Ieremiah 29 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 A‑nis is iad seo briathran na litreach a chuir am fàidh Ieremiah o Ierusalem gus a’ chuid eile de na seanairean a thugadh air falbh ann am braighdeanas, agus gus na sagartan, agus gus na fàidhean, agus gus an uile shluagh a thug Nebuchadnesar air falbh ann am braighdeanas o Ierusalem gu Bàbilon; 2 (An dèidh do Ieconiah an rìgh, agus a’ bhànrighinn, agus na caillteanaich, agus maithean Iùdah agus Ierusaleim, agus an luchd-ealain, agus na h‑airm-cheàird, imeachd air falbh o Ierusalem); 3 Le làimh Elasah mhic Shaphain, agus Ghemariah mhic Hilciah (a chuir Sedeciah rìgh Iùdah do Bhàbilon, gu Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin), ag ràdh, 4 Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ris na h‑uile a tha air an toirt air falbh ann am braighdeanas, a chuir mise air falbh ann am braighdeanas o Ierusalem gu Bàbilon, 5 Togaibh taighean, agus gabhaibh còmhnaidh; agus suidhichibh liosan, agus ithibh an toradh: 6 Gabhaibh mnathan, agus ginibh mic agus nigheanan; agus gabhaibh mnathan dur mic, agus thugaibh ur nigheanan do fhir, a‑chum gum beir iad mic agus nigheanan; a‑chum gum meudaichear sibh anns an àite sin, agus nach lùghdaichear sibh. 7 Agus iarraibh sìth na dùthcha gus an do chuir mise air falbh sibh ann am braighdeanas; agus guidhibh air a son ris an Tighearna: oir na sìth-se bidh sìth agaibhse. 8 Oir mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Na meallar sibh leis na fàidhean a tha nur measg, agus le ur luchd-fiosachd; cha mhò a dh’èisdeas sibh ri ur bruadair a tha sibh a’ toirt fa‑near a bhruadar. 9 Oir tha iad a’ fàistneachd bhreug dhuibh ann am ainm-sa; cha do chuir mise a‑mach iad, deir an Tighearna. 10 Oir mar seo deir an Tighearna, Nuair a choileanar ann am Bàbilon deich agus trì-fichead bliadhna, thig mise gur n‑amharc, agus coileanaidh mi dhuibh m’fhacal math, a‑chum ur toirt air ur n‑ais don àite seo. 11 Oir is aithne dhomh na smuaintean a smaoinich mi dur taobh, deir an Tighearna, smuaintean sìthe, agus chan e aimhleas, a thoirt dhuibh sliochd agus dòchais. 12 An sin gairmidh sibh orm, agus thèid sibh agus nì sibh ùrnaigh rium, agus èisdidh mise ribh. 13 Agus iarraidh sibh mi, agus gheibh sibh mi, nuair a rannsaicheas sibh air mo shon le ur n‑uile chridhe. 14 Agus bidh mise air m’fhaotainn leibh, deir an Tighearna, agus tillidh mi air a h‑ais ur bruid, agus cruinnichidh mi sibh o na h‑uile chinnich, agus o gach uile àite gus an d’fhògair mi sibh, deir an Tighearna; agus bheir mi sibh a‑rìs a‑chum an àite on do chuir mi air falbh sibh ann am braighdeanas. 15 A chionn gun dubhairt sibh, Thog an Tighearna suas dhuinn fàidhean ann am Bàbilon: 16 Mar seo deir an Tighearna ris an rìgh a tha na shuidhe air cathair Dhaibhidh, agus ris an uile shluagh a tha a chòmhnaidh anns a’ bhaile seo, agus ri ur bràithrean nach deachaidh a mach leibh ann am braighdeanas; 17 Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Feuch, cuiridh mise orra an claidheamh, a’ ghort, agus a’ phlàigh, agus nì mi iad mar dhroch fhìgean, nach faodar ithe aig an olcas. 18 Agus dian-ruaigidh mi iad leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh; agus bheir mi thairis iad gu bhith air an luasgadh air feadh uile rìoghachdan an domhain, gu bhith nam mallachadh, agus nan uamhas, agus nan sgeig, agus nam masladh, am measg nan uile chinneach gus am fògair mi iad. 19 A chionn nach d’èisd iad rim bhriathran-sa, deir an Tighearna, nuair a chuir mi don ionnsaigh m’òglaich, na fàidhean, ag èirigh gu moch, agus gan cur a‑mach; ach chan èisdeadh sibhse, deir an Tighearna. 20 Cluinnibh uime sin facal Iehòbhah, sibhse uile a tha den bhruid, a chuir mise o Ierusalem gu Bàbilon: 21 Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, a‑thaobh Ahaib mhic Cholaiah, agus Shedeciah mhic Mhaaseiah, a tha a’ fàistneachd brèige dhuibh ann am ainm-sa, Feuch, bheir mise thairis iad do làimh Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin, agus marbhaidh esan iad fa chomhair ur sùl; 22 Agus uapasan togar suas mallachadh le uile bhraighdean Iùdah a tha ann am Bàbilon, ag ràdh, Gun dèanadh an Tighearna thu cosmhail ri Sedeciah, agus cosmhail ri Ahab, a ròst rìgh Bhàbiloin anns an teine. 23 Do bhrìgh gun do chuir iad an gnìomh aingidheachd ann an Israel, agus gun do rinn iad adhaltranas le mnathan an coimhearsnach, agus gun do labhair iad briathran breugach ann am ainm-sa, nach d’àithn mise dhaibh, air a bheil eadhon mise fiosrach agus am fhianais, deir an Tighearna. 24 Labhraidh tu fòs ri Semaiah an Nehelamach, ag ràdh, 25 Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, A chionn gun do chuir thu litrichean ann ad ainm a‑chum an uile shluaigh a tha ann an Ierusalem, agus a‑chum Shephaniah mhic Mhaaseiah an sagart, agus a-chum nan sagart air fad, ag ràdh, 26 Rinn an Tighearna dhìotsa sagart ann an àite Iehoiada an sagart, a‑chum gum biodh luchd-riaghailt ann an taigh an Tighearna, airson gach duine a tha air a’ chuthach, agus a’ dèanamh dheth fhèin fàidh, a chur anns an taigh-smachdachaidh, agus ann an sàs. 27 Uime sin a‑nis, cuime nach do chronaich thu Ieremiah o Anatot, a tha ga dhèanamh fhèin na fhàidh dhuibh? 28 Oir chuir e gun amharas fios thugainne a tha ann am Bàbilon, ag ràdh, Tha a’ bhruid seo buan, togaibh taighean, agus gabhaibh còmhnaidh, agus suidhichibh liosan, agus ithibh an toradh. 29 Agus leugh Sephaniah an sagart an litir seo ann an cluasan Ieremiah am fàidh. 30 Uime sin thàinig facal an Tighearna gu Ieremiah, ag ràdh, 31 Cuir fios gu muinntir na bruid air fad, ag ràdh, Mar seo labhair an Tighearna a‑thaobh Shemaiah an Nehelamach, A chionn gun do rinn Semaiah fàistneachd dhuibh nuair nach do chuir mise a‑mach e, agus gun tug e oirbh earbsa a dhèanamh à brèig: 32 Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, smachdaichidh mise Semaiah an Nehelamach agus a shliochd: cha bhi aige duine a ghabhas còmhnaidh am measg an t‑sluaigh seo, cha mhò a chì e am math a nì mise airson mo phobaill, deir an Tighearna, a chionn gun do labhair e ceannairc an aghaidh an Tighearna. |