Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 22:18 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

18 Cha leig thu le ban-fhiosaiche a bhith beò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

18 Cha leig thu le ban‐fhiosaiche a bhith beò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 22:18
17 Iomraidhean Croise  

Agus fannaichidh spiorad na h‑Eiphit na meadhon; agus cuiridh mi ann an neo-bhrìgh a comhairle; agus iarraidh iad a‑chum nan iodhalan, agus a‑chum nan draoidhean, agus a‑chum na muinntir aig a bheil leannain-shìth, agus a‑chum an luchd-fiosachd.


Oir tha iad a’ fàistneachd brèige dhuibh, a‑chum ur n‑atharrachadh fad o ur fearann fhèin, agus a‑chum gum fògrainn-sa a‑mach sibh, agus gun rachadh sibh am mugha.


Uime sin na èisdibh-se ri ur fàidhean, no ri ur fiosaichean, no ri ur bruadaraichean, no ri ur speuradairean, no ri ur draoidhean, a tha a’ labhairt ribh, ag ràdh, Cha toir sibh gèill do rìgh Bhàbiloin:


Cha mhò a laigheas tu le ainmhidh sam bith gud thruailleadh fhèin leis; cha mhò a sheasas bean sam bith ro ainmhidh gu laighe sìos dha: is amhluadh e.


Chan ith sibh nì sam bith leis an fhuil: cha mhò a ghnàthaicheas sibh draoidheachd, no a nì sibh fiosachd.


Na biodh suim agaibh dhiùbhsan aig a bheil leannain-shìdh, agus na iarraibh a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu bhith air ur truailleadh leo: Is mise an Tighearna ur Dia.


Bean no duine, mar an ceudna, aig a bheil leannan-sìdh, no a bhios ri fiosachd, cuirear gu deimhinn gu bàs iad: clachaidh iad le clachan iad; bidh am fuil orra fhèin.


Agus an t‑anam a thèid a thaobh a dh’ionnsaigh muinntir aig a bheil leannain-shìdh, agus a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu dol le strìopachas nan dèidh, cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh.


Agus thug mòran dhiubhsan a bha a’ gnàthachadh dhroch innleachdan an leabhraichean leo, agus loisg iad iad am fianais nan uile; agus rinn iad an luach àireamh, agus fhuair iad e na lethcheud mìle bonn airgid.


Iodhal-adhradh, draoidheachd, naimhdeas, connsachadh, co‑fharpais, fearg, còmhstri, aimhreit, saobh-chreideamh.


Mallaichte gu robh esan a laigheas le ainmhidh sam bith: agus their an sluagh uile, Amen.


Oir an taobh a‑muigh tha madaidhean, agus luchd-draoidheachd, agus luchd-strìopachais, agus luchd-mort, agus luchd-iodhal-adhraidh, agus gach neach a ghràdhaicheas, agus a nì, breug.


A‑nis fhuair Samuel bàs, agus rinn Israel uile caoidh air a shon, agus dh’adhlaic iad e ann an Ramah, na bhaile fhèin: agus chuir Saul air falbh iadsan aig an robh leannain-shìdh, agus na fiosaichean, as an tìr.


Agus thubhairt a’ bhean ris, Feuch, tha fhios agad ciod a rinn Saul, cionnas a gheàrr e as iadsan aig an robh leannain-shìdh, agus na fiosaichean, as an tìr: carson, matà, a tha thu a’ leagadh ribe airson m’anama, a‑chum mo chur gu bàs?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan