Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Eòin 5 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Ge bè neach a chreideas gur e Iosa an Crìosd, ghineadh o Dhia e; agus ge bè a ghràdhaicheas an tì a ghin, gràdhaichidh e mar an ceudna an tì a ghineadh leis.

2 O seo is aithne dhuinn gu bheil gràdh againn do chloinn Dhè, nuair a ghràdhaicheas sinn Dia, agus a choimheadas sinn a àitheantan.

3 Oir is e seo gràdh Dhè, sinn a choimhead a àitheantan: agus chan eil a àitheantan-san trom.

4 Oir gach uile nì a ghinear o Dhia, bheir e buaidh air an t‑saoghal: agus is i seo a’ bhuaidh a bhuadhaicheas air an t‑saoghal, eadhon ar creideamh-ne.

5 Cò an tì a bhuadhaicheas air an t‑saoghal, ach esan a tha a’ creidsinn gur e Iosa Mac Dhè?

6 Is e seo esan a thàinig tre uisge agus tre fhuil, Iosa Crìosd; chan ann tre uisge a‑mhàin, ach tre uisge agus fuil: agus is e an Spiorad a nì fianais, do bhrìgh gur fìrinn an Spiorad.

7 Oir tha triùir a tha a’ dèanamh fianais air nèamh, an t‑Athair, am Facal, agus an Spiorad Naomh: agus an triùir sin is aon iad.

8 Agus tha triùir a tha a’ dèanamh fianais air an talamh, an Spiorad, agus an t‑uisge, agus an fhuil: agus thig an triùir seo ri chèile ann an aon.

9 Ma ghabhas sinn ri fianais dhaoine, is i fianais Dhè as mò: oir is i seo fianais Dhè, a thug e mu thimcheall a Mhic.

10 An tì a chreideas ann am Mac Dhè, tha an fhianais aige ann fhèin: an tì nach creid Dia, rinn e breugaire dheth, do bhrìgh nach do chreid e an fhianais a rinn Dia mu thimcheall a Mhic.

11 Agus is i seo an fhianais, gun tug Dia dhuinn a’ bheatha mhaireannach: agus tha a’ bheatha seo na Mhac.

12 An tì aig a bheil am Mac tha beatha aige: an tì aig nach eil Mac Dhè chan eil beatha aige.

13 Na nithean seo sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh-se a tha a’ creidsinn ann an ainm Mac Dhè; a‑chum gum bi fhios agaibh gu bheil a’ bheatha mhaireannach agaibh, agus a‑chum gun creid sibh ann an ainm Mac Dhè.

14 Agus is e seo an dòchas a tha againn annsan, ma dh’iarras sinn nì sam bith a rèir a thoile, gun èisd e rinn.

15 Agus ma tha fhios againn gun èisd e rinn, ge bè nì a dh’iarras sinn, tha fhios againn gu bheil ar n‑iarrtais, a dh’iarr sinn air, againn.

16 Ma chì neach sam bith a bhràthair a’ peacachadh peacaidh nach eil a‑chum bàis, iarraidh e, agus bheir e beatha dha, dhaibhsan nach eil a’ peacachadh a‑chum bàis. Tha peacadh a‑chum bàis ann: a‑thaobh sin, chan eil mi ag ràdh gur còir dha guidhe.

17 Is peacadh gach uile eucoir: agus tha peacadh ann nach eil a‑chum bàis.

18 Tha fhios againn ge bè neach a ghineadh le Dia nach peacaich e; ach an tì a ghineadh o Dhia, coimheadaidh e e fhèin, agus cha bhean an droch aon ris.

19 Tha fhios againn gu bheil sinne o Dhia, agus tha an saoghal uile na laighe anns an olc.

20 Agus tha fhios againn gun tàinig Mac Dhè, agus gun tug e tuigse dhuinn, a‑chum gum biodh aithne againn airsan a tha fìor: agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac Iosa Crìosd. Is e seo an Dia fìor, agus a’ bheatha mhaireannach.

21 A chlann bheag, coimheadaibh sibh fhèin o iodhalan. Amen.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan