Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Deuteronomi 32 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Cluinnibh, O nèamhan, agus labhraidh mi; agus èisdeadh an talamh ri briathran mo bheòil.

2 Silidh mar an t‑uisge mo theagasg, tuitidh mar an drùchd mo chainnt; mar mhìn-uisge air an lus mhaoth, agus mar fhrasan air an fheur;

3 A chionn gum foillsich mi ainm an Tighearna: thugaibh-se mòrachd dar Dia-ne.

4 Is esan a’ charraig, tha a obair iomlan; oir is breitheanas a shlighean uile: Dia na fìrinn, agus gun eucoir, cothromach agus ceart tha esan.

5 Thruaill iad iad fhèin, chan e an smal smal a chloinne-san: is ginealach coirbte agus fiar iad.

6 An ann mar seo a dh’ìocas sibh don Tighearna, O shluaigh amaidich agus gun chèill? Nach esan d’athair a cheannaich thu? Nach do rinn e thu agus nach do dhaingnich e thu?

7 Cuimhnich na làithean o chian, thoir fa‑near bliadhnachan nan iomadh ginealach: fiosraich ded athair, agus nochdaidh e dhut; ded sheanairean agus innsidh iad dhut.

8 Nuair a roinn an Tì as ro‑àirde do na cinnich an oighreachd, nuair a sgar e mic Adhaimh o chèile, shuidhich e crìochan nan sluagh a rèir àireamh chloinn Israeil:

9 Oir is e a shluagh cuibhreann an Tighearna; is e Iàcob crannchur a oighreachd-san.

10 Fhuair e ann am fearann fàs e, eadhon ann am fàsach falamh, làn ulfhartaich: threòraich e mun cuairt e, theagaisg e e, ghlèidh e mar ubhal a shùla e.

11 Mar a charaicheas iolair suas a nead, a dh’itealaicheas i os cionn a h‑àlaich, a sgaoileas i a‑mach a sgiathan, a ghabhas i iad, a ghiùlaineas i iad air a sgiathan;

12 Mar sin threòraich an Tighearna na aonar esan, agus cha robh Dia coigreach maille ris.

13 Thug e air marcachd air àitean àrda na talmhainn, a‑chum gun itheadh e toradh an fhearainn, agus thug e air mil a dheoghal as a’ charraig, agus ola as a’ charraig ailbhinn;

14 Im cruidh, agus bainne chaorach, maille ri saill uan agus reitheachan de shìol Bhasain, agus ghobhar, maille ri reamhrachd àirnean a’ chruithneachd; agus dh’òl thu fuil fhìorghlan nam fìondhearc.

15 Ach dh’fhàs Iesurun reamhar, agus bhreab e; tha thu air cinntinn reamhar, tha thu air fàs tiugh, tha thu còmhdaichte le saill: an sin thrèig e an Dia a rinn e, agus rinn e dìmeas air carraig a shlàinte.

16 Bhrosnaich iad e gu eud le diathan eile, le gràinealachdan chuir iad corraich air.

17 Dh’ìobair iad do dheamhain, chan ann do Dhia; do dhiathan nach b’aithne dhaibh, do dhiathan nuadha a dh’ùr‑èirich suas, ro nach robh eagal air ur n‑athraichean.

18 Air a’ charraig a ghin thu tha thu mì‑chuimhneachail, agus tha thu dearmadach air an Dia a dhealbh thu.

19 Agus nuair a chunnaic an Tighearna e, ghabh e gràin dhiubh, airson brosnachadh a mhac agus a nigheanan.

20 Agus thubhairt e, Falaichidh mi mo ghnùis uapa, chì mi ciod as crìoch dhaibh: oir is ginealach ro‑choirbte iad, clann anns nach eil creideamh.

21 Rinn iad eudmhor mise leis an nì nach Dia, bhrosnaich iad mi gu feirg len dìomhanais: agus nì mise eudmhor iadsan leòsan nach eil nan sluagh, brosnaichidh mi iad gu feirg le cinneach amaideach.

22 Oir tha teine air fhadadh am fheirg, agus loisgidh e gu ifrinn ìochdaraich, agus cuiridh e as don talamh le a thoradh, agus cuiridh e ri theine bunaitean nam beann.

23 Càrnaidh mi suas uilc orra, mo shaighdean caithidh mi orra.

24 Claoidhear iad le acras, agus cuirear as dhaibh le teas loisgeach, agus le sgrios searbh: fiaclan fhiadh-bheathaichean mar an ceudna cuiridh mi orra, maille ri nimh nathraichean an duslaich.

25 On leth a‑muigh sgriosaidh an claidheamh, agus on leth a‑staigh uamhann, araon an t‑òigfhear agus an òigh, an cìochran agus fear na gruaige lèithe.

26 Thubhairt mi, Sgapaidh mi iad gu cùiltean, bheir mi air an cuimhne sgur o mheasg dhaoine:

27 Mura biodh gu robh eagal orm ro chorraich an nàmhaid, air eagal gun giùlaineadh an eascairdean iad fhèin gu mì‑chubhaidh, air eagal gun abradh iad, Is i ar làmh àrd-ne, agus chan e an Tighearna, a rinn seo uile.

28 Oir is cinneach gun chomhairle iad, cha mhò a tha tuigse annta.

29 O gum biodh iad glic, gun tuigeadh iad seo, gun tugadh iad fa‑near an crìoch dheireannach!

30 Cionnas a chuireadh a h‑aon ruaig air mìle, agus a chuireadh dithis deich mìle air theicheadh, mura biodh an carraig air an reiceadh, agus mura biodh an Tighearna air an druideadh suas?

31 Oir mar ar carraig-ne chan eil an carraig-san, air bhith dar naimhdean fhèin nam britheamhan.

32 Oir de fhìonain Shòdoim tha am fìonain-san, agus de mhachraichean Ghomorrah: is fìondhearcan mairbhteach am fìondhearcan, tha am bagaidean searbh:

33 Is e nimh nan dràgon am fìon, agus puinsean an‑iochdmhor nan nathraichean nimhe.

34 Nach eil seo air a thasgadh suas agam, air a sheulachadh am ionmhasan?

35 Dhòmhsa buinidh dìoghaltas, agus luigheachd; ri ùine sleamhnaichidh an cas: oir tha là an sgrios am fagas, agus tha na nithean a thig orra a’ dèanamh deifir.

36 Oir bheir an Tighearna breith air a shluagh, agus gabhaidh e aithreachas a‑thaobh a sheirbhiseach, nuair a chì e gun d’fhalbh an neart, agus nach eil neach dhiubh air a dhruideadh suas, no air fhàgail.

37 Agus their e, Càit a bheil an diathan, a’ charraig as an d’earb iad;

38 A dh’ith saill an ìobairtean, a dh’òl fìon an tabhartais-dibhe? – èireadh iad suas, agus cuidicheadh iad leibh; biodh iad dhuibh nan dìdean.

39 Faicibh a‑nis gur mise, eadhon mise e, agus nach eil Dia sam bith maille rium: marbhaidh mi, agus beothaichidh mi; lotaidh mi, agus lèighsidh mi: agus chan eil neach ann a shaoras as mo làimh.

40 Oir togaidh mi suas mo làmh gu nèamh, agus their mi, Is beò mise gu sìorraidh.

41 Ma gheuraicheas mi mo chlaidheamh lasrach, agus ma nì mo làmh greim air breitheanas, ìocaidh mi dìoghaltas dom naimhdean, agus bheir mi luigheachd dhaibhsan aig a bheil fuath dhomh.

42 Cuiridh mi air mhisg mo shaighdean le fuil, agus ithidh mo chlaidheamh suas feòil; eadhon le fuil nam marbh, agus nam braighdean, o thoiseach nan dìoghaltas air an nàmhaid.

43 Dèanaibh gàirdeachas, O chinnich, maille ra shluagh-san: oir dìolaidh e fuil a sheirbhiseach, agus nì e dìoghaltas air a eascairdean, agus bidh e tròcaireach da thìr, agus da shluagh fhèin.

44 Agus thàinig Maois, agus labhair e uile bhriathran na laoidhe seo ann an èisdeachd an t‑sluaigh, e fhèin agus Hosèa mac Nuin.

45 Agus chuir Maois crìoch air na briathran sin uile a labhairt ri Israel uile:

46 Agus thubhairt e riu, Socraichibh ur cridhe air na facail uile air a bheil mise a’ toirt fianais nur measg air an là‑an‑diugh, a dh’àithneas sibh dur cloinn a choimhead, a‑chum gun dèan iad uile bhriathran an lagha seo.

47 Oir cha nì dìomhain e dhuibh, a chionn gur e ur beatha e; agus leis an nì seo buanaichidh sibh ur làithean anns an fhearann a tha sibh a’ dol a‑null thar Iòrdan ga shealbhachadh.

48 Agus labhair an Tighearna ri Maois anns an là sin fhèin, ag ràdh,

49 Imich suas don bheinn seo Abarim, do shliabh Nebo, a tha ann an tìr Mhòaib, a tha fa chomhair Iericho, agus gabh sealladh de thìr Chanàain, a tha mi a’ toirt do chloinn Israeil mar sheilbh;

50 Agus gheibh thu bàs anns an t‑sliabh don tèid thu suas, agus cruinnichear thu a‑chum do dhaoine; mar a fhuair Aaron do bhràthair bàs ann an sliabh Hor, agus a chruinnicheadh e a‑chum a dhaoine:

51 A chionn gun do chiontaich sibh am aghaidh-sa am measg chloinn Israeil, aig uisgeachan Mheribah-Cadeis, ann am fàsach Shin; do bhrìgh nach do naomhaich sibh mi am meadhon chloinn Israeil.

52 Gidheadh chì thu am fearann fad chomhair; ach cha tèid thu a‑steach don fhearann a tha mi a’ tabhairt do chloinn Israeil.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan