Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 18 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus labhair e cosamhlachd riu, a’ nochdadh gur còir ùrnaigh a dhèanamh a‑ghnàth, agus gun fhannachadh;

2 Ag ràdh, Bha britheamh ann am baile àraidh, air nach robh eagal Dhè, agus aig nach robh urram do dhuine:

3 Agus bha bantrach àraidh anns a’ bhaile sin, agus thàinig i da ionnsaigh, ag ràdh, Cùm còir rium an aghaidh mo nàmhaid.

4 Agus cha b’àill leis rè tamaill: ach na dhèidh sin thubhairt e ann fhèin, Ged nach eil eagal Dhè orm, no urram agam do dhuine;

5 Gidheadh airson gu bheil a’ bhantrach seo a’ cur dragha orm, cumaidh mi còir rithe, air eagal le a sìor-theachd gun sgìthich i mi.

6 Agus thubhairt an Tighearna, Eisdibh ciod a tha am britheamh eucorach ag ràdh,

7 Agus nach dèan Dia dìoghaltas airson a dhaoine taghte fhèin, a tha ag èigheach ris a là agus a dh’oidhche, ged tha e fad-fhulangach mun timcheall?

8 Tha mi ag ràdh ribh gun dèan e dìoghaltas air an son gu luath. Gidheadh, nuair a thig Mac an Duine, am faigh e creideamh air an talamh?

9 Agus labhair e an cosamhlachd seo ri dream àraidh a bha ag earbsa asda fhèin gu robh iad nam fìreanan, agus a bha a’ dèanamh tàir air dream eile:

10 Chaidh dithis dhaoine suas don teampall a dhèanamh ùrnaigh; fear dhiubh na Pharasach, agus am fear eile na chìs-mhaor.

11 Sheas am Pharasach leis fhèin, agus rinn e ùrnaigh mar seo, A Dhè, tha mi a’ toirt buidheachais dhut nach eil mi mar a tha daoine eile, nan luchd-fòirneirt, eucorach, adhaltranach, no eadhon mar an cìs-mhaor seo.

12 Tha mi a’ trasgadh dà uair anns an t‑seachdain, tha mi a’ toirt deichimh as na h‑uile nithean a tha mi a’ sealbhachadh.

13 Agus air seasamh don chìs-mhaor fad air ais, cha b’àill leis fiù a shùilean a thogail suas gu nèamh, ach bhuail e a uchd, ag ràdh, A Dhia, dèan tròcair ormsa a tha am pheacach.

14 Tha mi ag ràdh ribh gun deachaidh am fear seo sìos da thaigh air fhìreanachadh nas mò na am fear ud eile: oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.

15 Agus thug iad da ionnsaigh mar an ceudna naoidheanan, a‑chum gum beanadh e riu: agus nuair a chunnaic na deisciobail seo, chronaich iad iad.

16 Ach air do Iosa an gairm da ionnsaigh, thubhairt e, Fuilingibh do na leanaban teachd am ionnsaigh-sa, agus na bacaibh iad; oir is ann dan leithidean seo a tha rìoghachd Dhè.

17 Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè nach gabh rìoghachd Dhè mar leanabh beag, nach tèid e air chor sam bith a‑steach innte.

18 Agus dh’fheòraich uachdaran àraidh dheth, ag ràdh, A Mhaighistir mhaith, ciod a nì mi a‑chum gun sealbhaich mi a’ bheatha mhaireannach?

19 Agus thubhairt Iosa ris, Carson a ghoireas tu math dhìomsa? Chan eil neach sam bith math ach a h‑aon, eadhon Dia.

20 Is aithne dhut na h‑àitheantan, Na dèan adhaltranas, Na dèan mortadh, Na goid, Na toir fianais bhrèige, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair.

21 Agus thubhairt esan, Choimhead mi iad sin uile om òige.

22 Agus nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e ris, Tha aon nì fhathast a dh’uireasbhaidh ort; reic na h‑uile nithean a tha agad, agus roinn air na bochdan, agus bidh agad ionmhas air nèamh; agus thig, agus lean mise.

23 Agus nuair a chuala e seo, bha e ro‑dhuilich; oir bha mòr-bheartas aige.

24 Agus nuair a chunnaic Iosa gun robh e làn tùirse, thubhairt e, Cia deacair dhaibhsan aig a bheil saoibhreas dol a‑steach do rìoghachd Dhè!

25 Oir is fhasa do chàmhal dol tro chrò snàthaid na do dhuine saoibhir dol a‑steach do rìoghachd Dhè.

26 Agus thubhairt iadsan a chuala seo, Cò mas eadh a dh’fhaodas a bhith air a shaoradh?

27 Ach thubhairt esan, Na nithean a tha eu‑comasach do dhaoine, tha iad comasach do Dhia.

28 An sin thubhairt Peadar, Feuch, thrèig sinne na h‑uile nithean, agus lean sinn thusa.

29 Agus thubhairt esan riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach eil aon neach a thrèig taigh, no pàrantan, no bràithrean, no bean-phòsda, no clann airson rìoghachd Dhè,

30 Nach faigh mòran nas mò anns an aimsir seo a tha an làthair, agus anns an t‑saoghal a tha ri teachd, a’ bheatha mhaireannach.

31 Agus ghabh e an dà‑fhear-dheug da ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Feuch, tha sinn a’ dol suas gu Ierusalem, agus bidh na h‑uile nithean a tha sgrìobhte leis na fàidhean mu Mhac an Duine air an coileanadh.

32 Oir bheirear thairis e do na Cinnich, agus thèid fanaid a dhèanamh air, agus maslaichear e, agus tilgear smugaid air;

33 Agus sgiùrsaidh agus marbhaidh iad e: agus air an treas là èiridh e a‑rìs.

34 Agus cha do thuig iadsan aon nì dhiubh seo: agus bha na briathran seo falaichte orra, agus cha b’aithne dhaibh na nithean a chaidh a labhairt.

35 Agus thàrladh, nuair a dhruid e ri Iericho, gu robh dall àraidh na shuidhe ri taobh na slighe, ag iarraidh dèirce;

36 Agus air cluinntinn an t‑sluaigh a’ dol seachad, dh’fheòraich e ciod e seo.

37 Agus dh’innis iad dha gum b’e Iosa o Nàsaret a bha a’ gabhail seachad.

38 Agus ghlaodh e, ag ràdh, Iosa mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm.

39 Agus chronaich iadsan a bha air thoiseach e, a‑chum gum biodh e na thosd: ach bu mhò gu mòr a ghlaodh esan, A Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm.

40 Agus air seasamh do Iosa, dh’àithn e a thoirt da ionnsaigh: agus nuair a thàinig e am fagas dha, dh’fheòraich e dheth,

41 Ag ràdh, Ciod as àill leat mise a dhèanamh dhut? Agus thubhairt esan, A Thighearna, mi a dh’fhaotainn mo fhradhairc.

42 Agus thubhairt Iosa ris, Faigh do fhradharc: shlànaich do chreideamh thu.

43 Agus air ball fhuair e a fhradharc, agus lean e e, a’ toirt glòire do Dhia: agus thug an sluagh uile cliù do Dhia, nuair a chunnaic iad seo.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan