Na biodh suim agaibh dhiùbhsan aig a bheil leannain-shìdh, agus na iarraibh a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu bhith air ur truailleadh leo: Is mise an Tighearna ur Dia.
Agus air eagal gun tog thu suas do shùilean ri nèamh, agus nuair a chì thu a’ ghrian, agus a’ ghealach, agus na reultan, eadhon slòigh nèimh uile, gun tàirngear thu gu cromadh sìos dhaibh, agus gu adhradh a dhèanamh dhaibh, a roinn an Tighearna do Dhia ris gach cinneach a tha fo nèamh uile.
Chunnaic iad dìomhanas, agus rinn iad fiosachd bhrèige, ag ràdh, Deir an Tighearna, nuair nach do chuir an Tighearna a‑mach iad: agus thug iad air daoine earbsa gun daingnicheadh iad am facal.
Uime sin na èisdibh-se ri ur fàidhean, no ri ur fiosaichean, no ri ur bruadaraichean, no ri ur speuradairean, no ri ur draoidhean, a tha a’ labhairt ribh, ag ràdh, Cha toir sibh gèill do rìgh Bhàbiloin:
Tha thu air do sgìtheachdadh ann an lìonmhorachd do chomhairlean. Seasadh na speuradairean suas, luchd-amhairc nan reultan, iadsan a tha ri fiosachd gach mìos, agus tèarnadh iad thu o na nithean a tha gu teachd ort. Feuch, bidh iad mar asbhuain, loisgidh an teine suas iad; cha tèarainn iad an anaman fhèin o chumhachd na lasrach; chan fhàgar fiù èibhleig gu neach a gharadh, no teine gu suidhe làimh ris.
Agus an t‑anam a thèid a thaobh a dh’ionnsaigh muinntir aig a bheil leannain-shìdh, agus a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu dol le strìopachas nan dèidh, cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh.
Agus gearraidh mi na draoidhean a‑mach as do mheadhon; agus cha bhi fiosaichean air bith agad.
Agus nuair a their iad ribh, Iarraibh a‑chum nam ban-fhiosaichean, agus a‑chum nan draoidhean, muinntir a nì bìdeil agus borbhanaich; nach bu chòir do shluagh iarraidh a‑chum an Dè? An ann a dh’iarradh iad a‑chum nam marbh, an àite nam beò?
Chan fhaighear nur measg neach air bith a bheir air a mhac no air a nighinn dol tron teine, no a ghnàthaicheas fiosachd, no speuradair, no fear-fàistinneachd, no a ghnàthaicheas droch innleachdan, No seunadair, no neach a dh’fhiosraicheas de leannan-sìdh, no draoidh, no neach a dh’iarras eòlas o na mairbh. Oir is gràinealachd don Tighearna iadsan uile a nì na nithean sin; agus airson nan gràinealachd sin, tha an Tighearna do Dhia gam fuadachadh a‑mach romhad.
Fhreagair Daniel ann am fianais an rìgh, agus thubhairt e, An diamhaireachd a dh’iarr an rìgh chan urrainn na daoine glice, na speuradairean, na draoidhean, no an luchd-fiosachd fheuchainn don rìgh;
Oir mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Na meallar sibh leis na fàidhean a tha nur measg, agus le ur luchd-fiosachd; cha mhò a dh’èisdeas sibh ri ur bruadair a tha sibh a’ toirt fa‑near a bhruadar.
Ach thigibh-se am fagas an seo, a mhaca na ban-fhiosaiche, a shliochd an adhaltrannaich agus na strìopaich.
Oir labhair na h‑iodhalan dìomhanas, agus chunnaic na fiosaichean breug, agus dh’innis iad aislingean faoine; is dìomhain an comhfhurtachd: uime sin dh’imich iad air falbh mar threud; bha iad air an claoidh, a chionn nach robh buachaille air bith ann.
Agus thug iad air am mic agus air an nigheanan dol tron teine, agus ghnàthaich iad fiosachd agus draoidheachd, agus reic iad iad fhèin a dhèanamh uilc ann an sealladh an Tighearna, a‑chum a bhrosnachadh gu feirg.
An sin thubhairt an Tighearna rium, Tha na fàidhean ri fàistneachd bhrèige ann am ainm-sa; cha do chuir mise uam iad, cha mhò a thug mi àithne dhaibh, cha mhò a labhair mi riu: sealladh breugach, agus fiosachd, agus neoni, agus mealltaireachd an cridhe fhèin, tha iad a’ fàistneachd dhuibh.
A bheir gu neoni comharraidhean nam mealltairean, agus a chuireas na fiosaichean air a’ chuthach; a thilleas daoine glice air an ais, agus a thionndaidheas an eòlas gu amaideachd;
Agus thàrladh, a’ dol dhuinne a‑chum ùrnaigh, gun do thachair oirnn banoglach àraidh aig an robh spiorad fiosachd, a thug mòr-bhuannachd da maighistirean le fiosachd a dhèanamh: Lean ise Pòl agus sinne, agus ghlaodh i, ag ràdh, Is iad na daoine seo seirbhisich an Dè as ro‑àirde, a tha a’ nochdadh dhuinne slighe na slàinte. Agus rinn i seo rè mòran làithean. Ach air do Phòl a bhith duilich, thionndaidh e agus thubhairt e ris an spiorad, Tha mi a’ toirt òrdaigh dhut ann an ainm Iosa Crìosd dol a‑mach aisde. Agus chaidh e a‑mach air an uair sin fhèin.
A mhuinntir ionmhainn, na creidibh gach uile spiorad, ach dearbhaibh na spioradan, an ann o Dhia a tha iad: do bhrìgh gu bheil mòran fhàidhean brèige air dol a‑mach don t‑saoghal.
Oir èiridh Crìosdan brèige agus fàidhean brèige, agus nì iad comharraidhean agus mìorbhailean mòra, ionnas gum mealladh iad, nam faodadh e a bhith, na daoine taghte fhèin.
Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Na èisdibh ri briathran nam fàidhean, a tha ri fàistneachd dhuibh; tha iad gur mealladh le nithean faoine; tha iad a’ labhairt fiosachd an cridhe fhèin, agus chan ann o bheul an Tighearna;
Gidheadh, thig an dà nì seo ort gu h‑obann, ann an aon là, call cloinne, agus bantrachas; thig iad ort nan làn tomhas, airson lìonmhorachd do dhraoidheachdan, agus iomadalachd do ghisreagan.
Agus rinn iad tàir air a reachdan, agus air a choicheangal a rinn e rin athraichean, agus air a theisteis leis an tug e fianais nan aghaidh; agus lean iad dìomhanas, agus dh’fhàs iad dìomhain, agus chaidh iad an dèidh nan cinneach a bha mun cuairt orra, mun tug an Tighearna sparradh dhaibh, nach dèanadh iad cosmhail riu.
Iarradh iad a‑chum an lagha agus a‑chum na fianais: mura labhair iad a rèir an fhacail seo, is ann a chionn nach eil solas annta.
Oir dh’èisd na cinnich sin a shealbhaicheas tusa ri speuradairean, agus ri fiosaichean: ach air do shon-sa, cha do leig an Tighearna do Dhia leat dèanamh mar sin.
Air an adhbhar sin thrèig thu do shluagh, taigh Iàcoib, a chionn gu bheil iad air an lìonadh on àird an ear, agus nan luchd-fiosachd mar na Philistich; agus tha an tlachd ann an cloinn choigreach.
Chan ith sibh nì sam bith leis an fhuil: cha mhò a ghnàthaicheas sibh draoidheachd, no a nì sibh fiosachd.
Feuch tha mise an aghaidh na muinntir a tha a’ fàistneachd aislingean brèige, deir an Tighearna, agus a tha gan innse, agus a’ toirt air mo shluagh-sa dol air seachran lem breugan agus lem briathran faoine; cha mhò a thug mi àithne dhaibh; air an adhbhar sin cha dèan iad, air aon chor, tairbhe don t‑sluagh seo, deir an Tighearna.
Oir mar pheacadh na draoidheachd tha ceannairc, agus mar aingidheachd iodhal-adhraidh tha rag-mhuinealachd: a chionn gun do chuir thusa cùl ri facal an Tighearna, chuir esan mar an ceudna cùl riutsa o bhith ad rìgh.
Ach thubhairt aingeal an Tighearna ri Eliah an Tisbitheach, Eirich, falbh suas an coinneamh teachdairean rìgh Shamaria, agus abair riu, An ann a chionn nach eil Dia ann an Israel a tha sibh a’ dol a dh’fhiosrachadh de Bhàal-sebub, dia Ecroin?
Agus thug mòran dhiubhsan a bha a’ gnàthachadh dhroch innleachdan an leabhraichean leo, agus loisg iad iad am fianais nan uile; agus rinn iad an luach àireamh, agus fhuair iad e na lethcheud mìle bonn airgid.
Mar seo dh’eug Saul airson a chionta a rinn e an aghaidh an Tighearna, an aghaidh facal an Tighearna nach do ghlèidh e, agus mar an ceudna a chionn gun d’iarr e bean aig an robh leannan-sìth, a dh’fhiosrachadh dhith;
Agus tàrlaidh air an là sin, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, gun geàrr mise a‑mach ainmean nan iodhalan as an fhearann, agus cha chuimhnichear iad nas mò; agus fòs bheir mi air na fiosaichean agus na spioradan neòghlan siubhal a‑mach as an fhearann.
A chionn gun dubhairt sibh, Dhaingnich sinn coicheangal ris a’ bhàs, agus ris an uaigh rinn sinn còrdadh; nuair a shiùbhlas a’ phlàigh thairis mar thuil, cha ruig i sinne; oir ghabh sinn a’ bhreug mar ar dìdein, agus fo cheilg dh’fhalaich sinn sinn fhèin.
Oir on aon as lugha gus an aon as mò dhiubh, tha gach neach ga thoirt fhèin suas da ana-miannan; agus on fhàidh fòs gus an sagart, tha gach aon a’ gnàthachadh ceilge. Leighis iad mar an ceudna lot nighean mo shluaigh-sa gu faoin, ag ràdh, Sìth, sìth; agus gun sìth ann.
Ach fàsaidh droch dhaoine agus mealltairean nas miosa agus nas miosa, a’ mealladh, agus air am mealladh.
Agus chaidh thu a dh’amharc an rìgh le ola-ungaidh, agus mheudaich thu do bholtraichean; agus chuir thu do theachdairean am fad, agus dh’ìslich thu thu fhèin eadhon gus an uaigh.
An sin ghairm Phàraoh mar an ceudna air na daoine glice, agus air an luchd-fiosachd: agus rinn mar an ceudna draoidhean na h‑Eiphit mar sin len draoidheachdan:
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is an‑aoibhinn do na fàidhean amaideach, a tha a’ leantainn an spioraid fhèin, agus nach faca nì sam bith!
Agus thug e air a chloinn dol tron teine ann an gleann mac Hinoim; agus sheall e air comharraidhean, agus ghnàthaich e geasachd agus draoidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth agus luchd-fiosachd: dh’obraich e mòr-aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.
Oir cha bhi nas mò aon taisbeanadh faoin no fàistneachd mhiodalach an taobh a‑staigh de thaigh Israeil.
Tha mo shluagh-sa ag iarraidh comhairle air an croinn, agus tha an lorg a’ dèanamh foillseachaidh dhaibh: oir thug spiorad an strìopachais orra dol air seachran, agus chaidh iad le strìopachas air falbh on Dia.
Muinntir a chaochail fìrinn Dhè gu brèig, agus a thug adhradh agus a rinn seirbhis don chreutair nas mò na don Chruithear, a tha beannaichte gu sìorraidh. Amen.
Ach bha fàidhean brèige mar an ceudna am measg an t‑sluaigh, amhail a bhios luchd-teagaisg brèige nur measg-se, dream a bheir a‑steach an uaigneas saobh-chreideamh millteach, eadhon ag àicheadh an Tighearna a cheannaich iad, agus a bheir sgrios obann orra fhèin.
Coimheadaibh sibh fhèin o na fàidhean brèige, a thig dur n‑ionnsaigh ann an culaidhean chaorach, ach a tha on leth a‑staigh nam madaidhean-allaidh.
Ma dh’èireas suas nur measg fàidh, no fear a chì aisling, agus gun toir e dhut comharradh no iongantas, Agus clachaidh tu e le clachan, a‑chum gum bàsaich e; a chionn gun d’iarr e do tharraing on Tighearna do Dhia, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa. Agus cluinnidh Israel uile, agus bidh eagal orra, agus cha dèan iad nas mò a leithid seo de ghnìomh aingidh nur measg. Ma chluinneas tu ann an aon ded bhailtean, a thug an Tighearna do Dhia dhut gu còmhnaidh a ghabhail ann, neach air bith, ag ràdh, Chaidh daoine àraidh, clann Bheliail, a‑mach as ur measg, agus bhuair iad luchd-àiteachaidh am baile, ag ràdh, Rachamaid agus dèanamaid seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne dhuibh; An sin fiosraichidh tu, agus rannsaichidh tu, agus feòraichidh tu gu dùrachdach; agus, feuch, mas fìrinn e, agus gu bheil a’ chùis dearbhte, gun do rinneadh a’ ghràinealachd sin nur measg; Gu cinnteach buailidh tu luchd-àiteachaidh a’ bhaile sin le faobhar a’ chlaidheimh, ga sgrios gu tur, agus gach nì a tha ann, agus a sprèidh, le faobhar a’ chlaidheimh. Agus cruinnichidh tu a chreach uile gu meadhon a shràide, agus loisgidh tu le teine am baile, agus a chreach uile gu h‑iomlan, airson an Tighearna do Dhia: agus bidh e na thòrr a‑chaoidh; cha togar suas e nas mò. Agus cha lean ri do làimh-sa a’ bheag den nì mhallaichte; a‑chum gun till an Tighearna o lasair a fheirge, agus gun nochd e tròcair dhut, agus gun dèan e iochd ort, agus gun toir e ort fàs lìonmhor, mar a mhionnaich e dod athraichean; Nuair a dh’èisdeas tu ri guth an Tighearna do Dhia, a ghleidheadh a àitheantan uile a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, a dhèanamh an nì a tha ceart ann an sùilean an Tighearna do Dhia. Agus gun tig an comharradh no an t‑iongantas gu crìch, air an do labhair e riut, ag ràdh, Rachamaid an dèidh dhiathan eile, nach b’aithne dhut, agus dèanamaid seirbhis dhaibh: Chan èisd thu ri briathran an fhàidh sin, no ris an fhear sin a chì aisling: oir tha an Tighearna ur Dia gur dearbhadh, a dh’fheuchainn a bheil sibh a’ gràdhachadh an Tighearna ur Dia le ur n‑uile chridhe, agus le ur n‑uile anam.
Seas suas a‑nis led ghisreagan, agus le lìonmhorachd do dhraoidheachdan, anns an do shaothraich thu od òige; mas e is gur urrainn thu buannachd fhaghail, mas e is gum faod thu buadhachadh.
Chan fhaighear nur measg neach air bith a bheir air a mhac no air a nighinn dol tron teine, no a ghnàthaicheas fiosachd, no speuradair, no fear-fàistinneachd, no a ghnàthaicheas droch innleachdan,
A tha ag ràdh ris na fir-sheallaidh, Na faicibh; agus ris an fàidhean, Na labhraibh nithean cearta rinn ann am fàistneachd; labhraibh rinn nithean mìne; dèanaibh fàistneachd cheilge:
Tha na fàidhean ri fàistneachd bhrèige; agus na sagartan a’ riaghladh air an làimh-san; agus is ait lem shluagh-sa e a bhith mar sin; ach ciod a nì sibh ann an deireadh na cùise?
Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Tha e sgrìobhte, Chan ann le aran a‑mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach uile fhacal a thig o bheul Dhè.
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gu robh do shalchar air a dhòrtadh a‑mach, agus do lomnochdaidh air a leigeadh ris tro do strìopachais led leannain, agus le uile iodhalan do ghràinealachdan, agus le fuil do chloinne, a thug thu dhaibh;
Dh’ìobair iad do dheamhain, chan ann do Dhia; do dhiathan nach b’aithne dhaibh, do dhiathan nuadha a dh’ùr‑èirich suas, ro nach robh eagal air ur n‑athraichean.
A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, comharraichibh iadsan a tha a’ togail roinnean agus a’ toirt oilbheim, an aghaidh an teagaisg a dh’fhòghlaim sibh; agus seachnaibh iad. Oir chan eil an leithidean seo a’ dèanamh seirbhis dur Tighearna Iosa Crìosd, ach dam broinn fhèin; agus tha iad le briathran milis agus le miodal a’ mealladh cridheachan na muinntir sin a tha neo-lochdach.
Na mealladh neach air bith sibh le briathran dìomhain: oir airson nan nithean sin tha fearg Dhè a’ teachd air cloinn na h‑eas-ùmhlachd.
Ach cha d’èisd iad, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach ghluais iad ann an comhairlean ais-innleachdach an droch chridhe fhèin, agus chaidh iad air an ais, agus chan ann air an aghaidh.
Agus thug e air a mhac dol tron teine, agus rinn e fiosachd, agus ghnàthaich e draoidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth, agus luchd-fiosachd: dh’obraich e mòr aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.
Agus rinn draoidhean na h‑Eiphit mar sin len draoidheachdan: agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.
Ach seachainn faoin-chainnt mhì-naomh; oir thèid iad air aghaidh a‑chum an tuilleadh mì‑dhiadhachd.
Agus nuair a chunnaic Sìmon gu robh an Spiorad Naomh air a thoirt tre làmhan nan abstol a chur orra, thairg e airgead dhaibh. Ag ràdh, Thugaibh dhòmhsa mar an ceudna an cumhachd seo, ge bè neach air an cuir mi mo làmhan, gum faigh e an Spiorad Naomh. Agus ghiùlain daoine diadhaidh Stèphen a‑chum adhlacaidh, agus rinn iad caoidh mhòr air a shon. Ach thubhairt Peadar ris, Gu rachadh d’airgead am mugha maille riut, a chionn gun do mheas thu gum faodte tìodhlac Dhè a cheannach le airgead.
Chan urrainn neach air bith seirbhis a dhèanamh do dhà thighearna: oir an dara cuid bidh fuath aige do neach aca, agus gràdh do neach eile; no gabhaidh e le neach aca, agus nì e tàir air neach eile. Chan urrainn sibh seirbhis a dhèanamh do Dhia agus do Mhamon.
Is truagh don chloinn cheannaircich, deir an Tighearna, a tha a’ dealbh chomhairlean, ach chan ann uamsa; a tha a’ còmhdach le brat-falaich, ach chan ann lem spiorad-sa; a‑chum gun cuir iad peacadh ri peacadh:
Tiormachd air a h‑uisgeachan, agus tiormaichear suas iad: a chionn gur i tìr nan dealbh snaidhte, agus as a h‑iodhalan gu bheil i a’ dèanamh uaille.
Oir sheas rìgh Bhàbiloin aig dealachadh na slighe, aig ceann an dà shlighe, a dhèanamh fiosachd: lìomh e a shaighdean; chuir e a chomhairle ri dealbhan, sheall e anns an sgamhan.
Cha do chuir mise na fàidhean seo a‑mach, gidheadh ruith iad: cha do labhair mi riu, gidheadh rinn iad fàistneachd.
Uime sin thig olc ort, nach bi fhios agad cia as a dh’èirich e; agus tuitidh aimhleas ort, nach bi thu comasach air a thionndadh uat; agus thig lèirsgrios ort gu h‑obann, gun thu ga mhothachadh. Seas suas a‑nis led ghisreagan, agus le lìonmhorachd do dhraoidheachdan, anns an do shaothraich thu od òige; mas e is gur urrainn thu buannachd fhaghail, mas e is gum faod thu buadhachadh. Tha thu air do sgìtheachdadh ann an lìonmhorachd do chomhairlean. Seasadh na speuradairean suas, luchd-amhairc nan reultan, iadsan a tha ri fiosachd gach mìos, agus tèarnadh iad thu o na nithean a tha gu teachd ort.
Agus tionndaidhidh iad an cluasan air falbh on fhìrinn, agus tionndaidhear iad a‑chum sgeulachdan faoine.
Agus gun aire a thoirt do sgeulachdan, agus do shloinnteireachd gun chrìoch, a bheir adhbhar do cheistean, nas mò na do fhòghlam diadhaidh, a tha tre chreideamh: dèan mar sin.
Agus thubhairt e ris, Is fàidh mise mar an ceudna mar thu fhèin, agus labhair aingeal rium le facal an Tighearna, ag ràdh, Thoir air ais leat e dod thaigh, a‑chum is gun ith e aran, agus gun òl e uisge. Ach rinn e breug dha.
Oir an taobh a‑muigh tha madaidhean, agus luchd-draoidheachd, agus luchd-strìopachais, agus luchd-mort, agus luchd-iodhal-adhraidh, agus gach neach a ghràdhaicheas, agus a nì, breug.
An sin bidh nàire air na fiosraichean, agus amhluadh air na fàidhean; seadh, còmhdaichidh iad uile am beul, oir chan eil freagradh air bith o Dhia.
A‑nis tha obraichean na feòla follaiseach, as iad seo, adhaltranas, strìopachas, neòghlaine, macnas. Feuch, tha mise Pòl ag ràdh ribh, ma thimcheall-ghearrar sibh, nach bi tairbhe air bith dhuibh ann an Crìosd. Iodhal-adhradh, draoidheachd, naimhdeas, connsachadh, co‑fharpais, fearg, còmhstri, aimhreit, saobh-chreideamh. Farmad, mortan, misg, raoidhteireachd, agus an leithidean sin: mum bheil mi ag innse dhuibh ro‑làimh, mar a dh’innis mi dhuibh cheana mar an ceudna, nach sealbhaich iadsan a nì an leithidean sin rìoghachd Dhè.
Ach aig an dream sin a tha gealtach, agus mì‑chreidmheach, agus gràineil, agus aig luchd-mort, agus strìopachais, agus draoidheachd, agus iodhal-adhraidh, agus aig na h‑uile bhreugairean, bidh an cuibhreann anns an loch a tha a’ dearg-lasadh le teine agus pronnasg, nì as e an dara bàs.
Chunnaic iad dìomhanas, agus rinn iad fiosachd bhrèige, ag ràdh, Deir an Tighearna, nuair nach do chuir an Tighearna a‑mach iad: agus thug iad air daoine earbsa gun daingnicheadh iad am facal. Nach faca sibh sealladh faoin, agus nach do labhair sibh fiosachd bhrèige, le bhith ag ràdh, Thubhairt an Tighearna, ged nach do labhair mise? Air an adhbhar sin, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do labhair sibh dìomhanas, agus gum faca sibh breugan, uime sin feuch, tha mise nur n‑aghaidh, deir an Tighearna Dia. Agus bidh mo làmh air na fàidhean a chì dìomhanas, agus a tha a’ fàistneachd bhreug: cha bhi iad ann an coitheanal mo shluaigh, cha mhò a bhios iad air an sgrìobhadh ann an sgrìobhadh taigh Israeil, cha mhò a thèid iad a‑steach do fhearann Israeil; agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna Dia.
Agus nuair a their iad ribh, Iarraibh a‑chum nam ban-fhiosaichean, agus a‑chum nan draoidhean, muinntir a nì bìdeil agus borbhanaich; nach bu chòir do shluagh iarraidh a‑chum an Dè? An ann a dh’iarradh iad a‑chum nam marbh, an àite nam beò? Agus thug mi leam, a‑chum dearbhaidh, fianaisean fìrinneach Uriah an sagart, agus Sechariah mac Ieberechiah. Iarradh iad a‑chum an lagha agus a‑chum na fianais: mura labhair iad a rèir an fhacail seo, is ann a chionn nach eil solas annta.
Cha chuir mi olc sam bith fa chomhair mo shùl; is fuathach leam obair luchd-easaontais; cha lean i rium.
Agus amhail mar nach bu taitneach leo eòlas Dhè a chumail, thug Dia thairis iad do inntinn mhì-chèillidh, a dhèanamh nithean nach robh iomchaidh: Air dhaibh a bhith air an lìonadh den uile eucoir, strìopachas, olc, shannt, mhìorun: làn de fharmad, de mhortadh, de chonnsachadh, de cheilg, de dhroch-bheusan; nan luchd-cogarsaich, Mu thimcheall a Mhic, Iosa Crìosd ar Tighearna, a rinneadh de shìol Dhaibhidh, a rèir na feòla; Nan luchd-ana-cainnt, nan luchd-fuath air Dia, nan luchd-tarcais, uaibhreach, nan luchd-ràiteachais, nan luchd-cumaidh uilc, eas-umhail do phàrantan, Eu‑cèillidh, nan luchd-brisidh coicheangail, gun ghràdh nàdarra, do‑rèiteachaidh, neo-thruacanta: Muinntir don aithne ceartas Dhè (gu bheil iadsan a nì an leithidean sin de nithean toilltinneach air bàs), gidheadh chan e a‑mhàin gu bheil iad fhèin gan dèanamh, ach tha mar an ceudna tlachd aca den mhuinntir a nì iad.
A‑nis tha an Spiorad ag ràdh gu soilleir, anns na h‑aimsirean deireannach gun trèig dream àraidh an creideamh, a’ toirt aire do spioradan mealltach, agus do theagasgan dheamhan;
Mar seo deir an Tighearna, Na fòghlamaibh slighe nan cinneach, agus na biodh eagal oirbh ro chomharraidhean nan nèamhan, ged tha eagal air na cinnich romhpa.
Thugaibh an aire nach dèan neach air bith fòirneart oirbh tre fheallsanachd agus mealltaireachd dhìomhain, a rèir beul-aithris dhaoine, a rèir ciad-thoiseachan an t‑saoghail, agus chan ann a rèir Chrìosd:
Tha slighe an amadain ceart na shùilean fhèin; ach tha esan a dh’èisdeas ri comhairle, glic.