Biblia Todo Logo
Earrannan Bìoball

- Sanasan -



90 Rainn mu Dhìomhanas Draoidheachd is Geasan

90 Rainn mu Dhìomhanas Draoidheachd is Geasan


Ieremiah 10:14

Dh’fhàs gach duine mar bhrùid na eòlas; nàraicheadh gach òr‑cheard le ìomhaigh leaghte; oir is nì breugach an dealbhan leaghte, agus anail air bith chan eil annta.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eseciel 13:6

Chunnaic iad dìomhanas, agus rinn iad fiosachd bhrèige, ag ràdh, Deir an Tighearna, nuair nach do chuir an Tighearna a‑mach iad: agus thug iad air daoine earbsa gun daingnicheadh iad am facal.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 51:47

Air an adhbhar sin, feuch, tha na làithean a’ teachd anns an dèan mise breitheanas air dealbhan snaidhte Bhàbiloin; agus cuirear gu amhluadh a fearann uile, agus tuitidh a mairbh gu lèir na meadhon.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 44:17

Agus den chuid eile dheth nì e dia, eadhon dealbh snaidhte dha fhèin; cromaidh e sìos dha, agus bheir e adhradh dha; agus nì e ùrnaigh ris, agus their e, Teasairg mi, oir is tu mo dhia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 6:24

Chan urrainn neach air bith seirbhis a dhèanamh do dhà thighearna: oir an dara cuid bidh fuath aige do neach aca, agus gràdh do neach eile; no gabhaidh e le neach aca, agus nì e tàir air neach eile. Chan urrainn sibh seirbhis a dhèanamh do Dhia agus do Mhamon.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 135:15-18

Is airgead agus òr iodhalan nan cinneach, obair làmhan dhaoine. Tha beòil aca, ach cha labhair iad; sùilean aca, ach chan fhaic iad. Tha cluasan aca, ach cha chluinn iad; cha mhò a tha anail nam beul. Cosmhail riu fhèin tha iadsan a nì iad, gach neach a dh’earbas asda.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Hosèa 8:4

Chuir iad suas rìghrean, ach chan ann uamsa: rinn iad uachdarain, agus cha robh agamsa fios air: den airgead agus den òr rinn iad dhaibh fhèin iodhalan, a‑chum gun gearrar as iad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 10:20

Ach tha mi ag ràdh, na nithean a tha na Cinnich ag ìobradh, gur ann do dheamhain a tha iad gan ìobradh, agus nach ann do Dhia: agus cha b’àill leam comann a bhith agaibhse ri deamhain.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Taisbeanadh 18:23

Agus cha soillsich solas coinnle annad nas mò; agus cha chluinnear annad nas mò guth fear-bainnse no bean-bainnse: oir b’iad do cheannaichean daoine mòra na talmhainn; agus led dhraoidheachd bha na h‑uile chinnich air am mealladh:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 31:3

Oir is daoine na h‑Eiphitich, agus cha Dia iad; agus is feòil an eich, agus cha spiorad; nuair a shìneas an Tighearna a‑mach a làmh, tuitidh am fear-cuideachaidh, agus leagar sìos am fear a bha air a chòmhnadh leis; agus millear iad gu lèir le chèile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 18:15

Ach dhìochuimhnich mo shluagh mise, loisg iad tùis do dhìomhanas, agus thug iad orra tuisleachadh nan slighean a bha nan seann ròidean, gu gluasad air ceuman eile, air slighe nach eil dèante;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 8:4

Uime sin, mu thimcheall ithe nan nithean sin a dh’ìobradh do iodhalan, tha fhios againne nach nì air an domhan iodhal, agus nach eil Dia sam bith eile ann ach a h‑aon.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 23:13

Agus a‑thaobh nan uile nithean a labhair mi ribh, bithibh faiceallach; agus air ainm dhiathan eile na luaidhibh: na cluinnear as ur beul e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 30:10

A tha ag ràdh ris na fir-sheallaidh, Na faicibh; agus ris an fàidhean, Na labhraibh nithean cearta rinn ann am fàistneachd; labhraibh rinn nithean mìne; dèanaibh fàistneachd cheilge:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 23:16

Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Na èisdibh ri briathran nam fàidhean, a tha ri fàistneachd dhuibh; tha iad gur mealladh le nithean faoine; tha iad a’ labhairt fiosachd an cridhe fhèin, agus chan ann o bheul an Tighearna;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 1:25

Muinntir a chaochail fìrinn Dhè gu brèig, agus a thug adhradh agus a rinn seirbhis don chreutair nas mò na don Chruithear, a tha beannaichte gu sìorraidh. Amen.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 23:21

Cha do chuir mise na fàidhean seo a‑mach, gidheadh ruith iad: cha do labhair mi riu, gidheadh rinn iad fàistneachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Sechariah 13:2

Agus tàrlaidh air an là sin, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, gun geàrr mise a‑mach ainmean nan iodhalan as an fhearann, agus cha chuimhnichear iad nas mò; agus fòs bheir mi air na fiosaichean agus na spioradan neòghlan siubhal a‑mach as an fhearann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 57:9

Agus chaidh thu a dh’amharc an rìgh le ola-ungaidh, agus mheudaich thu do bholtraichean; agus chuir thu do theachdairean am fad, agus dh’ìslich thu thu fhèin eadhon gus an uaigh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 2:27

A tha ag ràdh ri mìr fiodha, Is tu m’athair; agus ri cloich, Is tu a ghin mi; oir thionndaidh iad riumsa an cùl, is chan i an aghaidh; ach ann an àm an airce their iad, Eirich, agus teasairg sinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 4:4

Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Tha e sgrìobhte, Chan ann le aran a‑mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach uile fhacal a thig o bheul Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 106:36

Agus rinn iad seirbhis dan iodhalan, a bha mar ribe dhaibh;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 4:8

Gidheadh, nuair nach b’aithne dhuibh Dia, rinn sibh seirbhis dhaibhsan nach eil nan diathan a‑thaobh nàdair.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 42:17

Tillear air an ais, nàraichear gu tur, iadsan a tha a’ cur an dòchais ann an dealbh snaidhte; a tha ag ràdh ris na dealbhan leaghte, Is sibhse ar diathan-ne.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 57:13

Nuair a ghlaodhas tu, dèanadh do chuideachdan do thèarnadh; ach togaidh a’ ghaoth air falbh iad uile, bheir an ceò as iad; ach an neach a chuireas a dhòchas annamsa, sealbhaichidh e am fearann, agus gheibh e mar oighreachd mo shliabh naomh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 3:9

Agus thàrladh, le ro‑mheud a tograidh gu neòghlaine, gun do thruaill i am fearann, agus gun do rinn i adhaltranas le clachan agus le croinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 97:7

Bidh amhluadh orrasan uile a nì seirbhis do dhealbhan snaidhte, a nì uaill à iodhalan; sleuchdaibh dha, a dhiathan uile.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 11:10

Tha iad air tilleadh air an ais gu aingidheachd an athraichean o shean, a dhiùlt mo bhriathran-sa a choimhead; agus a chaidh air lorg dhia coimheach, a‑chum gun dèanadh iad seirbhis dhaibh: bhris taigh Israeil agus taigh Iùdah mo choicheangal, a rinn mi rin athraichean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 16:4

Meudaichear an doilgheasan dhaibhsan a nì deifir an dèidh dhiathan eile; chan ìobair mi an ìobairtean-dibhe de fhuil, agus cha luaidh mi air an ainmean lem bhilean.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 41:29

Feuch, is dìomhanas iad uile; is neoni an obraichean; is gaoth agus faoineis an dealbhan leaghte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 11:12

An sin thèid bailtean Iùdah, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus glaodhaidh iad ris na diathan don do loisg iad tùis; ach cha dèan iad sin air aon chor an tèarnadh ri àm an airce.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Corintianach 10:14

Air an adhbhar sin, a mhuinntir mo ghràidh, teichibh o iodhal-adhradh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 66:3

Tha esan a mharbhas damh, mar gum mortadh e duine; esan a dh’ìobras uan, mar gun cuireadh e an ceann de mhadadh; esan a bheir seachad tabhartas, mar gun tugadh e seachad fuil mhuc; esan a loisgeas tùis, mar gum beannaicheadh e iodhal; seadh, roghnaich iad an slighean fhèin, agus nan gràinealachdan fhèin tha an anam a’ gabhail tlachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Rìgh 18:26-27

Agus ghabh iad an tarbh òg a thugadh dhaibh, agus dheasaich iad e, agus ghairm iad air ainm Bhàail o mhadainn eadhon gu meadhon-là, ag ràdh, A Bhàail, èisd rinne! Ach cha robh guth, no neach air bith a fhreagradh ann: agus leum iad air an altair a rinn iad. Agus nuair a bha e mu mheadhon-là, rinn Eliah fanaid orra, agus thubhairt e, Eighibh le guth àrd; oir is dia e: an dara cuid tha e a’ beachd-smaoineachadh, no tha e air tòir, no tha e air thuras, no theagamh gu bheil e na chadal, agus gum feumar a dhùsgadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:31

Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Daniel 2:27

Fhreagair Daniel ann am fianais an rìgh, agus thubhairt e, An diamhaireachd a dh’iarr an rìgh chan urrainn na daoine glice, na speuradairean, na draoidhean, no an luchd-fiosachd fheuchainn don rìgh;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Taisbeanadh 9:20

Agus cha do ghabh a’ chuid eile de na daoine, nach do mharbhadh leis na plàighean sin, aithreachas de obraichean an làmh, ionnas nach dèanadh iad adhradh do dheamhain, agus do dhealbhan òir, agus airgid, agus umha, agus cloiche, agus fiodha; nach urrainn faicinn, no cluinntinn, no imeachd:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 10:2

Mar seo deir an Tighearna, Na fòghlamaibh slighe nan cinneach, agus na biodh eagal oirbh ro chomharraidhean nan nèamhan, ged tha eagal air na cinnich romhpa.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 7:7

Iarraibh, agus bheirear dhuibh: siribh, agus gheibh sibh: buailibh an doras, agus fosglar dhuibh:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 34:15

Air eagal gun dèan thu coicheangal ri luchd-àiteachaidh na tìre, agus gun tèid iad le strìopachas an dèidh an diathan, agus gun toir iad ìobairt don diathan, agus gun toir neach cuireadh dhut, agus gun ith thu de a ìobairt;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 46:7

Giùlainidh iad e air an guaillean, iomchairidh iad e, agus cuiridh iad e na àit, agus seasaidh e; as a ionad cha ghluais e: seadh, glaodhaidh neach ris, ach cha fhreagair e, agus cha teasairg e e o a theinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Rìgh 23:5

Agus chuir e as do shagartan an iodhal-adhraidh, a dh’òrdaich rìghrean Iùdah a losgadh tùis anns na h‑àitean àrda, ann am mòr-bhailtean Iùdah, agus anns na h‑àitean mu thimcheall Ierusaleim; iadsan mar an ceudna a loisg tùis do Bhàal, don ghrèin, agus don ghealaich, agus do na reultan seachranach, agus do uile armailt nèimh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 44:25

A bheir gu neoni comharraidhean nam mealltairean, agus a chuireas na fiosaichean air a’ chuthach; a thilleas daoine glice air an ais, agus a thionndaidheas an eòlas gu amaideachd;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 18:14

Oir dh’èisd na cinnich sin a shealbhaicheas tusa ri speuradairean, agus ri fiosaichean: ach air do shon-sa, cha do leig an Tighearna do Dhia leat dèanamh mar sin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 47:9

Gidheadh, thig an dà nì seo ort gu h‑obann, ann an aon là, call cloinne, agus bantrachas; thig iad ort nan làn tomhas, airson lìonmhorachd do dhraoidheachdan, agus iomadalachd do ghisreagan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 10:10-11

Ach Iehòbhah, is esan an Dia fìor, an Dia beò, agus an rìgh bithbhuan: ro a chorraich-san criothnaichidh an talamh, agus chan urrainn na cinnich a fhearg a ghiùlan. Mar seo their sibh riu, Na diathan nach do rinn na nèamhan no an talamh, sgriosar iad a‑mach on talamh, agus o bhith fo na nèamhan seo.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Galàtianach 5:19-21

A‑nis tha obraichean na feòla follaiseach, as iad seo, adhaltranas, strìopachas, neòghlaine, macnas. Feuch, tha mise Pòl ag ràdh ribh, ma thimcheall-ghearrar sibh, nach bi tairbhe air bith dhuibh ann an Crìosd. Iodhal-adhradh, draoidheachd, naimhdeas, connsachadh, co‑fharpais, fearg, còmhstri, aimhreit, saobh-chreideamh. Farmad, mortan, misg, raoidhteireachd, agus an leithidean sin: mum bheil mi ag innse dhuibh ro‑làimh, mar a dh’innis mi dhuibh cheana mar an ceudna, nach sealbhaich iadsan a nì an leithidean sin rìoghachd Dhè.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Rìgh 21:6

Agus thug e air a mhac dol tron teine, agus rinn e fiosachd, agus ghnàthaich e draoidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth, agus luchd-fiosachd: dh’obraich e mòr aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lebhiticus 19:26

Chan ith sibh nì sam bith leis an fhuil: cha mhò a ghnàthaicheas sibh draoidheachd, no a nì sibh fiosachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Samuel 15:23

Oir mar pheacadh na draoidheachd tha ceannairc, agus mar aingidheachd iodhal-adhraidh tha rag-mhuinealachd: a chionn gun do chuir thusa cùl ri facal an Tighearna, chuir esan mar an ceudna cùl riutsa o bhith ad rìgh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 29:8

Oir mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Na meallar sibh leis na fàidhean a tha nur measg, agus le ur luchd-fiosachd; cha mhò a dh’èisdeas sibh ri ur bruadair a tha sibh a’ toirt fa‑near a bhruadar.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Rìgh 23:24

Os bàrr, luchd nan leannan-sìth, agus an luchd-fiosachd, agus na dealbhan, agus na h‑iodhalan, agus gach uile ghràinealachd a chunnacas ann an tìr Iùdah, agus ann an Ierusalem, chuir Iosiah air falbh, a‑chum gun coileanadh e briathran an lagha a bha sgrìobhte anns an leabhar a fhuair Hilciah an sagart ann an taigh an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnìomharan 19:19

Agus thug mòran dhiubhsan a bha a’ gnàthachadh dhroch innleachdan an leabhraichean leo, agus loisg iad iad am fianais nan uile; agus rinn iad an luach àireamh, agus fhuair iad e na lethcheud mìle bonn airgid.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 27:9

Uime sin na èisdibh-se ri ur fàidhean, no ri ur fiosaichean, no ri ur bruadaraichean, no ri ur speuradairean, no ri ur draoidhean, a tha a’ labhairt ribh, ag ràdh, Cha toir sibh gèill do rìgh Bhàbiloin:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 18:10-12

Chan fhaighear nur measg neach air bith a bheir air a mhac no air a nighinn dol tron teine, no a ghnàthaicheas fiosachd, no speuradair, no fear-fàistinneachd, no a ghnàthaicheas droch innleachdan, No seunadair, no neach a dh’fhiosraicheas de leannan-sìdh, no draoidh, no neach a dh’iarras eòlas o na mairbh. Oir is gràinealachd don Tighearna iadsan uile a nì na nithean sin; agus airson nan gràinealachd sin, tha an Tighearna do Dhia gam fuadachadh a‑mach romhad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 8:19

Agus nuair a their iad ribh, Iarraibh a‑chum nam ban-fhiosaichean, agus a‑chum nan draoidhean, muinntir a nì bìdeil agus borbhanaich; nach bu chòir do shluagh iarraidh a‑chum an Dè? An ann a dh’iarradh iad a‑chum nam marbh, an àite nam beò?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 10:5

Mar chrann-pailme tha iad seo rag, agus cha labhair iad: is èiginn an giùlan, a chionn nach urrainn iad imeachd: na biodh eagal oirbhse romhpa, oir chan urrainn iad cron a dhèanamh: agus fòs math a dhèanamh chan eil nan comas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Micah 5:12

Agus gearraidh mi na draoidhean a‑mach as do mheadhon; agus cha bhi fiosaichean air bith agad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lebhiticus 20:6

Agus an t‑anam a thèid a thaobh a dh’ionnsaigh muinntir aig a bheil leannain-shìdh, agus a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu dol le strìopachas nan dèidh, cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 115:4-7

Is airgead agus òr an iodhalan-san, obair làmhan dhaoine! Tha beòil aca, ach cha labhair iad; sùilean aca, ach chan fhaic iad. Tha cluasan aca, ach cha chluinn iad; srònan aca, ach cha ghabh iad fàile. Tha làmhan aca, ach cha làimhsich iad; casan aca, ach chan imich iad; agus cha labhair iad tro an sgòrnan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 14:14

An sin thubhairt an Tighearna rium, Tha na fàidhean ri fàistneachd bhrèige ann am ainm-sa; cha do chuir mise uam iad, cha mhò a thug mi àithne dhaibh, cha mhò a labhair mi riu: sealladh breugach, agus fiosachd, agus neoni, agus mealltaireachd an cridhe fhèin, tha iad a’ fàistneachd dhuibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 47:12-13

Seas suas a‑nis led ghisreagan, agus le lìonmhorachd do dhraoidheachdan, anns an do shaothraich thu od òige; mas e is gur urrainn thu buannachd fhaghail, mas e is gum faod thu buadhachadh. Tha thu air do sgìtheachdadh ann an lìonmhorachd do chomhairlean. Seasadh na speuradairean suas, luchd-amhairc nan reultan, iadsan a tha ri fiosachd gach mìos, agus tèarnadh iad thu o na nithean a tha gu teachd ort.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 22:18

Cha leig thu le ban-fhiosaiche a bhith beò.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Sechariah 10:2

Oir labhair na h‑iodhalan dìomhanas, agus chunnaic na fiosaichean breug, agus dh’innis iad aislingean faoine; is dìomhain an comhfhurtachd: uime sin dh’imich iad air falbh mar threud; bha iad air an claoidh, a chionn nach robh buachaille air bith ann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Eachdraidh 33:6

Agus thug e air a chloinn dol tron teine ann an gleann mac Hinoim; agus sheall e air comharraidhean, agus ghnàthaich e geasachd agus draoidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth agus luchd-fiosachd: dh’obraich e mòr-aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ecsodus 7:11

An sin ghairm Phàraoh mar an ceudna air na daoine glice, agus air an luchd-fiosachd: agus rinn mar an ceudna draoidhean na h‑Eiphit mar sin len draoidheachdan:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Taisbeanadh 22:15

Oir an taobh a‑muigh tha madaidhean, agus luchd-draoidheachd, agus luchd-strìopachais, agus luchd-mort, agus luchd-iodhal-adhraidh, agus gach neach a ghràdhaicheas, agus a nì, breug.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lebhiticus 26:1

Cha dèan sibh dhuibh fhèin iodhalan no coslas snaidhte, agus cha chuir sibh suas ìomhaigh dhuibh fhèin, cha mhò a shuidhicheas sibh dealbh-cloiche nur fearann, gu cromadh sìos dha; oir is mise an Tighearna ur Dia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 57:3

Ach thigibh-se am fagas an seo, a mhaca na ban-fhiosaiche, a shliochd an adhaltrannaich agus na strìopaich.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Rìgh 18:21

Agus thàinig Eliah a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh uile, agus thubhairt e, Cia fhada a bhios sibh anns an ioma-chomhairle eadar dhà bharail? Mas e an Tighearna as Dia ann, leanaibh e; ach mas e Bàal, leanaibh esan. Ach cha do fhreagair an sluagh e aon fhacal.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 45:20

Cruinnichibh sibh fhèin, agus thigibh; dlùthaichibh ri chèile, sibhse a tha air dol as o mheasg nan cinneach; chan eil eòlas acasan a tha a’ cur suas fiodh an deilbh shnaidhte, agus a’ dèanamh ùrnaigh ri dia nach urrainn tèarnadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Hosèa 4:12

Tha mo shluagh-sa ag iarraidh comhairle air an croinn, agus tha an lorg a’ dèanamh foillseachaidh dhaibh: oir thug spiorad an strìopachais orra dol air seachran, agus chaidh iad le strìopachas air falbh on Dia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Peadar 2:1

Ach bha fàidhean brèige mar an ceudna am measg an t‑sluaigh, amhail a bhios luchd-teagaisg brèige nur measg-se, dream a bheir a‑steach an uaigneas saobh-chreideamh millteach, eadhon ag àicheadh an Tighearna a cheannaich iad, agus a bheir sgrios obann orra fhèin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 4:1

A mhuinntir ionmhainn, na creidibh gach uile spiorad, ach dearbhaibh na spioradan, an ann o Dhia a tha iad: do bhrìgh gu bheil mòran fhàidhean brèige air dol a‑mach don t‑saoghal.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 17:5

Mar seo deir an Tighearna, Is mallaichte an neach a chuireas a dhòchas ann an duine, agus a nì feòil na gàirdean dha, agus aig a bheil cridhe a tha a’ claonadh air falbh on Tighearna:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Taisbeanadh 21:8

Ach aig an dream sin a tha gealtach, agus mì‑chreidmheach, agus gràineil, agus aig luchd-mort, agus strìopachais, agus draoidheachd, agus iodhal-adhraidh, agus aig na h‑uile bhreugairean, bidh an cuibhreann anns an loch a tha a’ dearg-lasadh le teine agus pronnasg, nì as e an dara bàs.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 24:24

Oir èiridh Crìosdan brèige agus fàidhean brèige, agus nì iad comharraidhean agus mìorbhailean mòra, ionnas gum mealladh iad, nam faodadh e a bhith, na daoine taghte fhèin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 13:1-3

Ma dh’èireas suas nur measg fàidh, no fear a chì aisling, agus gun toir e dhut comharradh no iongantas, Agus clachaidh tu e le clachan, a‑chum gum bàsaich e; a chionn gun d’iarr e do tharraing on Tighearna do Dhia, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa. Agus cluinnidh Israel uile, agus bidh eagal orra, agus cha dèan iad nas mò a leithid seo de ghnìomh aingidh nur measg. Ma chluinneas tu ann an aon ded bhailtean, a thug an Tighearna do Dhia dhut gu còmhnaidh a ghabhail ann, neach air bith, ag ràdh, Chaidh daoine àraidh, clann Bheliail, a‑mach as ur measg, agus bhuair iad luchd-àiteachaidh am baile, ag ràdh, Rachamaid agus dèanamaid seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne dhuibh; An sin fiosraichidh tu, agus rannsaichidh tu, agus feòraichidh tu gu dùrachdach; agus, feuch, mas fìrinn e, agus gu bheil a’ chùis dearbhte, gun do rinneadh a’ ghràinealachd sin nur measg; Gu cinnteach buailidh tu luchd-àiteachaidh a’ bhaile sin le faobhar a’ chlaidheimh, ga sgrios gu tur, agus gach nì a tha ann, agus a sprèidh, le faobhar a’ chlaidheimh. Agus cruinnichidh tu a chreach uile gu meadhon a shràide, agus loisgidh tu le teine am baile, agus a chreach uile gu h‑iomlan, airson an Tighearna do Dhia: agus bidh e na thòrr a‑chaoidh; cha togar suas e nas mò. Agus cha lean ri do làimh-sa a’ bheag den nì mhallaichte; a‑chum gun till an Tighearna o lasair a fheirge, agus gun nochd e tròcair dhut, agus gun dèan e iochd ort, agus gun toir e ort fàs lìonmhor, mar a mhionnaich e dod athraichean; Nuair a dh’èisdeas tu ri guth an Tighearna do Dhia, a ghleidheadh a àitheantan uile a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, a dhèanamh an nì a tha ceart ann an sùilean an Tighearna do Dhia. Agus gun tig an comharradh no an t‑iongantas gu crìch, air an do labhair e riut, ag ràdh, Rachamaid an dèidh dhiathan eile, nach b’aithne dhut, agus dèanamaid seirbhis dhaibh: Chan èisd thu ri briathran an fhàidh sin, no ris an fhear sin a chì aisling: oir tha an Tighearna ur Dia gur dearbhadh, a dh’fheuchainn a bheil sibh a’ gràdhachadh an Tighearna ur Dia le ur n‑uile chridhe, agus le ur n‑uile anam.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 23:32

Feuch tha mise an aghaidh na muinntir a tha a’ fàistneachd aislingean brèige, deir an Tighearna, agus a tha gan innse, agus a’ toirt air mo shluagh-sa dol air seachran lem breugan agus lem briathran faoine; cha mhò a thug mi àithne dhaibh; air an adhbhar sin cha dèan iad, air aon chor, tairbhe don t‑sluagh seo, deir an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 28:15

A chionn gun dubhairt sibh, Dhaingnich sinn coicheangal ris a’ bhàs, agus ris an uaigh rinn sinn còrdadh; nuair a shiùbhlas a’ phlàigh thairis mar thuil, cha ruig i sinne; oir ghabh sinn a’ bhreug mar ar dìdein, agus fo cheilg dh’fhalaich sinn sinn fhèin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 31:6

Is fuath leat iadsan a bheir fa‑near dìomhanasan breugach; ach anns an Tighearna chuir mise mo dhòchas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ieremiah 16:20

An dèan duine dha fhèin diathan, agus nach eil iad nan diathan?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eachdraidh 10:13

Mar seo dh’eug Saul airson a chionta a rinn e an aghaidh an Tighearna, an aghaidh facal an Tighearna nach do ghlèidh e, agus mar an ceudna a chionn gun d’iarr e bean aig an robh leannan-sìth, a dh’fhiosrachadh dhith;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 8:20

Iarradh iad a‑chum an lagha agus a‑chum na fianais: mura labhair iad a rèir an fhacail seo, is ann a chionn nach eil solas annta.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Timòteus 4:1

A‑nis tha an Spiorad ag ràdh gu soilleir, anns na h‑aimsirean deireannach gun trèig dream àraidh an creideamh, a’ toirt aire do spioradan mealltach, agus do theagasgan dheamhan;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Colosianach 2:8

Thugaibh an aire nach dèan neach air bith fòirneart oirbh tre fheallsanachd agus mealltaireachd dhìomhain, a rèir beul-aithris dhaoine, a rèir ciad-thoiseachan an t‑saoghail, agus chan ann a rèir Chrìosd:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 115:8

Cosmhail riu fhèin tha iadsan a nì iad, agus gach neach a dh’earbas asda.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Lean sinn:

Sanasan


Sanasan