Isaiah 2 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Am facal a chunnaic Isaiah mac Amois mu thimcheall Iùdah agus Ierusaleim. 2 Tàrlaidh anns na làithean deireannach gum bi sliabh taigh an Tighearna air a dhaingneachadh air mullach nan slèibhtean; agus àrdaichear e os cionn nam beann; agus sruthaidh na h‑uile chinnich da ionnsaigh. 3 Agus thèid mòran shlògh, agus their iad, Thigibh, agus rachamaid suas gu sliabh an Tighearna, gu taigh Dhè Iàcoib; agus teagaisgidh e sinn ma shlighean, agus imichidh sinn na cheuman; oir o Shion thèid an lagh a‑mach, agus facal an Tighearna o Ierusalem. 4 Agus bheir e breith am measg nan cinneach, agus bheir e achmhasan do mhòran shlògh; agus buailidh iad an claidheamhan gu coltairean, agus an sleaghan gu corrain-sgathaidh; cha tog cinneach claidheamh an aghaidh cinnich, agus chan fhòghlaim iad cogadh nas mò. 5 O thaigh Iàcoib, thigibh agus imicheamaid ann an solas an Tighearna. 6 Air an adhbhar sin thrèig thu do shluagh, taigh Iàcoib, a chionn gu bheil iad air an lìonadh on àird an ear, agus nan luchd-fiosachd mar na Philistich; agus tha an tlachd ann an cloinn choigreach. 7 Agus tha an tìr air a lìonadh le airgead agus òr, agus chan eil crìoch air an ionmhasan; tha an tìr air a lìonadh le eich, agus chan eil crìoch air an carbadan. 8 Tha an tìr fòs air a lìonadh le iodhalan; tha iad a’ sleuchdadh do obair an làmh fhèin, don nì sin a rinn am meòir fhèin. 9 Agus tha an duine suarach a’ cromadh sìos, agus tha an duine àrd ga ìsleachadh fhèin; agus cha tabhair thusa maitheanas dhaibh. 10 Imich a‑steach don charraig, agus falaich thu fhèin anns an ùir, ro uamhas an Tighearna, agus o ghlòir a mhòrachd. 11 Islichear sealladh uaibhreach an duine mhòir, agus leagar sìos àrdan nan daoine suarach; agus bidh an Tighearna na aonar air a àrdachadh anns an là sin. 12 Oir thig là Tighearna nan sluagh air gach neach a tha uaibhreach agus àrd, agus air gach neach a tha air a thogail suas, agus leagar sìos e; 13 Agus air uile sheudairean Lebanoin, a tha àrd agus togte suas; agus air uile dharagan Bhasain; 14 Agus air na h‑uile bheanntan àrda, agus air na h‑uile chnocan a tha togte suas; 15 Agus air gach tùr àrd, agus air gach balla daingnichte; 16 Agus air uile longan Tharsis, agus air na h‑uile dhealbhan sgiamhach. 17 Agus ìslichear uabhar an duine mhòir, agus leagar sìos àrdan nan daoine suarach; agus bidh an Tighearna na aonar air àrdachadh anns an là sin. 18 Agus cuiridh e na h‑iodhalan gu buileach air cùl. 19 Agus thèid iad a‑steach ann an còsan nan creag, agus ann an tuill na talmhainn, ro uamhas an Tighearna, agus o ghlòir a mhòrachd, nuair a dh’èireas e a chrathadh na talmhainn gu h‑uamhasach. 20 Anns an là sin tilgidh duine iodhalan airgid agus iodhalan òir, a rinn iad, gach aon dha fhèin, gu sleuchdadh dhaibh, a‑chum nam famh agus a‑chum nan ialtag; 21 Gu dol a‑steach ann an còsan nan creag, agus ann am mullaichean nan sgeir, ro uamhas an Tighearna, agus o ghlòir a mhòrachd, nuair a dh’èireas e a chrathadh na talmhainn gu h‑uamhasach. 22 Leigibh dhibh ur dùil ri duine, aig a bheil a anail na chuinneanan; oir ciod am fàth mun gabhar meas dheth? |