Ieremiah 8 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Anns an àm sin, deir an Tighearna, bheir iad a‑mach cnàmhan rìghrean Iùdah, agus cnàmhan a prionnsachan, agus cnàmhan nan sagart, agus cnàmhan nam fàidhean, agus cnàmhan luchd-àiteachaidh Ierusaleim as an uaighean; 2 Agus sgaoilidh iad iad mu choinneamh na grèine agus na gealaich agus uile fheachd nèimh, don tug iad spèis, agus don do rinn iad seirbhis, agus air an robh iad a’ leanmhainn, agus a bha iad ag iarraidh, agus don tug iad adhradh: cha chruinnichear iad, chan adhlaicear iad; nan aolach bidh iad air aghaidh na talmhainn. 3 Agus bidh bàs nas roghnaiche na beatha leis an uile fhuidheall a mhaireas den teaghlach olc seo, a bhios nam fuidheall anns gach uile àite gus am fògair mise iad, deir Tighearna nan sluagh. 4 Os bàrr, their thu riu, Mar seo deir an Tighearna, An tuit iad agus nach èirich iad a‑rìs? An tèid e air falbh, agus nach till e air ais? 5 Carson, matà, a tha an sluagh seo a’ sleamhnachadh air an ais? Carson a tha Ierusalem ri cùl-sleamhnachadh bithbhuan? Tha iad a’ dèanamh greim daingeann air ceilg, tha iad a’ diùltadh tilleadh. 6 Thug mise fa‑near, agus chuala mi: cha do labhair iad gu ceart; chan eil aithreachas air aon neach da aingidheachd, ag ràdh, Ciod a rinn mi? Tha gach aon a’ tilleadh ga shlighe, mar a dhian-ruitheas an t‑each a‑chum a’ chòmhraig. 7 Seadh, is aithne don chorra-bhàin anns an adhar a h‑àm fhèin, agus is aithne don chalaman agus don chorra-mhonaidh agus don ghòbhlan-ghaoithe àm an teachd: ach chan aithne dom shluagh-sa breitheanas an Tighearna. 8 Cionnas a their sibh, Tha sinn glic, agus tha reachd an Tighearna nar measg? Feuch, gu deimhinn is dìomhanas obair na cleit-sgrìobhaidh, chan eil anns na sgrìobhaichean ach dìomhanas. 9 Nàraicheadh na daoine glice, tha iad fo gheilt, tha iad an sàs; feuch, ri facal an Tighearna chuir iad cùl; agus ciod an gliocas a tha aca? 10 Uime sin am mnathan bheir mise do dhaoine eile; am fearann dhaibhsan a thèid an seilbh ann; oir tha iad uile, on neach as mò gus an neach as lugha, air an toirt suas dan ana-miannan; on fhàidh eadhon gus an sagart, tha gach aon a’ gnàthachadh ceilge. 11 Agus leighis iad lot nighean mo shluaigh-sa gu faoin, ag ràdh, Sìth, sìth; agus gun sìth ann. 12 An robh nàire orra a chionn gun do chuir iad gràinealachd an gnìomh? Chan eadh, cha robh iad nàireach air aon chor, cha mhò a ghabh an gruaidh rudhadh; uime sin tuitidh iad am measg na muinntir a thuiteas; anns an àm anns an tig mise gan amharc tilgear sìos iad, deir an Tighearna. 13 Nì mise gu buileach an sgrios, deir an Tighearna; cha bhi fìondhearc air an fhìonain, no fìgean air a’ chrann-fhìge; seargaidh eadhon an duilleach; agus na nithean a thug mise dhaibh siùbhlaidh uapa. 14 Carson a tha sinn a’ suidhe nar tàmh? Cruinnichibh sibh fhèin agus rachamaid a‑steach do na cathraichean daingnichte; agus bitheamaid nar tosd an sin; oir chuir an Tighearna ar Dia nar tosd sinn, agus thug e dhuinn uisge domblais ra òl, a chionn gun do pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna. 15 Bha sùil againn ri sìth, ach math sam bith cha tàinig; ri aimsir slàinte, agus feuch uamhas! 16 O Dhan chualas srannail a chuid each: ro thorman sitrich each meamnach chriothnaich am fearann uile: oir thàinig iad, agus shluig iad am fearann, agus gach nì a tha na chathair agus iadsan a tha ga h‑àiteachadh. 17 Oir feuch, cuiridh mise nur measg nathraichean, rìgh-nathraichean, air nach laigh geasan, agus teumaidh iad sibh, deir an Tighearna. 18 Chan eil leigheas air mo bhròn: tha mo chridhe fo leòn an taobh a‑staigh dhìom. 19 Feuch, guth glaodh nighean mo shluaigh, o thìr chèin: Nach eil an Tighearna ann an Sion? Nach eil a rìgh innte? Carson, matà, a bhrosnaich iad mise gu feirg len dealbhan snaidhte, agus len dìomhanais choimheach? 20 Chaidh am fogharadh seachad, tha an samhradh crìochnaichte, ach chan eil sinne air ar saoradh. 21 Airson leòn nighean mo shluaigh, tha mise air mo leòn; tha mi dubh-bhrònach; rinn uamhann mo ghlacadh. 22 Nach eil ìocshlaint ann an Gilead? Nach eil lèigh an sin? Carson, matà, nach eil slàinte air a h‑aiseag do nighinn mo shluaigh-sa? |