Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Salm 31 - Am Bìoball Gàidhlig 1992


Don àrd-fhear-ciùil. Salm le Daibhidh.

1 Annadsa, a Thighearna, cuiridh mi mo dhòigh; na nàraichear mi gu bràth; trìd d’fhìreantachd saor mi.

2 Aom am ionnsaigh do chluas; gu grad furtaich orm; bi‑sa ad charraig làidir dhomh, ad thaigh-tèarmainn a‑chum mo dhìon.

3 Oir is tusa mo charraig, agus mo dhaingneach; agus air sgàth d’ainme treòraichidh agus stiùraidh tu mi.

4 Bheir thu mi as an lìon a dh’fhalaich iad fam chomhair, oir is tusa mo neart.

5 Ann ad làimh-sa tiomnam mo spiorad: saor mi, a Thighearna Dhè na fìrinn.

6 Is fuath leat iadsan a bheir fa‑near dìomhanasan breugach; ach anns an Tighearna chuir mise mo dhòchas.

7 Nì mi aoibhneas agus gàirdeachas ann ad thròcair, oir chunnaic thu m’àmhghar; b’aithne dhut m’anam ann an teanntachdan.

8 Agus cha do dhruid thu suas mi ann an làimh mo nàmhaid; shocraich thu mo chasan ann an àite farsaing.

9 Gabh truas dhìom, a Thighearna, oir tha mi ann an teinn; tha mo shùil, m’anam agus mo chom air seargadh as le doilgheas.

10 Oir chlaoidheadh mo bheatha le bròn, agus mo bhliadhnachan le osnaich; airson m’euceirt thuit mo neart, agus chaitheadh mo chnàmhan.

11 Am measg mo naimhdean gu lèir bha mi am mhasladh, agus gu h‑àraidh dom choimhearsnaich, agus am adhbhar eagail dom luchd-eòlais; iadsan a chunnaic mi a‑muigh, theich iad uam.

12 Dhìochuimhnicheadh mi mar dhuine marbh a’ dol à cuimhne; tha mi mar shoitheach briste.

13 Oir chuala mi cùl-chàineadh mòran dhaoine; bha eagal air gach taobh nuair a ghabh iad comhairle le chèile am aghaidh, a dhealbh iad mo bheatha a thoirt uam.

14 Ach dh’earb mise asadsa, a Thighearna; thubhairt mi, Is tusa mo Dhia.

15 Ann ad làimh-sa tha m’aimsirean: saor mi à làimh mo naimhdean, agus uapasan a tha an tòir orm.

16 Thoir air do ghnùis dealrachadh air d’òglach; saor mi air sgàth do thròcair.

17 Na nàraichear mi, a Thighearna, oir ghairm mi ort; nàire biodh air na h‑aingidh, nan tosd biodh iad anns an uaigh!

18 Dèanar balbh na bilean breugach, a labhras an aghaidh an fhìrein gu cruaidh, le uabhar agus le tarcais.

19 Cia mòr do mhaitheas, a thaisg thu dhaibhsan don eagal thu, a rinn thu dhaibhsan a dh’earbas asad, am fianais clann nan daoine!

20 Falaichidh tu iad ann an diamhaireachd do làthaireachd o àilgheas dhaoine; falaichidh tu iad ann am pàillean o strì nan teanga.

21 Beannaichte gu robh an Tighearna, oir nochd e gu h‑iongantach a choibhneas dhòmhsa ann am baile daingnichte.

22 Thubhairt mise am dheifir, Ghearradh as mi o fhianais do shùl; gidheadh dh’èisd thu ri guth m’aslachaidh nuair a dh’èigh mi riut.

23 Gràdhaichibh an Tighearna, sibhse uile a naoimh-san: gleidhidh an Tighearna na daoine treibhdhireach, agus dìolaidh e gu pailt dhàsan a nì gu h‑uaibhreach.

24 Bithibh-se misneachail, agus neartaichidh esan ur cridhe, sibhse uile a chuir ur dòchas anns an Tighearna.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan