Ròmanaich 9 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Tha mi a’ labhairt na fìrinn ann an Crìosd, chan eil mi a’ dèanamh brèige (air a bhith dom chogais a’ dèanamh fianais dhomh anns an Spiorad Naomh), 2 Gu bheil doilgheas mòr orm, agus cràdh air mo chridhe an còmhnaidh. 3 Oir ghuidhinn mi fhèin a bhith dealaichte o Chrìosd, airson mo bhràithrean, mo luchd-dàimh a‑thaobh na feòla: 4 A tha nan Israelich; dom buin an uchd-mhacachd, agus a’ ghlòir, agus na coicheangail, agus tabhairt an lagha, agus seirbhis Dhè, agus na geallaidhean; 5 Dom buin na h‑athraichean, agus o a bheil Crìosd a‑thaobh na feòla, neach as e Dia os cionn nan uile, beannaichte gu sìorraidh. Amen. 6 Chan e gu bheil facal Dhè gun èifeachd. Oir chan Israelich iadsan uile a tha o Israel: 7 Agus cha mhò do bhrìgh gur sliochd do Abrahàm iad, a tha iad uile nan cloinn: ach, Ann an Isaac ainmichear do shìol. 8 Is e sin ri ràdh, Chan iad clann na feòla clann Dhè: ach is iad clann a’ gheallaidh a mheasar mar shìol. 9 Oir is e seo facal a’ gheallaidh, A rèir an àma seo thig mi, agus bidh mac aig Sàra. 10 Agus chan e a‑mhàin seo, ach Rebeca mar an ceudna nuair a rinneadh torrach i o aon, eadhon Isaac ar n‑athair-ne; 11 (Oir mun do rugadh na naoidheanan, agus mun do rinn iad math no olc, a‑chum gum biodh rùn Dhè a rèir an taghaidh seasmhach, chan ann o obraichean, ach on tì a ghairmeas;) 12 Thubhairteadh rithe, Nì an neach as sine seirbhis don neach as òige. 13 A rèir mar a tha e sgrìobhte, Ghràdhaich mi Iàcob, ach dh’fhuathaich mi Esau. 14 Ciod a their sinn, matà? A bheil eucoir maille ri Dia? Nar leigeadh Dia. 15 Oir tha e ag ràdh ri Maois, Nì mi tròcair air an neach air an dèan mi tròcair, agus gabhaidh mi truas den neach den gabh mi truas. 16 Uime sin chan ann on tì leis an àill, no on tì a ruitheas, ach o Dhia a nì tròcair. 17 Oir tha an sgriobtar ag ràdh ri Phàraoh, Is ann a‑chum na crìche seo fhèin a thog mi suas thu, a‑chum gum foillsichinn mo chumhachd annad, agus a‑chum gum biodh m’ainm iomraiteach air feadh na talmhainn uile. 18 Uime sin nì e tròcair air an tì as àill leis, agus an tì as àill leis cruadhaichidh e. 19 Their thu, matà, rium, Carson a tha e mas eadh a’ faghail croin? Oir cò a chuir an aghaidh a thoile? 20 Chan eadh ach, O dhuine, cò thusa a tha a’ tagradh an aghaidh Dhè? An abair an nì a chumadh ris an tì a chùm e, Carson a rinn thu mi mar seo? 21 Nach eil cumhachd aig a’ chreadhadair air a’ chriadh, ionnas gun dèanadh e den aon mheall aon soitheach a‑chum urraim, agus soitheach eile a‑chum eas-urraim? 22 Ciod mas e, air a bhith do Dhia toileach a fhearg a nochdadh, agus a chumhachd a dhèanamh aithnichte, gun d’fhuiling e le mòr fhad-fhulangas soithichean na feirge air an ullachadh a‑chum sgrios: 23 Agus a‑chum gun dèanadh e aithnichte saoibhreas a ghlòire air soithichean na tròcair, a dh’ullaich e ro‑làimh a‑chum glòire, 24 Eadhon sinne a ghairm e, chan e a‑mhàin de na h‑Iùdhaich, ach mar an ceudna de na Cinnich? 25 Mar a tha e ag ràdh mar an ceudna ann an Hosèa, Goiridh mi mo phoball dhiubhsan nach robh nam poball dhomh; agus bean ghràdhach dhithse nach robh gràdhach. 26 Agus tàrlaidh, anns an ionad anns an dubhairteadh riu, Cha sibh mo phoball-sa; an sin gun goirear clann an Dè bheò dhiubh. 27 Tha Esaias mar an ceudna ag èigheach mu thimcheall Israeil, Ged tha àireamh chloinn Israeil mar ghaineamh na fairge, is fuidheall a thèarnar. 28 Oir crìochnaichidh e an obair, agus gearraidh e goirid i ann an ceartas: do bhrìgh gun dèan an Tighearna obair ghoirid air an talamh. 29 Agus mar a thubhairt Esaias roimhe, Mura fàgadh Tighearna nan sluagh sìol againn, dhèante sinn mar Shòdom, agus bhitheamaid cosmhail ri Gomorrah. 30 Ciod a their sinn mas eadh? Gun do ràinig na Cinnich, nach robh a’ leantainn fìreantachd, air fìreantachd, eadhon an fhìreantachd a tha o chreideamh: 31 Ach cha do ràinig Israel, a bha a’ leantainn lagh na fìreantachd, air lagh na fìreantachd. 32 Carson? A chionn nach ann o chreideamh, ach mar gum b’ann o obraichean an lagha a dh’iarr iad i: oir thuislich iad air a’ chloich-thuislidh sin; 33 Mar a tha e sgrìobhte, Feuch, cuiream ann an Sion clach-thuislidh, agus carraig oilbheim: agus gach neach a chreideas annsan, cha chuirear gu nàire e. |