Salm 16 - Am Bìoball Gàidhlig 1992Michtam le Daibhidh. 1 Glèidh mi, a Dhè, oir chuir mi mo dhòigh annad. 2 Thubhairt mi ri Iehòbhah, Is tu mo Thighearna; cha ruig mo mhaitheas ortsa. 3 A‑thaobh nan naomh a tha air thalamh agus nam flath, tha mo thlachd uile annta. 4 Meudaichear an doilgheasan dhaibhsan a nì deifir an dèidh dhiathan eile; chan ìobair mi an ìobairtean-dibhe de fhuil, agus cha luaidh mi air an ainmean lem bhilean. 5 Is e an Tighearna cuibhreann m’oighreachd agus mo chupain; is tusa a chumas suas mo chrannchur. 6 Thuit mo roinn dhòmhsa ann an ionadan aoibhneach; seadh, tha oighreachd thaitneach agam. 7 Beannaichidh mise an Tighearna, a thug comhairle orm; tha m’àirnean mar an ceudna gam theagasg an àm na h‑oidhche. 8 Chuir mi an Tighearna romham a‑ghnàth; a chionn gu bheil e air mo dheaslàimh, cha ghluaisear mi. 9 Uime sin nì mo chridhe aoibhneas, agus nì mo ghlòir gàirdeachas; gabhaidh m’fheòil mar an ceudna fois ann an dòchas. 10 Oir chan fhàg thu m’anam anns an uaigh; cha leig thu led aon naomh truaillidheachd fhaicinn. 11 Feuchaidh tu dhomh slighe na beatha; tha lànachd aoibhneis ad làthair-sa; tha mòr-shubhachas aig do dheaslàimh gu sìorraidh. |