Ieremiah 51 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, dùisgidh mise suas an aghaidh Bhàbiloin, agus an aghaidh na muinntir a tha a chòmhnaidh ann am meadhon an dream sin a tha ag èirigh am aghaidh, gaoth sgriosach: 2 Agus cuiridh mi gu Bàbilon luchd-fasgnaidh, agus fasgnaidh iad i, agus falmhaichidh iad a fearann; oir cuartaichidh iad air gach taobh i ann an là na h‑airce. 3 Lùbadh an saighdear gun tàmh a bhogha, agus na cuireadh e dheth a lùireach; agus na caomhnaibh a h‑òganaich, sgriosaibh gu buileach an t‑iomlan de a feachd. 4 Agus tuitidh iadsan a mharbhar ann an tìr nan Caldèanach, agus iadsan a bhuailear troimhe, na sràidean. 5 Oir cha do dhìobradh Israel no Iùdah le a Dhia, le Tighearna nan sluagh, ged bha am fearann air a lìonadh le peacadh an aghaidh Tì naomh Israeil. 6 Teichibh a‑mach à meadhon Bhàbiloin, agus sàbhaladh gach neach a anam, mun gearrar as sibh na h‑aingidheachd; oir is i seo aimsir dìoghaltas an Tighearna; ìocaidh e luigheachd dhi. 7 Bu chupan òir Bàbilon ann an làimh an Tighearna, a chuir air mhisg an talamh uile: de a fhìon dh’òl na cinnich, uime sin tha na cinnich air bhoile. 8 Thuit Bàbilon gu h‑obann, agus mhilleadh i; guilibh os a cionn; gabhaibh ìoc airson a leòin, ma dh’fhaodar mar sin a leigheas. 9 B’àill leinne Bàbilon a leigheas, ach chan eil i air a leigheas; trèigibh i, agus rachamaid gach aon da dhùthaich fhèin: oir ràinig a breitheanas na nèamhan, agus thogadh suas e gus na speuran. 10 Thug an Tighearna saorsa dhuinne: thigibh agus cuireamaid an cèill ann an Sion obair an Tighearna ar Dia. 11 Geuraichibh na saighdean; cruinnichibh na sgiathan; dhùisg an Tighearna suas spiorad rìghrean Mhedia; oir tha a rùn an aghaidh Bhàbiloin, a‑chum a sgrios: gu deimhinn is e dìoghaltas an Tighearna a tha ann, dìoghaltas a theampaill. 12 Fa chomhair ballachan Bhàbiloin cuiribh suas a’ bhratach, dèanaibh am freiceadan làidir; suidhichibh luchd-faire, deasaichibh luchd feall-fhalach; oir mar a dhealbh an Tighearna, mar an ceudna rinn e, na nithean sin a labhair e an aghaidh luchd-àiteachaidh Bhàbiloin. 13 O thusa a tha a chòmhnaidh air mòran uisgeachan, saoibhir ann an ionmhasan, thàinig do chrìoch, tomhas do shannt. 14 Thug Tighearna nan sluagh mionnan air fhèin, ag ràdh, Gu deimhinn lìonaidh mi thu le daoine mar gum b’ann le lòcaist, agus togaidh iad suas iolach ann ad aghaidh. 15 Rinn esan an talamh le a chumhachd, shocraich e an saoghal le a ghliocas, agus le a thuigse sgaoil e a‑mach na nèamhan. 16 Nuair a chuireas e a‑mach a ghuth, tha toirm uisgeachan anns na nèamhan, agus bheir e air a’ cheò dol suas o iomallan na talmhainn; nì e dealanach le frasan agus bheir e a‑mach a’ ghaoth as a ionadan-tasgaidh. 17 Dh’fhàs gach duine mar bhrùid na eòlas; nàraicheadh gach òr‑cheàrd le ìomhaigh leaghte: oir is nì breugach an dealbhan leaghte, agus chan eil anail annta. 18 Is nì faoin iad, obair mhearachd: ann an àm an smachdachaidh thèid iad am mugha. 19 Cha chosmhail riu seo Cuibhreann Iàcoib, oir is esan Fear-cumaidh an domhain uile; agus is e Israel slat a oighreachd; Tighearna nan sluagh is e a ainm. 20 Is tu mo thuagh-chatha, agus m’acfhainn-chogaidh; agus leatsa brisidh mi nam bloighdean cinnich; agus leatsa millidh mi rìoghachdan; 21 Agus leatsa brisidh mi nam bloighdean an t‑each agus a mharcach; agus leatsa brisidh mi na bhloighdean an carbad, agus esan a shuidheas air: 22 Agus leatsa brisidh mi nam bloighdean am fear agus a’ bhean; agus leatsa brisidh mi nam bloighdean an seann duine agus an leanabh; agus leatsa brisidh mi nam bloighdean an t‑òganach agus a’ ghruagach; 23 Agus leatsa brisidh mi nam bloighdean am buachaille agus a threud; agus leatsa brisidh mi nam bloighdean an treabhaiche agus a chuing; agus leatsa brisidh mi nam bloighdean cinn-fheadhna agus luchd-riaghlaidh. 24 Agus dìolaidh mi air Bàbilon, agus air uile luchd-àiteachaidh Chaldèa, an uile olc a rinn iad ann an Sion nur sealladh-se, deir an Tighearna. 25 Feuch, tha mise ann ad aghaidh. O shlèibh sgriosaich, deir an Tighearna, a tha a’ sgrios na talmhainn uile; agus sìnidh mi mo làmh a‑mach ort, agus iomainidh mi thu sìos o na creagan, agus nì mi beinn loisgte dhìot. 26 Agus cha ghabh iad dhìot clach airson oisne, no clach airson bhunaitean; ach ann ad chùirn lèirsgrios bidh tu gu sìorraidh, deir an Tighearna. 27 Cuiribh suas bratach anns an fhearann, sèidibh an trompaid am measg nan cinneach, deasaichibh na h‑aghaidh cinnich, gairmibh an ceann a chèile na h‑aghaidh rìoghachdan, Ararat, Mini, agus Aschenas; sònraichibh ceann-feadhna na h‑aghaidh; thugaibh air na h‑eich teachd a‑nìos mar na lòcaist fhriodhanach. 28 Deasaichibh na h‑aghaidh cinnich, rìghrean Mhedia, a cinn-fheadhna, agus a h‑uile luchd-riaghlaidh, agus uile fhearann a tighearnais. 29 Agus bidh crith air an fhearann, agus doilgheas; oir seasaidh comhairle an Tighearna an aghaidh Bhàbiloin gu daingeann, a dhèanamh tìr Bhàbiloin na fàsach, gun neach ga h‑àiteachadh. 30 Leig laoich Bhàbiloin dhiubh cogadh, dh’fhan iad ann an daingnichean; dh’fhàilnich an treise, dh’fhàs iad mar mhnathan; loisgeadh a h‑ionadan-còmhnaidh; bhriseadh a croinn-dhruididh. 31 Greasaidh fear-ruith gu luath an còdhail fir-ruithe, agus teachdaire an còdhail teachdaire, a dh’innse do rìgh Bhàbiloin gun do ghlacadh a chathair aig a ceann; 32 Agus tha na slighean air an glacadh, agus a’ chuilceach loisg iad le teine, agus tha na fir-chogaidh air am bualadh le uamhann. 33 Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Tha nighean Bhàbiloin mar ùrlar-bualaidh; fhathast tiota beag, agus thig àm a bualaidh, agus àm a buain. 34 Dh’ith Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin suas sinn, chaith e sinn, rinn e sinn nar soitheach falamh; shluig e suas sinn mar dhràgon; lìon e a bhrù le ar nithean blasda, thilg e a‑mach sinn. 35 Gu robh an t‑ainneart a rinneadh ormsa agus air m’fheòil air Bàbilon, their fear-àiteachaidh Shioin; agus, Gu robh m’fhuil-sa air luchd-àiteachaidh Chaldèa, their Ierusalem. 36 Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, tagraidh mise do chùis, agus nì mi dìoghaltas air do shon; agus tiormaichidh mi suas a fairge, agus nì mi a màthair-uisge tioram. 37 Agus bidh Bàbilon na cùirn, na h‑ionad-còmhnaidh dhràgon, na h‑uamhas, agus na ball-sgeig, gun aon ga h‑àiteachadh. 38 Beucaidh iad le chèile mar leòmhainn; sgreadaidh iad mar chuileanan leòmhann. 39 Nan teas cuiridh mise cuirm romhpa, agus cuiridh mi air mhisg iad a‑chum gun dèan iad aighear, agus gun caidil iad cadal sìorraidh, agus nach dùisg iad, arsa an Tighearna. 40 Bheir mi a‑nuas iad mar uain a‑chum am marbhadh, mar reitheachan leis na gobhraichean fireann. 41 Cionnas a ghlacadh Sesac! Agus cionnas a rinneadh greim air cliù an domhain uile! Cionnas a dh’fhàs Bàbilon na h‑uamhas am measg nan cinneach! 42 Thàinig an fhairge a‑nìos air Bàbilon: tha i air a còmhdach le lìonmhorachd a tonnan. 43 Tha a bailtean nam fàsach, nam fearann tioram, agus nan làraich sgaoilte; talamh anns nach eil duine a chòmhnaidh, cha mhò a thèid mac duine troimhpe. 44 Agus bheir mise breitheanas air Bel ann am Bàbilon, agus bheir mi a‑mach as a bheul an nì sin a shluig e; agus cha chruinnich na cinnich an ceann a chèile thuige nas mò; thuit fòs balla Bhàbiloin. 45 Rachaibh-se a‑mach as a meadhon, O mo shluagh-sa, agus tèarnaibh gach aon a anam o chorraich ghairg an Tighearna. 46 Agus a‑chum nach bi ur cridhe meata, cha mhò a bhios eagal oirbh ron iomradh a chluinnear anns an fhearann: oir thig an t‑iomradh air bliadhna, agus air an ath-bhliadhna na dhèidh sin thig iomradh, agus ainneart anns an fhearann, uachdaran an aghaidh uachdarain: 47 Air an adhbhar sin, feuch, tha na làithean a’ teachd anns an dèan mise breitheanas air dealbhan snaidhte Bhàbiloin; agus cuirear gu amhluadh a fearann uile, agus tuitidh a mairbh gu lèir na meadhon. 48 Agus togaidh na nèamhan agus an talamh iolach os cionn Bhàbiloin, agus na h‑uile a tha annta: nuair a thig a luchd-creachaidh na h‑aghaidh on àird a tuath, deir an Tighearna. 49 Oir mar a thug Bàbilon air muinntir chlaoidhte Israeil tuiteam, mar sin aig Bàbilon thuit muinntir chlaoidhte an domhain uile. 50 Sibhse a chaidh as on chlaidheamh, imichibh romhaibh, na fanaibh nur seasamh: cuimhnichibh an Tighearna o chèin, agus thigeadh Ierusalem nur n‑aire. 51 Bha sinn fo amhluadh, a chionn gun cuala sinn mì‑chliù, chòmhdaich nàire ar n‑aghaidh; oir thàinig coimhich a‑steach do ionadan naomha taigh an Tighearna. 52 Uime sin feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an dèan mise breitheanas air a dealbhan snaidhte; agus feadh a fearainn uile bidh acain nan daoine leònte. 53 Ged èireadh Bàbilon suas gu ruig na nèamhan, agus ged dhaingnicheadh i gu h‑àrd a neart, uamsa thig luchd-creachaidh da h‑ionnsaigh, deir an Tighearna. 54 Fuaim èighich o Bhàbilon, agus lèirsgrios mòr o thìr nan Caldèanach; 55 Oir mhill an Tighearna Bàbilon, agus bhàsaich a mòr-fharam na meadhon; ged bha a fuaim mar thoirm uisgeachan mòra, ge b’àrd a dh’èirich a faram; 56 A chionn gun tàinig fear-millidh na h‑aghaidh, an aghaidh Bhàbiloin; agus ghlacadh a laoich, agus bhriseadh gach aon dem boghachan; oir bheir an Tighearna, Dia na luigheachd, gu cinnteach luigheachd dhise. 57 Agus cuiridh mise air mhisg a prionnsachan, agus a daoine glice, a cinn-fheadhna, agus a h‑uachdarain, agus a daoine cumhachdach; agus caidlidh iad cadal bithbhuan, agus cha dùisg iad tuilleadh, deir an Rìgh don ainm Iehòbhah, Dia nan sluagh. 58 Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Brisear gu tur ballachan leathann Bhàbiloin, agus loisgear a geatachan àrda le teine; agus saothraichidh na slòigh gu dìomhain, agus na cinnich anns an teine, gus an toir iad thairis le sgìos. 59 Am facal a dh’àithn Ieremiah am fàidh do Sheraiah mac Neriah, mhic Mhaaseiah, nuair a chaidh e le Sedeciah rìgh Iùdah gu Bàbilon, anns a’ cheathramh bliadhna de a linn: agus b’e Seraiah an t‑àrd chaillteanach. 60 Agus sgrìobh Ieremiah a h‑uile olc a bha ri teachd air Bàbilon ann an aon leabhar, na briathran seo uile a tha air an sgrìobhadh mu thimcheall Bhàbiloin. 61 Agus thubhairt Ieremiah ri Seraiah. Nuair a thig thu gu Bàbilon, agus a chì, agus a leughas tu na briathran seo uile, 62 An sin their thu, O Thighearna, labhair thu an aghaidh an àite seo gu a ghearradh as, air chor is nach bi neach a chòmhnaidh ann, aon chuid duine no ainmhidh, ach gum bi e fàs gu sìorraidh. 63 Agus tàrlaidh, nuair a sguireas tu de leughadh an leabhair seo, gun ceangail thu clach ris, agus tilgidh tu e ann am meadhon Euphràteis. 64 Agus their thu, Mar seo thèid Bàbilon fodha, agus chan èirich i nas mò, do bhrìgh an uilc a bheir mise oirre; agus claoidhear iad. An fhad seo briathran Ieremiah. |