Ecsodus 7:11 - Am Bìoball Gàidhlig 199211 An sin ghairm Phàraoh mar an ceudna air na daoine glice, agus air an luchd-fiosachd: agus rinn mar an ceudna draoidhean na h‑Eiphit mar sin len draoidheachdan: Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199211 An sin ghairm Phàraoh mar an ceudna air na daoine glice, agus air an luchd‐fiosachd: agus rinn mar an ceudna draoidhean na h‑Èiphit mar sin len draoigheachdan: Faic an caibideil |
Tha duine ann ad rìoghachd anns a bheil spiorad nan diathan naomha, agus ann an làithean d’athar, bha solas, agus tuigse, agus gliocas, mar ghliocas nan diathan, air am faotainn ann; neach a rinn an rìgh Nebuchadnesar d’athair, d’athair-sa, O rìgh, na uachdaran air na draoidhean, na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean;
Ghlaodh an rìgh gu h‑àrd na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean, a thoirt a‑steach: agus labhair an rìgh, agus thubhairt e ri daoine glice Bhàbiloin, Cò air bith a leughas an sgrìobhadh seo, agus a dh’fhoillsicheas dhòmhsa a bhrìgh, sgeadaichear e le sgàrlaid, agus cuirear slabhraidh òir ma mhuineal, agus is e an treas fear-riaghlaidh a bhios anns an rìoghachd.