Eabhraidhich 6 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Uime sin air fàgail dhuinn ciad-thoiseachan teagasg Chrìosd, rachamaid air ar n‑aghaidh a‑chum foirfeachd; gun a bhith a‑rìs a’ suidheachadh bunaitean aithreachais o obraichean marbha, agus creidimh a‑thaobh Dhè; 2 Bunaitean teagasg nam baistidhean, agus leagadh nan làmh, agus aiseirigh nam marbh, agus breitheanais shìorraidh. 3 Agus nì sinn seo, ma cheadaicheas Dia. 4 Oir is eu‑comasach an dream sin a chaidh aon uair a shoillseachadh, agus a bhlais an tìodhlac nèamhaidh, agus a rinneadh nan luchd-compàirt den Spiorad Naomh, 5 Agus a bhlais deagh fhacal Dhè, agus cumhachdan an t‑saoghail ri teachd, 6 Agus a thuit air falbh, ath-nuadhachadh a‑chum aithreachais: do bhrìgh gu bheil iad a’ ceusadh Mac Dhè a‑rìs dhaibh fhèin, agus ga chur gu nàire fhollaisich. 7 Oir an talamh a dh’òlas a‑steach an t‑uisge a tha a’ teachd gu minig air, agus a bheir uaithe luibhean iomchaidh don dream leis an saothraichear e, gheibh e beannachadh o Dhia: 8 Ach an talamh sin a bheir uaithe droigheann agus drisean, tha e air a chur air cùl, agus fagas do mhallachadh; don deireadh a bhith air a losgadh. 9 Ach is dearbh leinn nithean as fheàrr mur timcheall-se, a mhuinntir ionmhainn, agus nithean a tha dlùth do shlàinte, ged tha sinn a’ labhairt mar seo. 10 Oir chan eil Dia mì‑chothromach, gun dìochuimhnicheadh e obair agus saothair ur gràidh, a nochd sibh a‑thaobh a ainme-san, am feadh is gun do rinn sibh frithealadh do na naoimh, agus gu bheil sibh a’ frithealadh. 11 Agus is miann leinn gun dèan gach aon agaibh an dùrachd ceudna a nochdadh, a‑chum làn-dearbhadh an dòchais gus a’ chrìoch: 12 A‑chum nach bi sibh leisg, ach nur luchd-leanmhainn orrasan, a tha tre chreideamh agus fhoighidinn a’ sealbhachadh nan geallaidhean. 13 Oir nuair a thug Dia gealladh do Abrahàm, do bhrìgh nach faodadh e mionnan a thoirt air neach a bu mhò, thug e mionnan air fhèin; 14 Ag ràdh, Gu fìrinneach, beannaichidh mi gu mòr thu, agus nì mi ro‑lìonmhor thu. 15 Agus mar sin an dèidh dhàsan feitheamh gu foighidinneach, fhuair e sealbh air a’ ghealladh. 16 Oir gu deimhinn bheir daoine mionnan air an neach as mò: agus dhaibhsan is crìoch air gach uile chonnsachadh mionnan a‑chum daingneachaidh. 17 Uime sin air a bhith do Dhia toileach air neo-chaochlaideachd a chomhairle a nochdadh na bu phailte do oighreachan a’ gheallaidh, dhaingnich e le mionnan e: 18 A‑chum tre dhà nì neo-chaochlaideach, anns an robh e eu‑comasach gun dèanadh Dia breug, gum biodh againne comhfhurtachd làidir, a theich a‑chum dìdein gu greim a dhèanamh air an dòchas a chuireadh romhainn: 19 Nì a tha againn mar acair an anama, araon cinnteach agus daingeann, agus a thèid a‑steach don ionad sin a tha an taobh a‑staigh den bhrat-roinn. 20 Far an deachaidh an ro‑ruith-fhear a‑steach air ar son-ne, eadhon Iosa, a rinneadh na Ard-shagart gu sìorraidh a rèir òrdagh Mhelchisedeic. |