1 Corintianach 4 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Biodh a shamhail seo de mheas aig duine oirnne, mar mhinistearan Chrìosd, agus mar stiùbhardan rùintean-diamhair Dhè. 2 Os bàrr iarrar ann an stiùbhardan gum faighear neach dìleas. 3 Ach agamsa is ro‑bheag an nì gun tugte breith orm leibhse, no le breitheanas duine: seadh, chan eil mi a’ toirt breith orm fhèin. 4 Oir chan fhios dhomh nì sam bith am aghaidh fhèin; gidheadh chan eil mi le seo air m’fhìreanachadh: ach is e an Tighearna an tì a bheir breith orm. 5 Uime sin na tugaibh breith air nì sam bith ron àm, gus an tig an Tighearna, neach araon a bheir gu soilleireachd nithean falaichte an dorchadais, agus a dh’fhoillsicheas comhairlean nan cridheachan: agus an sin gheibh gach neach cliù o Dhia. 6 Agus, a bhràithrean, ghabh mi na nithean seo am ionnsaigh fhèin, agus a dh’ionnsaigh Apollois ann an samhladh, air ur son-se; a‑chum gum fòghlamadh sibh uainne gun bharail a bhith agaibh air daoine os cionn na bheil sgrìobhte, a‑chum nach biodh a h‑aon agaibh air a shèideadh suas airson aon duine an aghaidh duine eile. 7 Oir cò a tha a’ dèanamh eadar-dhealachaidh ortsa o neach eile? Agus ciod a tha agad nach d’fhuair thu? A‑nis ma fhuair thu e, carson a tha thu a’ dèanamh uaill mar nach faigheadh tu e? 8 A‑nis tha sibh sàthach, a‑nis rinneadh saoibhir sibh, rìoghaich sibh as ar n‑eugmhais-ne. Agus bu mhiann leam gum bu rìghrean sibh, a‑chum gum bitheamaid-ne nar rìghrean maille ribh. 9 Oir is i mo bharail gun do chuir Dia sinne, na h‑abstoil, a‑mach mu dheireadh, mar dhream a tha air an òrdachadh a‑chum bàis. Oir rinneadh sinn nar ball-amhairc don t‑saoghal, agus do ainglean, agus do dhaoine. 10 Is amadain sinne airson Chrìosd, ach tha sibhse glic ann an Crìosd: tha sinne lag, ach tha sibhse làidir: tha sibhse ann an urram, ach sinne ann an eas-urram. 11 Gus an uair seo fhèin, tha sinn araon acrach, agus ìotmhor, agus lomnochd, agus air ar bualadh le dùirn, agus gun aon àite-còmhnaidh seasmhach againn: 12 Agus ri saothair, ag obrachadh le ar làmhan fhèin: air fulang ana-cainnt dhuinn, tha sinn a’ beannachadh: nuair a gheur-leanar sinn tha sinn ga fhulang: 13 Air faghail toibheim dhuinn, tha sinn a’ guidhe: rinneadh sinn mar shalchar an t‑saoghail, mar anabas nan uile nithean gus an là‑an‑diugh. 14 Chan eil mi a’ sgrìobhadh nan nithean seo a chur nàire oirbh, ach mar mo chloinn ghràdhaich tha mi gur comhairleachadh. 15 Oir ged bhiodh deich mìle luchd-teagaisg agaibh ann an Crìosd, gidheadh chan eil agaibh mòran athraichean: oir ann an Iosa Crìosd, ghin mise sibh tron t‑soisgeul. 16 Uime sin guidheam oirbh, bithibh nur luchd-leanmhainn ormsa. 17 A‑chum na crìche seo chuir mi Timòteus dur n‑ionnsaigh, neach a tha na mhac gràdhach dhomh, agus dìleas anns an Tighearna, neach a chuireas an cuimhne dhuibh mo shlighean-sa a tha ann an Crìosd, a rèir mar a tha mi a’ teagasg anns gach àit anns gach eaglais. 18 A‑nis tha cuid air an sèideadh suas, mar nach tiginn dur n‑ionnsaigh. 19 Gidheadh thig mi dur n‑ionnsaigh gu h‑aithghearr, mas toil leis an Tighearna, agus bidh fhios agam, chan ann air cainnt na muinntir a tha air an sèideadh suas, ach air an cumhachd. 20 Oir chan ann am facal a tha rìoghachd Dhè, ach ann an cumhachd. 21 Ciod as àill leibh? An tig mi dur n‑ionnsaigh le slait, no ann an gràdh, agus ann an spiorad na macantachd? |