Salm 96 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Canaibh don Tighearna laoidh nuadh; canaibh don Tighearna, a thìrean uile. 2 Canaibh don Tighearna, beannaichibh a ainm; foillsichibh o là gu là a shlàinte. 3 Cuiribh an cèill am measg nan cinneach a ghlòir, am measg gach sluaigh a iongantasan-san. 4 Oir is mòr an Tighearna, agus is ro‑airidh e air cliù; is adhbhar eagail esan os cionn nan uile dhiathan. 5 Oir is iodhalan uile dhiathan nan cinneach, ach is e an Tighearna a rinn na nèamhan. 6 Tha urram agus mòralachd na fhianais, neart agus maise na ionad naomh. 7 Thugaibh don Tighearna, sibhse fhineachan nan sluagh, thugaibh don Tighearna glòir agus neart. 8 Thugaibh don Tighearna a’ ghlòir as cubhaidh da ainm; thugaibh tabhartas leibh, agus thigibh a‑steach da chùirtean. 9 Sleuchdaibh don Tighearna ann am maise na naomhachd; biodh eagal oirbh na fhianais, gach uile thìr. 10 Abraibh am measg nan cinneach, Tha an Tighearna a’ rìoghachadh; mar an ceudna daingnichear an domhan, a‑chum nach gluaisear e; bheir e breith air na slòigh le ceartas. 11 Biodh na nèamhan aoibhneach, agus dèanadh an talamh gàirdeachas; beucadh an fhairge agus a làn. 12 Biodh a’ mhachair ait, agus gach nì a tha innte; an sin dèanadh uile chroinn na coille luathghaire 13 An làthair an Tighearna, oir tha e a’ teachd, oir tha e a’ teachd a thoirt breith air an talamh; bheir e breith air an t‑saoghal le ceartas, agus air na slòigh le a fhìrinn. |