Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 6 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Uime sin tha sinne, mar cho-obraichean leis-san, a’ guidhe oirbh, gun sibh a ghabhail gràs Dhè gu dìomhain:

2 (Oir tha e ag ràdh, Ann an àm taitneach dh’èisd mi riut, agus ann an là slàinte rinn mi còmhnadh leat: feuch, a‑nis an t‑àm taitneach; feuch, a‑nis là na slàinte.)

3 Gun a bhith a’ toirt adhbhar oilbheim air bith ann an aon nì, a‑chum nach faigheadh a’ mhinistrealachd mì‑chliù:

4 Ach anns gach nì gar dearbhadh fhèin mar mhinistearan Dhè, ann am mòr-fhoighidinn, ann an àmhgharan, ann an uireasbhaidh, ann an teanntachdan,

5 Ann am buillean, ann am prìosanan, ann an luasgadh o àite gu h‑àite, ann an saothair, ann am faire, ann an trasgadh;

6 Ann am fìorghlaine, ann an eòlas, ann am fad-fhulangas, ann an coibhneas, anns an Spiorad Naomh, ann an gràdh gun cheilg,

7 Ann am facal na fìrinn, ann an cumhachd Dhè, le airm na fìreantachd air an làimh dheis agus chlì.

8 Tre urram agus eas-urram, tre mhì-chliù agus dheagh-chliù: mar mhealltairean, gidheadh fìrinneach;

9 Mar dhream nach aithnichear, gidheadh air a bheil deagh aithne; mar dhream a tha a’ faghail a’ bhàis, gidheadh feuch, tha sinn beò; mar dhream a tha air an smachdachadh, agus gun a bhith air am marbhadh;

10 Mar dhream a tha brònach, gidheadh a‑ghnàth a’ dèanamh gàirdeachais; mar dhaoine bochda, gidheadh a tha a’ dèanamh mòran saoibhir; mar dhaoine aig nach eil nì sam bith, gidheadh a’ sealbhachadh nan uile nithean.

11 Tha ar beul-ne fosgailte dhuibhse, O Chorintianacha, tha ar cridhe air a dhèanamh farsaing.

12 Chan eil sibh ann an cumhangachd annainne, ach tha sibh ann an cumhangachd nur n‑innibh fhèin.

13 A‑nis mar ath-dhìoladh anns an nì sin fhèin (tha mi a’ labhairt mar rim chloinn), bithibh-se farsaing mar an ceudna.

14 Na cuing-cheanglar gu neo-chothromach sibh maille ri mì‑chreidmhich: oir ciod e caidreamh na fìreantachd ri neo-fhìreantachd? Agus ciod e comann an t‑solais ris an dorchadas?

15 Agus ciod an rèite a tha aig Crìosd ri Belial? No ciod i cuid a’ chreidmhich, maille ri ana-creidmheach?

16 Agus ciod a’ cho-rèite a tha aig teampall Dhè ri iodhalan? Oir is sibhse teampall an Dè bheò; a rèir mar a thubhairt Dia, Gabhaidh mise còmhnaidh annta, agus gluaisidh mi nam measg; agus bidh mise am Dhia acasan, agus bidh iadsan nan sluagh agamsa.

17 Uime sin thigibh a‑mach as am meadhon, agus dealaichibh riu, tha an Tighearna ag ràdh, agus na beanaibh ris an nì neòghlan; agus gabhaidh mise am ionnsaigh sibh,

18 Agus bidh mi am Athair dhuibh, agus bidh sibhse nur mic agus nur nigheanan dhòmhsa, tha an Tighearna uile-chumhachdach ag ràdh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan