Mata 7 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Na tugaibh breith, a‑chum nach toirear breith oirbh. 2 Oir a rèir na breith a bheir sibh, bheirear breith oirbh: agus leis an tomhas leis an tomhais sibh, tomhaisear dhuibh a‑rìs. 3 Agus carson a tha thu a’ faicinn an smùirnein a tha an sùil do bhràthar, ach nach eil thu a’ toirt fa‑near na sail a tha ann ad shùil fhèin? 4 No cionnas a their thu rid bhràthair, Fuiling dhomh an smùirnean a spìonadh as do shùil; agus, feuch, an t‑sail ann ad shùil fhèin? 5 A chealgair, buin air tùs an t‑sail as do shùil fhèin; agus an sin is lèir dhut gu math an smùirnean a bhuntainn à sùil do bhràthar. 6 Na toiribh an nì naomh do na madaidhean, agus na tilgibh ur neamhnaidean am fianais nam muc, air eagal gun saltair iad orra len casan, agus air tilleadh dhaibh gu reub iad sibh fhèin as a chèile. 7 Iarraibh, agus bheirear dhuibh: siribh, agus gheibh sibh: buailibh an doras, agus fosglar dhuibh: 8 Oir gach uile neach a dh’iarras, glacaidh e: agus ge bè a shireas, gheibh e: agus don tì a bhuaileas an doras, fosglar. 9 Oir cò an duine agaibhse, mas e is gun iarr a mhac aran, a bheir clach dha? 10 Agus mas iasg a dh’iarras e, an toir e nathair dha? 11 Air an adhbhar sin mas aithne dhuibhse a tha olc tìodhlacan matha a thabhairt dur cloinn, nach mò na sin a bheir ur n‑Athair a tha air nèamh nithean matha dhaibhsan a dh’iarras air iad? 12 Uime sin, gach uile nì a bu mhiann leibh daoine a dhèanamh dhuibhse, dèanaibh-se a leithid dhaibhsan mar an ceudna: oir is e seo an lagh agus na fàidhean. 13 Imichibh a‑steach air an doras chumhang: oir is farsaing an doras, agus is leathann an t‑slighe a tha a’ treòrachadh a‑chum sgrios, agus is lìonmhor iad a tha a’ dol a‑steach oirre: 14 Ach is cumhang an doras, agus is aimhleathann an t‑slighe a tha a’ treòrachadh a‑chum na beatha, agus is tearc iad a tha ag amas oirre. 15 Coimheadaibh sibh fhèin o na fàidhean brèige, a thig dur n‑ionnsaigh ann an culaidhean chaorach, ach a tha on leth a‑staigh nam madaidhean-allaidh. 16 Air an toradh aithnichidh sibh iad: an tionail daoine dearcan-fìona de dhrisean, no fìgean de na fòghnain? 17 Agus mar sin bheir gach uile chraobh mhath toradh math: ach bheir an droch chraobh droch thoradh. 18 Chan fhaod a’ chraobh mhath droch thoradh a ghiùlan, no an droch chraobh toradh math a thabhairt. 19 Gach uile chraobh nach giùlain toradh math, gearrar sìos i, agus tilgear anns an teine i. 20 Air an adhbhar sin, is ann air an toradh a dh’aithnicheas sibh iad. 21 Chan e gach uile neach a their riumsa, A Thighearna, a Thighearna, a thèid a‑steach do rìoghachd nèimh; ach an tì a nì toil m’Athar-sa a tha air nèamh. 22 Is iomadh iad a their riumsa anns an là ud, A Thighearna, a Thighearna, nach do rinn sinn fàidheadaireachd ann ad ainm-sa, agus ann ad ainm-sa nach do thilg sinn a‑mach deamhain agus ann ad ainm-sa nach do rinn sinn iomadh mìorbhail? 23 Agus an sin aidichidh mise gu follaiseach dhaibh, Cha b’aithne dhomh riamh sibh: imichibh uam, a luchd-dèanamh na h‑eucoir. 24 Air an adhbhar sin, gach uile neach a chluinneas na briathran seo agamsa, agus a nì iad, samhlaichidh mi e ri duine glic, a thog a thaigh air carraig: 25 Agus thùirling an t‑uisge, agus thàinig na tuiltean, agus shèid na gaothan, agus bhuail iad air an taigh sin: agus cha do thuit e, oir bha a bhunait suidhichte air carraig. 26 Agus gach uile neach a chluinneas na briathran seo agamsa, agus nach coilean iad, samhlaichear e ri duine amaideach a thog a thaigh air a’ ghaineamh: 27 Agus thùirling an t‑uisge, agus thàinig na tuiltean, agus shèid na gaothan, agus bhuail iad air an taigh sin: agus thuit e; agus bu mhòr a thuiteam. 28 Agus thàrladh, nuair a chrìochnaich Iosa na briathran seo, gun do ghabh am poball iongantas ra theagasg-san: 29 Oir theagaisg e iad mar neach aig an robh cumhachd, agus chan ann mar na sgrìobhaichean. |