Hosèa 4 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Eisdibh-se facal an Tighearna, O chlann Israeil; oir tha còmhstri aig an Tighearna ri luchd-àiteachaidh na tìre; a chionn nach eil fìrinn, no tròcair, no eòlas Dhè anns an fhearann. 2 Le mionnan, agus breugan, agus marbhadh, agus goid, agus dèanamh adhaltranais, bhris iad a‑mach; agus tha fuil a’ ruigheachd gu fuil. 3 Uime sin nì am fearann caoidh, agus seargaidh gach aon a tha a chòmhnaidh ann, maille ri beathaichean na machrach, agus ri eunlaith an adhair; seadh, bheirear èisg na fairge fòs air falbh. 4 Gidheadh chan eil duine sam bith a’ tagradh, agus chan eil duine sam bith a’ cronachadh: oir tha mo shluagh mar dhream a nì strì ris an t‑sagart. 5 Uime sin tuitidh tu anns an là, agus tuitidh am fàidh fòs leat anns an oidhche; agus sgriosaidh mise do mhàthair. 6 Tha mo shluagh-sa air an sgrios le dìth eòlais. A chionn gun do chuir thu cùl ri eòlas, cuiridh mise fòs cùl riutsa, air chor is nach bi thu agam ad shagart: a chionn gun do dhearmaid thu lagh do Dhè, dearmadaidh mise fòs do chlann-sa. 7 Amhlaidh mar chaidh iad ann am meud, mar sin chiontaich iad am aghaidh-sa: caochlaidh mise an glòir gu nàire. 8 Tha iad ag ithe suas peacadh mo shluaigh-sa, agus a’ socrachadh an cridhe air an euceart. 9 Agus amhail a bhios an sluagh, mar sin bidh an sagart; agus smachdaichidh mise iad airson an slighean, agus dìolaidh mi orra an dèanadas. 10 Agus ithidh iad, ach cha bhi iad sàsaichte; nì iad strìopachas, agus chan fhàs iad lìonmhor: oir leig iad dhiubh a bhith a’ toirt aire don Tighearna. 11 Bheir strìopachas, agus fìon, agus fìon nuadh, air falbh an cridhe. 12 Tha mo shluagh-sa ag iarraidh comhairle air an croinn, agus tha an lorg a’ dèanamh foillseachaidh dhaibh: oir thug spiorad an strìopachais orra dol air seachran, agus chaidh iad le strìopachas air falbh on Dia. 13 Air mullaichean nan sliabh tha iad ag ìobradh, agus air na slèibhtean tha iad a’ losgadh tùise; fo chruinn daraich, agus crithich, agus cuilinn, a chionn gu bheil an sgàil taitneach: air an adhbhar sin tha ur nigheanan ri strìopachas, agus ur mnathan ri adhaltranas. 14 Nach smachdaich mise ur nigheanan, a chionn gu bheil iad ri strìopachas? Agus ur mnathan a chionn gu bheil iad ri adhaltranas? A chionn gu bheil iad gan cur fhèin air leth le strìopaichean, agus ag ìobradh le luchd neòghlaine: uime sin, an sluagh aig nach eil tuigse, tuitidh iad. 15 Ged dhèan thusa strìopachas, O Israeil, gidheadh na ciontaicheadh Iùdah; agus na tigibh-se gu Gilgal, cha mhò a thèid sibh suas gu Bet-abhen; cha mhò a mhionnaicheas sibh, Mar as beò an Tighearna. 16 Oir tha Israel a’ claonadh air ais, mar agh cùl-sleamhnach: a‑nis biadhaidh an Tighearna iad mar uan ann an àite farsaing. 17 Tha Ephraim air a dhlùth-cheangal ri iodhalan, leig leis: 18 Tha an deoch searbh: rinn a h‑uachdarain strìopachas gun chlos: ghràdhaich iad nì nàireach: 19 Cheangail a’ ghaoth suas i na sgiathan: agus bidh nàire orra a‑thaobh an ìobairtean. |