1 Rìgh 18 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus an dèidh mòrain de làithean, thàinig facal an Tighearna gu Eliah anns an treas bliadhna, ag ràdh, Falbh, nochd thu fhèin do Ahab, agus bheir mise uisge air aghaidh na talmhainn. 2 Agus dh’fhalbh Eliah ga nochdadh fhèin do Ahab: agus bha gorta mhòr ann an Samaria. 3 Agus ghairm Ahab air Obadiah, a bha os cionn a thaighe: (a‑nis bha eagal an Tighearna gu mòr air Obadiah: 4 Oir nuair a thug Iesebel fa‑near fàidhean an Tighearna a ghearradh as, ghabh Obadiah ceud fàidh, agus dh’fhalaich e iad nan lethcheudan ann an uaimh, agus bheathaich e iad le aran agus uisge:) 5 Agus thubhairt Ahab ri Obadiah, Imich don tìr, a dh’ionnsaigh nan tobar uisge uile, agus a dh’ionnsaigh nan sruth uile, a dh’fheuchainn am faigh sinn feur a‑chum is gun glèidh sinn ar n‑eich agus ar muileidean beò, agus nach caill sinn an sprèidh uile. 6 Agus roinn iad an tìr eatorra gu dol troimhpe: chaidh Ahab air aon slighe leis fhèin, agus chaidh Obadiah air slighe eile leis fhèin. 7 Agus nuair a bha Obadiah anns an t‑slighe, feuch, thachair Eliah air: agus dh’aithnich e e, agus thuit e air a aghaidh, agus thubhairt e, An tusa a tha an seo, mo thighearna, Eliah? 8 Agus thubhairt esan ris, Is mi: imich, innis dod thighearna, Feuch, tha Eliah an seo. 9 Agus thubhairt esan, Ciod am peacadh a rinn mi, gun tugadh tu do sheirbhiseach an làimh Ahaib gu mo mharbhadh? 10 Mar as beò an Tighearna do Dhia, chan eil cinneach no rìoghachd do nach do chuir mo thighearna gad iarraidh: agus nuair a thubhairt iad, Chan eil e an seo, ghabh e mionnan den rìoghachd agus den chinneach nach d’fhuair e thu. 11 Agus a‑nis tha thu ag ràdh, Imich, innis dod thighearna, Feuch, tha Eliah an seo. 12 Agus tachraidh, nuair a dh’imicheas mise uat, gun tog spiorad an Tighearna leis thusa far nach eil fhios agamsa; agus nuair a thig mise a dh’innse do Ahab, agus nach faigh e thu, gum marbh e mise: gidheadh tha eagal an Tighearna ormsa do sheirbhiseach om òige. 13 Nach d’innseadh dom thighearna ciod a rinn mi nuair a mharbh Iesebel fàidhean an Tighearna, mar a dh’fhalaich mi ceud fear de fhàidhean an Tighearna nan lethcheudan ann an uaimh, agus a bheathaich mi iad le aran agus le uisge? 14 Agus a‑nis tha thu ag ràdh, Imich, innis dod thighearna, Feuch, tha Eliah an seo: agus marbhaidh e mi. 15 Agus thubhairt Eliah, Mar as beò Tighearna nan slògh, an làthair a bheil mi am sheasamh, gu deimhinn nochdaidh mi mi fhèin dha an‑diugh. 16 Uime sin chaidh Obadiah an coinneamh Ahaib, agus dh’innis e dha: agus chaidh Ahab an coinneamh Eliah. 17 Agus nuair a chunnaic Ahab Eliah, thubhairt Ahab ris, An tusa esan a tha a’ cur Israeil fo bhuaireas? 18 Agus thubhairt esan, Cha mhise a chuir Israel fo bhuaireas, ach thusa agus taigh d’athar, a‑thaobh gun do thrèig sibh àitheantan an Tighearna, agus gun do lean sibh Bàalim. 19 A‑nis uime sin cuir fios, cruinnich am ionnsaigh-sa Israel uile gu sliabh Charmeil, agus fàidhean Bhàail ceithir cheud agus lethcheud, agus fàidhean nan doire, ceithir cheud, a tha ag ithe aig bòrd Iesebeil. 20 Agus chuir Ahab fios a dh’ionnsaigh chloinn Israeil uile, agus chruinnich e na fàidhean an ceann a chèile gu sliabh Charmeil. 21 Agus thàinig Eliah a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh uile, agus thubhairt e, Cia fhada a bhios sibh anns an ioma-chomhairle eadar dhà bharail? Mas e an Tighearna as Dia ann, leanaibh e; ach mas e Bàal, leanaibh esan. Ach cha do fhreagair an sluagh e aon fhacal. 22 An sin thubhairt Eliah ris an t‑sluagh, Dh’fhàgadh mise, eadhon mise a‑mhàin am fhàidh leis an Tighearna; ach tha fàidhean Bhàail ceithir cheud agus lethcheud fear an àireamh. 23 Thugadh iad dhuinne matà dà tharbh òg, agus taghadh iadsan dhaibh fhèin aon tarbh òg, agus gearradh iad na mhìrean e, agus cuireadh iad air connadh e; ach na cuireadh iad teine foidhe: agus deasaichidh mise an tarbh òg eile, agus cuiridh mi air connadh e, ach cha chuir mi teine foidhe. 24 An sin gairmibh-se air ainm ur diathan fhèin, agus gairmidh mise air ainm an Tighearna: agus an Dia a fhreagras le teine, bidh esan na Dhia. Agus fhreagair an sluagh uile agus thubhairt iad, Is math a labhair thu. 25 Agus thubhairt Eliah ri fàidhean Bhàail, Taghaibh-se dhuibh fhèin aon tarbh òg, agus deasaichibh an toiseach e, oir tha sibh lìonmhor; agus gairmibh air ainm ur diathan, ach na cuiribh teine foidhe. 26 Agus ghabh iad an tarbh òg a thugadh dhaibh, agus dheasaich iad e, agus ghairm iad air ainm Bhàail o mhadainn eadhon gu meadhon-là, ag ràdh, A Bhàail, èisd rinne! Ach cha robh guth, no neach air bith a fhreagradh ann: agus leum iad air an altair a rinn iad. 27 Agus nuair a bha e mu mheadhon-là, rinn Eliah fanaid orra, agus thubhairt e, Eighibh le guth àrd; oir is dia e: an dara cuid tha e a’ beachd-smaoineachadh, no tha e air tòir, no tha e air thuras, no theagamh gu bheil e na chadal, agus gum feumar a dhùsgadh. 28 Agus dh’èigh iadsan le guth àrd, agus gheàrr iad iad fhèin a rèir an gnàtha le claidheamhan agus le lannan, gus an do thaom an fhuil a‑mach orra. 29 Agus nuair a chaidh meadhon-là thairis, agus a rinn iad fàidheadaireachd gu àm toirt suas na h‑ìobairt fheasgair, cha robh guth ann, no aon air bith a fhreagradh, no a bheireadh fa‑near iad. 30 Agus thubhairt Eliah ris an t‑sluagh uile, Thigibh am fagas dhòmhsa. Agus thàinig an sluagh uile am fagas dha; agus chàraich e altair an Tighearna, a bha air a briseadh sìos. 31 Agus ghabh Eliah dà‑chloich-dheug, a rèir àireamh treubh mic Iàcoib, a‑chum an tàinig facal an Tighearna, ag ràdh, Bidh Israel mar ainm ort; 32 Agus thog e leis na clachan altair ann an ainm an Tighearna; agus rinn e clais cho mòr is gun cumadh i dà thomhas sìl, mun cuairt air an altair. 33 Agus shuidhich e an connadh, agus gheàrr e an tarbh òg na mhìrean agus chuir e air a’ chonnadh e. 34 An sin thubhairt e, Lìonaibh ceithir soithichean le uisge, agus dòirtibh e air an ìobairt-loisgte, agus air a’ chonnadh. Agus thubhairt e, Dèanaibh an dara uair e, agus rinn iad an dara uair e: agus thubhairt e, Dèanaibh an treas uair e, agus rinn iad an treas uair e. 35 Agus chaidh an t‑uisge mun cuairt air an altair; agus lìon e mar an ceudna a’ chlais le uisge. 36 Agus ann an àm toirt suas na h‑ìobairt-fheasgair, thàinig Eliah am fàidh am fagas, agus thubhairt e, A Thighearna Dhè Abrahàim, Isaaic, agus Israeil, biodh fios an‑diugh gur tusa as Dia ann an Israel, agus gur mise d’òglach, agus gur ann air d’fhacal-sa a rinn mi na nithean seo uile. 37 Eisd rium, A Thighearna, èisd rium; agus biodh fios aig an t‑sluagh seo gur tusa an Tighearna Dia, agus gun do thill thu an cridhe air ais a‑rìs. 38 An sin thuit teine an Tighearna, agus chaith e an ìobairt-loisgte, agus an connadh, agus na clachan, agus an luaithre; agus an t‑uisge a bha anns a’ chlais dh’imlich e suas. 39 Agus nuair a chunnaic an sluagh uile e, thuit iad air an aghaidh, agus thubhairt iad, Is e an Tighearna fhèin as Dia ann, is e an Tighearna fhèin as Dia ann. 40 Agus thubhairt Eliah riu, Glacaibh fàidhean Bhàail; na rachadh duine dhiubh as. Agus ghlac iad iad; agus thug Eliah sìos iad gu sruth Chisoin, agus mharbh e iad an sin. 41 Agus thubhairt Eliah ri Ahab, Eirich suas, ith agus òl; oir tha fuaim pailteas uisge ann. 42 Agus chaidh Ahab suas a dh’ithe agus a dh’òl: agus chaidh Eliah suas gu mullach Charmeil, agus thilg e e fhèin sìos air an talamh, agus chuir e a aghaidh eadar a ghlùinean; 43 Agus thubhairt e ra òglach, Falbh suas a‑nis, amhairc a dh’ionnsaigh na fairge. Agus chaidh esan suas, agus dh’amhairc e, agus thubhairt e, Chan eil nì air bith ann. Agus thubhairt e, Falbh a‑rìs seachd uairean. 44 Agus air an t‑seachdamh uair thubhairt e, Feuch, tha neul beag cosmhail ri bois duine ag èirigh as an fhairge. Agus thubhairt e, Falbh suas, abair ri Ahab, Ullaich do charbad, agus gabh sìos, a‑chum nach bac an t‑uisge thu. 45 Agus anns a’ cheart àm sin, dhorchaicheadh na speuran le neòil agus le gaoith; agus bha uisge mòr ann. Agus mharcaich Ahab, agus chaidh e do Iesreel. 46 Agus bha làmh an Tighearna air Eliah; agus chrioslaich e a leasraidh, agus ruith e ro Ahab, gus an tàinig e do Iesreel. |