Isaiah 47 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Thig a‑nuas agus dèan suidhe anns an duslach, òigh-nighean Bhàbiloin; suidh air an làr, chan eil rìgh-chathair ann, a nighean nan Caldèanach; oir cha ghoir iad maoth agus mùirneach dhìot nas mò. 2 Gabh na clachan-muilinn agus bleith min; leig ris do chiabhan, rùisg do throigh, leig ris do chas, imich tro na h‑aibhnichean. 3 Leigear ris do lomnochdaidh, chìthear eadhon do nàire; nì mi dìoghaltas, cha choinnich mi thu mar dhuine. 4 Ar fear-saoraidh, is e Tighearna nan sluagh as ainm dha, Tì naomh Israeil. 5 Suidh ad thosd, rach a‑steach ann an dorchadas, O nighean nan Caldèanach; oir chan abrar riut nas mò baintighearna nan rìoghachdan. 6 Bha corraich orm rim shluagh; thruaill mi m’oighreachd, agus thug mi thairis iad dod làimh; cha do nochd thusa tròcair dhaibh; air an aosda leag thu do chuing gu trom. 7 Agus thubhairt thu, Bidh mi am bhaintighearna gu sìorraidh; air chor is nach do leag thu d’aire air na nithean seo! Cha do chuimhnich thu a’ chrìoch dheireannach. 8 Uime sin cluinn seo a‑nis, a bhean shòghmhor, a tha ad shuidhe gun umhail; a tha ag ràdh ann ad chridhe, Tha mi, agus chan eil ann ach mi; cha suidh mi am bhantraich, chan aithnich mi call cloinne. 9 Gidheadh, thig an dà nì seo ort gu h‑obann, ann an aon là, call cloinne, agus bantrachas; thig iad ort nan làn tomhas, airson lìonmhorachd do dhraoidheachdan, agus iomadalachd do ghisreagan. 10 Oir dh’earb thu à d’aingidheachd; thubhairt thu, Chan eil neach gam fhaicinn; chuir eadhon do ghliocas agus d’eòlas air seachran thu; air chor is gun dubhairt thu ann ad chridhe, Tha mi, agus chan eil ann ach mi. 11 Uime sin thig olc ort, nach bi fhios agad cia as a dh’èirich e; agus tuitidh aimhleas ort, nach bi thu comasach air a thionndadh uat; agus thig lèirsgrios ort gu h‑obann, gun thu ga mhothachadh. 12 Seas suas a‑nis led ghisreagan, agus le lìonmhorachd do dhraoidheachdan, anns an do shaothraich thu od òige; mas e is gur urrainn thu buannachd fhaghail, mas e is gum faod thu buadhachadh. 13 Tha thu air do sgìtheachdadh ann an lìonmhorachd do chomhairlean. Seasadh na speuradairean suas, luchd-amhairc nan reultan, iadsan a tha ri fiosachd gach mìos, agus tèarnadh iad thu o na nithean a tha gu teachd ort. 14 Feuch, bidh iad mar asbhuain, loisgidh an teine suas iad; cha tèarainn iad an anaman fhèin o chumhachd na lasrach; chan fhàgar fiù èibhleig gu neach a gharadh, no teine gu suidhe làimh ris. 15 Is amhail a bhios dhut a’ mhuinntir leis an do shaothraich thu, iadsan ris an robh gnothach agad od òige; tionndaidhidh gach aon a lethtaobh gu a ghnothach fhèin; cha bhi d’fhear-tèarnaidh ann. |