Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 33:6 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Agus thug e air a chloinn dol tron teine ann an gleann mac Hinoim; agus sheall e air comharraidhean, agus ghnàthaich e geasachd agus draoidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth agus luchd-fiosachd: dh’obraich e mòr-aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Agus thug e air a chloinn dol tron teine ann an gleann mac Hinoim; agus sheall e air comharraidhean, agus ghnàthaich e geasachd agus draoidheachd, agus chuir e air chois leannain‐shìth agus luchd‐fiosachd: dh’obraich e mòr‐aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 33:6
24 Iomraidhean Croise  

Agus rinn Ahab doire; agus rinn Ahab na bu mhò a bhrosnachadh an Tighearna, Dia Israeil, gu feirg na uile rìghrean Israeil a bha roimhe.


Agus thug iad air am mic agus air an nigheanan dol tron teine, agus ghnàthaich iad fiosachd agus draoidheachd, agus reic iad iad fhèin a dhèanamh uilc ann an sealladh an Tighearna, a‑chum a bhrosnachadh gu feirg.


Agus thug e air a mhac dol tron teine, agus rinn e fiosachd, agus ghnàthaich e draoidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth, agus luchd-fiosachd: dh’obraich e mòr aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.


Agus thruaill e Tophet a tha ann an gleann mac Hinnoim, a‑chum is nach faodadh duine air bith toirt air a mhac no air a nighinn dol tron teine do Mholech.


Os bàrr, luchd nan leannan-sìth, agus an luchd-fiosachd, agus na dealbhan, agus na h‑iodhalan, agus gach uile ghràinealachd a chunnacas ann an tìr Iùdah, agus ann an Ierusalem, chuir Iosiah air falbh, a‑chum gun coileanadh e briathran an lagha a bha sgrìobhte anns an leabhar a fhuair Hilciah an sagart ann an taigh an Tighearna.


Mar seo dh’eug Saul airson a chionta a rinn e an aghaidh an Tighearna, an aghaidh facal an Tighearna nach do ghlèidh e, agus mar an ceudna a chionn gun d’iarr e bean aig an robh leannan-sìth, a dh’fhiosrachadh dhith;


Agus loisg e tùis ann an gleann Bhen-hinoim, agus loisg e a chlann anns an teine, a rèir gràinealachd nan cinneach a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil.


Agus fannaichidh spiorad na h‑Eiphit na meadhon; agus cuiridh mi ann an neo-bhrìgh a comhairle; agus iarraidh iad a‑chum nan iodhalan, agus a‑chum nan draoidhean, agus a‑chum na muinntir aig a bheil leannain-shìth, agus a‑chum an luchd-fiosachd.


Agus nuair a their iad ribh, Iarraibh a‑chum nam ban-fhiosaichean, agus a‑chum nan draoidhean, muinntir a nì bìdeil agus borbhanaich; nach bu chòir do shluagh iarraidh a‑chum an Dè? An ann a dh’iarradh iad a‑chum nam marbh, an àite nam beò?


Agus thog iad ionadan àrda Bhàail, a tha ann an gleann mac Hinoim, a thoirt air am mic agus air an nigheanan dol tron teine do Mholoch; nì nach d’àithn mise dhaibh, agus nach tàinig idir ann am aire; a’ cur an gnìomh na gràinealachd seo, gu cionta a thoirt air Iùdah.


Gun do chuir iad an gnìomh adhaltranas, agus gu bheil fuil nan làmhan, agus len iodhalan gun do rinn iad adhaltranas, agus gun tug iad fòs air am mic, a rug iad dhòmhsa, siubhal air an son-san tron teine gan losgadh.


Oir nuair a mharbh iad an clann dan iodhalan, an sin thàinig iad air an là sin fhèin dom ionad naomh-sa, ga thruailleadh; agus, feuch, mar seo rinn iad ann am meadhon mo thaighe.


Agus cha leig thu le neach air bith ded shliochd dol tron teine do Mholech, cha mhò a mhì-naomhaicheas tu ainm do Dhè: Is mise an Tighearna.


Chan ith sibh nì sam bith leis an fhuil: cha mhò a ghnàthaicheas sibh draoidheachd, no a nì sibh fiosachd.


Na biodh suim agaibh dhiùbhsan aig a bheil leannain-shìdh, agus na iarraibh a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu bhith air ur truailleadh leo: Is mise an Tighearna ur Dia.


A‑rìs, their thu ri cloinn Israeil, Ge bè air bith e de cloinn Israeil, no de na coigrich a tha air chuairt ann an Israeil, a bheir a’ bheag de a shliochd do Mholech, cuirear gu cinnteach gu bàs e, clachaidh sluagh na dùthcha e le clachan.


Bean no duine, mar an ceudna, aig a bheil leannan-sìdh, no a bhios ri fiosachd, cuirear gu deimhinn gu bàs iad: clachaidh iad le clachan iad; bidh am fuil orra fhèin.


Agus an t‑anam a thèid a thaobh a dh’ionnsaigh muinntir aig a bheil leannain-shìdh, agus a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu dol le strìopachas nan dèidh, cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh.


Iodhal-adhradh, draoidheachd, naimhdeas, connsachadh, co‑fharpais, fearg, còmhstri, aimhreit, saobh-chreideamh.


Cha dèan thusa mar sin ris an Tighearna do Dhia: oir gach gràinealachd don Tighearna as fuathach leis, rinn iadsan dan diathan; oir eadhon am mic agus an nigheanan loisg iad anns an teine dan diathan.


Oir mar pheacadh na draoidheachd tha ceannairc, agus mar aingidheachd iodhal-adhraidh tha rag-mhuinealachd: a chionn gun do chuir thusa cùl ri facal an Tighearna, chuir esan mar an ceudna cùl riutsa o bhith ad rìgh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan