Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 20:4 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Na dèan dhut fhèin dealbh snaidhte no coslas sam bith a dh’aon nì, a tha anns na nèamhan shuas, no air an talamh shìos, no anns na h‑uisgeachan fon talamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Na dèan dhut fhèin dealbh snaidhte no coslas sam bith a dh’aon nì, a tha anns na nèamhan shuas, no air an talamh shìos, no anns na h‑uisgeachan fon talamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 20:4
41 Iomraidhean Croise  

Uime sin ghabh an rìgh comhairle, agus rinn e dà laogh òir, agus thubhairt e riu, Is mòr oirbh dol suas gu Ierusalem: feuch do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit.


Oir rinn iad seirbhis do iodhalan, mun dubhairt an Tighearna riu, Cha dèan sibh an nì seo.


Agus chuir e dealbh snaidhte, iodhal a rinn e, ann an taigh Dhè, mun dubhairt Dia ri Daibhidh, agus ri Solamh a mhac, Anns an taigh seo, agus ann an Ierusalem, a thagh mi à uile threubhan Israeil, cuiridh mi m’ainm gu bràth.


Agus bhrosnaich iad e len ionadan àrda, agus len dealbhan geàrrte dhùisg iad e gu eud.


Bidh amhluadh orrasan uile a nì seirbhis do dhealbhan snaidhte, a nì uaill à iodhalan; sleuchdaibh dha, a dhiathan uile.


Cha dèan sibh maille riumsa diathan airgid, agus diathan òir cha dèan sibh dhuibh fhèin.


Agus nuair a chunnaic an sluagh gun do rinn Maois moille ann an teachd a‑nuas as an t‑sliabh, chruinnich iad iad fhèin gu Aaron, agus thubhairt iad ris, Eirich suas, dèan dhuinne diathan a thèid romhainn; oir a‑thaobh a’ Mhaois seo, an duine a thug a‑nìos sinn à tìr na h‑Eiphit, chan eil fhios againn ciod a thàinig air.


Oir thubhairt iad rium, Dèan dhuinn diathan, a thèid romhainn; oir a‑thaobh a’ Mhaois seo, an duine a thug a‑mach sinn à tìr na h‑Eiphit, chan fhios dhuinn ciod a thàinig air.


Agus ghabh e iad as an làimh; agus chum e e le inneal-gearraidh, an dèidh dha laogh leaghte a dhèanamh dheth, agus thubhairt iad, Sin do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit.


Chlaon iad gu grad on t‑slighe a dh’àithn mise dhaibh: rinn iad dhaibh fhèin laogh leaghte; agus rinn iad adhradh dha, agus thug iad suas ìobairtean dha, agus thubhairt iad, Sin do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit.


Cha dèan thu dhut fhèin diathan leaghte.


Tillear air an ais, nàraichear gu tur, iadsan a tha a’ cur an dòchais ann an dealbh snaidhte; a tha ag ràdh ris na dealbhan leaghte, Is sibhse ar diathan-ne.


Is mise Iehòbhah, is e sin m’ainm: agus mo ghlòir cha tabhair mi do neach eile, no mo chliù do dhealbhan snaidhte.


Tha iad air an nàrachadh, tha iad eadhon air am maslachadh, an t‑iomlan dhiubh; cuirear iad maraon gu amhluadh, a tha nan luchd-dèanamh iodhalan.


An sin thubhairt mi riu, Tilgibh uaibh, gach aon neach, gràinealachdan a shùl, agus na truaillibh sibh fhèin le iodhalan na h‑Eiphit; is mise Iehòbhah ur Dia.


Mar sin chaidh mi a‑steach agus chunnaic mi, agus, feuch, uile chosamhlachdan gach nì a shnàigeas, agus gach beathaich ghràineil, agus uile iodhalan taigh Israeil air an tarraing air a’ bhalla, gach taobh mun cuairt.


Agus chuir e a‑mach cumachd làimhe, agus ghlac e mi air dual dem cheann, agus thog an spiorad suas mi eadar talamh agus nèamh, agus thug e mi ann an taisbeanaidhean Dhè gu Ierusalem, gu doras a’ gheata as fhaide a‑staigh, a tha ag amharc ris an àird a tuath, far an robh àite ìomhaigh an eud, a bhrosnaicheas gu eud.


Na rachaibh a thaobh gu iodhalan, agus na dèanaibh diathan leaghte dhuibh fhèin: Is mise an Tighearna ur Dia.


Cha dèan sibh dhuibh fhèin iodhalan no coslas snaidhte, agus cha chuir sibh suas ìomhaigh dhuibh fhèin, cha mhò a shuidhicheas sibh dealbh-cloiche nur fearann, gu cromadh sìos dha; oir is mise an Tighearna ur Dia.


Beul ri beul labhraidh mi ris-san, eadhon gu soilleir, agus chan ann am briathran dorcha, agus chì e coslas an Tighearna: carson matà nach robh eagal oirbh labhairt an aghaidh mo sheirbhisich Maois?


Uime sin do bhrìgh gur sinne gineal Dhè, cha chòir dhuinn a shaoilsinn gu bheil an Diadhachd cosmhail ri òr, no ri airgead, no ri cloich, nithean a ghearradh le ealadhain agus innleachd dhaoine.


Agus chaochail iad glòir an Dè neo-thruaillidh gu dealbh a rinneadh cosmhail ri duine truaillidh, agus ri eunlaith, agus ainmhidhean ceithir-chasach, agus biasdan snàigeach.


Cha mhò a chuireas tu suas dhut fhèin dealbh sam bith, nì as fuathach leis an Tighearna do Dhia.


Mallaichte gu robh an duine a nì dealbh snaidhte no leaghte, gràinealachd don Tighearna, obair-làmh an fhir-cheàirde, agus a chuireas e ann an ionad diamhair: agus freagraidh an sluagh uile, agus their iad, Amen.


Na dèan dhut fhèin dealbh snaidhte, no coslas air bith a dh’aon nì a tha shuas air nèamh, no a tha shìos air an talamh, no a tha anns na h‑uisgeachan fon talamh.


Agus dh’imich an ciad aingeal, agus thaom e a shoitheach air an talamh; agus dh’èirich droch neasgaid nimhneach air na daoine sin aig an robh comharradh an fhiadh-bheathaich, agus orrasan a rinn adhradh da ìomhaigh.


Agus cha do ghabh a’ chuid eile de na daoine, nach do mharbhadh leis na plàighean sin, aithreachas de obraichean an làmh, ionnas nach dèanadh iad adhradh do dheamhain, agus do dhealbhan òir, agus airgid, agus umha, agus cloiche, agus fiodha; nach urrainn faicinn, no cluinntinn, no imeachd:


Agus nuair a thug e air ais am mìle agus an ceud secel airgid da mhàthair, thubhairt a mhàthair, Naomhaich mi gu h‑iomlan an t‑airgead don Tighearna om làimh airson mo mhic, a dhèanamh deilbh shnaidhte, agus deilbh leaghte: a‑nis, matà, bheir mi air ais dhut e.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan