Salm 78 - Am Bìoball Gàidhlig 1992Maschil le Asaph. 1 Eisdibh, O mo shluagh, rim reachd; aomaibh ur cluas a‑chum briathran mo bheòil. 2 Fosglaidh mi mo bheul ann an cosamhlachd; cuiridh mi sean-fhacail dhorcha an cèill, 3 A chuala sinn, agus a b’aithne dhuinn, agus a dh’innis ar n‑athraichean dhuinn. 4 Cha cheil sinn air an cloinn iad, a’ foillseachadh cliù an Tighearna don àl a tha ri teachd, agus a neart agus a obraichean iongantach a rinn e; 5 Oir chuir e suas teisteas ann an Iàcob, agus shuidhich e lagh ann an Israel, a dh’àithn e dar n‑athraichean gun dèanadh iad aithnichte dan cloinn; 6 A‑chum gum biodh fhios aig an àl ri teachd orra, gun èireadh a’ chlann a bheirte, agus gun cuireadh iad an cèill iad dan cloinn fhèin; 7 Agus gun cuireadh iad an dòchas ann an Dia, agus nach dìochuimhnicheadh iad obraichean Dhè, ach gun gleidheadh iad a àitheantan; 8 Agus nach biodh iad mar an athraichean, nan ginealach reasgach agus ceannairceach, ginealach nach do shuidhich an cridhe gu ceart, agus nach robh an spiorad tairis do Dhia. 9 Ged bha clann Ephraim fon airm, agus ged thilg iad le bogha, thill iad air an ais ann an là catha. 10 Cha do ghlèidh iad coicheangal Dhè, agus dhiùlt iad imeachd na reachd. 11 Agus dhìochuimhnich iad a obraichean, agus a iongantasan a nochd e dhaibh. 12 An làthair an athraichean rinn e nithean iongantach, ann an tìr na h‑Eiphit, ann am machair Shòain. 13 Sgoilt e an fhairge, agus thug e iadsan thairis, agus thug e air na h‑uisgeachan seasamh mar thòrr. 14 Agus stiùir e iad le neul anns an là, agus air feadh na h‑oidhche le solas teine. 15 Sgoilt e na creagan anns an fhàsach, agus thug e deoch dhaibh, mar a doimhneachdan mòra. 16 Agus thug e sruthan a‑mach as a’ charraig, agus thug e air uisgeachan ruith sìos mar aibhnichean. 17 Gidheadh pheacaich iad fhathast nas mò na aghaidh, a’ brosnachadh an Tì as àirde anns an fhàsach. 18 Agus bhuair iad Dia nan cridhe, ag iarraidh bìdh dam miann. 19 Seadh, labhair iad an aghaidh Dhè; thubhairt iad, An urrainn Dia bòrd a dheasachadh anns an fhàsach? 20 Feuch, bhuail e a’ chreag, agus bhrùchd uisgeachan a‑mach, agus dh’èirich na tuiltean. An urrainn e mar an ceudna aran a thabhairt? An deasaich e feòil da shluagh? 21 Uime sin, chuala an Tighearna, agus bha corraich air, agus las teine an aghaidh Iàcoib, agus mar an ceudna dh’èirich fearg an aghaidh Israeil; 22 A chionn nach do chreid iad ann an Dia, agus nach d’earb iad as a shlàinte; 23 Ged dh’àithn e do na neòil on àirde, agus ged dh’fhosgail e dorsan nan nèamh; 24 Agus ged fhras e a‑nuas mana orra ri ithe, agus ged thug e dhaibh coirce nan nèamh. 25 Dh’ith daoine biadh nan aingeal; thug e dhaibh an sàth de lòn. 26 Thug e air gaoith an ear imeachd anns na nèamhan, agus le a neart thug e a‑steach a’ ghaoth a deas. 27 Agus fhras e a‑nuas feòil orra mar dhuslach, agus eunlaith iteagach mar ghaineamh na fairge. 28 Agus thug e orra tuiteam am meadhon an campa, mu thimcheall an àitean-còmhnaidh. 29 Agus dh’ith iad, agus làn-shàsaicheadh iad, oir thug e dhaibh am miann fhèin. 30 Cha robh iad air an sgarachdainn om miann; fhathast bha am biadh nam beul. 31 An sin thàinig fearg Dhè orra, agus mharbh e iadsan a bu shultmhoire dhiubh, agus leag e sìos daoine taghte Israeil. 32 An dèidh seo gu lèir, pheacaich iad fhathast, agus cha do chreid iad airson a obraichean iongantach-san. 33 Uime sin chaith e an làithean ann an dìomhanas, agus am bliadhnachan ann an uamhas. 34 Nuair a mharbh e iad, an sin dh’iarr iad e, agus thill iad, agus bha iad gu moch ag iarraidh Dhè; 35 Agus chuimhnich iad gum b’e Dia an carraig, agus an Dia as àirde am fear-saoraidh. 36 Ach rinn iad miodal ris lem beul, agus rinn iad breug dha len teangaidh, 37 Oir cha robh an cridhe ceart maille ris, agus cha robh iad dìleas na choicheangal. 38 Gidheadh, gu h‑iochdmhor mhaith esan an lochd, agus cha do sgrios e iad; seadh, iomadh uair thionndaidh e a fhearg uaithe, agus cha do dhùisg e a chorraich uile. 39 Oir chuimhnich e nach robh annta ach feòil; osag gaoithe a shiùbhlas, agus nach till a‑rìs. 40 Cia tric a bhrosnaich iad e anns an fhàsach, a chuir iad campar air anns an ionad uaigneach? 41 Seadh, thill iad air an ais, agus bhuair iad Dia, agus chuir iad tomhas air Aon naomh Israeil. 42 Cha do chuimhnich iad a làmh, no an là air an do shaor e iad on nàmhaid; 43 Mar a nochd e a chomharraidhean anns an Eiphit, agus a obraichean iongantach ann am machair Shòain; 44 Agus a thionndaidh e an uisgeachan gu fuil, agus an sruthan, air chor is nach faodte òl dhiubh; 45 A chuir e nam measg iomadh gnè chuileag a dh’ith suas iad, agus losgainn a sgrios iad; 46 A thug e an toradh don bhurras, agus an saothair don lòcast; 47 A mhill e an croinn-fhìona le cloich-mheallain, agus an croinn-fhìge le reothadh; 48 Agus a thug e thairis am feudail don chloich-mheallain, agus an treudan don tein-adhair; 49 A thilg e orra teas a fheirge, boile agus corraich, agus teinn, le ainglean olca a chuir e nam measg; 50 A rinn e slighe da fheirg, nach do chaomhain e an anam on bhàs, ach a thug e thairis an anam don phlàigh; 51 Agus a bhuail e gach ciad-ghin anns an Eiphit, toiseach an neirt ann am pàilleanan Ham; 52 Ach a thug e a‑mach mar chaoraich a shluagh fhèin, agus a threòraich e iad mar threud anns an fhàsach; 53 Agus a stiùir e iad gu tèarainte, air chor is nach robh eagal orra, ach a chòmhdaich an fhairge an naimhdean; 54 Agus a thug e iad gu crìch a ionaid naoimh-san, don t‑sliabh seo a choisinn a dheaslàmh; 55 Agus a thilg e a‑mach na cinnich romhpa, agus a roinn e oighreachd dhaibh le crannchur, agus a thug e air treubhan Israeil còmhnaidh a ghabhail nam pàilleanan-san. 56 Gidheadh bhuair agus bhrosnaich iad an Dia as àirde, agus cha do ghlèidh iad a theisteas. 57 Ach thill iad, agus ghluais iad gu fealltach mar an athraichean; chaidh iad a thaobh, mar bhogha fiar. 58 Agus bhrosnaich iad e len ionadan àrda, agus len dealbhan geàrrte dhùisg iad e gu eud. 59 Chuala Dia, agus bha fearg air, agus ghabh e gràin mhòr de Israel; 60 Agus thrèig e pàillean Shiloh, am bùth a shuidhich e am measg dhaoine; 61 Agus thug e suas a neart gu braighdeanas, agus a ghlòir do làimh an nàmhaid; 62 Agus thug e thairis a shluagh don chlaidheamh, agus ghabh e fearg ra oighreachd. 63 Loisg an teine an òigridh, agus cha d’fhuair an òighean pòsadh. 64 Thuit an sagartan leis a’ chlaidheamh, agus cha do rinn am bantraichean bròn. 65 An sin mhosgail an Tighearna mar neach a bha na chadal, mar churaidh a nì iolach an dèidh dha fìon òl. 66 Agus bhuail e a naimhdean nan deireadh; thug e masladh bithbhuan dhaibh. 67 Agus dhiùilt e pàillean Iòseiph, agus cha do thagh e treubh Ephraim; 68 Ach thagh e treubh Iùdah, sliabh Shioin a ghràdhaich e; 69 Agus thog e a ionad naomh fhèin mar lùchairt àrd, mar an talamh a shuidhich e gu bràth; 70 Agus thagh e Daibhidh a òglach, agus thug e e o chrò nan caorach; 71 O bhith an dèidh nan caorach a bha trom le àl, thug e e a bheathachadh Iàcoib a shluagh, agus Israel a oighreachd. 72 Agus bheathaich e iad a rèir ionracas a chridhe, agus le seòltachd a làmh stiùir e iad. |