Taisbeanadh 21 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus chunnaic mi nèamh nuadh, agus talamh nuadh: oir chaidh an ciad nèamh agus an ciad talamh thairis; agus cha robh fairge ann nas mò. 2 Agus chunnaic mise Eòin am baile naomh, Ierusalem nuadh, a’ teachd a‑nuas o Dhia à nèamh, air ullachadh mar bhean-bainnse air a sgeadachadh fa chomhair a fir. 3 Agus chuala mi guth mòr à nèamh ag ràdh, Feuch, tha pàillean Dhè maille ri daoine, agus nì esan còmhnaidh maille riu, agus bidh iadsan nan sluagh dha, agus bidh Dia fhèin maille riu, agus na Dhia dhaibh. 4 Agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean; agus cha bhi bàs ann nas mò, no bròn, no èigheach, agus cha bhi pian ann nas mò; oir chaidh na ciad nithean thairis. 5 Agus thubhairt an Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, Feuch, tha mi a’ dèanamh nan uile nithean nuadh. Agus thubhairt e rium, Sgrìobh, oir tha na briathran seo fìrinneach agus dìleas. 6 Agus thubhairt e rium, Tha e dèante. Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch: bheir mi dhàsan, air a bheil tart, de thobar uisge na beatha gu saor. 7 Sealbhaichidh an tì a bheir buaidh na h‑uile nithean; agus bidh mise am Dhia dhàsan, agus bidh esan na mhac dhòmhsa. 8 Ach aig an dream sin a tha gealtach, agus mì‑chreidmheach, agus gràineil, agus aig luchd-mort, agus strìopachais, agus draoidheachd, agus iodhal-adhraidh, agus aig na h‑uile bhreugairean, bidh an cuibhreann anns an loch a tha a’ dearg-lasadh le teine agus pronnasg, nì as e an dara bàs. 9 Agus thàinig am ionnsaigh aon de na seachd aingil, aig an robh na seachd soithichean làn de na seachd plàighean deireannach, agus labhair e rium, ag ràdh, Thig an seo, nochdaidh mise dhut a’ bhean nuadh-phòsda, bean an Uain. 10 Agus thug e leis mi anns an spiorad gu beinn mhòir agus àird, agus dh’fheuch e dhomh am baile mòr sin, Ierusalem naomh, a’ teachd a‑nuas à nèamh o Dhia, 11 Aig an robh glòir Dhè: agus bha a shoillse cosmhail ri cloich ro‑luachmhoir, mar chloich iaspeir, soilleir mar chriostal; 12 Agus bha balla mòr agus àrd aige, air an robh dà‑gheata-dheug, agus aig na geatachan dà‑aingeal-dheug, agus ainmean sgrìobhte orra, eadhon ainmean dà‑threubh-dheug chloinn Israeil. 13 Air an taobh an ear, trì geatachan; air an taobh a tuath, trì geatachan; air an taobh a deas, trì geatachan; agus air an taobh an iar, trì geatachan. 14 Agus bha aig balla na cathrach dà‑bhunait-dheug, agus anntasan ainmean dà‑abstol-dheug an Uain. 15 Agus bha aig an tì a labhair rium, cuilc-shlat òir, a‑chum gun tomhaiseadh e am baile, agus a gheatachan, agus a bhalla. 16 Agus tha am baile na laighe ceithir-cheàrnach, agus tha a fhad cho mòr ri a leud: agus thomhais e am baile leis a’ chuilc-shlait, dà‑mhìle-dheug stàid: is ionann fad, agus leud, agus àirde dha. 17 Agus thomhais e a bhalla, ceud agus dà‑fhichead agus ceithir làmhan-coille, a rèir tomhas duine, eadhon an aingil. 18 Agus bha a bhalla air a thogail de chloich iaspeir; agus b’òr fìorghlan am baile, cosmhail ri gloine soilleir. 19 Agus bha bunaitean balla a’ bhaile air an dèanamh sgiamhach leis gach uile ghnè chlachan luachmhor. Bu iasper an ciad bunait; bu shaphir an dara; bu chalcedon an treas; b’emerald an ceathramh bunait; 20 Bu shardonics an còigeamh; bu shardias an siathamh; bu chrisolit an seachdamh; bu bheril an t‑ochdamh; bu topas an naoidheamh: bu chrisoprasas an deicheamh; bu hiacint an t‑aon-deug; b’ametist an dara-bunait-deug. 21 Agus an dà‑gheata-dheug bu dà‑neamhnaid-dheug iad; bha gach aon fa leth de na geatachan air a dhèanamh a dh’aon neamhnaid: agus b’òr fìorghlan sràid a’ bhaile, mar ghloine soilleir. 22 Agus chan fhaca mi teampall ann: oir is e an Tighearna Dia uile-chumhachdach, agus an t‑Uan, as teampall dha. 23 Agus chan eil feum aig a’ bhaile air a’ ghrèin no air a’ ghealaich a dhealrachadh ann: oir shoillsich glòir Dhè e, agus is e an t‑Uan as solas dha. 24 Agus gluaisidh cinnich na muinntir sin a shaorar na sholas: agus bheir rìghrean na talmhainn an glòir agus an urram da ionnsaigh. 25 Agus cha dùinear a gheatachan anns an là: oir cha bhi oidhche an sin. 26 Agus bheirear glòir agus urram nan cinneach da ionnsaigh. 27 Agus cha tèid air chor sam bith a‑steach ann nì air bith a shalaicheas, no a dh’obraicheas gràinealachd, no a nì breug: ach iadsan a‑mhàin a tha sgrìobhte ann an leabhar-beatha an Uain. |