Gnìomharan 16 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 An sin thàinig e gu Derbe agus Listra: agus, feuch, bha deisciobal àraidh an sin, dom b’ainm Timòteus, mac mnà àraidh den chinneach Iùdhach a bha na creidmheach; ach bu Ghreugach a b’athair dha: 2 A bha fo dheagh ainm aig na bràithrean a bha ann an Listra agus ann an Iconium. 3 Bha toil aig Pòl am fear seo a dhol a‑mach maille ris; agus ghabh e agus thimcheall-gheàrr e e, airson nan Iùdhach a bha anns na h‑àitean sin: oir bha fhios aca uile gum bu Ghreugach athair. 4 Agus mar a shiubhail iad tro na bailtean, thug iad dhaibh na h‑òrdaighean rin coimhead, a dh’òrdaicheadh leis na h‑abstoil agus na seanairean a bha ann an Ierusalem. 5 Agus mar sin bha na h‑eaglaisean air an daingneachadh anns a’ chreideamh, agus mheudaicheadh iad gach là ann an àireamh. 6 A‑nis nuair a chaidh iad tro Phrigia, agus tìr Ghalàtia, agus a bhacadh dhaibh leis an Spiorad Naomh am facal a labhairt ann an Asia, 7 An dèidh dhaibh teachd gu Misia, dh’fheuch iad ri dol gu Bitinia: ach cha do leig an Spiorad leo. 8 Agus air dhaibh gabhail seachad air Misia, chaidh iad sìos gu Tròas. 9 Agus chunnacas sealladh le Pòl anns an oidhche. Sheas duine àraidh o Mhacedònia, agus ghuidh e air, ag ràdh, Thig thairis gu Macedònia, agus cuidich leinn. 10 Agus nuair a chunnaic e an sealladh, air ball dh’iarr sinn dol thairis gu Macedònia, a’ dearbh-thuigsinn gun do ghairm an Tighearna sinn a‑chum an soisgeul a shearmonachadh dhaibh. 11 Uime sin air dhuinn long a ghabhail o Thròas, thàinig sinn gu dìreach gu Samotràcia, agus air an là na dhèidh sin gu Neapolis; 12 Agus o sin gu Philipi, ciad bhaile na cuid sin de Mhacedònia, agus b’ùr threabhachas e: agus bha sinn a chòmhnaidh anns a’ bhaile sin làithean àraidh. 13 Agus air là na sàbaid chaidh sinn a‑mach as a’ bhaile ri taobh aibhne, far am b’àbhaist ùrnaigh a bhith air a dèanamh; agus air dhuinn suidhe, labhair sinn ris na mnathan a chruinnicheadh an sin. 14 Agus dh’èisd bean àraidh rinn dom b’ainm Lidia, bean-reicidh purpair, o bhaile Thiatìra, a bha a’ dèanamh adhraidh do Dhia; aig an d’fhosgail an Tighearna a cridhe, ionnas gun tug i aire do na nithean a labhradh le Pòl. 15 Agus nuair a bhaisteadh i, agus a teaghlach, ghuidh i oirnn, ag ràdh, Ma mheas sibh mise a bhith dìleas don Tighearna, thigibh a‑steach dom thaigh, agus dèanaibh còmhnaidh ann. Agus cho-èignich i sinn. 16 Agus thàrladh, a’ dol dhuinne a‑chum ùrnaigh, gun do thachair oirnn banoglach àraidh aig an robh spiorad fiosachd, a thug mòr-bhuannachd da maighistirean le fiosachd a dhèanamh: 17 Lean ise Pòl agus sinne, agus ghlaodh i, ag ràdh, Is iad na daoine seo seirbhisich an Dè as ro‑àirde, a tha a’ nochdadh dhuinne slighe na slàinte. 18 Agus rinn i seo rè mòran làithean. Ach air do Phòl a bhith duilich, thionndaidh e agus thubhairt e ris an spiorad, Tha mi a’ toirt òrdaigh dhut ann an ainm Iosa Crìosd dol a‑mach aisde. Agus chaidh e a‑mach air an uair sin fhèin. 19 Agus nuair a chunnaic a maighistirean gun d’fhalbh dòchas am buannachd, rug iad air Pòl agus air Silas, agus tharraing iad don mhargadh iad, a‑chum nan uachdaran; 20 Agus air dhaibh an toirt a‑chum luchd-riaghlaidh a’ bhaile, thubhairt iad, Tha na daoine seo a’ buaireadh ar baile gu ro‑mhòr, air dhaibh a bhith nan Iùdhaich. 21 Agus tha iad a’ teagasg ghnàthan nach eil ceadaichte dhuinne a ghabhail no a leantainn do bhrìgh gur Ròmanaich sinn. 22 Agus dh’èirich an sluagh a dh’aon-fheachd nan aghaidh: agus reub na h‑uachdarain an aodach dhiubh, agus dh’àithn iad an sgiùrsadh le slatan. 23 Agus an dèidh dhaibh iomadh buille a leagadh orra, thilg iad ann am prìosan iad, a’ toirt sparraidh do fhear-coimhead a’ phrìosain an gleidheadh gu tèarainte; 24 Neach air dha an àithne sin fhaotainn, a thilg iad don phrìosan a b’fhaide a‑staigh, agus a dhaingnich an casan anns a’ cheap. 25 Agus mu mheadhon-oidhche air do Phòl agus do Shilas ùrnaigh a dhèanamh, sheinn iad laoidh-mholaidh do Dhia; agus chuala na prìosanaich iad. 26 Agus gu h‑obann bha crith-thalmhainn mhòr ann, air chor is gun do chrathadh bunaitean a’ phrìosain: agus air ball dh’fhosgladh na dorsan uile, agus dh’fhuasgladh cuibhrichean gach neach aca. 27 Agus air do fhear-coimhead a’ phrìosain dùsgadh à cadal, agus air faicinn dorsan a’ phrìosain fosgailte, tharraing e a chlaidheamh, air tì e fhèin a mharbhadh, a’ saoilsinn gu robh na prìosanaich air teicheadh. 28 Ach ghlaodh Pòl le guth àrd, ag ràdh, Na dèan cron sam bith ort fhèin; oir tha sinn uile an seo. 29 Agus air gairm solais dhàsan, leum e a‑steach, agus thàinig e air chrith, agus thuit e sìos an làthair Phòil agus Shilais; 30 Agus air dha an toirt a‑mach, thubhairt e, A mhaighistirean, ciod as còir dhomh a dhèanamh a‑chum gun tèarnar mi? 31 Agus thubhairt iadsan, Creid anns an Tighearna Iosa Crìosd, agus tèarnar thu fhèin, agus do thaigh. 32 Agus labhair iad facal an Tighearna ris, agus riùsan a bha na thaigh. 33 Agus air dha an toirt leis air an uair sin fhèin den oidhche, nigh e an creuchdan; agus bhaisteadh e fhèin, agus a mhuinntir uile, gun dàil. 34 Agus nuair a thug e da thaigh iad, chuir e bòrd romhpa, agus rinn e gàirdeachas maille ra theaghlach uile, a’ creidsinn ann an Dia. 35 Agus air teachd don là, chuir an luchd-riaghlaidh na maoir uapa, ag ràdh, Leig air an comas na daoine sin. 36 Agus dh’innis fear-coimhead a’ phrìosain na briathran seo do Phòl, Gun do chuir an luchd-riaghlaidh fios uapa sibhse a leigeadh as: uime sin rachaibh a‑mach, agus imichibh ann an sìth. 37 Ach thubhairt Pòl riu, an dèidh dhaibh ar sgiùrsadh gu follaiseach gun ar dìteadh, agus gur Ròmanaich sinn, thilg iad am prìosan sinn; agus a‑nis am b’àill leo ar cur a‑mach an uaigneas? Chan eadh gu deimhinn; ach thigeadh iad fhèin agus thugadh iad a‑mach sinn. 38 Agus dh’innis na maoir na briathran sin do na h‑uachdarain: agus ghabh iad eagal nuair a chuala iad gum bu Ròmanaich iad. 39 Agus thàinig iad agus chuir iad impidh orra, agus air dhaibh an toirt a‑mach, ghuidh iad orra imeachd a‑mach as a’ bhaile. 40 Agus air dol a‑mach as a’ phrìosan dhaibh, chaidh iad a‑steach do thaigh Lidia: agus nuair a chunnaic iad na bràithrean, thug iad comhfhurtachd dhaibh, agus dh’imich iad romhpa. |