Mata 17 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus an dèidh sia làithean, ghabh Iosa Peadar, agus Seumas, agus Eòin a bhràthair, agus thug e iad air leth gu beinn àird, 2 Agus dh’atharraicheadh a chruth nan làthair; agus dhealraich a aghaidh mar a’ ghrian, agus rinneadh a aodach geal mar an solas. 3 Agus, feuch, chunnacas leo Maois agus Elias a’ còmhradh ris. 4 An sin fhreagair Peadar, agus thubhairt e ri Iosa, A Thighearna, is math dhuinne a bhith an seo: mas àill leatsa, dèanamaid trì pàilleanan an seo: aon dhutsa, aon do Mhaois, agus aon do Elias. 5 Air dha a bhith fhathast a’ labhairt, feuch, thilg neul soillseach sgàil orra: agus, feuch, guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd: èisdibh ris. 6 Agus nuair a chuala na deisciobail seo, thuit iad air an aghaidh, agus ghabh iad eagal ro‑mhòr. 7 Agus thàinig Iosa agus bhean e riu, agus thubhairt e, Eiribh, agus na biodh eagal oirbh. 8 Agus nuair a thog iad suas an sùilean, chan fhaca iad neach air bith ach Iosa na aonar. 9 Agus an àm dhaibh teachd a‑nuas on bheinn, thug Iosa àithne dhaibh, ag ràdh, Na innsibh do neach air bith an nì a chunnaic sibh gus an èirich Mac an Duine o na mairbh. 10 Agus dh’fheòraich a dheisciobail dheth, ag ràdh, Carson mas eadh a their na sgrìobhaichean gur èiginn do Elias teachd air tùs? 11 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Thig Elias gu fìrinneach air tùs, agus aisigidh e na h‑uile nithean: 12 Ach tha mise ag ràdh ribh gun tàinig Elias cheana, agus cha d’aithnich iad e, ach rinn iad gach nì a bu toil leo ris: is ann mar sin, mar an ceudna, a dh’fhulaingeas Mac an Duine uapa. 13 An sin thuig na deisciobail gum b’ann mu Eòin Baistidh a labhair e riu. 14 Agus nuair a thàinig iad a‑chum an t‑sluaigh, thàinig duine àraidh da ionnsaigh, a’ tuiteam air a ghlùinean dha, agus ag ràdh, 15 A Thighearna, dèan tròcair air mo mhac, oir tha e gu tinn leis an tuiteamaich, agus is mòr an cràdh a tha e a’ fulang: oir tha e gu minig a’ tuiteam anns an teine, agus gu minig anns an uisge. 16 Agus thug mi e a dh’ionnsaigh do dheisciobal, agus cha b’urrainn iad a leigheas. 17 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, A ghinealaich neo-chreidmhich agus choirbte, cia fhad a dh’fhulaingeas mi sibh? Thugaibh am ionnsaigh-sa an seo e. 18 Agus chronaich Iosa an deamhan, agus dh’imich e as: agus shlànaicheadh an leanabh on uair sin a‑mach. 19 An sin, nuair a thàinig na deisciobail a‑chum Iosa fa leth, thubhairt iad, Carson nach b’urrainn sinne a thilgeadh a‑mach? 20 Agus thubhairt Iosa riu, Airson ur mì‑chreidimh: oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne mustaird, theireadh sibh ris a’ bheinn seo, Atharraich as a seo an siud, agus dh’atharraicheadh i; agus cha bhiodh nì air bith eu‑comasach dhuibh. 21 Gidheadh, cha tèid a’ ghnè seo a‑mach ach le ùrnaigh agus le trasgadh. 22 Agus am feadh a bha iad a’ fantainn ann an Galile, thubhairt Iosa riu, Bidh Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan dhaoine: 23 Agus marbhaidh iad e, ach air an treas là èiridh e. Agus bha iadsan ro‑bhrònach. 24 Agus air teachd dhaibh do Chapernàum, thàinig luchd-togail na cìse gu Peadar, agus thubhairt iad ris, Nach eil ur Maighistir-se ag ìocadh na cìse? 25 Thubhairt esan, Tha. Agus nuair a chaidh e a‑steach don taigh, labhair Iosa ris air tùs, ag ràdh, Ciod i do bharail-sa, a Shìmoin? Cò uaithe a tha rìghrean na talmhainn a’ togail càine no cìse? An ann on cloinn fhèin, no o choigrich? 26 Thubhairt Peadar ris, O choigrich. Thubhairt Iosa ris, Air an adhbhar sin tha a’ chlann saor. 27 Gidheadh, a‑chum nach tugamaid oilbheum dhaibh, imich thusa a‑chum na fairge, agus tilg dubhan innte, agus tog an ciad iasg a thig a‑nìos: agus air fosgladh a bheòil dhut, gheibh thu bonn airgid; sin gabh, agus thoir dhaibh air mo shon-sa, agus air do shon fhèin. |