Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 11 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 B’fheàrr leam gun giùlaineadh sibh beagan lem amaideachd; agus da‑rìribh giùlainibh leam.

2 Oir tha mi eudmhor umaibh le eud diadhaidh; oir rinn mi ceangal-pòsaidh eadar sibh agus aon fhear, a‑chum ur cur mar òigh fhìorghlain an làthair Chrìosd.

3 Ach tha eagal orm, mar a mheall an nathair Eubha le a cuilbheartachd, mar sin gun truaillear, air dòigh sam bith, ur n‑inntinn-se on aon-fhillteachd a tha ann an Crìosd.

4 Oir nan dèanadh an neach a thig Iosa eile a shearmonachadh nach do shearmonaich sinne, no nam faigheadh sibhse spiorad eile nach d’fhuair sibh, no soisgeul eile ris nach do ghabh sibh, dh’fhaodadh sibh gu math giùlan leis.

5 Oir is i mo bharail-sa nach robh mi a’ bheag goirid air na h‑abstoil a b’àirde.

6 Ach ged tha mi neo-fhòghlaimte ann an cainnt, gidheadh chan eil mi mar sin ann an eòlas; ach rinneadh sinn làn-fhollaiseach anns na h‑uile nithean nur measg-se.

7 An do rinn mi cionta le mi fhèin ìsleachadh a‑chum gum biodh sibhse air ur n‑àrdachadh, no a chionn gun do shearmonaich mi soisgeul Dhè an asgaidh dhuibh?

8 Chreach mi eaglaisean eile, a’ gabhail tuarasdail uapa, a‑chum seirbhis a dhèanamh dhuibhse.

9 Agus nuair a bha mi an làthair maille ribh agus uireasbhaidh orm, cha do leig mi mo throm air duine sam bith: oir leasaich na bràithrean a thàinig o Mhacedònia m’uireasbhaidh: agus anns na h‑uile nithean choimhead mi mi fhèin om throm a leigeil oirbhse; agus coimheadaidh.

10 Mar a tha fìrinn Chrìosd annam, cha chumar an uaill seo uam ann an crìochan Achaia.

11 Carson? An ann a chionn nach eil gràdh agam dhuibh? Tha fhios aig Dia.

12 Ach an nì a tha mi a’ dèanamh, nì mi fhathast e, a‑chum gun toir mi air falbh cion-fàth uapasan lem bu mhiann cion-fàth fhaotainn, a‑chum anns an nì as a bheil iad a’ dèanamh uaill, gum faighear iad eadhon mar sinne.

13 Oir is ann dan leithidean sin tha abstoil brèige, luchd-obrach cealgach, gan cur fhèin ann an coslas abstoil Chrìosd.

14 Agus chan iongantach sin: oir cuirear Sàtan fhèin an cruth aingeal soillse.

15 Uime sin cha nì mòr e ged chuirear a mhinistearan mar an ceudna ann an cruth ministearan na fìreantachd; aig am bi an crìoch dheireannach a rèir an obrach.

16 Tha mi ag ràdh a‑rìs, Na measadh aon neach gur amadan mi; no fòs, gabhaibh rium, mar amadan fhèin, a‑chum gun dèan mi beagan uaill asam fhèin.

17 An nì a tha mi a’ labhairt, chan ann a rèir an Tighearna a tha mi ga labhairt, ach mar gum b’ann gu h‑amaideach anns an dànadas uaille seo.

18 Do bhrìgh gu bheil mòran a’ dèanamh uaill a rèir na feòla, nì mise uaill mar an ceudna.

19 Oir giùlainidh sibh gu toileach le amadain, do bhrìgh gu bheil sibh fhèin glic.

20 Oir fuilingidh sibh ma bheir neach an daorsa sibh, ma dh’itheas neach sibh, ma bheir neach ur cuid dhibh, ma dh’òrdaicheas neach e fhèin, ma bhuaileas neach air an aghaidh sibh.

21 Tha mi a’ labhairt a‑thaobh eas-urraim, mar gum bitheamaid anfhann: ach, ge bè nì anns a bheil neach air bith dàn (tha mi a’ labhairt gu h‑amaideach), tha mise dàn ann mar an ceudna.

22 An Eabhraidhich iad? Mar sin tha mise mar an ceudna. An Israelich iad? Mar sin tha mise mar an ceudna. An sliochd do Abrahàm iad? Mar sin tha mise mar an ceudna:

23 Am ministearan do Chrìosd iad? (tha mi a’ labhairt mar dhuine mì‑chèillidh). Tha mise os an cionn anns an nì seo: ann an saothairean nas pailte, ann am buillean thar tomhas, ann am prìosanan nas trice, ann am bàsan gu minig.

24 Fhuair mi o na h‑Iùdhaich còig uairean dà‑fhichead buille ach a h‑aon.

25 Ghabhadh orm le slatan trì uairean, chlachadh mi aon uair, dh’fhuiling mi long-bhriseadh trì uairean; là agus oidhche bha mi anns an doimhne:

26 Ann an turasan gu minig, ann an gàbhadh aibhnichean, ann an cunnartan fhear-reubainn, ann an cunnartan om chinneach fhèin, ann an cunnartan o na Cinnich, ann an cunnartan anns a’ bhaile, ann an cunnartan anns an fhàsach, ann an cunnartan anns an fhairge, ann an cunnartan am measg bhràithrean breugach;

27 Ann an saothair agus sgìos, ann am fairean gu minig, ann an acras agus tart, ann an trasgadh gu minig, ann am fuachd agus ann an lomnochdaidh.

28 A bhàrr air na nithean a tha an leth a‑muigh, an nì a tha a’ teachd orm gu làitheil, ro‑chùram nan eaglaisean uile.

29 Cò tha lag, agus nach eil mise lag? Cò tha a’ faotainn oilbheim, agus nach eil mise a’ losgadh?

30 Mas èiginn dhomh uaill a dhèanamh, is ann as na nithean a bhuineas dom anfhainneachd a nì mi uaill.

31 Tha fhios aig Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a tha beannaichte gu sìorraidh, nach eil mi a’ dèanamh brèige.

32 Ann an Damascas chuir uachdaran a’ phobaill fo Aretas an rìgh freiceadan air baile nan Damasceneach, an rùn mise a ghlacadh:

33 Ach tre uinneig leigeadh sìos ris a’ bhalla mi ann an cliabh, agus chaidh mi as a làmhan.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan