Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 12 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Chaidh Iosa anns an àm sin air là na sàbaid tro na h‑achaidhean arbhair, agus bha acras air a dheisciobail, agus thòisich iad air diasan arbhair a bhuain agus ithe.

2 Ach nuair a chunnaic na Pharasaich seo, thubhairt iad ris, Feuch, tha do dheisciobail a’ dèanamh an nì nach còir a dhèanamh air là na sàbaid.

3 Agus thubhairt esan riu, Nach do leugh sibh ciod a rinn Daibhidh nuair a bha acras air fhèin, agus air a’ mhuinntir a bha maille ris;

4 Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè, agus a dh’ith e aran na fianais, nach robh ceadaichte dha fhèin ithe, no dhaibhsan a bha maille ris, ach do na sagartan a‑mhàin?

5 No nach do leugh sibh anns an lagh gu bheil na sagartan anns an teampall air làithean na sàbaid a’ briseadh na sàbaid, agus iad neo-chiontach?

6 Ach tha mise ag ràdh ribh gu bheil anns an ionad seo neach as mò na an teampall.

7 Agus nam biodh fhios agaibh ciod as ciall dha seo, Tròcair as àill leam agus chan ìobairt, cha dìteadh sibh an dream a tha neochiontach.

8 Oir is e Mac an Duine Tighearna na sàbaid.

9 Agus air dha imeachd as a sin, chaidh e a‑steach dan sionagog;

10 Agus, feuch, bha duine ann aig an robh làmh sheargte: agus (a‑chum gum biodh cùis-dhìtidh aca na aghaidh,) dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, A bheil e ceadaichte leigheas a dhèanamh air làithean na sàbaid?

11 Agus thubhairt esan riu, Cò an duine agaibhse aig am bi aon chaora, agus, ma thuiteas i ann an sloc air là na sàbaid, nach beir oirre, agus nach tog a‑nìos i?

12 Nach mòr, matà, as fheàrr duine na caora? Uime sin tha e ceadaichte math a dhèanamh air làithean na sàbaid.

13 An sin thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh: agus shìn e a‑mach i; agus bha i air a h‑aiseag slàn, mar an làmh eile.

14 Ach chaidh na Pharasaich a‑mach, agus chùm iad comhairle na aghaidh, cionnas a dh’fhaodadh iad a mhilleadh.

15 Ach nuair a thuig Iosa seo, dh’imich e as a sin: agus lean slòigh mhòra e, agus leighis e iad uile.

16 Agus thug e sparradh dhaibh a‑chum nach dèanadh iad aithnichte e:

17 A‑chum gun coileante an nì a labhradh le Esaias am fàidh, ag ràdh,

18 Feuch, mo sheirbhiseach a thagh mi; m’aon gràdhach anns a bheil tlachd aig m’anam: cuiridh mi mo Spiorad air, agus nochdaidh e breitheanas do na Cinnich.

19 Cha dèan e strì, agus cha ghlaodh e; cha mhò a chluinneas neach air bith a ghuth air na sràidean.

20 Cha bhris e a’ chuilc bhrùite, agus cha mhùch e an lìon as am bi deatach, gus an tabhair e a‑mach breitheanas a‑chum buaidh.

21 Agus na ainm-san bidh muinghinn aig na Cinnich.

22 An sin thugadh da ionnsaigh duine anns an robh deamhan, dall agus balbh: agus shlànaich e e, ionnas gun do labhair am balbhan agus gu robh an dall a’ faicinn.

23 Agus ghabh am poball uile iongantas, agus thubhairt iad, An e seo mac Dhaibhidh?

24 Ach nuair a chuala na Pharasaich seo, thubhairt iad, Chan eil am fear seo a’ tilgeadh a‑mach dheamhan ach tro Bheelsebub, prionnsa nan deamhan.

25 Agus thuig Iosa an smuaintean, agus thubhairt e riu, Gach rìoghachd a tha roinnte na h‑aghaidh fhèin, nìthear na fàsach i; agus gach uile bhaile no taigh a tha roinnte na aghaidh fhèin, cha seas e.

26 Agus ma thilgeas Sàtan a‑mach Sàtan, tha e roinnte na aghaidh fhèin; air an adhbhar sin cionnas a sheasas a rìoghachd?

27 Agus ma tha mise tro Bheelsebub a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, cò tro a bheil ur clann-se gan tilgeadh a‑mach? Uime sin bidh iadsan nam britheamhan oirbh:

28 Ach mas ann le Spiorad Dhè a tha mise a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, thàinig rìoghachd Dhè dur n‑ionnsaigh-se.

29 No cionnas as urrainn neach dol do thaigh duine làidir, agus àirneis a thaighe a chreachadh, mura ceangail e air tùs an duine làidir? Agus an sin creachaidh e a thaigh.

30 An tì nach eil leam, tha e am aghaidh; agus an tì nach cruinnich leam, sgapaidh e.

31 Air an adhbhar sin tha mi ag ràdh ribh gum maithear gach peacadh agus gach toibheum do dhaoine: gidheadh cha mhaithear toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh do dhaoine.

32 Agus ge bè neach a labhras facal an aghaidh Mac an Duine, maithear dha e: ach ge bè neach a labhras an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha mhaithear dha e, anns an t‑saoghal seo, no anns an t‑saoghal a tha ri teachd.

33 An dara cuid dèanaibh a’ chraobh math, agus a toradh math; no dèanaibh a’ chraobh truaillidh, agus a toradh truaillidh; oir is ann air a toradh a dh’aithnichear a’ chraobh.

34 A shliochd nan nathraichean nimhe, cionnas a dh’fhaodas sibh nithean matha a labhairt, agus sibh fhèin olc? Oir is ann à pailteas a chridhe a labhras am beul.

35 Bheir duine math a‑mach nithean matha à deagh ionmhas a chridhe: agus bheir an droch dhuine a‑mach droch nithean as a dhroch ionmhas.

36 Ach tha mi ag ràdh ribh gun toir daoine cunntas ann an là a’ bhreitheanais airson gach facail dhìomhain a labhras iad.

37 Oir led fhacail saorar thu, agus led fhacail dìtear thu.

38 An sin fhreagair dream àraidh de na sgrìobhaichean agus de na Pharasaich, ag ràdh, A mhaighistir, bu mhiann leinn comharradh fhaicinn uat.

39 Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Tha ginealach olc agus adhaltranach ag iarraidh comharraidh, agus cha toirear comharradh dhaibh, ach comharradh an fhàidh Iònas.

40 Oir mar a bha Iònas ann am broinn na muice-mara trì làithean agus trì oidhchean, is ann mar sin a bhios Mac an Duine ann an cridhe na talmhainn trì làithean agus trì oidhchean.

41 Eiridh muinntir Ninebheh anns a’ bhreitheanas maille ris a’ ghinealach seo, agus dìtidh iad e, oir rinn iad aithreachas aig searmoin Iònais; agus, feuch, tha nas mò na Iònas an seo.

42 Eiridh bànrighinn na h‑àird a deas anns a’ bhreitheanas maille ris a’ ghinealach seo, agus dìtidh i e: oir thàinig i o na h‑àitean as iomallaiche den talamh a dh’èisdeachd gliocas Sholaimh; agus, feuch, tha nas mò na Solamh an seo.

43 An dèidh don spiorad neòghlan dol a‑mach à duine, imichidh e tro ionadan tioram, ag iarraidh foise, agus chan fhaigh e.

44 An sin their e, Tillidh mi dom thaigh as an tàinig mi; agus air teachd dha, gheibh e falamh, sguabte, agus deagh-mhaiseach e.

45 Imichidh e an sin, agus bheir e leis seachd spioradan eile as miosa na e fhèin, agus thèid iad a‑steach agus gabhaidh iad còmhnaidh an sin: agus bidh staid dheireannach an duine sin nas miosa na a chiad staid. Is ann eadhon mar sin a thachras don ghinealach aingidh seo.

46 Agus air dha a bhith fhathast a’ labhairt ris a’ phoball, feuch, sheas a mhàthair agus a bhràithrean a‑muigh, ag iarraidh labhairt ris.

47 An sin thubhairt neach-eigin ris, Feuch, tha do mhàthair agus do bhràithrean nan seasamh a‑muigh, ag iarraidh labhairt riut.

48 Ach fhreagair esan agus thubhairt e ris an tì a dh’innis seo dha, Cò i mo mhàthair? Agus cò iad mo bhràithrean?

49 Agus air sìneadh a làimhe a‑chum a dheisciobal, thubhairt e, Feuch mo mhàthair, agus mo bhràithrean!

50 Oir ge bè neach a nì toil m’Athar-sa a tha air nèamh, is e sin fhèin mo bhràthair, agus mo phiuthar, agus mo mhàthair.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan