Ieremiah 2 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Thàinig facal an Tighearna mar an ceudna am ionnsaigh, ag ràdh, 2 Imich agus glaodh ann an cluasan Ierusaleim, ag ràdh; Mar seo deir an Tighearna, Chuimhnich mise as do leth an coibhneas a nochd mi dhut ann ad òige, gràdh do cheangail-phòsaidh, nuair a dh’imich thu am dhèidh anns an fhàsach, ann am fearann nach do threabhadh. 3 Is naomhachd don Tighearna Israel, ciad-thoradh a chinneis: iadsan uile a tha ga shlugadh suas, measar iad ciontach; thig aimhleas orra, deir an Tighearna. 4 Cluinnibh facal an Tighearna, O thaigh Iàcoib, agus uile theaghlaichean taigh Israeil: 5 Mar seo deir an Tighearna, Ciod an t‑euceart a fhuair ur n‑athraichean annamsa, gun d’imich iad fada uam, agus gun do ghluais iad an dèidh dìomhanais, agus gun d’fhàs iad dìomhain? 6 Agus cha dubhairt iad, Càit a bheil an Tighearna, esan a thug a‑nìos sinn o thìr na h‑Eiphit, a stiùir sinn tron fhàsach, tro fhearann fàsail agus làn shloc, tro fhearann tairt agus sgàil bàis, trìd fearainn nach do shiubhail aon duine troimhe, agus far nach do ghabh duine riamh còmhnaidh? 7 Thug mi sibh mar an ceudna gu dùthaich thorraich, a dh’ithe a toraidh, agus a maitheis; ach nuair a thàinig sibh a‑steach, thruaill sibh m’fhearann, agus m’oighreachd rinn sibh na gràinealachd. 8 Cha dubhairt na sagartan, Càit a bheil an Tighearna? Agus iadsan a laimhsich an reachd, cha b’aithne dhaibh mise: rinn na h‑aodhairean fòs ceannairc ann am aghaidh; agus rinn na fàidhean fàistneachd le Bàal, agus lean iad nithean nach toir buannachd. 9 Uime sin tagraidh mise ribh fhathast, deir an Tighearna, agus ri cloinn ur cloinne tagraidh mi. 10 Oir siùbhlaibh thairis gu crìochan Chitim, agus faicibh; agus cuiribh fios gu Cedar, agus thugaibh geur aire; feuchaibh an do thachair riamh a leithid seo. 11 An do chaochail cinneach an diathan, eadhon iad sin nach robh nan diathan? Ach chaochail mo shluagh-sa an glòir airson nì gun bhuannachd. 12 Biodh ioghnadh oirbh, O nèamhan, mun nì seo, agus biodh uamhas oirbh: bithibh air ur trom-bhualadh le uamhann, deir an Tighearna: 13 Oir chuir mo shluagh-sa dà olc an gnìomh: thrèig iad mise, tobar nan uisgeachan beò; agus chladhaich iad a‑mach dhaibh fhèin sluic, sluic eu‑dionach, nach cùm uisge. 14 An tràill Israel? Mas ann de chloinn an teaghlaich e, cuime an do rinneadh e na chobhartaich? 15 Beucaidh na leòmhainn òga na aghaidh; thog iad an guth, rinn iad a fhearann na fhàsach; tha a bhailtean air an losgadh, gun aon gan àiteachadh. 16 Nì clann Noiph agus Tahpaneis mar an ceudna mullach do chinn a bhriseadh. 17 Nach do choisinn thu seo dhut fhèin, a chionn gun do thrèig thu an Tighearna do Dhia, nuair a bha e gad stiùradh anns an t‑slighe? 18 Agus a‑nis ciod do ghnothach ri slighe na h‑Eiphit, a dh’òl uisgeachan Shihoir? No ciod do ghnothach ri slighe Asiria, a dh’òl uisgeachan na h‑aibhne? 19 Smachdaichidh d’aingidheachd fhèin thu, agus nì do chùl-sleamhnachadh fhèin do chronachadh: aithnich uime sin, agus faic gur olc agus searbh an nì gun do thrèig thu an Tighearna do Dhia, agus nach eil m’eagal-sa annad, deir an Tighearna, Dia nan sluagh. 20 Gu deimhinn o chionn fada bhris mi do chuing, sgaoil mi do chuibhrichean; agus thubhairt thu, Cha bhi mi eas-umhail. Oir air gach cnoc àrd, agus fo gach craoibh uaine, tha thu a’ dol air seachran ri strìopachas. 21 Gidheadh shuidhich mise thu ad fhìonain uasail, gu h‑iomlan ad shìol ceart: ach cionnas a chaochail thu orm, a’ gheug chrìonaich na fìonain choimhich? 22 Oir ged nigh thu thu fhèin le natar, agus ged ghabh thu mòran siabainn, tha d’aingidheachd air a comharrachadh ann am làthair-sa, deir an Tighearna Iehòbhah. 23 Cionnas a dh’fhaodas tu ràdh, Chan eil mi salach, cha deachaidh mi an dèidh Bhàalim? Feuch do shlighe anns a’ ghleann; aithnich ciod a rinn thu. Tha thu mar dhromadaraidh luath ag imeachd na slighe; 24 Mar asail fhiadhaich cleachdte ri fàsach, a thàirngeas a’ ghaoth suas na cuinneinean, ann an cìocras a h‑anama: an tràth a thig a miann, cò a thilleas i? Iadsan uile a bhios ga h‑iarraidh cha sgìthichear iad; an ceann a mìosa gheibh iad i. 25 Cùm do chas o bhith rùisgte, agus do mhuineal o thart. Ach thubhairt thusa, Chan eil leigheas air a’ chùis a‑nis; cha chùm; oir ghràdhaich mi coigrich, agus nan dèidh thèid mi. 26 Mar bhios nàire air mèairleach nuair a ghlacar e, mar sin chuireadh gu nàire taigh Israeil; iad fhèin, an rìghrean, an uachdarain, agus an sagartan, agus am fàidhean: 27 A tha ag ràdh ri mìr fiodha, Is tu m’athair; agus ri cloich, Is tu a ghin mi; oir thionndaidh iad riumsa an cùl, is chan i an aghaidh; ach ann an àm an airce their iad, Eirich, agus teasairg sinn. 28 Ach càit a bheil do dhiathan a rinn thu dhut fhèin? Eireadh iadsan, mas urrainn iad do thèarnadh ann an àm do chruaidh-chàis: oir a rèir àireamh do bhailtean bha do dhiathan, O Iùdah. 29 Carson a thagras sibh riumsa? Chiontaich sibh uile am aghaidh, deir an Tighearna. 30 Gu dìomhain bhuail mi ur clann: cha do ghabh iad cronachadh. Shluig ur claidheamh fhèin ur fàidhean, amhail leòmhann millteach. 31 O sibhse den ghinealach seo, feuchaibh facal an Tighearna: an robh mise am fhàsach do Israel, am fhearann dorchadais? Cuime an dubhairt mo shluagh, Is tighearnan sinn oirnn fhèin; cha tig sinn nas mò thugadsa? 32 Am faod òg‑bhean a h‑usgraichean a dhearmad? No bean-bainnse a culaidh? Gidheadh dhearmaid mo shluagh mise làithean gun àireamh. 33 Cuime an seòl thu do shlighe a dh’iarraidh gaoil? Air an adhbhar sin fòs seòlaidh mise dòrainnean air do shlighean-sa. 34 Fhuaireadh ann ad sgioball mar an ceudna fuil anam nan neochiontach bochda: chan ann le sgrùdadh domhain a fhuair mi a‑mach i, ach air a craobh-sgaoileadh. 35 Gidheadh tha thu ag ràdh, A chionn gu bheil mi neochiontach, gu cinnteach tillidh a chorraich uam. Feuch tionnsgnaidh mise ann am breitheanas riut, a chionn gu bheil thu ag ràdh, Cha do pheacaich mi. 36 Cuime am bi thu cho ro‑luaineach a chaochladh do shlighe? Bidh fhathast nàire ort den Eiphit, amhail a bha nàire ort de Asiria. 37 Seadh, cuideachd thèid thu a‑mach as a seo, led làmhan air do cheann: oir dhiùlt an Tighearna cuspairean do dhòchais, agus leo cha soirbhich thu. |