Oir tha facal Dhè beò agus cumhachdach, agus nas gèire na claidheamh dà fhaobhair air bith, a’ ruigheachd eadhon a‑chum eadar-sgaradh an anama agus an spioraid, agus nan alt agus nan smear, agus a’ toirt breith air smuaintean agus rùintean a’ chridhe.
Tha an sgriobtar uile air a dheachdadh le Spiorad Dhè, agus tha e tairbheach a‑chum teagaisg, a‑chum spreigeadh, a‑chum leasachaidh, a‑chum oilein ann am fìreantachd: A‑chum gum bi òglach Dhè coileanta, làn-deas a‑chum gach uile dheagh obrach.
Is amhail a bhios m’fhacal-sa a thèid a‑mach as mo bheul: cha till e am ionnsaigh gun tairbhe; ach coileanaidh e an nì as àill leam, agus bheir e gu buil an nì mun do chuir mi a‑mach e.
Nach ionann m’fhacal-sa agus teine? deir an Tighearna; agus nach ionann e agus òrd a bhriseas a’ chreag na bloighdean?
Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Tha e sgrìobhte, Chan ann le aran a‑mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach uile fhacal a thig o bheul Dhè.
An sin thubhairt Iosa ris an h‑Iùdhaich a chreid ann, Ma bhuanaicheas sibh ann am fhacal-sa, bidh sibh da‑rìribh nur deisciobail agam; Agus bidh eòlas agaibh air an fhìrinn, agus nì an fhìrinn saor sibh.
Tha am feur a’ seargadh, am blàth a’ crìonadh; ach seasaidh facal ar Dè‑ne gu sìorraidh.
A‑thaobh Dhè tha a shlighe iomlan; tha facal an Tighearna air a dhearbhadh; is sgiath e dhaibhsan uile a chuireas an dòchas ann.
Gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir anns an uile ghliocas, a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le sailm, agus laoidhean, agus dàin spioradail, a’ dèanamh ciùil don Tighearna le gràs nur cridhe.
Ach thubhairt esan, Is mò gur beannaichte iadsan a dh’èisdeas ri facal Dhè, agus a choimheadas e.
O thoiseach is fìrinn d’fhacal-sa, agus gu bràth mairidh uile bhreitheanais do cheartais.
Ach fanaidh facal an Tighearna gu sìorraidh. Agus is e seo am facal a shearmonaicheadh dhuibhse anns an t‑soisgeul.
Oir ge bè nithean air bith a sgrìobhadh roimhe seo, is ann a‑chum ar teagaisg-ne a sgrìobhadh iad; a‑chum tre fhoighidinn agus chomhfhurtachd nan sgriobtar gum biodh dòchas againne.
Is briathran fìorghlan briathran an Tighearna; mar airgead air a dhearbhadh ann an àmhainn chreadha, air a ghlanadh seachd uairean.
Uime sin tha sinne mar an ceudna a’ toirt buidheachais do Dhia gun sgur, do bhrìgh nuair a ghabh sibh ri facal Dhè a chuala sibh uainne, gun do ghabh sibh ris chan ann mar fhacal dhaoine, ach (mar as e gu fìrinneach) facal Dhè, a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annaibhse a tha a’ creidsinn.
Oir tha searmonachadh a’ chroinn-cheusaidh na amaideachd dhaibhsan a chaillear; ach dhuinne a shaorar is e cumhachd Dhè e.
Air an adhbhar sin, gach uile neach a chluinneas na briathran seo agamsa, agus a nì iad, samhlaichidh mi e ri duine glic, a thog a thaigh air carraig:
Mar naoidheanan air an ùr‑bhreith, iarraibh bainne fìorghlan an fhacail, a‑chum is gum fàs sibh leis;
Agus air mo shon-sa, seo mo choicheangal riu, deir an Tighearna: Mo Spiorad a tha ortsa, agus mo bhriathran a chuir mi ann ad bheul, cha dealaich iad rid bheul, no ri beul do shliochd, no ri beul sliochd do shliochd, deir an Tighearna, on àm seo eadhon gu sìorraidh.
Fhuaireadh do bhriathran, agus dh’ith mi suas iad; agus bha d’fhacal dhomh na aoibhneas, agus na ghàirdeachas dom chridhe; oir tha mi air m’ainmeachadh ortsa, O Iehòbhah, Dhia nan sluagh.
Nuair a dh’imicheas tu, treòraichidh iad thu; nuair a chaidleas tu gleidhidh iad thu; agus nuair a dhùisgeas tu, labhraidh iad riut.
Agus dh’irioslaich e thu, agus thug e ort acras fhulang, agus bheathaich e thu le mana (nì nach b’aithne dhut fhèin, cha mhò a b’aithne dod athraichean e), a‑chum gun tugadh e ort fios a bhith agad nach ann le aran a‑mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach facal a thig a‑mach à beul an Tighearna bidh duine beò.
Oir cha tàinig an fhàidheadaireachd a rèir toil duine o shean: ach labhair daoine naomha Dhè, mar a sheòladh iad leis an Spiorad Naomh.
Is e an Spiorad a bheothaichas; chan eil tairbhe air bith anns an fheòil: na briathran a tha mise a’ labhairt ribh, is spiorad agus is beatha iad.
Is iomlan lagh an Tighearna, ag iompachadh an anama; tha fianais an Tighearna cinnteach, a’ dèanamh a’ bhaoghalta glic.
Agus a‑nis, a bhràithrean, earbam sibh ri Dia, agus ri facal a ghràis, a tha comasach air ur togail suas, agus oighreachd a thoirt dhuibh am measg na muinntir sin uile a tha air an naomhachadh.
A mhic, dom fhacail thoir aire; rim bhriathran aom do chluas: Na imicheadh iad od shùilean: glèidh iad ann am meadhon do chridhe. Oir is beatha iad dhaibhsan a gheibh iad, agus ìocshlaint dam feòil uile.
Agus gach uile neach a chluinneas na briathran seo agamsa, agus nach coilean iad, samhlaichear e ri duine amaideach a thog a thaigh air a’ ghaineamh:
Tre chreideamh tha sinn a’ tuigsinn gun do chruthaicheadh na saoghail tre fhacal Dhè, air chor is nach do rinneadh na nithean a chìthear de nithean a bha rim faicinn.
Sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, athraichean, do bhrìgh gum b’aithne dhuibh an tì a tha ann o thùs. Sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, òganacha, do bhrìgh gu bheil sibh làidir, agus gu bheil facal Dhè na chòmhnaidh annaibh, agus gun tug sibh buaidh air an droch aon.
Ach an tì ud a ghabh sìol ann an deagh fhearann, is e sin an neach a tha a’ cluinntinn an fhacail, agus ga thoirt fa‑near; neach mar an ceudna a tha a’ giùlan toraidh, agus a tha a’ toirt a‑mach cuid a cheud uiread, cuid a thrì-fichead, agus cuid eile a dheich-ar‑fhichead uiread is a chuireadh.
Agus dh’fhàs facal Dhè; agus mheudaicheadh àireamh nan deisciobal gu ro‑mhòr ann an Ierusalem; agus bha cuideachd mhòr de na sagartan umhail don chreideamh.
Tha reachdan an Tighearna ceart, a’ dèanamh a’ chridhe aoibhneach; tha àithne an Tighearna glan, a’ soillseachadh nan sùl.
Ma dh’fhanas sibh annamsa, agus ma dh’fhanas m’fhacail-sa annaibhse, iarraidh sibh gach nì as àill leibh, agus nìthear dhuibh e.
Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire-san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas-làimh na mòrachd anns na h‑àrdan:
Oir cha nàir leamsa soisgeul Chrìosd: oir is e cumhachd Dhè e a‑chum slàinte do gach neach a chreideas, don Iùdhach air tùs, agus mar an ceudna don Ghreugach.
Mar chìr-mheala tha briathran taitneach, milis don anam agus nan slàinte do na cnàmhan.
Chan e gach uile neach a their riumsa, A Thighearna, a Thighearna, a thèid a‑steach do rìoghachd nèimh; ach an tì a nì toil m’Athar-sa a tha air nèamh.
An sin bidh freagradh agam dhàsan a bheir masladh dhomh, gu bheil m’earbsa as d’fhacal-sa.
Ach a’ labhairt na fìrinn ann an gràdh, gum fàs sinn suas anns na h‑uile nithean thuigesan, as e an ceann, eadhon Crìosd:
Oir tha iad aineolach air seo de an deòin, gu robh na nèamhan ann o chian, agus an talamh na sheasamh as an uisge, agus anns an uisge, tre fhacal Dhè:
An tì a tha a’ cur cùil riumsa, agus nach eil a’ gabhail rim bhriathran, tha aige neach a bheir breith air: am facal a labhair mi, bheir e sin breith air anns an là dheireannach.
Bithibh cuimhneachail air ur cinn-iùil, a labhair ribh facal Dhè: leanaibh an creideamh-san, a’ beachdachadh air crìch an caitheamh-beatha:
Uime sin cuiribh uaibh gach uile shalchar, agus anabarr mìoruin, agus gabhaibh dur n‑ionnsaigh le macantas am facal a tha air a shuidheachadh annaibh, a tha comasach air ur n‑anaman a thèarnadh.
Ann an Dia molaidh mi a fhacal; ann an Dia chuir mi mo dhòigh; chan eagal leam ciod a dh’fhaodas feòil a dhèanamh orm.
Sleuchdaidh mi aig do theampall naomh, agus molaidh mi d’ainm airson do choibhneas gràidh agus airson d’fhìrinn, oir dh’àrdaich thu d’fhacal os cionn d’ainme uile.
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a dh’èisdeas rim fhacal-sa, agus a tha a’ creidsinn anns an tì a chuir uaithe mi, tha a’ bheatha mhaireannach aige, agus cha tig e a‑chum dìtidh, ach chaidh e thairis o bhàs gu beatha.
Ach buidheachas do Dhia, an dèidh dhuibh a bhith nur seirbhisich don pheacadh, gun tug sibh o ur cridhe ùmhlachd don chumadh teagaisg sin don tugadh sibh thairis.
Oir tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach, Gus an tèid nèamh agus talamh thairis, cha tèid aon lide no aon phuing den lagh thairis, gus an coileanar gach aon nì.
Ach bithibh-se nur luchd cur-an‑gnìomh an fhacail, agus na b’ann nur luchd-èisdeachd a‑mhàin, gur mealladh fhèin.
Thug an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa teanga nan daoine fòghlaimte, a‑chum gum b’aithne dhomh facal a labhairt ann an deagh àm ris an neach a tha airtnealach; tha e a’ dùsgadh, madainn an dèidh maidne; tha e a’ dùsgadh mo chluaise gu èisdeachd mar a nì fòghlamach.
Oir thug mi dhaibh na briathran a thug thusa dhomh; agus ghabh iad iad, agus thuig iad gu fìrinneach gur ann uatsa a thàinig mi, agus chreid iad gun do chuir thu uat mi.
Agus nuair a bha am feasgar air teachd, thug iad da ionnsaigh mòran anns an robh deamhain; agus thilg e na spioradan a‑mach le a fhacal, agus shlànaich e iadsan uile a bha easlan:
Oir tha dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdaranachdan, no cumhachdan, no nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri teachd, No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna.
Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Ma ghràdhaicheas neach mise, coimheadaidh e m’fhacal: agus gràdhaichidh m’Athair esan, agus thig sinn da ionnsaigh, agus nì sinn còmhnaidh maille ris.
An sin ghlaodh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdan shaor e iad. Mar seo abradh iadsan a shaoradh leis an Tighearna, a shaor e o làimh an nàmhaid; Chuir e a fhacal uaithe, agus shlànaich e iad; agus shaor e iad o sgrios.
Agus thug iad buaidh air tre fhuil an Uain, agus tre fhacal am fianais-san; agus cha do ghràdhaich iad an anaman fhèin gu bàs.
Ma choimheadas sibh m’àitheantan, fanaidh sibh ann am ghràdh; mar a choimhead mise àitheantan m’Athar, agus a tha mi a’ fantainn na ghràdh.
Am fàidh aig a bheil aisling, innseadh e a aisling; ach esan aig a bheil m’fhacal-sa, labhradh e m’fhacal gu dìleas: ciod e am moll don chruithneachd? deir an Tighearna.
Thugaibh an aire nach diùlt sibh esan a tha a’ labhairt: oir mura deachaidh iadsan as a dhiùlt an tì a labhair o Dhia riu air thalamh, is lugha gu mòr na sin a thèid sinne as, ma thionndaidheas sinn air falbh uaithe-san a tha a’ labhairt o nèamh:
Bidh aoibhneas aig duine le freagradh a bheòil; agus facal na thràth, cia math e!
Biodh ur còmhradh a‑ghnàth ann an gràs, air a dhèanamh blasda le salann, a‑chum gum bi fhios agaibh cionnas as còir dhuibh gach neach a fhreagairt.
Ach ciod a tha i ag ràdh? Tha m’fhacal am fagas dhut, ann ad bheul, agus ann ad chridhe: is e sin facal a’ chreidimh a tha sinne a’ searmonachadh,
Ach tha mi ag ràdh ribh gun toir daoine cunntas ann an là a’ bhreitheanais airson gach facail dhìomhain a labhras iad.
Ghairm mise Iehòbhah thu ann am fìreantachd, agus gabhaidh mi greim ded làimh, agus gleidhidh mi thu; agus bheir mi thu mar choicheangal don t‑sluagh, mar sholas do na cinnich;
Agus air mo shon-sa, a‑chum gun toirear dhomh comas labhairt le fosgladh mo bheòil ann an dànachd, a‑chum gum foillsich mi rùn-diamhair an t‑soisgeil;
Nuair a chluinneas neach air bith facal na rìoghachd, agus nach toir e fa‑near e, thig an droch spiorad, agus bheir e air falbh an nì a chuireadh na chridhe: is e seo esan anns an do chuireadh an sìol ri taobh an rathaid.
Esan a choimheadeas a bheul, gleidhidh e a anam; ach esan a dh’fhosglas a bhilean, thig sgrios air.
An tì a chuir Dia uaithe, tha e a’ labhairt briathran Dhè: oir chan ann a rèir tomhais a tha Dia a’ toirt an Spioraid dha.
Is beannaichte an tì a leughas, agus iadsan a dh’èisdeas ri briathran na fàidheadaireachd seo, agus a choimheadas na nithean a tha sgrìobhte innte: oir tha an t‑àm am fagas.