Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ieremiah 27 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Ann an toiseach linn Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah, thàinig am facal seo gu Ieremiah on Tighearna, ag ràdh,

2 Mar seo tha an Tighearna ag ràdh rium, Dèan dhut fhèin bannan agus cuingean, agus cuir iad air do mhuineal;

3 Agus cuir iad gu rìgh Edoim, agus gu rìgh Mhòaib, agus gu rìgh nan Amonach, agus gu rìgh Thìruis, agus gu rìgh Shìdoin, le làimh nan teachdairean a tha a’ teachd gu Ierusalem, a‑chum Shedeciah rìgh Iùdah.

4 Agus àithn dhaibh a ràdh rin tighearnan, Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Mar seo their sibh ri ur tighearnan;

5 Rinn mise an talamh, an duine agus an t‑ainmhidh a tha air aghaidh na talmhainn, lem mhòr-chumhachd, agus lem ghàirdean sìnte a‑mach; agus cò air bith dom facas iomchaidh leam a thabhairt, dhàsan thug mi e.

6 Agus a‑nis thug mi na dùthchannan seo uile do làimh Nebuchadresair rìgh Bhàbiloin, m’òglach; agus beathaichean na machrach fòs thug mi dha, gu frithealadh dha.

7 Agus bheir na h‑uile chinnich gèill dhàsan, agus da mhac, agus do mhac a mhic, gus an tig àm a dhùthcha fhèin: an sin bheir iomadh cinneach agus rìghrean mòra airsan gun toir e gèill dhaibh.

8 Agus tàrlaidh, an cinneach no an rìoghachd nach toir gèill do Nebuchadresar seo rìgh Bhàbiloin, agus nach cuir am muineal fo chuing rìgh Bhàbiloin; le claidheamh, agus le gort, agus le plàigh, smachdaichidh mise an cinneach sin, deir an Tighearna, gus an sgrios mi iad gu tur le a làimh-san.

9 Uime sin na èisdibh-se ri ur fàidhean, no ri ur fiosaichean, no ri ur bruadaraichean, no ri ur speuradairean, no ri ur draoidhean, a tha a’ labhairt ribh, ag ràdh, Cha toir sibh gèill do rìgh Bhàbiloin:

10 Oir tha iad a’ fàistneachd brèige dhuibh, a‑chum ur n‑atharrachadh fad o ur fearann fhèin, agus a‑chum gum fògrainn-sa a‑mach sibh, agus gun rachadh sibh am mugha.

11 Ach an cinneach sin a chuireas an amhach fo chuing rìgh Bhàbiloin, agus a bheir dha ùmhlachd, leigidh mise dhaibh sin fuireach nam fearann fhèin, agus treabhaidh iad e, agus gabhaidh iad còmhnaidh ann.

12 Agus labhair mise ri Sedeciah rìgh Iùdah, a rèir nam briathran seo air fad, ag ràdh, Cuiribh ur muineil fo chuing rìgh Bhàbiloin, agus thugaibh dha ùmhlachd, dha fhèin, agus da shluagh, agus mairibh beò.

13 Carson a bhàsaicheas sibh, thu fhèin agus do shluagh, leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh, mar a labhair Dia an aghaidh a’ chinnich nach toir gèill do rìgh Bhàbiloin?

14 Uime sin na èisdibh ri briathran nam fàidhean a tha a’ labhairt ribh, ag ràdh, Cha toir sibh ùmhlachd do rìgh Bhàbiloin: oir tha iad a’ fàistneachd brèige dhuibh.

15 Oir cha do chuir mise a‑mach iad, deir an Tighearna; gidheadh tha iad a’ fàistneachd brèige ann am ainm, a‑chum gum fògrainn sibhse a‑mach, agus gu rachadh sibh am mugha; sibh fhèin agus na fàidhean a tha ri fàistneachd dhuibh.

16 Labhair mi cuideachd ris na sagartan, agus ris an t‑sluagh seo uile, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Na èisdibh ri briathran ur fàidhean a tha ri fàistneachd dhuibh, ag ràdh, Feuch, bheirear soithichean taigh an Tighearna air an ais o Bhàbiloin a‑nis gu h‑aithghearr; oir tha iad a’ fàistneachd brèige dhuibh.

17 Na èisdibh riu; gèillibh do rìgh Bhàbiloin agus mairibh beò; carson a bhiodh a’ chathair seo air a dèanamh na fàsach?

18 Ach mas fàidhean iad, agus ma tha facal an Tighearna maille riu, dèanadh iad a‑nis eadar-ghuidhe ri Tighearna nan sluagh, a‑chum nach rachadh na soithichean a tha air am fàgail ann an taigh an Tighearna, agus ann an taigh rìgh Iùdah, agus ann an Ierusalem, gu Bàbilon.

19 Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, mu thimcheall nam post, agus mu thimcheall na fairge, agus mu thimcheall nam bonn, agus mu thimcheall na cuid eile de na soithichean a dh’fhan anns a’ chathair seo;

20 Nach tug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin leis, nuair a thug e air falbh ann am braighdeanas Ieconiah mac Iehoiacim rìgh Iùdah, o Ierusalem gu Bàbilon, agus uile uaislean Iùdah agus Ierusaleim;

21 Seadh, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, mu thimcheall nan soithichean a dh’fhan ann an taigh an Tighearna, agus ann an taigh rìgh Iùdah, agus ann an Ierusalem:

22 Gu Bàbilon bheirear air falbh iad, agus an sin bidh iad gus an là anns an tèid mise gan amharc, deir an Tighearna: an sin bheir mise a‑nìos iad, agus aisigidh mi iad a‑rìs don àite seo.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan