Ieremiah 23 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Is an‑aoibhinn do na h‑aodhairean a tha a’ sgrios agus a’ sgapadh treud mo chluaine-sa, deir an Tighearna. 2 Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, a‑thaobh nan aodhairean a tha ag ionaltradh mo shluaigh-sa, Sgap sibh mo threud, agus dh’fhuadaich sibh air falbh iad, agus cha deachaidh sibh gan amharc; feuch, thig mise gur n‑amharc-se airson aingidheachd ur dèanadais, deir an Tighearna. 3 Ach tionailidh mi fuidheall mo threud as gach uile dhùthaich gus an d’fhògair mi iad, agus bheir mi iad air an ais dam mainnirean fhèin, agus fàsaidh iad torrach agus lìonmhor. 4 Agus togaidh mi suas os an cionn aodhairean a dh’ionaltras iad, air chor is nach bi eagal orra tuilleadh, cha mhò a bhios geilt orra, cha mhò a bhios iad air an smachdachadh, deir an Tighearna. 5 Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an tog mise suas do Dhaibhidh meanglan fìrinneach, agus rìoghaichidh rìgh, agus soirbhichidh leis; agus cuiridh e an gnìomh breitheanas agus ceartas air an talamh. 6 Na làithean-san tèarnar Iùdah, agus gabhaidh Israel còmhnaidh ann an tèarainteachd: agus is e seo ainm a ghoirear ris, Iehòbhah ar fìreantachd-ne. 7 Air an adhbhar seo, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns nach abair iad nas mò, Mar as beò an Tighearna a thug a‑nìos clann Israeil à tìr na h‑Eiphit. 8 Ach, Mar as beò an Tighearna, a thug a‑nìos agus a stiùir sliochd taigh Israeil as an tìr mu thuath, agus as na dùthchannan sin uile gus an d’fhuadaich mise iad: a‑chum gun gabhadh iad còmhnaidh nam fearann fhèin. 9 A‑thaobh nam fàidhean. Tha mo chridhe briste an taobh a‑staigh dhìom; tha mo chnàmhan gu lèir air ghluasad; is cosmhail mi ri fear air mhisg; is ionann mi is duine air an d’fhuair fìon làmh-an‑uachdair, airson an Tighearna, agus airson briathran a naomhachd. 10 Oir tha am fearann làn de luchd-adhaltranais: oir airson mhionnan tha an tìr a’ caoidh: tha ionadan aoibhinn an fhàsaich air tiormachadh suas: tha an siubhal mar an ceudna olc, agus an neart eucorach. 11 Oir tha am fàidh agus an sagart araon an‑diadhaidh; eadhon ann am thaigh fhèin fhuair mi an aingidheachd, deir an Tighearna. 12 Uime sin bidh an slighe dhaibh mar ionadan sleamhainn ann an dorchadas; iomainear iad air an aghaidh, agus tuitidh iad ann: gu cinnteach bheir mise dòrainn orra, bliadhna an smachdachaidh, deir an Tighearna. 13 Amhail a chunnaic mi ann am fàidhean Shamaria amaideachd; rinn iad fàistneachd ann an ainm Bhàail, agus thug iad air mo shluagh Israel dol air seachran: 14 Mar sin ann am fàidhean Ierusaleim chunnaic mi uamharachd: tha iad a’ dèanamh adhaltranais, agus ag imeachd ann am breugan: tha iad a’ neartachadh mar an ceudna làmhan nan aingidh, air chor is nach eil aon neach a’ tilleadh o a aingidheachd: tha iad, an t‑iomlan dhiubh, dhòmhsa mar Shòdom, agus a luchd-àiteachaidh mar Ghomorrah. 15 Air an adhbhar sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh mu thimcheall nam fàidhean: Feuch, bheir mise dhaibh searbh-luibhean rin ithe agus uisge domblais ra òl; oir o fhàidhean Ierusaleim tha an‑diadhachd air dol a‑mach air feadh na tìre gu h‑iomlan. 16 Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Na èisdibh ri briathran nam fàidhean, a tha ri fàistneachd dhuibh; tha iad gur mealladh le nithean faoine; tha iad a’ labhairt fiosachd an cridhe fhèin, agus chan ann o bheul an Tighearna; 17 Ag ràdh an còmhnaidh ris a’ mhuinntir a tha a’ dèanamh dìmeas air facal an Tighearna, Bidh sìth agaibh; agus am feadh a tha gach aon ag imeachd a rèir ana-miann a chridhe fhèin, tha iad ag ràdh, Cha tig olc air bith oirbh. 18 Oir cò a sheas ann an comhairle dhiamhair an Tighearna, agus a chunnaic, agus a chuala a chùis? No cò a dh’èisd agus a chuala a fhacal? 19 Feuch, chaidh cuairt-ghaoth a‑mach on Tighearna le boile, eadhon cuairt-ghaoth ro‑dhian; air ceann nan aingidh tuitidh i gu h‑uamhasach. 20 Cha till corraich an Tighearna air a h‑ais gus an cuir e an gnìomh agus gus an coilean e rùn a chridhe: anns na làithean deireannach bheir sibh seo fa‑near le làn-aire. 21 Cha do chuir mise na fàidhean seo a‑mach, gidheadh ruith iad: cha do labhair mi riu, gidheadh rinn iad fàistneachd. 22 Ach nam biodh iad air seasamh ann am chomhairle-sa, an sin bheireadh iad air mo shluagh mo bhriathran èisdeachd, an sin bheireadh iad orra tilleadh on slighe, agus o aingidheachd an dèanadais. 23 An Dia dlùth do làimh mise, deir an Tighearna? Agus nach Dia mi am fad as? 24 Am faod neach air bith e fhèin fhalach ann an ionadan diamhair, air chor is nach faic mise e? deir an Tighearna. Nach eil mise a’ lìonadh nan nèamhan agus na talmhainn? deir an Tighearna. 25 Chuala mise ciod a thubhairt na fàidhean, a tha a’ fàistneachd bhreug ann am ainm-sa, ag ràdh, Chunnaic mi aisling, chunnaic mi aisling. 26 Cia fhad a bhios seo ann an cridhe nam fàidhean a tha ri fàistneachd bhreug? Seadh, fàidhean cealg an cridhe fhèin: 27 Aig a bheil rùn a thoirt air mo shluagh-sa m’ainm a leigeil air dìochuimhn, len aislingean a tha iad ag innse, gach aon da choimhearsnach, amhail a rinn an athraichean m’ainm a leigeil air dìochuimhn airson Bhàail. 28 Am fàidh aig a bheil aisling, innseadh e a aisling; ach esan aig a bheil m’fhacal-sa, labhradh e m’fhacal gu dìleas: ciod e am moll don chruithneachd? deir an Tighearna. 29 Nach ionann m’fhacal-sa agus teine? deir an Tighearna; agus nach ionann e agus òrd a bhriseas a’ chreag na bloighdean? 30 Uime sin, feuch, tha mise an aghaidh nam fàidhean, deir an Tighearna, a tha a’ goid mo bhriathran-sa, gach aon o a choimhearsnach. 31 Feuch, tha mise an aghaidh nam fàidhean, deir an Tighearna, a tha a’ gnàthachadh an teangaidh fhèin, agus ag ràdh, Labhair esan e. 32 Feuch tha mise an aghaidh na muinntir a tha a’ fàistneachd aislingean brèige, deir an Tighearna, agus a tha gan innse, agus a’ toirt air mo shluagh-sa dol air seachran lem breugan agus lem briathran faoine; cha mhò a thug mi àithne dhaibh; air an adhbhar sin cha dèan iad, air aon chor, tairbhe don t‑sluagh seo, deir an Tighearna. 33 Agus nuair a dh’fheòraicheas an sluagh seo, no fàidh, no sagart, dhìot, ag ràdh, Ciod e facal cudthromach an Tighearna? An sin their thusa riu, Is sibhse an cudthrom, agus tilgidh mise dhìom sibh, deir an Tighearna. 34 Agus am fàidh, agus an sagart, agus an sluagh, a their, Facal cudthromach an Tighearna, bheir eadhon mise peanas air an duine sin agus air a theaghlach. 35 Mar seo their sibh, gach aon ra choimhearsnach, agus gach aon ra bhràthair, Ciod a fhreagair an Tighearna? Agus, Ciod a labhair an Tighearna? 36 Agus air facal cudthromach an Tighearna cha toir sibh luaidh nas mò; oir is cudthrom do gach aon a bhriathran fhèin: oir chlaon sibh briathran an Dè bheò, Tighearna nan sluagh, ar Dia-ne. 37 Mar seo their thu ris an fhàidh, Ciod am freagradh a thug an Tighearna dhut? Agus, Ciod a labhair an Tighearna? 38 Ach ma their sibh, Facal cudthromach an Tighearna: uime sin, mar seo deir an Tighearna, A chionn gu bheil sibh ag ràdh an fhacail seo, facal cudthromach an Tighearna, ged a chuir mise fios thugaibh, ag ràdh, Chan abair sibh facal cudthromach an Tighearna; 39 Uime sin, feuch, togaidh mise sibhse mar chudthrom, agus tilgidh mise air falbh, araon sibh fhèin agus a’ chathair seo, a thug mi dhuibhse, agus dur n‑athraichean, a‑mach as mo làthair: 40 Agus bheir mi oirbh masladh sìorraidh, agus nàire bhithbhuan, nach leigear gu bràth air dìochuimhn. |