1 Samuel 7 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus thàinig daoine Chiriat-iearim, agus thug iad suas àirc an Tighearna, agus thug iad a‑steach i do thaigh Abinadaib ann an Gibeah, agus naomhaich iad a mhac Eliàsar, a ghleidheadh àirc an Tighearna. 2 Agus thàrladh, on là a dh’fhan an àirc ann an Ciriat-iearim, gu robh an aimsir fada, oir bha fichead bliadhna ann; agus rinn taigh Israeil uile caoidh an dèidh an Tighearna. 3 Agus labhair Samuel ri uile thaigh Israeil, ag ràdh, Ma thilleas sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna le ur n‑uile chridhe, an sin cuiribh air falbh na diathan coimheach as ur measg, Bàalim agus Astarot: agus ullaichibh ur cridhe a‑chum an Tighearna, agus dèanaibh seirbhis dhàsan a‑mhàin, agus saoraidh e sibh à làimh nam Philisteach. 4 An sin chuir clann Israeil air falbh Bàalim agus Astarot, agus rinn iad seirbhis don Tighearna a‑mhàin. 5 Agus thubhairt Samuel, Cruinnichibh Israel uile gu Mispeh, agus nì mise ùrnaigh air ur son ris an Tighearna. 6 Agus chruinnich iad an ceann a chèile gu Mispeh, agus tharraing iad uisge, agus dhòirt iad a‑mach e an làthair an Tighearna, agus thraisg iad air an là sin, agus thubhairt iad an sin, Pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna. Agus thug Samuel breith air cloinn Israeil ann am Mispeh. 7 Agus chuala na Philistich gu robh clann Israeil air cruinneachadh an ceann a chèile gu Mispeh, agus chaidh tighearnan nam Philisteach suas an aghaidh Israeil; agus nuair a chuala clann Israeil e, bha eagal orra ro na Philistich. 8 Agus thubhairt clann Israeil ri Samuel, Na sguir de ghlaodhaich ris an Tighearna ar Dia air ar son, a‑chum gun saor e sinn à làimh nam Philisteach. 9 Agus ghabh Samuel uan deoghail, agus thug e suas e uile mar ìobairt-loisgte don Tighearna; agus ghlaodh Samuel ris an Tighearna airson Israeil, agus chuala an Tighearna e. 10 Agus nuair a bha Samuel a’ toirt suas na h‑ìobairt-loisgte, tharraing na Philistich am fagas gu cath an aghaidh Israeil: ach rinn an Tighearna tàirneanach le fuaim mhòir anns an là sin air na Philistich, agus chlaoidh e iad: agus bhuaileadh iad ro Israel. 11 Agus chaidh fir Israeil a‑mach à Mispeh, agus ruaig iad na Philistich, agus bhuail iad iad, gus an tàinig iad fo Bhet-car. 12 An sin ghabh Samuel clach, agus shuidhich e i eadar Mispeh agus Sen; agus thug e Eben-eser mar ainm oirre, agus thubhairt e, Gu ruige seo chuidich an Tighearna leinn. 13 Agus dh’irioslaicheadh na Philistich, agus cha tàinig iad tuilleadh gu crìch Israeil: agus bha làmh an Tighearna an aghaidh nam Philisteach uile làithean Shamueil. 14 Agus thugadh na bailtean a ghlac na Philistich o Israel air an ais do Israel, o Ecron eadhon gu Gat; agus shaor Israel an crìochan à làimh nam Philisteach; agus bha sìth eadar Israel agus na h‑Amoraich. 15 Agus thug Samuel breith air Israel rè uile làithean a bheatha. 16 Agus chaidh e o bhliadhna gu bliadhna mun cuairt gu Betel, agus Gilgal, agus Mispeh, agus thug e breith air Israel anns na h‑àitean sin uile. 17 Agus bha a theachd air ais gu Ramah, oir an sin bha a thaigh; agus an sin thug e breith air Israel, agus an sin thog e altair don Tighearna. |