A chlann bheag, tha sibhse o Dhia, agus thug sibh buaidh orrasan; do bhrìgh gur mò esan a tha annaibhse, na esan a tha anns an t‑saoghal.
Gabhaidh esan a tha na chòmhnaidh ann an ionad diamhair an Tì as àirde, tàmh fo sgàil an Uile-chumhachdaich. Chan èirich olc air bith dhut, agus cha tig plàigh am fagas dod fhàrdaich; Oir bheir e àithne da ainglean mud thimcheall, a‑chum do ghleidheadh ann ad shlighean uile. Nan làmhan togaidh iad suas thu, air eagal gum buail thu do chas air cloich. Air an leòmhann agus an nathair-nimhe saltraidh tu; pronnaidh tu fod chois an leòmhann òg agus an dràgon. A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; àrdaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm. Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha. Le fad làithean sàsaichidh mi e, agus nochdaidh mi dha mo shlàinte. Their mi mu thimcheall an Tighearna, Is e mo thèarmann agus mo dhaingneach, mo Dhia anns an cuir mi mo dhòigh.
Cha soirbhich inneal sam bith a dhealbhar ad aghaidh; agus gach teanga a dh’èireas riut am breitheanas, dìtidh tu. Is i seo oighreachd seirbhisich an Tighearna; agus tha am fìreantachd uamsa, deir an Tighearna.
Seadh, ged shiubhail mi tro ghleann sgàil a’ bhàis, cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh.
Bithibh làidir, agus biodh deagh mhisneach agaibh, na biodh eagal oirbh, agus na gabhaibh geilt romhpa: oir is e an Tighearna do Dhia e fhèin a thèid leat; cha dìobair e thu, cha mhò a thrèigeas e thu.
Is e an Tighearna mo sholas agus mo shlàinte; cò a chuireas eagal orm? Is e an Tighearna neart mo bheatha; cò a chuireas geilt orm?
Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?
Cuiribh umaibh uile armachd Dhè, a‑chum gum bi sibh comasach air seasamh an aghaidh cuilbheirtean an diabhail.
Oir bheir e àithne da ainglean mud thimcheall, a‑chum do ghleidheadh ann ad shlighean uile.
Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.
(Oir ar n‑airm-chogaidh chan eil iad feòlmhor, ach cumhachdach o Dhia a‑chum daingnichean a leagail:)
Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am fìrean da ionnsaigh, agus bidh e tèarainte.
Agus bruthaidh Dia na sìthe Sàtan fo ur casan gu h‑aithghearr. Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh. Amen.
Oir bidh mise, tha an Tighearna ag ràdh, ann am bhalla teine dhi mun cuairt, agus bidh mi ann am ghlòir na meadhon.
Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.
Is e Dia mo charraig; earbaidh mi as: mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd agus mo dhìdean: m’fhear-saoraidh, o ainneart saoraidh tusa mi. Oir leatsa ruith mi tro bhuidhinn: lem Dhia leum mi thar balla. A‑thaobh Dhè, tha a shlighe iomlan; tha facal an Tighearna air a dhearbhadh: is sgiath e dhaibhsan uile a chuireas an dòchas ann. Oir cò as Dia ann ach an Tighearna? Agus cò as carraig ann ach ar Dia-ne? Is e Dia mo neart agus mo chumhachd; agus tha e a’ dèanamh mo shlighe iomlan. Tha e a’ dèanamh mo chas mar chasan èilde: agus air m’àitean àrda socraichidh e mi. Tha e ag ionnsachadh mo làmh gu cath, air chor is gum brisear bogha umha lem ghàirdeanan. Agus thug thu dhomh sgiath do shlàinte: agus rinn do choibhneas mòr mi. Rinn thu mo cheum farsaing fodham, air chor is nach do shleamhnaich mo chasan. Lean mi mo naimhdean, agus rug mi orra; agus cha do thill mi air m’ais gus an do chuir mi as dhaibh. Agus lot mi iad, agus chan èirich iad; agus thuit iad fom chasan. Gairmidh mi air an Tighearna, as airidh air cliù; agus om naimhdean saorar mi.
Agus tha mise ag ràdh riut gur tusa Peadar, agus air a’ charraig seo togaidh mise m’eaglais: agus cha toir geatachan ifrinn buaidh oirre.
Coimheadaidh an Tighearna thu o gach olc; coimheadaidh e d’anam. Coimheadaidh an Tighearna do dhol a‑mach agus do theachd a‑steach, on àm seo eadhon gu bràth.
Bithibh stuama, dèanaibh faire; do bhrìgh gu bheil ur nàmhaid an diabhal, mar leòmhann beucach, ag imeachd mun cuairt a’ sireadh cò a dh’fhaodas e shlugadh suas: Cuiribh-se na aghaidh, air dhuibh a bhith daingeann anns a’ chreideamh, agus fhios a bhith agaibh gu bheil na fulangasan ceudna air an coileanadh nur bràithrean, a tha anns an t‑saoghal.
Agus saoraidh an Tighearna mi o gach uile dhroch obair, agus gleidhidh e mi a‑chum a rìoghachd nèamhaidh fhèin: dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.
Tha thusa ad ionad-falaich dhomh; o theinn gleidhidh tu mi; le òrain shaorsa cuartaichidh tu mi. Selah.
Tha fhios againn ge bè neach a ghineadh le Dia nach peacaich e; ach an tì a ghineadh o Dhia, coimheadaidh e e fhèin, agus cha bhean an droch aon ris.
Mar sin bheir iadsan on iar urram do ainm an Tighearna; agus iadsan o èirigh na grèine da ghlòir; nuair a thig an nàmhaid mar thuil, togaidh Spiorad an Tighearna suas bratach na aghaidh.
A shaor sinn o chumhachd an dorchadais, agus a dh’atharraich sinn a‑chum rìoghachd Mac a ghràidh-san:
Thar gach uile nì, a’ glacadh dur n‑ionnsaigh sgiath a’ chreidimh, leis am bi sibh comasach air uile shaighdean teinnteach an droch Spioraid a mhùchadh.
Nuair a laigheas tu sìos, cha bhi eagal ort: seadh, laighidh tu sìos, agus bidh do chadal milis. Na biodh sgàth ort ro eagal obann, no ro fhàsachadh nan aingidh nuair a thig e. Oir bidh an Tighearna na thèarmann dhut, agus gleidhidh e do chas o bhith air a glacadh.
Mar a tha na beanntan mu thimcheall Ierusaleim, mar sin tha an Tighearna mu thimcheall a shluaigh, on àm seo agus gu bràth.
Feuch, is e Dia mo shlàinte; earbaidh mi, agus cha bhi eagal orm; oir is e an Tighearna Iehòbhah mo neart agus mo cheòl; is e fòs as slàinte dhomh.
Bidh iadsan a dh’earbas as an Tighearna mar shliabh Shioin, nach caraichear, ach a mhaireas gu sìorraidh.
Ged ghluais mi ann am meadhon àmhghair, ath-bheothaichidh tu mi; an aghaidh corraich mo naimhdean sìnidh tu do làmh, agus saoraidh do dheaslàmh mi.
Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain, aig a bheil a inntinn suidhichte ort, a chionn gun do chuir e a dhòchas annad.
Oir tha an Tighearna ur Dia a’ dol maille ribh, a chogadh air ur son an aghaidh ur naimhdean, a‑chum ur tèarnadh.
Cha bhi eagal ort a‑thaobh an uamhais anns an oidhche, no na saighde a ruitheas anns an là, No na plàigh a ghluaiseas ann an dorchadas, no an sgrios a mhilleas mu mheadhon-là.
Ach buidheachas do Dhia, a tha a’ toirt dhuinne na buadha, tre ar Tighearna Iosa Crìosd.
Is e an Tighearna mo neart agus mo dhàn, agus tha e na shlàinte dhomh: is esan mo Dhia-sa, agus nì mi àite-còmhnaidh dha: Dia m’athar, agus àrdaichidh mi e.
Is mise, eadhon mise, an tì a bheir dhuibh comhfhurtachd; cò thusa gum biodh eagal ort ro dhuine a gheibh bàs, agus ro mhac an duine a nìthear mar am feur?
Is e an Tighearna mo neart agus mo sgiath; annsan chuir mo chridhe a dhòchas, agus chuidicheadh leam; uime sin rinn mo chridhe gàirdeachas, agus lem laoidh molaidh mi e.
Chan eadh, ach anns na nithean sin uile tha sinn a’ toirt tuilleadh agus buaidh, trìdsan a ghràdhaich sinn.
Agus fhreagair esan, Na biodh eagal ort; oir is lìonmhoire iad a tha leinne na iadsan a tha leòsan.
A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; àrdaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm.
A‑thaobh Dhè, tha a shlighe iomlan; tha facal an Tighearna air a dhearbhadh: is sgiath e dhaibhsan uile a chuireas an dòchas ann.
Eadhon gu ur seann aois, agus gu ur falt liath, is mise fhèin an tì a ghiùlaineas sibh; is mi a rinn, agus giùlainidh mi; iomchairidh mi, agus tèarnaidh mi.
Agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah uile, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus thusa a rìgh Iehosaphait: Mar seo tha an Tighearna ag ràdh ribh, Na biodh eagal no faitcheas oirbh airson an t‑sluaigh mhòir seo; oir cha leibhse an cath, ach le Dia.
Nach d’àithn mise dhut? Bi làidir agus ro‑mhisneachail; na bi fo eagal, agus na biodh faitcheas ort: oir tha an Tighearna do Dhia leat anns gach ionad don tèid thu.
Oir beannaichidh tusa am fìrean, a Thighearna; le deagh-ghean cuartaichidh tu e, mar le sgèith.
Ionnas gum faod sinn a ràdh gu dàn, Is e an Tighearna m’fhear-cuideachaidh, agus chan eagal leam aon nì a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm.
A‑nis dhàsan don comas na h‑uile nithean a dhèanamh gu h‑anabarrach ro‑phailt, thar gach nì as urrainn sinne iarraidh no smaoineachadh, a rèir a’ chumhachd a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annainn,
Oir falaichidh e mi na sgàth-thaigh ann an là an uilc; falaichidh e mi ann an diamhaireachd a phàillein; air carraig togaidh e suas mi.
Agus bidh e na bhùth, airson sgàile on teas anns an là, agus airson dìdein, agus airson ionaid-fasgaidh on doininn agus on uisge.
Is math an Tighearna, is daingneach làidir e ann an là na h‑airce, agus is aithne dha iadsan a tha a’ cur an dòchais ann.
Ghlaodh na fìreanan, agus dh’èisd an Tighearna, agus as an teanntachdan gu lèir shaor e iad.
Bithibh làidir agus bithibh misneachail, na biodh eagal agus na biodh faitcheas oirbh ro rìgh Asiria, no ron t‑sluagh mhòr seo uile a tha maille ris; oir is mò a tha leinne na leis-san. Leis-san tha gàirdean feòla, ach leinne tha an Tighearna ar Dia, a chuideachadh leinn, agus a chur ar catha. Agus dh’earb an sluagh à briathran Heseciah rìgh Iùdah.
Agus bheir mi a’ bheatha mhaireannach dhaibh; agus cha sgriosar iad am feasd, cha mhò a spìonas neach air bith as mo làimh iad.
Oir is grian agus is sgiath an Tighearna, agus bheir an Tighearna gràs agus glòir; cha chùm e math air bith uapasan a ghluaiseas gu h‑ionraic.
Oir mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Tì naomh Israeil, ann an tilleadh, agus ann an sàmhchair, tèarnar sibh; ann an suaimhneas agus ann an earbsa bidh ur neart; ach cha b’àill leibhse.
A‑nis dhàsan a tha comasach air ur gleidheadh o thuisleadh, agus ur cur gu neo-lochdach an làthair a ghlòire le aoibhneas ro‑mhòr,
Thèid mise romhad, agus nì mi na slighean fiara dìreach; na còmhlaichean umha spealgaidh mi, agus na croinn iarainn brisidh mi nam bloighdean.
Is e an Dia bithbhuan do thèarmann, agus foidhe tha na gàirdeanan sìorraidh: agus fuadaichidh e a‑mach an nàmhaid romhad, agus their e, Cuir as dha.
Glèidh mi, a Thighearna, o làmhan nan aingidh; o fhear an fhòirneirt dìon mi, lem b’àill mo cheuman a thilgeadh bun-os‑cionn.
Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.
Abraibh riùsan a tha lag-chridheach, Bithibh làidir, na biodh eagal oirbh; feuch, thig ur Dia le dìoghaltas, is e Dia le ath-dhìoladh; thig e fhèin, agus saoraidh e sibh.
Tha e a’ tasgadh suas gliocais fhallain airson nam fìrean: is sgiath e dhaibhsan a ghluaiseas gu h‑ionraic.
Togaidh mi mo shùilean a‑chum nam beann, on tig mo chobhair. Thig mo chobhair on Tighearna, a rinn nèamh agus talamh.
Neach a shaor sinn o bhàs cho mòr, agus a tha gar saoradh: anns a bheil ar dòchas gun saor e sinn fhathast;
Chuir mi an Tighearna romham a‑ghnàth; a chionn gu bheil e air mo dheaslàimh, cha ghluaisear mi.
No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna.
Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh-chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma.
Neartaichibh-se na làmhan laga, agus daingnichibh na glùinean anfhann. Abraibh riùsan a tha lag-chridheach, Bithibh làidir, na biodh eagal oirbh; feuch, thig ur Dia le dìoghaltas, is e Dia le ath-dhìoladh; thig e fhèin, agus saoraidh e sibh.
Casan a naomh gleidhidh e, agus bidh na h‑aingidh tosdach ann an dorchadas; oir le neart cha bhuadhaich duine sam bith.
Agus bidh an Tighearna na dhaingneach don tì a shàraichear, na dhaingneach ann an aimsirean teanntachd.
Cha do thachair deuchainn air bith ribh, ach nì a tha coitcheann do dhaoine: ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh a bhith air ur feuchainn thar ur comais; ach a nì maille ris an deuchainn slighe gu dol as mar an ceudna, a‑chum gum bi sibh comasach air a giùlan.
Agus gabhaidh mo shluagh còmhnaidh ann am fàrdaich fhoisdinnich, agus ann an ionadan-còmhnaidh tèarainte, agus ann an àiteachan-tàimh suaimhneach,
Gabhaidh mi còmhnaidh ann ad phàillean gu bràth; cuiridh mi mo dhòigh ann an sgàil do sgiathan. Selah.
Na biodh eagal ort ron gnùis; oir tha mise maille riut a‑chum do thèarnadh, deir an Tighearna.
Oir dealaichidh na slèibhtean rim bunait, agus atharraichear na beanntan as an àite; ach cha dealaich mo choibhneas riutsa, agus chan atharraichear coicheangal mo shìth, deir an Tighearna aig a bheil truas dhìot.
Chan eil mi a’ guidhe gun tugadh tu as an t‑saoghal iad, ach gun coimheadadh tu on olc iad.
Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.
A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.