Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Isaiah 8 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thubhairt an Tighearna rium, Gabh clàr mòr, agus sgrìobh air le inneal-sgrìobhaidh duine mu Mhaler-salal-has-bas.

2 Agus thug mi leam, a‑chum dearbhaidh, fianaisean fìrinneach Uriah an sagart, agus Sechariah mac Ieberechiah.

3 Agus dhlùthaich mi ris a’ bhan-fhàidh; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac: agus thubhairt an Tighearna rium, Thoir mar ainm air Maher-salal-has-bas:

4 Oir mun aithne don leanabh M’athair agus Mo mhàthair a ràdh, togar air falbh saoibhreas Dhamascais agus creach Shamaria ro rìgh Asiria.

5 Agus labhair an Tighearna fhathast rium, ag ràdh,

6 A chionn gun do chuir an sluagh seo cùl ri uisgeachan Shilòah, a ruitheas gu sèimh; agus gu bheil iad a’ gabhail tlachd ann an Resin agus ann am mac Remaliah:

7 Uime sin, feuch, bheir an Tighearna a‑nìos orra uisgeachan na h‑aibhne, làidir agus lìonmhor, eadhon rìgh Asiria agus a uile ghreadhnachas; agus èiridh e os cionn a chlaisean uile, agus thèid e thar a uile bhruachan.

8 Agus gabhaidh e roimhe air feadh Iùdah, a’ ruith thairis agus a’ sgaoileadh; eadhon gus am muineal ruigidh e; agus lìonaidh sgaoileadh a sgiathan leud do thìre-sa, O Imanueil.

9 Cruinnichibh ri chèile, a chinneacha, agus brisear sibh nur bloighdean: èisdibh, sibhse uile a tha anns na dùthchannan fad as; crioslaichibh sibh fhèin, agus brisear sibh nur bloighdean; crioslaichibh sibh fhèin, agus brisear sibh nur bloighdean.

10 Cuiribh ur comhairle ri chèile, agus thig i gu neo-bhrìgh; labhraibh am facal, agus cha seas e; oir tha Dia leinne.

11 Oir thubhairt an Tighearna rium, le làimh làidir, agus theagasg e mi, a‑chum nach siùbhlainn ann an slighe an t‑sluaigh seo, ag ràdh,

12 Na abraibh-sa co‑bhainn ris gach nì ris an abair an sluagh seo co‑bhainn; agus na gabhaibh eagal ron uamhas-san, agus na biodh geilt oirbh.

13 Tighearna nan sluagh, naomhaichibh esan fhèin; agus biodh esan dhuibh na chùis-eagail, agus biodh esan dhuibh na adhbhar ball-chrith.

14 Agus bidh e na ionad naomh; ach na chloich-thuislidh, agus na charraig-oilbheim do dhà thaigh Israeil, na lìon agus na ribe do luchd-àiteachaidh Ierusaleim.

15 Agus gheibh mòran nam measg tuisleadh, agus tuitidh iad, agus brisear iad, agus ribear agus glacar iad.

16 Ceangail suas an fhianais, seulaich an lagh am measg mo dheisciobal-sa.

17 Ach feithidh mise ris an Tighearna a tha a’ falach a ghnùise o thaigh Iàcoib, agus bidh sùil agam ris.

18 Feuch, tha mise agus a’ chlann a thug an Tighearna dhomh nar comharraidhean agus nar n‑iongantasan ann an Israel, o Thighearna nan sluagh a tha na chòmhnaidh ann an sliabh Shioin.

19 Agus nuair a their iad ribh, Iarraibh a‑chum nam ban-fhiosaichean, agus a‑chum nan draoidhean, muinntir a nì bìdeil agus borbhanaich; nach bu chòir do shluagh iarraidh a‑chum an Dè? An ann a dh’iarradh iad a‑chum nam marbh, an àite nam beò?

20 Iarradh iad a‑chum an lagha agus a‑chum na fianais: mura labhair iad a rèir an fhacail seo, is ann a chionn nach eil solas annta.

21 Agus siùbhlaidh gach aon da thrìd, ann an teinn agus ann an gorta; agus tàrlaidh, nuair a bhios e ann an gorta, gum bi corraich air ris fhèin, agus mallaichidh e a rìgh agus a Dhia, agus e a’ sealltainn suas.

22 Agus seallaidh e air an talamh, agus feuch teanntachd agus doilleireachd; dubhar an àmhghair, agus tiugh-dhorchadas.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan