Ieremiah 25 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Am facal a thàinig a dh’ionnsaigh Ieremiah mu thimcheall uile shluagh Iùdah, ann an ceathramh bliadhna Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah; b’i sin ciad bhliadhna Nebuchadresair rìgh Bhàbiloin: 2 A labhair Ieremiah am fàidh ri uile shluagh Iùdah, agus ri uile luchd-àiteachaidh Ierusaleim, ag ràdh, 3 O threas-bliadhna-deug Iosiah mhic Amoin rìgh Iùdah, eadhon gus an là‑an‑diugh (is i seo an treas-bliadhna-fichead), thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh-sa, agus labhair mi ribhse, ag èirigh gu moch agus a’ labhairt; ach cha d’èisd sibh. 4 Agus chuir an Tighearna dur n‑ionnsaigh uile seirbhisich, na fàidhean ag èirigh gu moch agus gan cur a‑mach; ach cha d’èisd sibhse, agus cha mhò a dh’aom sibh ur cluas gu èisdeachd. 5 Thubhairt iadsan, Tillibh air ur n‑ais a‑nis, gach aon o a dhroch shlighe, agus o olcas a dhèanadais, agus gabhaibh còmhnaidh anns an fhearann a thug an Tighearna dhuibh, agus dur n‑athraichean o linn gu linn. 6 Agus na rachaibh an dèidh dhia coimheach gu seirbhis a dhèanamh dhaibh, agus gu adhradh a thoirt dhaibh, agus na brosnaichibh mise gu corraich le obair ur làmh; agus cha dèan mi olc oirbh. 7 Gidheadh cha d’èisd sibh riumsa, deir an Tighearna; a‑chum gum brosnaicheadh sibh mi gu corraich le obair ur làmh, a‑chum ur n‑aimhleis fhèin. 8 Uime sin mar seo deir Tighearna nan sluagh, A chionn nach d’èisd sibh rim bhriathran-sa, 9 Feuch, cuiridh mi fios, agus bheir mi leam uile mhuinntir na h‑àird a tuath, deir an Tighearna, agus Nebuchadresar rìgh Bhàbiloin m’òglach, agus bheir mi iad an aghaidh na tìre seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus an aghaidh nan cinneach seo uile mun cuairt, agus sgriosaidh mi gu tur iad, agus nì mi iad nan uamhas, agus nan sgeig, agus nam fàsach gu bràth. 10 Os bàrr, bheir mi uapa guth a’ ghàirdeachais agus guth an aoibhneis, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-pòsda, fuaim nan clachan-muilinn, agus solas na coinnle. 11 Agus bidh am fearann seo uile na fhàsach, agus na uamhas; agus nì na cinnich seo seirbhis do rìgh Bhàbiloin deich agus trì-fichead bliadhna. 12 Agus tàrlaidh, nuair a choileanar deich agus trì-fichead bliadhna, gun smachdaich mise rìgh Bhàbiloin, agus an cinneach sin, deir an Tighearna, airson an aingidheachd, agus fearann nan Caldèanach, agus nì mi e na fhàsach gu bràth. 13 Agus bheir mi air an fhearann sin m’uile bhriathran a labhair mi na aghaidh, gach nì a tha sgrìobhte anns an leabhar seo, a rinn Ieremiah fhàistneachd an aghaidh nan uile chinneach. 14 Oir nì mòran chinneach, agus rìghrean mòra, seirbhis a ghabhail dhiubhsan mar an ceudna: agus dìolaidh mise riu a rèir an gnìomharan, agus a rèir obraichean an làmh fhèin. 15 Oir mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh rium, Gabh cuach-fhìona na fraoich-feirge seo as mo làimh-sa, agus thoir ra h‑òl i do na h‑uile chinnich gus an cuir mise thu: 16 Agus òlaidh iad, agus bidh iad air bhall-chrith, agus air a’ chuthach, leis a’ chlaidheamh a chuireas mise nam measg. 17 An sin ghlac mi a’ chuach à làimh an Tighearna, agus thug mi ra h‑òl i do na h‑uile chinnich gus an do chuir an Tighearna mi; 18 Do Ierusalem, agus do bhailtean Iùdah, agus da rìghrean, agus da h‑uachdarain, a‑chum an dèanamh nan nochd-làraich, nan uamhas, nan sgeig, agus nam mallachadh, mar air an là‑an‑diugh: 19 Do Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus da òglaich, agus da uachdarain, agus da uile shluagh; 20 Agus do gach uile shluagh eile a tha am measg a chèile, agus do uile rìghrean fearann Uis, agus do uile rìghrean fearann nam Philisteach, agus do Ascelon, agus do Ghasah, agus do Ecron, agus do fhuidheall Asdoid; 21 Do Edom, agus do Mhòab, agus do chloinn Amoin; 22 Agus do uile rìghrean Thìruis, agus do uile rìghrean Shìdoin, agus do rìghrean nan crìochan a tha an taobh thall den fhairge; 23 Do Dhedan, agus do Thema, agus do Bhus, agus do na h‑uile a tha anns na ceàrnan iomallach; 24 Agus do uile rìghrean Aràbia, agus do uile rìghrean an t‑sluaigh mheasgte tha a chòmhnaidh anns an fhàsach; 25 Agus do uile rìghrean Shimri, agus do uile rìghrean Elaim, agus do uile rìghrean Mhedia; 26 Agus do uile rìghrean na h‑àird a tuath, am fad agus am fagas, gach aon le chèile, agus do uile rìoghachdan an domhain, a tha air aghaidh na talmhainn: agus òlaidh rìgh Shesaich nan dèidh seo. 27 Agus their thu riu, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh, Olaibh, agus bithibh air mhisg, agus sgeithibh, agus tuitibh agus na èiribh nas mò ron chlaidheamh a chuireas mise nur measg. 28 Agus tàrlaidh, ma dhiùltas iad a’ chuach a ghabhail as do làimh, gu òl, an sin gun abair thu riu, Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Olaidh sibh gu deimhinn. 29 Oir feuch, air a’ chathair a tha air a h‑ainmeachadh air m’ainm, oirre sin tha mise a’ tionnsgnadh air olc a thabhairt, agus am faod sibhse dol as gu glan-shaor o pheanas? Cha tèid sibh as: oir gairmidh mise claidheamh air uile luchd-àiteachaidh na talmhainn, deir Tighearna nan sluagh. 30 Air an adhbhar sin, labhair thusa nan aghaidh na briathran fàistneachd seo air fad, agus abair riu, Beucaidh an Tighearna o a ionad àrd, agus o ionad còmhnaidh a naomhachd cuiridh e a‑mach a ghuth; beucaidh e gu cumhachdach an aghaidh ionad a thàimh; togaidh e iolach, mar iolaich luchd-bruthaidh nam fìondhearc, an aghaidh uile luchd-àiteachaidh na talmhainn. 31 Thig toirm gu iomallan na talmhainn, a chionn gu bheil còmhstri aig Dia ris na cinnich; tagraidh e ris gach uile fheòil: bheir e an dream a tha olc don chlaidheamh, deir an Tighearna. 32 Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Feuch, thèid olc a‑mach o chinneach gu cinneach, agus dùisgear suas iomaghaoth mhòr o chrìochan na talmhainn. 33 Agus bidh iadsan a mharbhar leis an Tighearna anns an là sin, o aon iomall na talmhainn eadhon gu iomall eile na talmhainn; cha chlaoidhear iad, cha mhò a chruinnichear iad, cha mhò a dh’adhlaicear iad; nan aolach air aghaidh na talmhainn bidh iad. 34 Togaibh gaoir bhròin, a bhuachaillean, agus èighibh, agus aornaganaibh sibh fhèin ann an luaithre, sibhse as urramaiche den treud, a chionn gu bheil làithean ur marbhaidh agus ur sgapaidh air an coileanadh; agus tuitidh sibh mar shoitheach luachmhor. 35 Agus cha bhi seòl teichidh aig na buachaillean, no dol as aig maithean an treud. 36 Guth caoidh nam buachaillean, agus nuallan maithean an treud: oir mhill an Tighearna an cluain-ionaltraidh. 37 Mhilleadh fòs ionadan-còmhnaidh na sìthe le dian-chorraich an Tighearna. 38 Thrèig e, mar leòmhann, a gharaidh; oir rinneadh an cuid fearainn fàs, tro chorraich a’ mhillteir, agus tro dhian-theas a fheirge. |