mhàin thoir an ro‑aire nach ith thu an fhuil: oir is i an fhuil a’ bheatha; agus chan fhaod thu a’ bheatha ithe maille ris an fheòil. Chan ith thu i; air an talamh dòirtidh tu i mar uisge. Chan ith thu i, a‑chum gun èirich gu math dhut, agus dod chloinn ad dhèidh, nuair a nì thu an nì a tha ceart ann an sùilean an Tighearna. A‑mhàin gabhaidh tu do nithean naomha a tha agad, agus do bhòidean, agus thèid thu don àit a thaghas an Tighearna. Agus ìobraidh tu d’ìobairtean-loisgte, an fheòil agus an fhuil, air altair an Tighearna do Dhia; agus dòirtear a‑mach fuil d’ìobairtean air altair an Tighearna do Dhia, agus ithidh tu an fheòil. Thoir an aire, agus èisd ris na briathran sin uile a tha mi ag àithneadh dhut, a‑chum gun èirich gu math dhut fhèin, agus dod chloinn ad dhèidh gu bràth, nuair a nì thu an nì a tha math agus ceart ann an sùilean an Tighearna do Dhia. Nuair a ghearras an Tighearna do Dhia as na cinnich romhad, a tha thu a’ dol a‑steach an siud a‑chum an sealbhachadh, agus a thig thu nan àite, agus a ghabhas tu còmhnaidh nam fearann; Agus leagaidh sibh sìos an altairean, agus brisidh sibh an carraighean, agus loisgidh sibh an doireachan le teine, agus gearraidh sibh sìos dealbhan snaidhte an diathan, agus sgriosaidh sibh an ainm a‑mach as an àite sin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 8:2

Agus sgaoilidh iad iad mu choinneamh na grèine agus na gealaich agus uile fheachd nèimh, don tug iad spèis, agus don do rinn iad seirbhis, agus air an robh iad a’ leanmhainn, agus a bha iad ag iarraidh, agus don tug iad adhradh: cha chruinnichear iad, chan adhlaicear iad; nan aolach bidh iad air aghaidh na talmhainn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eseciel 14:6

Air an adhbhar sin, abair ri taigh Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Gabhaibh aithreachas, agus tillibh o ur n‑iodhalan; agus tionndaidhibh ur n‑aghaidh air falbh o ur n‑uile ghràinealachdan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 18:10-12

Chan fhaighear nur measg neach air bith a bheir air a mhac no air a nighinn dol tron teine, no a ghnàthaicheas fiosachd, no speuradair, no fear-fàistinneachd, no a ghnàthaicheas droch innleachdan, No seunadair, no neach a dh’fhiosraicheas de leannan-sìdh, no draoidh, no neach a dh’iarras eòlas o na mairbh. Oir is gràinealachd don Tighearna iadsan uile a nì na nithean sin; agus airson nan gràinealachd sin, tha an Tighearna do Dhia gam fuadachadh a‑mach romhad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 4:19

Agus air eagal gun tog thu suas do shùilean ri nèamh, agus nuair a chì thu a’ ghrian, agus a’ ghealach, agus na reultan, eadhon slòigh nèimh uile, gun tàirngear thu gu cromadh sìos dhaibh, agus gu adhradh a dhèanamh dhaibh, a roinn an Tighearna do Dhia ris gach cinneach a tha fo nèamh uile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 10:20

Ach tha mi ag ràdh, na nithean a tha na Cinnich ag ìobradh, gur ann do dheamhain a tha iad gan ìobradh, agus nach ann do Dhia: agus cha b’àill leam comann a bhith agaibhse ri deamhain.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Peadar 2:1

Ach bha fàidhean brèige mar an ceudna am measg an t‑sluaigh, amhail a bhios luchd-teagaisg brèige nur measg-se, dream a bheir a‑steach an uaigneas saobh-chreideamh millteach, eadhon ag àicheadh an Tighearna a cheannaich iad, agus a bheir sgrios obann orra fhèin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 24:24

Oir èiridh Crìosdan brèige agus fàidhean brèige, agus nì iad comharraidhean agus mìorbhailean mòra, ionnas gum mealladh iad, nam faodadh e a bhith, na daoine taghte fhèin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Taisbeanadh 22:15

Oir an taobh a‑muigh tha madaidhean, agus luchd-draoidheachd, agus luchd-strìopachais, agus luchd-mort, agus luchd-iodhal-adhraidh, agus gach neach a ghràdhaicheas, agus a nì, breug.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Rìgh 17:17

Agus thug iad air am mic agus air an nigheanan dol tron teine, agus ghnàthaich iad fiosachd agus draoidheachd, agus reic iad iad fhèin a dhèanamh uilc ann an sealladh an Tighearna, a‑chum a bhrosnachadh gu feirg.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 44:25

A bheir gu neoni comharraidhean nam mealltairean, agus a chuireas na fiosaichean air a’ chuthach; a thilleas daoine glice air an ais, agus a thionndaidheas an eòlas gu amaideachd;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Timòteus 4:1

A‑nis tha an Spiorad ag ràdh gu soilleir, anns na h‑aimsirean deireannach gun trèig dream àraidh an creideamh, a’ toirt aire do spioradan mealltach, agus do theagasgan dheamhan;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 18:14

Oir dh’èisd na cinnich sin a shealbhaicheas tusa ri speuradairean, agus ri fiosaichean: ach air do shon-sa, cha do leig an Tighearna do Dhia leat dèanamh mar sin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 23:24

Cha chrom thu thu fhèin sìos dan diathan, agus cha dèan thu seirbhis dhaibh, cha mhò a nì thu a rèir an obrach, ach sgriosaidh tu gu tur iad, agus brisidh tu an dealbhan nam bloighdean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 47:12-13

Seas suas a‑nis led ghisreagan, agus le lìonmhorachd do dhraoidheachdan, anns an do shaothraich thu od òige; mas e is gur urrainn thu buannachd fhaghail, mas e is gum faod thu buadhachadh. Tha thu air do sgìtheachdadh ann an lìonmhorachd do chomhairlean. Seasadh na speuradairean suas, luchd-amhairc nan reultan, iadsan a tha ri fiosachd gach mìos, agus tèarnadh iad thu o na nithean a tha gu teachd ort.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnìomharan 19:19

Agus thug mòran dhiubhsan a bha a’ gnàthachadh dhroch innleachdan an leabhraichean leo, agus loisg iad iad am fianais nan uile; agus rinn iad an luach àireamh, agus fhuair iad e na lethcheud mìle bonn airgid.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lebhiticus 19:31

Na biodh suim agaibh dhiùbhsan aig a bheil leannain-shìdh, agus na iarraibh a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu bhith air ur truailleadh leo: Is mise an Tighearna ur Dia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lebhiticus 20:6

Agus an t‑anam a thèid a thaobh a dh’ionnsaigh muinntir aig a bheil leannain-shìdh, agus a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu dol le strìopachas nan dèidh, cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Samuel 15:23

Oir mar pheacadh na draoidheachd tha ceannairc, agus mar aingidheachd iodhal-adhraidh tha rag-mhuinealachd: a chionn gun do chuir thusa cùl ri facal an Tighearna, chuir esan mar an ceudna cùl riutsa o bhith ad rìgh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 22:18

Cha leig thu le ban-fhiosaiche a bhith beò.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Micah 5:12

Agus gearraidh mi na draoidhean a‑mach as do mheadhon; agus cha bhi fiosaichean air bith agad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 8:19

Agus nuair a their iad ribh, Iarraibh a‑chum nam ban-fhiosaichean, agus a‑chum nan draoidhean, muinntir a nì bìdeil agus borbhanaich; nach bu chòir do shluagh iarraidh a‑chum an Dè? An ann a dh’iarradh iad a‑chum nam marbh, an àite nam beò?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 5:19-21

A‑nis tha obraichean na feòla follaiseach, as iad seo, adhaltranas, strìopachas, neòghlaine, macnas. Feuch, tha mise Pòl ag ràdh ribh, ma thimcheall-ghearrar sibh, nach bi tairbhe air bith dhuibh ann an Crìosd. Iodhal-adhradh, draoidheachd, naimhdeas, connsachadh, co‑fharpais, fearg, còmhstri, aimhreit, saobh-chreideamh. Farmad, mortan, misg, raoidhteireachd, agus an leithidean sin: mum bheil mi ag innse dhuibh ro‑làimh, mar a dh’innis mi dhuibh cheana mar an ceudna, nach sealbhaich iadsan a nì an leithidean sin rìoghachd Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Taisbeanadh 21:8

Ach aig an dream sin a tha gealtach, agus mì‑chreidmheach, agus gràineil, agus aig luchd-mort, agus strìopachais, agus draoidheachd, agus iodhal-adhraidh, agus aig na h‑uile bhreugairean, bidh an cuibhreann anns an loch a tha a’ dearg-lasadh le teine agus pronnasg, nì as e an dara bàs.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Eachdraidh 33:6

Agus thug e air a chloinn dol tron teine ann an gleann mac Hinoim; agus sheall e air comharraidhean, agus ghnàthaich e geasachd agus draoidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth agus luchd-fiosachd: dh’obraich e mòr-aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 27:9

Uime sin na èisdibh-se ri ur fàidhean, no ri ur fiosaichean, no ri ur bruadaraichean, no ri ur speuradairean, no ri ur draoidhean, a tha a’ labhairt ribh, ag ràdh, Cha toir sibh gèill do rìgh Bhàbiloin:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 1:21-23

Do bhrìgh nuair a b’aithne dhaibh Dia, nach tug iad glòir dha mar Dhia, agus nach robh iad taingeil, ach gun d’fhàs iad dìomhain nan reusonachadh fhèin, agus gun do dhorchaicheadh an cridhe amaideach. Ag ràdh gur daoine glice iad fhèin, rinneadh amadain dhiubh: Agus chaochail iad glòir an Dè neo-thruaillidh gu dealbh a rinneadh cosmhail ri duine truaillidh, agus ri eunlaith, agus ainmhidhean ceithir-chasach, agus biasdan snàigeach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 10:2

Mar seo deir an Tighearna, Na fòghlamaibh slighe nan cinneach, agus na biodh eagal oirbh ro chomharraidhean nan nèamhan, ged tha eagal air na cinnich romhpa.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 2:8

Thugaibh an aire nach dèan neach air bith fòirneart oirbh tre fheallsanachd agus mealltaireachd dhìomhain, a rèir beul-aithris dhaoine, a rèir ciad-thoiseachan an t‑saoghail, agus chan ann a rèir Chrìosd:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 29:8

Oir mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Na meallar sibh leis na fàidhean a tha nur measg, agus le ur luchd-fiosachd; cha mhò a dh’èisdeas sibh ri ur bruadair a tha sibh a’ toirt fa‑near a bhruadar.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 31:6

Is fuath leat iadsan a bheir fa‑near dìomhanasan breugach; ach anns an Tighearna chuir mise mo dhòchas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 7:25

Dealbhan snaidhte an diathan loisgidh sibh le teine: cha mhiannaich thu an t‑airgead no an t‑òr a tha orra, cha mhò a ghabhas tu e dhut fhèin, air eagal gun ribear thu leis: oir is gràinealachd e don Tighearna do Dhia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 46:1

Tha Bel a’ cromadh sìos, Nebo a’ crùbadh; bha an iodhalan air na beathaichean agus air na h‑ainmhidhean; tha ur n‑eallaichean trom, nan cudthrom don ainmhidh airtnealach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 47:13

Tha thu air do sgìtheachdadh ann an lìonmhorachd do chomhairlean. Seasadh na speuradairean suas, luchd-amhairc nan reultan, iadsan a tha ri fiosachd gach mìos, agus tèarnadh iad thu o na nithean a tha gu teachd ort.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 7:15

Coimheadaibh sibh fhèin o na fàidhean brèige, a thig dur n‑ionnsaigh ann an culaidhean chaorach, ach a tha on leth a‑staigh nam madaidhean-allaidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Hosèa 4:12

Tha mo shluagh-sa ag iarraidh comhairle air an croinn, agus tha an lorg a’ dèanamh foillseachaidh dhaibh: oir thug spiorad an strìopachais orra dol air seachran, agus chaidh iad le strìopachas air falbh on Dia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 2:11

An do chaochail cinneach an diathan, eadhon iad sin nach robh nan diathan? Ach chaochail mo shluagh-sa an glòir airson nì gun bhuannachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 57:5

A’ fadadh ur n‑ana-miann le iodhalan fo gach crann uaine; a’ marbhadh na cloinne anns na glinn, fo sgoltan nan creag.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 11:16

Thugaibh an aire dhuibh fhèin, air eagal gum meallar ur cridhe, agus gun claon sibh a lethtaobh, agus gun dèan sibh seirbhis do dhiathan eile, agus gun dèan sibh adhradh dhaibh;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 11:14

Agus chan iongantach sin: oir cuirear Sàtan fhèin an cruth aingeal soillse.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Taisbeanadh 9:20

Agus cha do ghabh a’ chuid eile de na daoine, nach do mharbhadh leis na plàighean sin, aithreachas de obraichean an làmh, ionnas nach dèanadh iad adhradh do dheamhain, agus do dhealbhan òir, agus airgid, agus umha, agus cloiche, agus fiodha; nach urrainn faicinn, no cluinntinn, no imeachd:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 4:1

A mhuinntir ionmhainn, na creidibh gach uile spiorad, ach dearbhaibh na spioradan, an ann o Dhia a tha iad: do bhrìgh gu bheil mòran fhàidhean brèige air dol a‑mach don t‑saoghal.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 2:6

Air an adhbhar sin thrèig thu do shluagh, taigh Iàcoib, a chionn gu bheil iad air an lìonadh on àird an ear, agus nan luchd-fiosachd mar na Philistich; agus tha an tlachd ann an cloinn choigreach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Peadar 2:3

Agus tre shannt nì iad ceannachd oirbh le briathran mealltach: dream nach eil am breitheanas a‑nis o chian a’ dèanamh moille, agus chan eil an sgrios a’ turra-chadal.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eachdraidh 10:13-14

Mar seo dh’eug Saul airson a chionta a rinn e an aghaidh an Tighearna, an aghaidh facal an Tighearna nach do ghlèidh e, agus mar an ceudna a chionn gun d’iarr e bean aig an robh leannan-sìth, a dh’fhiosrachadh dhith; Agus nach d’fhiosraich e den Tighearna: uime sin mharbh e e, agus thionndaidh e an rìoghachd a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, mac Iese.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 57:3

Ach thigibh-se am fagas an seo, a mhaca na ban-fhiosaiche, a shliochd an adhaltrannaich agus na strìopaich.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 8:19

Feuch, guth glaodh nighean mo shluaigh, o thìr chèin: Nach eil an Tighearna ann an Sion? Nach eil a rìgh innte? Carson, matà, a bhrosnaich iad mise gu feirg len dealbhan snaidhte, agus len dìomhanais choimheach?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 106:35-37

Ach cho-mheasg iad iad fhèin am measg nan cinneach, agus dh’fhòghlaim iad an obraichean; Agus rinn iad seirbhis dan iodhalan, a bha mar ribe dhaibh; Agus dh’ìobair iad am mic agus an nigheanan do dheamhain.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ephèsianach 5:11

Agus na biodh co‑chomann agaibh ri obraichean neo-thairbheach an dorchadais, ach gum b’fheàrr leibh an cronachadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lebhiticus 19:4

Na rachaibh a thaobh gu iodhalan, agus na dèanaibh diathan leaghte dhuibh fhèin: Is mise an Tighearna ur Dia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 10:5

Mar chrann-pailme tha iad seo rag, agus cha labhair iad: is èiginn an giùlan, a chionn nach urrainn iad imeachd: na biodh eagal oirbhse romhpa, oir chan urrainn iad cron a dhèanamh: agus fòs math a dhèanamh chan eil nan comas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lean sinn:

Sanasan


Sanasan