Earrannan Bìoball

Sanasan


Fo-roinn

94 Rainn Bhìoball air Speuradaireachd 's Fàisneachd


Isaiah 57:5

A’ fadadh ur n‑ana-miann le iodhalan fo gach crann uaine; a’ marbhadh na cloinne anns na glinn, fo sgoltan nan creag.

Ieremiah 10:3-5

Oir tha gnàthachadh nan slògh na fhìor-dhìomhanas: oir tha iad a’ gearradh craoibhe as a’ choille, obair-làmh an fhir a dh’obraicheas le inneal geur.

Le airgead agus le òr tha iad ga dèanamh maiseach, le tàirngean agus le ùird tha iad ga dèanamh daingeann, air chor is nach gluais i.

Mar chrann-pailme tha iad seo rag, agus cha labhair iad: is èiginn an giùlan, a chionn nach urrainn iad imeachd: na biodh eagal oirbhse romhpa, oir chan urrainn iad cron a dhèanamh: agus fòs math a dhèanamh chan eil nan comas.

Isaiah 44:10

Cò a dhealbh dia, no a thilg dealbh leaghte, anns nach eil tairbhe sam bith?

2 Eachdraidh 14:3

Oir chuir e air falbh altairean nan diathan coimheach, agus na h‑àitean àrda, agus bhris e sìos na dealbhan, agus gheàrr e sìos na doireachan;

Ieremiah 8:19

Feuch, guth glaodh nighean mo shluaigh, o thìr chèin: Nach eil an Tighearna ann an Sion? Nach eil a rìgh innte? Carson, matà, a bhrosnaich iad mise gu feirg len dealbhan snaidhte, agus len dìomhanais choimheach?

Isaiah 17:8

Agus chan amhairc e air na h‑altairean a rinn a làmhan fhèin, agus air an nì sin a dhealbh a mheòir cha seall e; araon na doireachan agus na dealbhan.

Mata 4:10

An sin thubhairt Iosa ris, Imich uam, a Shàtain: oir tha e sgrìobhte, Bheir thu adhradh don Tighearna do Dhia, agus dhàsan na aonar nì thu seirbhis.

Ròmanaich 12:2

Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.

Isaiah 57:3

Ach thigibh-se am fagas an seo, a mhaca na ban-fhiosaiche, a shliochd an adhaltrannaich agus na strìopaich.

Salm 115:4-7

Is airgead agus òr an iodhalan-san, obair làmhan dhaoine!

Tha beòil aca, ach cha labhair iad; sùilean aca, ach chan fhaic iad.

Tha cluasan aca, ach cha chluinn iad; srònan aca, ach cha ghabh iad fàile.

Tha làmhan aca, ach cha làimhsich iad; casan aca, ach chan imich iad; agus cha labhair iad tro an sgòrnan.

Isaiah 44:6-8

Mar seo deir an Tighearna, rìgh Israeil, agus a fhear-saoraidh, Tighearna nan sluagh, Is mi an ciad neach, agus is mi an neach deireannach; agus a‑mach uamsa chan eil dia ann.

Agus cò, mar mise, a ghairmeas, agus a chuireas an cèill e, agus a chuireas an òrdagh dhomh e, on àm anns an do shuidhich mi an sluagh o shean? No a chuireas an cèill dhuinn na nithean a tha a’ teachd, agus a tha ri teachd.

Na biodh eagal oirbh, agus na biodh geilt oirbh; nach d’fhoillsich mise dhut on àm ud, agus nach d’innis mi? Seadh, is fianaisean sibh dhomh. A bheil dia ann ach mise? Seadh chan eil dia eile ann; chan aithne dhomh aon.

Eseciel 23:49

Agus dìolaidh mi ribh ur gràinealachd, agus giùlainidh sibh lochdan ur n‑iodhalan, agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna Dia.

Salm 31:6

Is fuath leat iadsan a bheir fa‑near dìomhanasan breugach; ach anns an Tighearna chuir mise mo dhòchas.

Eseciel 20:7

An sin thubhairt mi riu, Tilgibh uaibh, gach aon neach, gràinealachdan a shùl, agus na truaillibh sibh fhèin le iodhalan na h‑Eiphit; is mise Iehòbhah ur Dia.

Ecsodus 20:4-5

Na dèan dhut fhèin dealbh snaidhte no coslas sam bith a dh’aon nì, a tha anns na nèamhan shuas, no air an talamh shìos, no anns na h‑uisgeachan fon talamh.

Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;

2 Corintianach 6:16

Agus ciod a’ cho-rèite a tha aig teampall Dhè ri iodhalan? Oir is sibhse teampall an Dè bheò; a rèir mar a thubhairt Dia, Gabhaidh mise còmhnaidh annta, agus gluaisidh mi nam measg; agus bidh mise am Dhia acasan, agus bidh iadsan nan sluagh agamsa.

Lebhiticus 19:26

Chan ith sibh nì sam bith leis an fhuil: cha mhò a ghnàthaicheas sibh draoidheachd, no a nì sibh fiosachd.

Deuteronomi 32:17

Dh’ìobair iad do dheamhain, chan ann do Dhia; do dhiathan nach b’aithne dhaibh, do dhiathan nuadha a dh’ùr‑èirich suas, ro nach robh eagal air ur n‑athraichean.

1 Rìgh 18:21

Agus thàinig Eliah a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh uile, agus thubhairt e, Cia fhada a bhios sibh anns an ioma-chomhairle eadar dhà bharail? Mas e an Tighearna as Dia ann, leanaibh e; ach mas e Bàal, leanaibh esan. Ach cha do fhreagair an sluagh e aon fhacal.

Mata 6:24

Chan urrainn neach air bith seirbhis a dhèanamh do dhà thighearna: oir an dara cuid bidh fuath aige do neach aca, agus gràdh do neach eile; no gabhaidh e le neach aca, agus nì e tàir air neach eile. Chan urrainn sibh seirbhis a dhèanamh do Dhia agus do Mhamon.

Isaiah 29:13

Uime sin thubhairt an Tighearna, Do bhrìgh gu bheil an sluagh seo a’ teachd dlùth dhòmhsa lem beul, agus a’ toirt onair dhomh lem bilean, ach nan cridhe gun do theich iad fada uam; agus gu bheil an eagal romhamsa air a theagasg le àitheantan dhaoine;

1 Corintianach 10:14

Air an adhbhar sin, a mhuinntir mo ghràidh, teichibh o iodhal-adhradh.

Salm 16:4

Meudaichear an doilgheasan dhaibhsan a nì deifir an dèidh dhiathan eile; chan ìobair mi an ìobairtean-dibhe de fhuil, agus cha luaidh mi air an ainmean lem bhilean.

Ieremiah 10:11

Mar seo their sibh riu, Na diathan nach do rinn na nèamhan no an talamh, sgriosar iad a‑mach on talamh, agus o bhith fo na nèamhan seo.

2 Corintianach 4:4

Anns an do dhall dia an t‑saoghail seo inntinn na dream nach eil nan creidmhich, air eagal gun dealraicheadh orra solas soisgeul glòrmhor Chrìosd, neach as e ìomhaigh Dhè.

1 Corintianach 6:19

An e nach eil fhios agaibh gur e ur corp teampall an Spioraid Naoimh a tha annaibh, a tha agaibh o Dhia, agus cha leibh fhèin sibh?

Ecsodus 34:14

Oir cha dèan thu adhradh do dhia sam bith eile; oir an Tighearna, don ainm Eudmhor, is Dia eudmhor e:

Ieremiah 25:6

Agus na rachaibh an dèidh dhia coimheach gu seirbhis a dhèanamh dhaibh, agus gu adhradh a thoirt dhaibh, agus na brosnaichibh mise gu corraich le obair ur làmh; agus cha dèan mi olc oirbh.

1 Rìgh 18:40

Agus thubhairt Eliah riu, Glacaibh fàidhean Bhàail; na rachadh duine dhiubh as. Agus ghlac iad iad; agus thug Eliah sìos iad gu sruth Chisoin, agus mharbh e iad an sin.

1 Rìgh 11:4

Oir thachair, ann an àm seann aois Sholaimh, gun do chlaon a mhnathan a chridhe an dèidh dhiathan eile: agus cha robh a chridhe iomlan leis an Tighearna a Dhia, mar a bha cridhe Dhaibhidh a athair.

Mata 7:15

Coimheadaibh sibh fhèin o na fàidhean brèige, a thig dur n‑ionnsaigh ann an culaidhean chaorach, ach a tha on leth a‑staigh nam madaidhean-allaidh.

2 Timòteus 3:5

Aig a bheil coslas diadhachd, ach a tha ag àicheadh a cumhachd: on leithidean sin tionndaidh-sa air falbh.

Salm 96:5

Oir is iodhalan uile dhiathan nan cinneach, ach is e an Tighearna a rinn na nèamhan.

1 Eòin 2:15

Na gràdhaichibh an saoghal, no na nithean a tha anns an t‑saoghal. Ma ghràdhaicheas neach air bith an saoghal, chan eil gràdh an Athar ann.

Salm 78:58

Agus bhrosnaich iad e len ionadan àrda, agus len dealbhan geàrrte dhùisg iad e gu eud.

Taisbeanadh 13:4

Agus rinn iad adhradh don dràgon, a thug a chumhachd don fhiadh-bheathach: agus rinn iad adhradh don fhiadh-bheathach, ag ràdh, Cò a tha cosmhail ris an fhiadh-bheathach? Cò a tha comasach air cogadh a dhèanamh na aghaidh?

1 Samuel 7:3

Agus labhair Samuel ri uile thaigh Israeil, ag ràdh, Ma thilleas sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna le ur n‑uile chridhe, an sin cuiribh air falbh na diathan coimheach as ur measg, Bàalim agus Astarot: agus ullaichibh ur cridhe a‑chum an Tighearna, agus dèanaibh seirbhis dhàsan a‑mhàin, agus saoraidh e sibh à làimh nam Philisteach.

2 Rìgh 21:11

A chionn gun do rinn Manaseh rìgh Iùdah na gràinealachdan seo, agus gun do rinn e nas miosa na na h‑uile nithean a rinn na h‑Amoraich a bha roimhe, agus gun tug e air Iùdah mar an ceudna peacachadh le iodhalan:

Isaiah 44:20

Tha e a’ teachd beò air luaithre; thug cridhe meallta air seachran e, air chor is nach toir e as a anam fhèin; cha mhò a their e, Nach eil breug ann am làimh dheis?

Colosianach 2:18

Na mealladh aon neach ur duais uaibh le irioslachd thoileil, agus adhradh do ainglean, a’ fòirneadh a‑steach gu dàna a‑chum nan nithean nach faca e, gu dìomhain air a shèideadh suas le a inntinn fheòlmhoir fhèin;

Isaiah 1:29

Oir gabhaidh iad nàire de na daragan a mhiannaich sibh; agus bidh rudhadh gruaidh oirbh airson nan liosan a roghnaich sibh:

1 Corintianach 12:2

Tha fhios agaibh gu robh sibh nur Cinnich, air ur tarraing gu iodhalan balbha, a rèir mar a threòraicheadh sibh.

Hosèa 4:12

Tha mo shluagh-sa ag iarraidh comhairle air an croinn, agus tha an lorg a’ dèanamh foillseachaidh dhaibh: oir thug spiorad an strìopachais orra dol air seachran, agus chaidh iad le strìopachas air falbh on Dia.

Isaiah 44:18

Chan eil eòlas aca, cha mhò a tha tuigse aca; oir dhruid e an sùilean air chor is nach faic iad, agus an cridheachan air chor is nach tuig iad.

Ieremiah 51:17

Dh’fhàs gach duine mar bhrùid na eòlas; nàraicheadh gach òr‑cheàrd le ìomhaigh leaghte: oir is nì breugach an dealbhan leaghte, agus chan eil anail annta.

Ròmanaich 1:21

Do bhrìgh nuair a b’aithne dhaibh Dia, nach tug iad glòir dha mar Dhia, agus nach robh iad taingeil, ach gun d’fhàs iad dìomhain nan reusonachadh fhèin, agus gun do dhorchaicheadh an cridhe amaideach.

Ecsodus 20:5

Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;

Deuteronomi 18:10-12

Chan fhaighear nur measg neach air bith a bheir air a mhac no air a nighinn dol tron teine, no a ghnàthaicheas fiosachd, no speuradair, no fear-fàistinneachd, no a ghnàthaicheas droch innleachdan,

No seunadair, no neach a dh’fhiosraicheas de leannan-sìdh, no draoidh, no neach a dh’iarras eòlas o na mairbh.

Oir is gràinealachd don Tighearna iadsan uile a nì na nithean sin; agus airson nan gràinealachd sin, tha an Tighearna do Dhia gam fuadachadh a‑mach romhad.

Isaiah 2:6

Air an adhbhar sin thrèig thu do shluagh, taigh Iàcoib, a chionn gu bheil iad air an lìonadh on àird an ear, agus nan luchd-fiosachd mar na Philistich; agus tha an tlachd ann an cloinn choigreach.

1 Samuel 15:23

Oir mar pheacadh na draoidheachd tha ceannairc, agus mar aingidheachd iodhal-adhraidh tha rag-mhuinealachd: a chionn gun do chuir thusa cùl ri facal an Tighearna, chuir esan mar an ceudna cùl riutsa o bhith ad rìgh.

Ieremiah 14:14

An sin thubhairt an Tighearna rium, Tha na fàidhean ri fàistneachd bhrèige ann am ainm-sa; cha do chuir mise uam iad, cha mhò a thug mi àithne dhaibh, cha mhò a labhair mi riu: sealladh breugach, agus fiosachd, agus neoni, agus mealltaireachd an cridhe fhèin, tha iad a’ fàistneachd dhuibh.

Gnìomharan 16:16-18

Agus thàrladh, a’ dol dhuinne a‑chum ùrnaigh, gun do thachair oirnn banoglach àraidh aig an robh spiorad fiosachd, a thug mòr-bhuannachd da maighistirean le fiosachd a dhèanamh:

Lean ise Pòl agus sinne, agus ghlaodh i, ag ràdh, Is iad na daoine seo seirbhisich an Dè as ro‑àirde, a tha a’ nochdadh dhuinne slighe na slàinte.

Agus rinn i seo rè mòran làithean. Ach air do Phòl a bhith duilich, thionndaidh e agus thubhairt e ris an spiorad, Tha mi a’ toirt òrdaigh dhut ann an ainm Iosa Crìosd dol a‑mach aisde. Agus chaidh e a‑mach air an uair sin fhèin.

2 Peadar 2:1

Ach bha fàidhean brèige mar an ceudna am measg an t‑sluaigh, amhail a bhios luchd-teagaisg brèige nur measg-se, dream a bheir a‑steach an uaigneas saobh-chreideamh millteach, eadhon ag àicheadh an Tighearna a cheannaich iad, agus a bheir sgrios obann orra fhèin.

Mata 24:24

Oir èiridh Crìosdan brèige agus fàidhean brèige, agus nì iad comharraidhean agus mìorbhailean mòra, ionnas gum mealladh iad, nam faodadh e a bhith, na daoine taghte fhèin.

Taisbeanadh 22:15

Oir an taobh a‑muigh tha madaidhean, agus luchd-draoidheachd, agus luchd-strìopachais, agus luchd-mort, agus luchd-iodhal-adhraidh, agus gach neach a ghràdhaicheas, agus a nì, breug.

Lebhiticus 19:4

Na rachaibh a thaobh gu iodhalan, agus na dèanaibh diathan leaghte dhuibh fhèin: Is mise an Tighearna ur Dia.

1 Timòteus 4:1

A‑nis tha an Spiorad ag ràdh gu soilleir, anns na h‑aimsirean deireannach gun trèig dream àraidh an creideamh, a’ toirt aire do spioradan mealltach, agus do theagasgan dheamhan;

Deuteronomi 18:14

Oir dh’èisd na cinnich sin a shealbhaicheas tusa ri speuradairean, agus ri fiosaichean: ach air do shon-sa, cha do leig an Tighearna do Dhia leat dèanamh mar sin.

Ecsodus 22:18

Cha leig thu le ban-fhiosaiche a bhith beò.

Ieremiah 27:9

Uime sin na èisdibh-se ri ur fàidhean, no ri ur fiosaichean, no ri ur bruadaraichean, no ri ur speuradairean, no ri ur draoidhean, a tha a’ labhairt ribh, ag ràdh, Cha toir sibh gèill do rìgh Bhàbiloin:

Lebhiticus 19:31

Na biodh suim agaibh dhiùbhsan aig a bheil leannain-shìdh, agus na iarraibh a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu bhith air ur truailleadh leo: Is mise an Tighearna ur Dia.

Lebhiticus 20:6

Agus an t‑anam a thèid a thaobh a dh’ionnsaigh muinntir aig a bheil leannain-shìdh, agus a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu dol le strìopachas nan dèidh, cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh.

Isaiah 47:13

Tha thu air do sgìtheachdadh ann an lìonmhorachd do chomhairlean. Seasadh na speuradairean suas, luchd-amhairc nan reultan, iadsan a tha ri fiosachd gach mìos, agus tèarnadh iad thu o na nithean a tha gu teachd ort.

Isaiah 8:19

Agus nuair a their iad ribh, Iarraibh a‑chum nam ban-fhiosaichean, agus a‑chum nan draoidhean, muinntir a nì bìdeil agus borbhanaich; nach bu chòir do shluagh iarraidh a‑chum an Dè? An ann a dh’iarradh iad a‑chum nam marbh, an àite nam beò?

Deuteronomi 4:19

Agus air eagal gun tog thu suas do shùilean ri nèamh, agus nuair a chì thu a’ ghrian, agus a’ ghealach, agus na reultan, eadhon slòigh nèimh uile, gun tàirngear thu gu cromadh sìos dhaibh, agus gu adhradh a dhèanamh dhaibh, a roinn an Tighearna do Dhia ris gach cinneach a tha fo nèamh uile.

Ieremiah 10:2

Mar seo deir an Tighearna, Na fòghlamaibh slighe nan cinneach, agus na biodh eagal oirbh ro chomharraidhean nan nèamhan, ged tha eagal air na cinnich romhpa.

2 Rìgh 21:6

Agus thug e air a mhac dol tron teine, agus rinn e fiosachd, agus ghnàthaich e draoidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth, agus luchd-fiosachd: dh’obraich e mòr aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.

2 Eachdraidh 33:6

Agus thug e air a chloinn dol tron teine ann an gleann mac Hinoim; agus sheall e air comharraidhean, agus ghnàthaich e geasachd agus draoidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth agus luchd-fiosachd: dh’obraich e mòr-aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.

Isaiah 44:25

A bheir gu neoni comharraidhean nam mealltairean, agus a chuireas na fiosaichean air a’ chuthach; a thilleas daoine glice air an ais, agus a thionndaidheas an eòlas gu amaideachd;

Galàtianach 5:19-21

A‑nis tha obraichean na feòla follaiseach, as iad seo, adhaltranas, strìopachas, neòghlaine, macnas.

Feuch, tha mise Pòl ag ràdh ribh, ma thimcheall-ghearrar sibh, nach bi tairbhe air bith dhuibh ann an Crìosd.

Iodhal-adhradh, draoidheachd, naimhdeas, connsachadh, co‑fharpais, fearg, còmhstri, aimhreit, saobh-chreideamh.

Farmad, mortan, misg, raoidhteireachd, agus an leithidean sin: mum bheil mi ag innse dhuibh ro‑làimh, mar a dh’innis mi dhuibh cheana mar an ceudna, nach sealbhaich iadsan a nì an leithidean sin rìoghachd Dhè.

Micah 5:12

Agus gearraidh mi na draoidhean a‑mach as do mheadhon; agus cha bhi fiosaichean air bith agad.

Taisbeanadh 21:8

Ach aig an dream sin a tha gealtach, agus mì‑chreidmheach, agus gràineil, agus aig luchd-mort, agus strìopachais, agus draoidheachd, agus iodhal-adhraidh, agus aig na h‑uile bhreugairean, bidh an cuibhreann anns an loch a tha a’ dearg-lasadh le teine agus pronnasg, nì as e an dara bàs.

Taisbeanadh 9:20

Agus cha do ghabh a’ chuid eile de na daoine, nach do mharbhadh leis na plàighean sin, aithreachas de obraichean an làmh, ionnas nach dèanadh iad adhradh do dheamhain, agus do dhealbhan òir, agus airgid, agus umha, agus cloiche, agus fiodha; nach urrainn faicinn, no cluinntinn, no imeachd:

Ieremiah 29:8

Oir mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Na meallar sibh leis na fàidhean a tha nur measg, agus le ur luchd-fiosachd; cha mhò a dh’èisdeas sibh ri ur bruadair a tha sibh a’ toirt fa‑near a bhruadar.

Salm 106:35-36

Ach cho-mheasg iad iad fhèin am measg nan cinneach, agus dh’fhòghlaim iad an obraichean;

Agus rinn iad seirbhis dan iodhalan, a bha mar ribe dhaibh;

Colosianach 3:5

Uime sin claoidhibh ur buill a tha air an talamh, strìopachas, neòghlaine, fonn-collaidh, ana-miannan, agus sannt, nì as iodhal-adhradh;

2 Rìgh 23:5

Agus chuir e as do shagartan an iodhal-adhraidh, a dh’òrdaich rìghrean Iùdah a losgadh tùis anns na h‑àitean àrda, ann am mòr-bhailtean Iùdah, agus anns na h‑àitean mu thimcheall Ierusaleim; iadsan mar an ceudna a loisg tùis do Bhàal, don ghrèin, agus don ghealaich, agus do na reultan seachranach, agus do uile armailt nèimh.

Isaiah 30:22

Agus truaillidh sibh trusgan ur dealbhan airgid, agus sgeadachadh do dhealbhan òir; tilgidh tu uat iad mar aodach truaillte; their thu ris, Teich uam.

Ecsodus 20:3

Na biodh diathan sam bith eile agad am làthair-sa.

Deuteronomi 11:16

Thugaibh an aire dhuibh fhèin, air eagal gum meallar ur cridhe, agus gun claon sibh a lethtaobh, agus gun dèan sibh seirbhis do dhiathan eile, agus gun dèan sibh adhradh dhaibh;

Ieremiah 2:5

Mar seo deir an Tighearna, Ciod an t‑euceart a fhuair ur n‑athraichean annamsa, gun d’imich iad fada uam, agus gun do ghluais iad an dèidh dìomhanais, agus gun d’fhàs iad dìomhain?

Ieremiah 23:32

Feuch tha mise an aghaidh na muinntir a tha a’ fàistneachd aislingean brèige, deir an Tighearna, agus a tha gan innse, agus a’ toirt air mo shluagh-sa dol air seachran lem breugan agus lem briathran faoine; cha mhò a thug mi àithne dhaibh; air an adhbhar sin cha dèan iad, air aon chor, tairbhe don t‑sluagh seo, deir an Tighearna.

2 Rìgh 17:17

Agus thug iad air am mic agus air an nigheanan dol tron teine, agus ghnàthaich iad fiosachd agus draoidheachd, agus reic iad iad fhèin a dhèanamh uilc ann an sealladh an Tighearna, a‑chum a bhrosnachadh gu feirg.

Deuteronomi 7:25

Dealbhan snaidhte an diathan loisgidh sibh le teine: cha mhiannaich thu an t‑airgead no an t‑òr a tha orra, cha mhò a ghabhas tu e dhut fhèin, air eagal gun ribear thu leis: oir is gràinealachd e don Tighearna do Dhia.

Gnìomharan 19:19

Agus thug mòran dhiubhsan a bha a’ gnàthachadh dhroch innleachdan an leabhraichean leo, agus loisg iad iad am fianais nan uile; agus rinn iad an luach àireamh, agus fhuair iad e na lethcheud mìle bonn airgid.

2 Corintianach 11:14

Agus chan iongantach sin: oir cuirear Sàtan fhèin an cruth aingeal soillse.

1 Eòin 4:1

A mhuinntir ionmhainn, na creidibh gach uile spiorad, ach dearbhaibh na spioradan, an ann o Dhia a tha iad: do bhrìgh gu bheil mòran fhàidhean brèige air dol a‑mach don t‑saoghal.

Colosianach 2:8

Thugaibh an aire nach dèan neach air bith fòirneart oirbh tre fheallsanachd agus mealltaireachd dhìomhain, a rèir beul-aithris dhaoine, a rèir ciad-thoiseachan an t‑saoghail, agus chan ann a rèir Chrìosd:

Eseciel 13:6

Chunnaic iad dìomhanas, agus rinn iad fiosachd bhrèige, ag ràdh, Deir an Tighearna, nuair nach do chuir an Tighearna a‑mach iad: agus thug iad air daoine earbsa gun daingnicheadh iad am facal.

Ieremiah 10:14

Dh’fhàs gach duine mar bhrùid na eòlas; nàraicheadh gach òr‑cheard le ìomhaigh leaghte; oir is nì breugach an dealbhan leaghte, agus anail air bith chan eil annta.

Isaiah 47:12-13

Seas suas a‑nis led ghisreagan, agus le lìonmhorachd do dhraoidheachdan, anns an do shaothraich thu od òige; mas e is gur urrainn thu buannachd fhaghail, mas e is gum faod thu buadhachadh.

Tha thu air do sgìtheachdadh ann an lìonmhorachd do chomhairlean. Seasadh na speuradairean suas, luchd-amhairc nan reultan, iadsan a tha ri fiosachd gach mìos, agus tèarnadh iad thu o na nithean a tha gu teachd ort.

Deuteronomi 12:29-31

Nuair a ghearras an Tighearna do Dhia as na cinnich romhad, a tha thu a’ dol a‑steach an siud a‑chum an sealbhachadh, agus a thig thu nan àite, agus a ghabhas tu còmhnaidh nam fearann;

Agus leagaidh sibh sìos an altairean, agus brisidh sibh an carraighean, agus loisgidh sibh an doireachan le teine, agus gearraidh sibh sìos dealbhan snaidhte an diathan, agus sgriosaidh sibh an ainm a‑mach as an àite sin.

Thoir an aire dhut fhèin nach ribear thu len leantainn, an dèidh dhaibh a bhith air an sgrios as do làthair, agus nach fiosraich thu mu thimcheall an diathan, ag ràdh, Cionnas a rinn na cinnich sin seirbhis dan diathan? Nì mise mar sin mar an ceudna.

Cha dèan thusa mar sin ris an Tighearna do Dhia: oir gach gràinealachd don Tighearna as fuathach leis, rinn iadsan dan diathan; oir eadhon am mic agus an nigheanan loisg iad anns an teine dan diathan.

Ephèsianach 5:11

Agus na biodh co‑chomann agaibh ri obraichean neo-thairbheach an dorchadais, ach gum b’fheàrr leibh an cronachadh.

Ròmanaich 1:25

Muinntir a chaochail fìrinn Dhè gu brèig, agus a thug adhradh agus a rinn seirbhis don chreutair nas mò na don Chruithear, a tha beannaichte gu sìorraidh. Amen.