Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 14:3 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Oir chuir e air falbh altairean nan diathan coimheach, agus na h‑àitean àrda, agus bhris e sìos na dealbhan, agus gheàrr e sìos na doireachan;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Oir chuir e air falbh altairean nan diathan coimheach, agus na h‑àitean àrda, agus bhris e sìos na dealbhan, agus gheàrr e sìos na doireachan;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 14:3
17 Iomraidhean Croise  

Oir is aithne dhomh e, gun toir e àithne da chloinn agus da theaghlach na dhèidh, agus gleidhidh iadsan slighe an Tighearna, a’ dèanamh ceartais agus breitheanais; a‑chum is gun toir an Tighearna air Abrahàm an nì sin a labhair e ma thimcheall.


Chuir e air falbh na h‑àitean àrda, agus bhris e na dealbhan, agus gheàrr e sìos na doireachan, agus mhìn-phronn e an nathair umha a rinn Maois; oir gus na làithean sin bha clann Israeil a’ losgadh tùis dhi: agus thugadh Nehustan mar ainm oirre.


Agus bhris e nam bloighdean na dealbhan, agus gheàrr e sìos na doireachan, agus lìon e an àitean le cnàmhan dhaoine.


Agus thug e an doire o thaigh an Tighearna, an taobh a‑muigh de Ierusalem, gu sruth Chidroin, agus mhìn-phronn e gu luaithre e, agus thilg e a luaithre air uaighean clann an t‑sluaigh.


Agus rinn Asa an nì a bha math agus ceart ann an sùilean an Tighearna a Dhia:


Agus dh’àithn e do Iùdah an Tighearna, Dia an athraichean, iarraidh, agus an lagh a ghleidheadh, agus an àithne.


Ach cha do chuireadh na h‑àitean àrda air falbh à Israel: gidheadh bha cridhe Asa iomlan rè a làithean uile.


Agus chàraich e altair an Tighearna, agus dh’ìobair e oirre ìobairtean-sìthe agus buidheachais, agus dh’àithn e do Iùdah seirbhis a dhèanamh don Tighearna Dia Israeil.


Agus bhris iad sìos altairean Bhàalim na fhianais, agus na dealbhan grèine a bha gu h‑àrd os an cionn gheàrr e sìos, agus na doireachan; agus na dealbhan snaidhte, agus na dealbhan leaghte bhris e nam mìrean, agus phronn e gu luaithre, agus chrath e i air uaighean na muinntir a dh’ìobair dhaibh.


Ach sgriosaidh sibh an altairean, agus brisidh sibh an dealbhan, agus gearraidh sibh sìos an doireachan.


Agus cuiridh mise as dur n‑ionadan àrda, agus gearraidh mi sìos ur dealbhan, agus tilgidh mi ur colainnean air colainnean ur n‑iodhalan, agus gabhaidh m’anam gràin dhibh.


Dealbhan snaidhte an diathan loisgidh sibh le teine: cha mhiannaich thu an t‑airgead no an t‑òr a tha orra, cha mhò a ghabhas tu e dhut fhèin, air eagal gun ribear thu leis: oir is gràinealachd e don Tighearna do Dhia.


Ach mar seo buinidh sibh riu: sgriosaidh sibh an altairean, agus brisidh sibh an dealbhan, agus gearraidh sibh sìos an doireachan, agus loisgidh sibh an coslais shnaidhte le teine.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan