Agus thubhairt Iosa ris, Tha tuill aig na sionnaich, agus neadan aig eunlaith an adhair; ach chan eil aig Mac an Duine ionad anns an cuir e a cheann fodha.
Ach a‑chum gum bi fhios agaibh gu bheil cumhachd aig Mac an Duine peacaidhean a mhaitheadh air an talamh (thubhairt e an sin ri fear na pairilis), Eirich, tog do leabaidh, agus imich dod thaigh.
Agus nuair a nì iad geur-leanmhainn oirbh anns a’ bhaile seo, teichibh gu baile eile; oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach imich sibh air feadh bhailtean Israeil mun tig Mac an Duine.
Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl, agus tha iad ag ràdh, Feuch, duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs-mhaor agus pheacach: ach tha gliocas air a fìreanachadh le a cloinn.
Oir mar a bha Iònas ann am broinn na muice-mara trì làithean agus trì oidhchean, is ann mar sin a bhios Mac an Duine ann an cridhe na talmhainn trì làithean agus trì oidhchean.
Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, An tì a chuireas an sìol math is e Mac an Duine e:
Agus air teachd do Iosa gu crìochan Chesarèa Philipi, dh’fheòraich e de a dheisciobail, ag ràdh, Cò tha daoine ag ràdh as e Mac an Duine?
Oir thig Mac an Duine ann an glòir a Athar, maille ra ainglean; agus an sin bheir e do gach neach a rèir a ghnìomharan.
Ach tha mise ag ràdh ribh gun tàinig Elias cheana, agus cha d’aithnich iad e, ach rinn iad gach nì a bu toil leo ris: is ann mar sin, mar an ceudna, a dh’fhulaingeas Mac an Duine uapa.
Agus am feadh a bha iad a’ fantainn ann an Galile, thubhairt Iosa riu, Bidh Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan dhaoine:
Agus thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Sibhse a lean mise, anns an ath-ghineamhain, nuair a shuidheas Mac an Duine air cathair a ghlòire fhèin, gun suidh sibhse mar an ceudna air dà‑chathair-dheug, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.
Feuch, tha sinn a’ dol suas gu Ierusalem; agus bidh Mac an Duine air a bhrath thairis do na h‑àrd-shagartan, agus do na sgrìobhaichean, agus dìtidh iad a‑chum bàis e.
Oir mar a thig an dealanach on àird an ear, agus a dhealraicheas e gus an àird an iar, mar sin mar an ceudna bidh teachd Mac an Duine.
Agus an sin foillsichear comharradh Mac an Duine ann an nèamh: agus an sin nì uile threubhan na talmhainn bròn, agus chì iad Mac an Duine a’ teachd air neòil nèimh, le cumhachd agus glòir ro‑mhòr.
Nuair a thig Mac an Duine na ghlòir, agus na h‑ainglean naomha uile maille ris, an sin suidhidh e air cathair rìoghail a ghlòire:
Tha fhios agaibh gu bheil a’ chàisg an dèidh dà là, agus tha Mac an Duine air a bhrath a‑chum a cheusadh.
Gu deimhinn tha Mac an Duine ag imeachd, a rèir mar tha e sgrìobhte ma thimcheall: ach is an‑aoibhinn don duine sin lem brathar Mac an Duine: bu mhath don duine sin mura beirte riamh e.
Ach a‑chum gum bi fhios agaibh gu bheil ùghdarras aig Mac an Duine peacaidhean a mhaitheadh air thalamh (thubhairt e ris an fhear air an robh a’ phairilis),
Agus thòisich e rin teagasg, gur èiginn do Mhac an duine mòran de nithean fhulang, agus a bhith air a dhiùltadh leis na seanairean, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus èirigh a‑rìs an dèidh trì làithean.
Agus aig teachd dhaibh a‑nuas on bheinn, dh’àithn e dhaibh gun na nithean a chunnaic iad innse do neach sam bith gus an èireadh Mac an Duine a‑rìs o na mairbh.
Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Thig Elias gu deimhinn air tùs, agus aisigidh e na h‑uile nithean, agus mar a tha e sgrìobhte mu Mhac an Duine, gu bheil e gu mòran de nithean fhulang, agus a bhith air a chur an dìmeas.
Oir theagaisg e a dheisciobail fhèin, agus thubhairt e riu, Tha Mac an Duine air a thabhairt thairis do làmhan dhaoine, agus cuiridh iad gu bàs e; agus an dèidh a chur gu bàs, èiridh e a‑rìs an treas là.
Ag ràdh, Feuch, tha sinn a’ dol suas gu Ierusalem; agus bidh Mac an Duine air a thoirt thairis do na h‑àrd-shagartan, agus do na sgrìobhaichean: agus dìtidh iad a‑chum bàis e, agus bheir iad thairis e do na Cinnich;
Oir cha tàinig eadhon Mac an Duine a‑chum gun dèante frithealadh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus a thoirt a anama fhèin mar èirig airson mhòran.
Agus an sin chì iad Mac an Duine a’ teachd anns na neòil, maille ri mòr-chumhachd agus glòir.
Tha Mac an Duine gu deimhinn ag imeachd, mar a tha e sgrìobhte uime, ach is an‑aoibhinn don fhear sin lem brathar Mac an Duine: bu mhath don duine sin mura beirte riamh e.
Ach a‑chum gum bi fhios agaibh gu bheil cumhachd aig Mac an Duine peacaidhean a mhaitheadh air thalamh (thubhairt e ri fear na pairilis), tha mi ag ràdh riut, Eirich, agus tog do leabaidh, agus imich dod thaigh.
Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl; agus their sibh, Feuch duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs-mhaor agus pheacach.
Ag ràdh, gur èiginn do Mhac an Duine mòran fhulang, agus a bhith air a dhiùltadh leis na seanairean, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus air a thogail suas air an treas là.
Taisgibh na briathran seo nur cluasan: oir tha Mac an Duine gu bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine.
Oir mar a bha Iònas na chomharradh do mhuinntir Ninebheh, is ann mar sin mar an ceudna a bhios Mac an Duine don ghinealach seo.
Agus tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach a dh’aidicheas mise am fianais dhaoine, aidichidh Mac an Duine esan mar an ceudna an làthair ainglean Dhè.
Agus ge bè neach a labhras facal an aghaidh Mac an Duine, maithear dha e: ach don tì a labhras toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha toirear maitheanas.
Agus thubhairt e ris na deisciobail, Thig na làithean anns am miannach leibh aon de làithean Mac an Duine fhaicinn, agus chan fhaic sibh e.
Tha mi ag ràdh ribh gun dèan e dìoghaltas air an son gu luath. Gidheadh, nuair a thig Mac an Duine, am faigh e creideamh air an talamh?
Agus thubhairt e ris, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, na dhèidh seo chì sibh nèamh fosgailte, agus aingil Dhè a’ dol suas agus a’ teachd a‑nuas air Mac an Duine.
Agus cha deachaidh aon neach suas do nèamh, ach an tì a thàinig a‑nuas o nèamh, Mac an Duine a tha air nèamh.
Agus mar a thog Maois suas an nathair anns an fhàsach, is ann mar sin as èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thogail suas:
Agus thug e mar an ceudna dha ùghdarras a‑chum breith a thabhairt, do bhrìgh gur e Mac an Duine.
Dèanaibh saothair chan ann airson a’ bhìdh a theirgeas, ach airson a’ bhìdh a mhaireas a‑chum na beatha shìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh: oir esan sheulaich Dia an t‑Athair.
An sin thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura ith sibh feòil Mac an Duine, agus mura òl sibh a fhuil, chan eil beatha agaibh annaibh.
An sin thubhairt Iosa riu, Nuair a thogas sibh suas Mac an Duine, an sin bidh fhios agaibh gur mise e, agus nach eil mi a’ dèanamh nì sam bith uam fhèin; ach mar a theagaisg m’Athair mi, gu bheil mi a’ labhairt nan nithean seo.
Agus fhreagair Iosa iad ag ràdh, Thàinig an uair a‑chum gum biodh Mac an Duine air a ghlòrachadh.
Fhreagair an sluagh e, Chuala sinne as an lagh gum fan Crìosd gu sìorraidh: agus cionnas a tha thusa ag ràdh gur èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thogail suas? Cò e Mac an Duine seo?
Uime sin, nuair a chaidh esan a‑mach, thubhairt Iosa, A‑nis tha Mac an Duine air a ghlòrachadh, agus tha Dia air a ghlòrachadh ann.
Agus thubhairt e, Feuch, tha mi a’ faicinn nan nèamh fosgailte, agus Mac an Duine na sheasamh air deaslàimh Dhè.
Ach bu mhò a neartaicheadh Saul, agus chuir e gu amhluadh na h‑Iùdhaich a bha a chòmhnaidh ann an Damascas, a’ dearbhadh gur e seo an Crìosd.
Agus dh’àithn e dhuinne searmonachadh don t‑sluagh, agus fianais a dhèanamh gur esan a dh’òrdaicheadh le Dia na bhritheamh air beò agus air marbh.
Do bhrìgh gun do shuidhich e là anns an toir e breith air an t‑saoghal ann am fìreantachd, tre an duine sin a dh’òrdaich e; agus air seo thug e dearbhadh do na h‑uile dhaoine, le esan a thogail suas o na mairbh.
Ach chan ann mar an cionta a tha an saor-thìodhlac. Oir ma fhuair mòran bàs tre chionta aoin, is mò gu mòr na sin a tha gràs Dhè, agus an tìodhlac tro ghràs a tha tre aon duine, Iosa Crìosd, pailt do mhòran.
Oir mas e is tre chionta aon duine, gun do rìoghaich am bàs tre aon, is mò gu mòr na sin a rìoghaicheas iadsan, a gheibh pailteas gràis, agus tabhartas na fìreantachd, ann am beatha tre aon, eadhon Iosa Crìosd.
Oir an nì nach robh an comas don lagh a dhèanamh, do bhrìgh gu robh e anfhann tre an fheòil, aig cur a Mhic fhèin do Dhia ann an coslas feòla peacaich, agus na ìobairt airson peacaidh, dhìt e am peacadh anns an fheòil:
Oir an dream a ro‑aithnich e, ro‑òrdaich e iad mar an ceudna a‑chum a bhith co‑chosmhail ri ìomhaigh a Mhic, a‑chum gum biodh esan na chiad-ghin am measg mòran bhràithrean.
Ach nuair a thàinig coileanadh na h‑aimsir, chuir Dia a Mhac fhèin uaithe, a ghineadh o mhnaoi, a rinneadh fon lagh,
Ach chuir e e fhèin ann an dìmeas, a’ gabhail air fhèin cruth seirbhisich, air a dhèanamh ann an coslas dhaoine:
Ann an corp a fheòla fhèin tre an bhàs, a‑chum sibhse a chur naomh, agus neo-lochdach, agus neo-choireach, na làthair:
Nuair a dh’fhoillsichear Crìosd, neach as e ar beatha-ne, an sin bidh sibhse mar an ceudna air ur foillseachadh maille ris ann an glòir.
Ach rinn neach fianais ann an ionad àraidh, ag ràdh, Ciod e an duine gun cuimhnicheadh tu air? No mac an duine gum fiosraicheadh tu e?
Uime sin, a mheud is gu bheil aig a’ chloinn co‑roinn de fheòil agus de fhuil, ghabh esan mar an ceudna roinn dhiubh sin; a‑chum tre an bhàs gun claoidheadh e esan aig a bheil cumhachd a’ bhàis, is e sin an diabhal;
Oir chan eil Ard-shagart againn nach eil comasach air co‑fhulangas a bhith aige ri ar n‑anfhainneachdan; ach a bhuaireadh anns na h‑uile nithean air an dòigh cheudna rinne, gidheadh as eugmhais peacaidh.
Oir bha a shamhail sin de Àrd-shagart iomchaidh dhuinne, a bha naomh, neo-lochdach, neo-thruaillidh, air a dhealachadh o pheacaich, agus a rinneadh nas àirde na na nèamhan;
Ach an duine seo, an dèidh dha aon ìobairt a thoirt suas airson peacaidh, shuidh e a‑chaoidh tuilleadh air deaslàimh Dhè:
Air slighe nuaidh agus bheò a choisrig e dhuinne, tre an roinn-bhrat, is sin ri ràdh, tre a fheòil fhèin:
Aidichibh ur lochdan da chèile, agus dèanaibh ùrnaigh airson a chèile, a‑chum gun tèarnar sibh. Tha mòr-èifeachd ann an ùrnaigh dhùrachdaich an fhìrein.
Oir bha sibh mar chaoraich a’ dol air seachran; ach thilleadh sibh a‑nis a‑chum Buachaille agus Easbaig ur n‑anama.
Oir dh’fhuiling Crìosd fhèin aon uair airson pheacaidhean, am fìrean airson nan neo-fhìrean (a‑chum gun tugadh e sinne gu Dia), air dha a bhith air a chur gu bàs anns an fheòil, ach air a bheothachadh tre an Spiorad.
Agus tha fhios agaibh gun d’fhoillsicheadh esan a‑chum ar peacaidhean a thoirt air falbh; agus chan eil peacadh sam bith annsan.
An tì a nì peacadh, is ann on diabhal a tha e; oir tha an diabhal a’ peacachadh o thùs. Is ann a‑chum na crìche seo a dh’fhoillsicheadh Mac Dhè, a‑chum gun sgriosadh e obraichean an diabhail.
An seo dh’fhoillsicheadh gràdh Dhè dhuinne, do bhrìgh gun do chuir Dia a aon-ghin Mhic don t‑saoghal, a‑chum gum bitheamaid beò trìdsan.
Agus tha fhios againn gun tàinig Mac Dhè, agus gun tug e tuigse dhuinn, a‑chum gum biodh aithne againn airsan a tha fìor: agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac Iosa Crìosd. Is e seo an Dia fìor, agus a’ bheatha mhaireannach.
Agus ann am meadhon nan seachd coinnleirean, neach cosmhail ri Mac an Duine, air an robh aodach a ràinig sìos gu a shàiltean, agus crioslaichte le crios òir ma chìochan.
Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais a tha ann an Tiatìra, sgrìobh: Na nithean seo tha Mac Dhè, aig a bheil a shùilean mar lasair theine, agus a chasan mar umha fìorghlan, ag ràdh;
Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann an Laodicèa, sgrìobh; Na nithean seo tha an Amen, an fhianais dhìleas agus fhìrinneach, toiseach cruthachadh Dhè, ag ràdh:
Agus thubhairt aon de na seanairean rium, Na guil: feuch, bhuadhaich an Leòmhann a tha de threubh Iùdah, Freumh Dhaibhidh, air an leabhar fhosgladh, agus a sheachd seulachan fhuasgladh.
Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, neul geal, agus air an neul neach na shuidhe cosmhail ri Mac an Duine, aig an robh crùn òir air a cheann, agus corran geur na làimh.
Agus tha mi ag ràdh ribh gun tig mòran on àird an ear agus on àird an iar, agus gun suidh iad maille ri Abrahàm, agus Isaac, agus Iàcob, ann an rìoghachd nèimh:
Thubhairt an Tighearna rim Thighearna, Suidh air mo làimh dheis, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan?
Thubhairt Iosa ris, Thubhairt thu: gidheadh tha mi ag ràdh ribh, Na dhèidh seo chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deaslàimh cumhachd Dhè, agus a’ teachd air neòil nèimh.
Agus thubhairt Iosa, Is mi: agus chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deaslàimh cumhachd Dhè, agus a’ teachd le neòil nèimh.
Agus thubhairt iad, Fheara Ghalile, carson a tha sibh nur seasamh ag amharc gu nèamh? An t‑Iosa seo a thogadh suas uaibh gu nèamh, is amhail sin a thig e, mar a chunnaic sibh e a’ dol do nèamh.
Uime sin biodh fios gu cinnteach aig taigh Israeil uile, gun do rinn Dia na Thighearna, agus na Chrìosd, an t‑Iosa seo fhèin, a cheus sibhse.
Agus mharbh sibh Prionnsa na beatha, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean.
Biodh e aithnichte dhuibhse uile, agus do phoball Israeil uile, gur ann tre ainm Iosa Crìosd o Nàsaret, a cheus sibhse, a thog Dia o na mairbh, eadhon trìdsan a tha an duine seo na sheasamh an seo nur làthair-se slàn.
Ach air dhàsan a bhith làn den Spiorad Naomh, dh’amhairc e gu geur suas gu nèamh, agus chunnaic e glòir Dhè, agus Iosa na sheasamh air deaslàimh Dhè;
Am facal a chuir Dia gu cloinn Israeil a’ searmonachadh sìthe tre Iosa Crìosd (neach as e Tighearna nan uile),
De shliochd an duine seo thog Dia suas do Israel a rèir a gheallaidh Slànaighear, eadhon Iosa:
Mu thimcheall a Mhic, Iosa Crìosd ar Tighearna, a rinneadh de shìol Dhaibhidh, a rèir na feòla;
A dhearbhadh a bhith na Mhac do Dhia le cumhachd, a rèir Spiorad na naomhachd, tre an aiseirigh o na mairbh:
Dom buin na h‑athraichean, agus o a bheil Crìosd a‑thaobh na feòla, neach as e Dia os cionn nan uile, beannaichte gu sìorraidh. Amen.
Oir is ann a‑chum seo a fhuair Crìosd bàs, agus a dh’èirich e, agus a tha e beò a‑rìs, a‑chum gum biodh e na Thighearna air a’ bheò agus air a’ mharbh.
Uime sin na tugaibh breith air nì sam bith ron àm, gus an tig an Tighearna, neach araon a bheir gu soilleireachd nithean falaichte an dorchadais, agus a dh’fhoillsicheas comhairlean nan cridheachan: agus an sin gheibh gach neach cliù o Dhia.
Oir mar ann an Adhamh a tha na h‑uile a’ faghail a’ bhàis, is amhail sin mar an ceudna a nìthear na h‑uile beò ann an Crìosd.
A‑nis is ann do Abrahàm a thugadh na geallaidhean, agus da shìol. Chan abair e, Agus do shìolan, mar gum biodh e a’ labhairt mu mhòran; ach mar mu aon, Agus dod shìol-sa, neach as e Crìosd.
A dh’obraich e ann an Crìosd, nuair a thog e o na mairbh e, agus a chuir e na shuidhe air a dheaslàimh fhèin e anns na h‑ionadan nèamhaidh,
A‑chum gun dèante aithnichte a‑nis do na h‑uachdaranachdan, agus do na cumhachdan ann an ionadan nèamhaidh, leis an eaglais, gliocas eugsamhail Dhè.
Gus an tig sinn uile ann an aonachd a’ chreidimh, agus eòlas Mac Dhè, a‑chum duine iomlain, a‑chum tomhas àirde lànachd Chrìosd:
Oir tha ar caitheamh-beatha-ne air nèamh, an t‑ionad as a bheil dùil againn fòs ris an t‑Slànaighear, an Tighearna Iosa Crìosd;
Agus is e ceann a’ chuirp, eadhon na h‑eaglais: neach as e an toiseach, an ciad-ghin o na mairbh; a‑chum gum biodh aige àrd-cheannas anns na h‑uile.
Agus tha sibhse coileanta annsan, neach as e ceann gach uile uachdaranachd agus chumhachd;
Agus gun an Ceann a chumail, om bheil an corp uile, air dha a bhith air a bheathachadh tre uilt agus bhannan, agus air a dhlùth-cheangal ri chèile, a’ fàs le fàs Dhè.
Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire-san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas-làimh na mòrachd anns na h‑àrdan:
Uime sin, a bhràithrean naomha, a tha nur luchd-compàirt den ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near Iosa Crìosd, Abstol agus Àrd-shagart ar n‑aidmheil;
Far an deachaidh an ro‑ruith-fhear a‑steach air ar son-ne, eadhon Iosa, a rinneadh na Ard-shagart gu sìorraidh a rèir òrdagh Mhelchisedeic.
Oir cha deachaidh Crìosd a‑steach do na h‑ionadan naomha làmh-dhèante, nithean a tha nan samhladh air an fhìor ionad; ach do nèamh fhèin, a‑chum a‑nis e fhèin a nochdadh ann am fianais Dhè air ar son-ne:
Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.
Is beannaichte an duine a ghiùlaineas buaireadh: oir nuair a dhearbhar e, gheibh e crùn na beatha, a gheall an Tighearna don dream a ghràdhaicheas e.
A’ rannsachadh ciod i, no ciod a’ ghnè aimsir a bha Spiorad Chrìosd anntasan a’ foillseachadh, nuair a rinn e fianais ro‑làimh air fulangasan Chrìosd, agus a’ ghlòir a bha gu an leantainn.
A’ teachd da ionnsaigh-san, mar gu cloich bheò, a dhiùltadh gu deimhinn le daoine, ach air a taghadh le Dia agus luachmhor;
Uime sin tha seo mar an ceudna air a chur sìos anns an sgriobtar, Feuch, cuiridh mi ann an Sion prìomh chlach-oisne thaghte, luachmhor: agus an tì a chreideas ann, cha chuirear gu nàire e.
Ach ma ghluaiseas sinn anns an t‑solas, mar a tha esan anns an t‑solas, tha comann againn ri chèile, agus glanaidh fuil Iosa Crìosd a Mhac sinn o gach uile pheacadh.
Agus is i seo an fhianais, gun tug Dia dhuinn a’ bheatha mhaireannach: agus tha a’ bheatha seo na Mhac.
Oir tha mòran mhealltairean air teachd a‑steach don t‑saoghal, nach eil ag aideachadh gu bheil Crìosd air teachd anns an fheòil. Is mealltair seo agus ana-crìosd.
Feuch, tha e a’ teachd le neòil; agus chì gach sùil e, agus iadsan mar an ceudna a lot e; agus nì uile threubhan na talmhainn caoidh air a shon-san: guma h‑amhlaidh a bhitheas. Amen.
An tì a bheir buaidh, sgeadaichear e ann an aodach geal; agus cha dubh mi a‑mach a ainm à leabhar na beatha, ach aidichidh mi a ainm-san am fianais m’Athar, agus am fianais a ainglean.
Don tì a bhuadhaicheas bheir mi comas suidhe maille riumsa air mo rìgh-chathair, amhail fòs a bhuadhaich mise, agus a shuidh mi maille rim Athair air a rìgh-chathair-san.
Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, ann am meadhon na rìgh-chathrach, agus nan ceithir beò-chreutairean, agus ann am meadhon nan seanairean, Uan na sheasamh mar gum biodh e air a mharbhadh, aig an robh seachd adhaircean, agus seachd sùilean, as iad seachd spioradan Dhè, a chuireadh a‑mach a‑chum na talmhainn uile.
Oir beathaichidh an t‑Uan a tha am meadhon na rìgh-chathrach iad, agus treòraichidh e iad gu beò-thobraichean uisge: agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean.
Agus chuala mi guth mòr ag ràdh air nèamh, A‑nis tha slàinte agus neart, agus rìoghachd ar Dè, agus cumhachd a Chrìosd air teachd; oir thilgeadh sìos fear-casaid ar bràithrean, a bha gan casaid an làthair ar Dè a là agus a dh’oidhche.
Agus tha aige air a thrusgan agus air a leis ainm sgrìobhte, RIGH NAN RIGH, AGUS TIGHEARNA NAN TIGHEARNA.
Agus ge bè neach a labhras facal an aghaidh Mac an Duine, maithear dha e: ach ge bè neach a labhras an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha mhaithear dha e, anns an t‑saoghal seo, no anns an t‑saoghal a tha ri teachd.
Oir mar a tha aig an Athair beatha ann fhèin, is amhail sin a thug e don Mhac beatha a bhith aige ann fhèin;
Mar sin thugadh Crìosd suas aon uair a thoirt air falbh peacaidhean mhòran; ach an dara uair as eugmhais peacaidh foillsichear e dhaibh-san aig a bheil sùil ris, a‑chum slàinte.
Agus gu Iosa, eadar-mheadhonair a’ choicheangail nuaidh, agus gu fuil a’ chrathaidh, a tha a’ labhairt nithean as fheàrr na fuil Abeil.