2 Corintianach 4 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Uime sin, air don mhinistrealachd seo a bhith againn, a rèir mar a fhuair sinn tròcair, chan eil sinn a’ fannachadh: 2 Ach chuir sinn cùl ri nithean falaichte na nàire, gun sinn a bhith a’ siubhal ann an ceilg, no a’ truailleadh facal Dhè, ach le foillseachadh na fìrinn gar moladh fhèin do chogais nan uile dhaoine ann an sealladh Dhè. 3 Ach ma tha ar soisgeul-ne falaichte, is ann dhaibhsan a tha caillte a tha e falaichte: 4 Anns an do dhall dia an t‑saoghail seo inntinn na dream nach eil nan creidmhich, air eagal gun dealraicheadh orra solas soisgeul glòrmhor Chrìosd, neach as e ìomhaigh Dhè. 5 Oir chan eil sinne gar searmonachadh fhèin, ach Iosa Crìosd an Tighearna; agus sinn fhèin nar seirbhisich dhuibhse airson Iosa. 6 Oir is e Dia a thubhairt ris an t‑solas soillseachadh à dorchadas, a dhealraich ann ar cridheachan-ne, a thoirt solas eòlas glòir Dhè, ann an gnùis Iosa Crìosd. 7 Ach tha an t‑ionmhas seo againn ann an soithichean creadha, a‑chum gum bi òirdheirceas a’ chumhachd o Dhia, agus chan ann uainne. 8 Tha sinn fo thrioblaid air gach taobh, gidheadh chan eil sinn ann an teanntachd; tha sinn ann an ioma-chomhairle, gidheadh gun sinn a bhith ann an eu‑dòchas; 9 Air ar geur-leanmhainn, gidheadh gun a bhith air ar trèigsinn; air ar tilgeadh sìos, gidheadh gun a bhith air ar sgrios; 10 A’ giùlan a‑ghnàth bàsachadh an Tighearna Iosa mun cuairt anns a’ cholainn, a‑chum gum biodh beatha Iosa mar an ceudna air a dèanamh follaiseach nar colainn. 11 Oir tha sinne a tha beò a‑ghnàth air ar toirt a‑chum bàis airson Iosa, a‑chum gum biodh mar an ceudna beatha Iosa air a dèanamh follaiseach nar feòil bhàsmhoir-ne. 12 Uime sin tha bàs ag obrachadh annainne, ach beatha annaibhse. 13 Air dhuinn an spiorad creidimh sin fhèin a bhith againn, a rèir mar a tha e sgrìobhte, Chreid mi, agus uime sin labhair mi: tha sinne a’ creidsinn mar an ceudna, agus uime sin tha sinn a’ labhairt; 14 Air dhuinn fios a bhith againn, an tì a thog suas an Tighearna Iosa, gun tog e sinne suas mar an ceudna tre Iosa, agus gun cuir e na làthair sinn maille ribhse. 15 Oir tha na h‑uile nithean air ur son-se, a‑chum gum biodh an gràs a tha saoibhir, tre bhuidheachas mhòran, ro‑phailt a‑chum glòir Dhè. 16 Uime sin chan eil sinn a’ fannachadh, ach ged thruaillear ar duine on leth a‑muigh, gidheadh tha an duine on leth a‑staigh air ath-nuadhachadh o là gu là. 17 Oir tha ar n‑àmhghar aotrom, nach eil ach rè sealain, ag obrachadh dhuinne trom-chudthrom glòire a tha nas ro‑anabarraiche agus sìor-mhaireannach; 18 Air dhuinne a bhith ag amharc chan ann air na nithean a tha rim faicinn, ach air na nithean nach eil rim faicinn: oir tha na nithean a chìthear aimsireil; ach tha na nithean nach faicear sìorraidh. |