Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 20:5 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 20:5
65 Iomraidhean Croise  

Tha an Tighearna fad-fhulangach agus mòr-thròcaireach, a’ toirt maitheanais ann an aingidheachd, agus ann an easaontas, agus air chor sam bith nach saor an ciontach; a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach.


Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, agus air an treas agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi,


Oir is teine dian-loisgeach an Tighearna do Dhia; is Dia eudmhor e.


Oir cha dèan thu adhradh do dhia sam bith eile; oir an Tighearna, don ainm Eudmhor, is Dia eudmhor e:


Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Chan urrainn sibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna; oir is Dia ro‑naomh e; is Dia eudmhor e; cha lagh e ur n‑easaontais, no ur peacaidhean.


Air chuimhne biodh aingidheachd a athraichean aig an Tighearna, agus na cuirear as peacadh a mhàthar.


A‑chum nach tig sibh air feadh nan cinneach sin, na cinnich sin a mhaireas nur measg, agus nach luaidh sibh ainm an diathan, agus nach mionnaich sibh orra, agus nach dèan sibh seirbhis dhaibh, agus nach crom sibh sibh fhèin dhaibh:


(Oir tha an Tighearna do Dhia na Dhia eudmhor nur measg;) air eagal gun las fearg an Tighearna do Dhia ad aghaidh, agus gun sgrios e thu o aghaidh na talmhainn.


Tha Dia eudmhor, agus nì an Tighearna dìoghaltas, agus tha e ann am feirg; nì an Tighearna dìoghaltas air a eascairdean; agus taisgidh e corraich airson a naimhdean.


Taisbeanaidh tu coibhneas gràdhach do mhìltean, agus dìolaidh tu aingidheachd nan athraichean ann an uchd an cloinne nan dèidh; an Dia mòr, cumhachdach, don ainm Tighearna nan sluagh;


Agus bidh ur clann air seachran anns an fhàsach dà‑fhichead bliadhna, agus giùlainidh iad ur strìopachais, gus an caithear ur colainnean anns an fhàsach.


Na cuimhnich thusa nar n‑aghaidh ar n‑euceartan roimhe seo; gu luath gabhadh do thròcairean romhainn, oir thugadh gu ro‑ìosal sinn.


Cha chrom thu thu fhèin sìos dan diathan, agus cha dèan thu seirbhis dhaibh, cha mhò a nì thu a rèir an obrach, ach sgriosaidh tu gu tur iad, agus brisidh tu an dealbhan nam bloighdean.


Adhaltranaichean, agus a bhan-adhaltranaichean, nach eil fhios agaibh gur naimhdeas an aghaidh Dhè càirdeas an t‑saoghail? Ge bè air bith neach uime sin leis an àill a bhith na charaid don t‑saoghal, tha e na nàmhaid do Dhia.


Do bhrìgh gur naimhdeas an inntinn fheòlmhor an aghaidh Dhè: oir chan eil i umhail do lagh Dhè, agus cha mhò a tha e an comas dhi a bhith.


Nan luchd-ana-cainnt, nan luchd-fuath air Dia, nan luchd-tarcais, uaibhreach, nan luchd-ràiteachais, nan luchd-cumaidh uilc, eas-umhail do phàrantan,


Uime sin tagraidh mise ribh fhathast, deir an Tighearna, agus ri cloinn ur cloinne tagraidh mi.


Agus chan eil aon neach a’ toirt fa‑near na chridhe, cha mhò a tha eòlas no tuigse aige gu a ràdh, Loisg mi cuid dheth as an teine, dheasaich mi fòs aran air èibhlean dheth; ròist mi feòil agus dh’ith mi, agus an dèan mi am fuidheall dheth na ghràinealachd? An crom mi mi fhèin sìos do bhun craoibhe?


An sin bidh e aig duine a‑chum a losgadh; agus gabhaidh e dheth, agus garaidh e e fhèin; seadh, cuiridh e teine ris, agus deasaichidh e aran; seadh, nì e dia, agus bheir e adhradh dha; nì e dealbh snaidhte dheth, agus cromaidh e sìos dha.


Bheireadh luchd-fuath an Tighearna ùmhlachd dha, ach mhaireadh an aimsir-san gu bràth.


Is fhad a bhios a mhic o thèarainteachd, agus bruthar iad anns a’ gheata, gun neach ann gu an teasairginn.


Gidheadh, cha do thill an Tighearna o theas a fheirge mòire, leis an do las a fhearg an aghaidh Iùdah, airson nan uile bhrosnachadh leis an do bhrosnaich Manaseh e.


Ris an do rinn an Tighearna coicheangal, agus don tug e sparradh ag ràdh, Cha bhi eagal dhiathan eile oirbh, agus cha chrom sibh sibh fhèin dhaibh, agus cha dèan sibh seirbhis dhaibh, agus chan ìobair sibh dhaibh:


Am faic thusa mar a tha Ahab ga ùmhlachadh fhèin am fhianais-sa? A chionn gu bheil e ga ùmhlachadh fhèin am fhianais, cha toir mi an t‑olc na làithean-san: ach ann an làithean a mhic bheir mi an t‑olc air a thaigh.


Thugar dhuinn seachdnar de a mhic-san, agus crochaidh sinn suas iad don Tighearna, ann an Gibeah Shauil, a thagh an Tighearna. Agus thubhairt an rìgh, Bheir mi dhuibh iad.


Agus bha gorta ann an làithean Dhaibhidh, rè trì bliadhna, bliadhna an dèidh bliadhna. Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, agus fhreagair an Tighearna, Is ann airson Shauil, agus airson a thaighe fhuileachdaich a tha i, a chionn gun do mharbh e na Gibeonaich.


Rinn iad eudmhor mise leis an nì nach Dia, bhrosnaich iad mi gu feirg len dìomhanais: agus nì mise eudmhor iadsan leòsan nach eil nan sluagh, brosnaichidh mi iad gu feirg le cinneach amaideach.


Agus a dhìolas orrasan a dh’fhuathaicheas e, rin aodann, a‑chum an sgrios: cha dèan e moille da thaobh-san aig a bheil fuath dha; dìolaidh e air ra aodann.


Agus ithidh sibh feòil ur mac, agus feòil ur nigheanan ithidh sibh.


Cha dèan sibh dhuibh fhèin iodhalan no coslas snaidhte, agus cha chuir sibh suas ìomhaigh dhuibh fhèin, cha mhò a shuidhicheas sibh dealbh-cloiche nur fearann, gu cromadh sìos dha; oir is mise an Tighearna ur Dia.


An sin cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an duine sin, agus an aghaidh a theaghlaich, agus gearraidh mi as e, agus iadsan uile a thèid le strìopachas na dhèidh, a dhèanamh strìopachais le Molech, o mheasg an sluaigh.


Am brosnaich sinn an Tighearna gu eud? An treasa sinn na esan?


Ma tha an saoghal gur fuathachadh, tha fhios agaibh gun d’fhuathaich e mise romhaibh.


Chan eil e an comas don t‑saoghal sibhse fhuathachadh; ach fuathaichidh e mise, do bhrìgh gu bheil mi a’ toirt fianais ma thimcheall, gu bheil a obraichean olc.


Agus thubhairt e ris, Iad seo uile bheir mise dhut, ma thuiteas tu sìos agus ma nì thu adhradh dhòmhsa.


Agus thug an Tighearna Iehoiacim rìgh Iùdah da làimh, le cuid de shoithichean taigh Dhè, a thug e gu tìr Shìnair, gu taigh a dhè; seadh, thug e na soithichean gu taigh-tasgaidh a dhè.


Agus chuir e a‑mach cumachd làimhe, agus ghlac e mi air dual dem cheann, agus thog an spiorad suas mi eadar talamh agus nèamh, agus thug e mi ann an taisbeanaidhean Dhè gu Ierusalem, gu doras a’ gheata as fhaide a‑staigh, a tha ag amharc ris an àird a tuath, far an robh àite ìomhaigh an eud, a bhrosnaicheas gu eud.


Ach esan a pheacaicheas am aghaidh-sa, nì e cron da anam fhèin: iadsan uile a dh’fhuathaicheas mi, gràdhaichidh iad am bàs.


Agus bhrosnaich iad e len ionadan àrda, agus len dealbhan geàrrte dhùisg iad e gu eud.


Taisgidh Dia suas a euceart-san da chloinn: dìolaidh e dha, agus bidh fhios aig air.


A‑nis an dèidh do Amasiah teachd o àr nan Edomach, thug e leis diathan chloinn Sheir, agus chuir e suas iad dha fhèin mar dhiathan, agus chrom e e fhèin sìos romhpa, agus loisg e tùis dhaibh.


Agus bha eagal an Tighearna air na cinnich sin; gidheadh rinn iad seirbhis dan dealbhan snaidhte fhèin, araon an clann, agus clann an cloinne: mar a rinn an athraichean, is amhail a tha iadsan a’ dèanamh gus an là‑an‑diugh.


Agus nuair a bha am britheamh marbh, thill iad, agus thruaill iad iad fhèin nas mò na an athraichean, ann an leantainn dhiathan eile, gu seirbhis a dhèanamh dhaibh, agus gu cromadh sìos dhaibh; cha do sguir iad on gnìomharan fhèin, no on slighe eas-umhail.


Nuair a bhriseas sibh coicheangal an Tighearna ur Dia, a dh’àithn e dhuibh, agus a thèid sibh, agus a nì sibh seirbhis do dhiathan eile, agus a chromas sibh sibh fhèin dhaibh, an sin lasaidh fearg an Tighearna nur n‑aghaidh, agus thèid as dhuibh gu grad bhàrr an fhearainn mhaith a thug e dhuibh.


Ma gheuraicheas mi mo chlaidheamh lasrach, agus ma nì mo làmh greim air breitheanas, ìocaidh mi dìoghaltas dom naimhdean, agus bheir mi luigheachd dhaibhsan aig a bheil fuath dhomh.


Agus dh’fheòraich a dheisciobail dheth, ag ràdh, A Mhaighistir, cò a pheacaich, an duine seo, no a phàrantan, gun do rugadh dall e?


Agus a’ dèanamh tròcair do mhìltean dhiubhsan a ghràdhaicheas mi, agus a ghleidheas m’àitheantan.


Agus thubhairt esan, Bha mi ro‑eudmhor airson an Tighearna, Dia nan slògh: oir thrèig clann Israeil do choicheangal, thilg iad sìos d’altairean, agus mharbh iad d’fhàidhean leis a’ chlaidheamh; agus dh’fhàgadh mise a‑mhàin, agus tha iad ag iarraidh m’anama, a‑chum a thoirt air falbh.


Gidheadh tha sibhse ag ràdh, Carson? Nach eil am mac a’ giùlan aingidheachd an athar? Nuair a rinn am mac an nì sin a tha dligheach agus ceart, a ghlèidh e mo reachdan-sa uile, agus a rinn e iad, mairidh e gu cinnteach beò.


An sin thubhairt mi riu, Tilgibh uaibh, gach aon neach, gràinealachdan a shùl, agus na truaillibh sibh fhèin le iodhalan na h‑Eiphit; is mise Iehòbhah ur Dia.


Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, A‑nis bheir mi air a h‑ais bruid Iàcoib, agus nì mi tròcair air uile thaigh Israeil, agus bidh mi eudmhor airson m’ainme naoimh:


Thill Phinehas mac Eleàsair mhic Aaroin an sagart mo chorraich air falbh o chloinn Israeil, nuair a bha e eudmhor as mo leth nam measg, air chor is nach do chuir mi as do chloinn Israeil am eud.


Anns an nì seo gun tugadh an Tighearna maitheanas dod sheirbhiseach, nuair a thèid mo thighearna a‑steach do thaigh Rimoin a dhèanamh adhraidh an sin, agus a leigeas e a thaic air mo làimh-sa, agus a chromas mise mi fhèin sìos ann an taigh Rimoin, gun tugadh an Tighearna maitheanas dod sheirbhiseach anns an nì seo.


Uime sin dlùth-leanaidh luibhre Nàamain riutsa, agus rid shliochd gu bràth. Agus chaidh e a‑mach as a fhianais, na lobhar, geal mar shneachd.


Ach ma thionndaidheas sibh uam, agus gun trèig sibh mo reachdan agus m’àitheantan a chuir mi romhaibh, agus gun tèid sibh agus gun dèan sibh seirbhis do dhiathan eile, agus gun sleuchd sibh dhaibh:


Ciod as ciall dhuibh gu bheil sibh a’ gnàthachadh an t‑sean-fhacail seo a‑thaobh dùthaich Israeil, ag ràdh, Dh’ith na h‑athraichean dearcan searbha, agus tha dèisinn air fiaclan na cloinne?


Ach mura dèan, biodh fhios agad, O rìgh, nach toir sinn seirbhis dod dhiathan no adhradh don ìomhaigh òir a chuir thu suas.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan