Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Colosianach 2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Oir b’àill leam fios a bhith agaibh ciod e meud mo chòmhraig air ur son-se, agus airson na dream a tha ann an Laodicèa, agus airson a mheud is nach fhaca m’aghaidh anns an fheòil:

2 Ionnas gum faigheadh an cridhe sòlas, air dhaibh a bhith air an dlùth-cheangal ri chèile ann an gràdh, agus a‑chum uile shaoibhreas an làn dearbhachd tuigse, a‑chum eòlas rùn-diamhair Dhè, eadhon an Athar, agus Chrìosd;

3 Anns a bheil uile ionmhasan a’ ghliocais agus an eòlais falaichte.

4 Agus seo tha mi ag ràdh, air eagal gum mealladh neach air bith sibh le briathran tàirngeach.

5 Oir ged tha mi uaibh anns an fheòil, gidheadh tha mi maille ribh anns an spiorad, a’ dèanamh gàirdeachais, agus a’ faicinn ur n‑òrdaigh, agus seasmhachd ur creidimh ann an Crìosd.

6 Uime sin mar a ghabh sibh dur n‑ionnsaigh an Tighearna Iosa Crìosd, gluaisibh ann:

7 Air dhuibh a bhith air ur freumhachadh agus air ur togail suas annsan, agus air ur daingneachadh anns a’ chreideamh, a rèir mar a theagaisgeadh sibh, a’ meudachadh ann le breith-buidheachais.

8 Thugaibh an aire nach dèan neach air bith fòirneart oirbh tre fheallsanachd agus mealltaireachd dhìomhain, a rèir beul-aithris dhaoine, a rèir ciad-thoiseachan an t‑saoghail, agus chan ann a rèir Chrìosd:

9 Oir annsan tha uile iomlanachd na Diadhachd a’ gabhail còmhnaidh gu corporra.

10 Agus tha sibhse coileanta annsan, neach as e ceann gach uile uachdaranachd agus chumhachd;

11 Anns a bheil sibh mar an ceudna air ur timcheall-ghearradh leis an timcheall-ghearradh nach do rinneadh le làmhan, ann an cur dhibh corp peacaidhean na feòla, le timcheall-ghearradh Chrìosd;

12 Air dhuibh a bhith adhlaicte maille ris ann am baisteadh, anns a bheil sibh mar an ceudna air ur togail suas maille ris tre chreideamh obrachadh Dhè a thog suas esan o na mairbh.

13 Agus sibhse a bha marbh nur n‑euceartan, agus ann an neo-thimcheall-ghearradh ur feòla, bheothaich e maille ris, a’ maitheadh dhuibh nan uile euceart;

14 A’ dubhadh a‑mach làmh-sgrìobhadh nan òrdaighean dar taobh-ne, a bha nar n‑aghaidh, agus thug e as an t‑slighe i, air dha a sparradh ri a chrann-ceusaidh-san:

15 Air dha uachdaranachdan agus cumhachdan a chreachadh, rinn e ball-sampaill dhiubh gu follaiseach, a’ dèanamh buaidh-chaithreim os an cionn tre an chrann ud fhèin.

16 Uime sin na tugadh aon neach breith oirbh airson bìdh, no dibhe, no a‑thaobh là fèille, no gealaich nuaidh, no shàbaidean:

17 A tha nan sgàil air na nithean a tha ri teachd; ach is le Crìosd an corp.

18 Na mealladh aon neach ur duais uaibh le irioslachd thoileil, agus adhradh do ainglean, a’ fòirneadh a‑steach gu dàna a‑chum nan nithean nach faca e, gu dìomhain air a shèideadh suas le a inntinn fheòlmhoir fhèin;

19 Agus gun an Ceann a chumail, om bheil an corp uile, air dha a bhith air a bheathachadh tre uilt agus bhannan, agus air a dhlùth-cheangal ri chèile, a’ fàs le fàs Dhè.

20 Uime sin ma fhuair sibh bàs maille ri Crìosd o chiad-thoiseachan an t‑saoghail, carson, mar dhaoine a tha beò anns an t‑saoghal, a tha sibh fo òrdaighean,

21 (Na bean ri, na blais, na làimhsich;

22 Nithean a thèid uile an neoni len gnàthachadh), a rèir àitheantan agus teagasgan dhaoine?

23 Nithean gun amharas aig a bheil samhladh gliocais ann an adhradh fèin-thoile agus irioslachd, agus mì‑chaomhnadh a’ chuirp, chan ann an urram sam bith a‑chum sàsachadh na feòla.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan