Taisbeanadh 13 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus sheas mi air gaineimh na fairge, agus chunnaic mi fiadh-bheathach ag èirigh suas as an fhairge, aig an robh seachd cinn, agus deich adhaircean, agus air a adhaircean deich crùin, agus air a chinn ainm toibheim. 2 Agus bu chosmhail am fiadh-bheathach a chunnaic mi ri liopard, agus bha a chasan mar chasan math-ghamhna, agus a bheul mar bheul leòmhainn: agus thug an dràgon a neart, agus a chathair, agus cumhachd mòr dha. 3 Agus chunnaic mi aon de a chinn mar gum biodh e air a lotadh gu bàs; agus lèighseadh a lot bàsmhor: agus ghabh an talamh uile iongantas an dèidh an fhiadh-bheathaich. 4 Agus rinn iad adhradh don dràgon, a thug a chumhachd don fhiadh-bheathach: agus rinn iad adhradh don fhiadh-bheathach, ag ràdh, Cò a tha cosmhail ris an fhiadh-bheathach? Cò a tha comasach air cogadh a dhèanamh na aghaidh? 5 Agus thugadh dha beul a’ labhairt nithean mòra, agus thoibheum; agus thugadh cumhachd dha cogadh a dhèanamh rè dà mhìos agus dà‑fhichead. 6 Agus dh’fhosgail e a bheul ann an toibheum an aghaidh Dhè, a‑chum toibheum a thoirt da ainm, agus da phàillean, agus don dream a tha nan còmhnaidh air nèamh. 7 Agus thugadh dha cogadh a dhèanamh an aghaidh nan naomh, agus buaidh a thoirt orra: agus thugadh dha cumhachd os cionn gach uile threubh, agus theangaidh, agus chinnich. 8 Agus nì iadsan uile, a tha nan còmhnaidh air an talamh, adhradh dha, aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar-beatha an Uain, a mharbhadh o thoiseach an t‑saoghail. 9 Ma tha cluas aig neach air bith, èisdeadh e. 10 Ma bheir neach air bith ann am braighdeanas, thèid e fhèin ann am braighdeanas: ma mharbhas neach air bith leis a’ chlaidheamh, is èiginn e fhèin a bhith air a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. Is ann an seo a tha foighidinn agus creideamh nan naomh. 11 Agus chunnaic mi fiadh-bheathach eile ag èirigh as an talamh; agus bha aige dà adhairc cosmhail ri uan, agus labhair e mar dhràgon. 12 Agus tha e a’ cur an gnìomh cumhachd a’ chiad fhiadh-bheathaich uile na fhianais, agus tha e a’ toirt air an talamh, agus orrasan a tha nan còmhnaidh ann, adhradh a dhèanamh don chiad fhiadh-bheathach, aig an robh a lot bàsmhor air a leigheas. 13 Agus tha e a’ dèanamh chomharraidhean mòra, ionnas gu bheil e a’ toirt air teine teachd a‑nuas o nèamh air an talamh, ann am fianais dhaoine; 14 Agus tha e a’ mealladh na dream a tha nan còmhnaidh air an talamh, leis na comharraidhean sin a thugadh dha a dhèanamh an làthair an fhiadh-bheathaich, ag ràdh ri luchd-àiteachaidh na talmhainn, ìomhaigh a dhèanamh don bheathach aig an robh an lot-claidheimh, agus a bha beò. 15 Agus thugadh cumhachd dha beatha a thoirt do ìomhaigh an fhiadh-bheathaich, ionnas gun labhradh ìomhaigh an fhiadh-bheathaich, agus gun tugadh e fa‑near gum biodh a mheud is nach dèanadh adhradh do ìomhaigh an fhiadh-bheathaich, air am marbhadh. 16 Agus tha e a’ toirt air na h‑uile dhaoine, araon beag agus mòr, saoibhir agus bochd, saor agus daor, comharradh a ghabhail air an làimh dheis, no air clàr an aodainn; 17 Agus nach faodadh neach sam bith ceannach no reic, ach esan aig am biodh an comharradh, no ainm an fhiadh-bheathaich no àireamh a ainme. 18 An seo tha gliocas. An tì aig a bheil tuigse, àirmheadh e àireamh an fhiadh-bheathaich: oir is àireamh duine e; agus is e a àireamh sia ceud agus trì-fichead agus sia. |