1 Eòin 2 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Mo chlann bheag, na nithean seo tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, a‑chum nach peacaich sibh. Agus ma pheacaicheas neach air bith, tha fear-tagraidh againn maille ris an Athair, Iosa Crìosd am fìrean: 2 Agus is esan an ìobairt-rèitich airson ar peacaidhean, agus chan ann airson ar peacaidhean-ne a‑mhàin, ach mar an ceudna airson peacaidhean an t‑saoghail uile. 3 Agus le seo tha fhios againn gur aithne dhuinne e, ma choimheadas sinn a àitheantan. 4 An tì a their, Is aithne dhomh e, agus nach eil a’ coimhead a àitheantan, is breugaire e, agus chan eil an fhìrinn ann. 5 Ach ge bè a choimheadas a fhacal, annsan gu deimhinn tha gràdh Dhè air a choileanadh: le seo is aithne dhuinn gu bheil sinn annsan. 6 An tì a their gu bheil e a’ fantainn annsan, is còir dha mar an ceudna gluasad, eadhon mar a ghluais esan. 7 A bhràithrean, chan eil mi a’ sgrìobhadh àithne nuaidh dur n‑ionnsaigh, ach seann àithne, a bha agaibh o thùs: is i an t‑seann àithne am facal a chuala sibh o thùs. 8 A‑rìs, tha mi a’ sgrìobhadh àithne nuaidh dur n‑ionnsaigh, nì a tha fìor annsan agus annaibhse: do bhrìgh gun d’imich an dorchadas thairis, agus gu bheil a‑nis an solas fìor a’ dealrachadh. 9 An tì a their gu bheil e anns an t‑solas, agus a tha a’ fuathachadh a bhràthar, tha e anns an dorchadas gus a‑nis. 10 An tì aig a bheil gràdh da bhràthair, tha e na chòmhnaidh anns an t‑solas, agus chan eil adhbhar oilbheim air bith ann: 11 Ach an tì a tha a’ fuathachadh a bhràthar, tha e anns an dorchadas, agus ag imeachd anns an dorchadas, agus chan aithne dha càit a bheil e a’ dol, do bhrìgh gun do dhall an dorchadas a shùilean. 12 Tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, a chlann bheag, do bhrìgh gu bheil ur peacaidhean air am maitheadh dhuibh, air sgàth a ainme-san. 13 Tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, athraichean, do bhrìgh gum b’aithne dhuibh esan a tha o thùs. Tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, òganacha, do bhrìgh gun tug sibh buaidh air an droch aon. Tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, a chlann bheag, do bhrìgh gum b’aithne dhuibh an t‑Athair. 14 Sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, athraichean, do bhrìgh gum b’aithne dhuibh an tì a tha ann o thùs. Sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, òganacha, do bhrìgh gu bheil sibh làidir, agus gu bheil facal Dhè na chòmhnaidh annaibh, agus gun tug sibh buaidh air an droch aon. 15 Na gràdhaichibh an saoghal, no na nithean a tha anns an t‑saoghal. Ma ghràdhaicheas neach air bith an saoghal, chan eil gràdh an Athar ann. 16 Oir na h‑uile a tha anns an t‑saoghal, ana-miann na feòla, agus ana-miann nan sùl, agus uabhar na beatha, chan ann on Athair a tha iad, ach on t‑saoghal. 17 Agus siùbhlaidh an saoghal seachad, agus ana-miann: ach an tì a nì toil Dhè mairidh e a‑chaoidh. 18 A chlann bheag, is i an aimsir dheireannach a tha ann: agus mar a chuala sibh gun tig an t‑ana-crìosd, is ann mar sin a tha a‑nis iomadh ana-crìosd ann; om bheil sinn a’ tuigsinn gur i an aimsir dheireannach a tha ann. 19 Chaidh iad a‑mach uainn, ach cha robh iad dhinn: oir nam biodh iad dhinn, gu deimhinn dh’fhanadh iad maille rinn: ach chaidh iad a‑mach, a‑chum gun dèante follaiseach iad, nach robh iad uile dhinn. 20 Ach tha agaibhse ungadh on Tì Naomh, agus is aithne dhuibh na h‑uile nithean. 21 Cha do sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, do bhrìgh nach aithne dhuibh an fhìrinn; ach do bhrìgh gur aithne dhuibh i, agus nach eil breug air bith on fhìrinn. 22 Cò tha na bhreugaire, ach esan a dh’àicheas gur e Iosa an Crìosd? Is e seo an t‑ana-crìosd, a tha ag àicheadh an Athar agus a’ Mhic. 23 Ge bè neach a dh’àicheas am Mac, chan eil an t‑Athair aige: (ach an tì a dh’aidicheas am Mac, tha an t‑Athair aige mar an ceudna). 24 Uime sin fanadh an nì sin annaibhse a chuala sibh o thùs. Ma dh’fhanas an nì a chuala sibh o thùs annaibh, fanaidh sibhse mar an ceudna anns a’ Mhac, agus anns an Athair. 25 Agus is e seo an gealladh a gheall e dhuinn, eadhon a’ bheatha mhaireannach. 26 Sgrìobh mi na nithean seo dur n‑ionnsaigh, mu thimcheall an dream a tha gur mealladh. 27 Ach tha an t‑ungadh a fhuair sibh uaithesan a’ fantainn annaibh: agus chan eil feum agaibh gun teagaisgeadh aon neach air bith sibh: ach, mar a tha an t‑ungadh seo fhèin gur teagasg mu thimcheall nan uile nithean, agus a tha e fìor, agus nach breug e, eadhon mar a theagaisg e sibh, fanaibh ann. 28 Agus a‑nis, a chlann bheag, fanaibh annsan; a‑chum nuair a dh’fhoillsichear e, gum bi dànachd againn, agus nach bi nàire oirnn na làthair aig a theachd. 29 Ma tha fhios agaibh gu bheil esan fìreanta, tha fhios agaibh gu bheil gach neach a nì fìreantachd air a bhreith uaithesan. |