Ròmanaich 5 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearna Iosa Crìosd: 2 Tre a bheil againn mar an ceudna slighe gu dol a‑steach tre chreideamh a‑chum a’ ghràis seo anns a bheil sinn nar seasamh, agus tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas glòir Dhè. 3 Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn mar an ceudna a’ dèanamh uaill ann an trioblaidean, do bhrìgh gu bheil fhios againn gun obraich trioblaid foighidinn; 4 Agus foighidinn, dearbhadh; agus dearbhadh, dòchas: 5 Agus cha nàraich an dòchas, do bhrìgh gu bheil gràdh Dhè air a dhòrtadh a‑mach nar cridheachan, tre an Spiorad Naomh a thugadh dhuinn. 6 Oir air dhuinn a bhith fhathast gun neart, ann an àm iomchaidh bhàsaich Crìosd airson nan daoine neo-dhiadhaidh. 7 Oir is gann a dh’fhuilingeas duine bàs airson duine chothromaich; ach theagamh gum biodh aig neach-eigin de mhisnich eadhon bàs fhulang airson duine mhaith. 8 Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d’fhuiling Crìosd bàs air ar son. 9 Is mò gu mòr uime sin, air dhuinn a‑nis a bhith air ar fìreanachadh tre a fhuil, a shaorar trìdsan o fheirg sinn. 10 Oir mas e air dhuinn a bhith nar naimhdean, gun do rinneadh rèidh ri Dia sinn tre bhàs a Mhic, is mò gu mòr, air dhuinn a bhith air ar dèanamh rèidh, a shaorar tre a bheatha sinn. 11 Agus chan e a‑mhàin sin, ach tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia, tre ar Tighearna Iosa Crìosd, tre an d’fhuair sinn a‑nis an rèite. 12 Uime sin mar a thàinig peacadh a‑steach don t‑saoghal tre aon duine, agus bàs tre an pheacadh; mar sin mar an ceudna thàinig bàs air na h‑uile dhaoine, do bhrìgh gun do pheacaich iad uile. 13 Oir gus an lagh, bha peacadh anns an t‑saoghal: ach cha chuirear peacadh as leth dhaoine far nach eil lagh. 14 Gidheadh, rìoghaich am bàs o Adhamh gu Maois, eadhon thar an dream nach do pheacaich a rèir coslas eas-ùmhlachd Adhaimh, neach as e samhladh an tì ud a bha ri teachd: 15 Ach chan ann mar an cionta a tha an saor-thìodhlac. Oir ma fhuair mòran bàs tre chionta aoin, is mò gu mòr na sin a tha gràs Dhè, agus an tìodhlac tro ghràs a tha tre aon duine, Iosa Crìosd, pailt do mhòran. 16 Agus chan ann mar tre aon duine a pheacaich, mar sin a tha an tabhartas: oir bha am breitheanas tre aon chionta, a‑chum dìtidh: ach tha an saor-thabhartas o mhòran euceartan a‑chum fìreanachaidh. 17 Oir mas e is tre chionta aon duine, gun do rìoghaich am bàs tre aon, is mò gu mòr na sin a rìoghaicheas iadsan, a gheibh pailteas gràis, agus tabhartas na fìreantachd, ann am beatha tre aon, eadhon Iosa Crìosd. 18 Uime sin mar tre chionta aon duine a thàinig breitheanas air na h‑uile dhaoine a‑chum dìtidh, is amhail sin mar an ceudna tre fhìreantachd aoin a thàinig an saor-thìodhlac air na h‑uile dhaoine a‑chum fìreanachadh na beatha. 19 Oir mar tre eas-ùmhlachd aon duine a rinneadh mòran nam peacaich, is amhail sin tre ùmhlachd aon duine a nìthear mòran nam fìreanan. 20 Ach thàinig an lagh a‑steach, a‑chum gum meudaichte an cionta: ach far an do mheudaicheadh am peacadh, bu ro‑mhò a mheudaicheadh gràs: 21 A‑chum is mar a rìoghaich am peacadh a‑chum bàis, mar sin gun rìoghaicheadh gràs tre fhìreantachd a‑chum na beatha maireannaich tre Iosa Crìosd an Tighearna. |